Skip to main content

Full text of "Coir mhor a Chriosduidh, ann an da earrainn. : I. Deuchainn mu choir shlainteil ann an Criosd. II. An doigh chum ruigheachd air a choir so"

See other formats







National Library of Scotland 

■iiiiiiiiiii 



*B0001 17479* 



COIR MHOR 

A CHRIOSDUIDH, 

ANN AN DA EARRAINN. 



1. 
DEUCHAINN MU CHOIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 

II. 
AN DOIGH CHUM RUIGHEACHD AIR A CHOIR SO. 



EADAR-THEANGAICHTE O BhEURLA 

UILLEAM GHUTHRIE. 
Le P. MACPHARLAIN, 

Eadar-theangair 'Tus agus fas diadhachd anns an anaw,' &c. &c, 
AN DARA CLO'-BHUALADH. 



GLASGOW, 

PRINTED BY JOHN YOUNG; 
AND SOLD BY JOHN REID & CO., 58, HUTCHESON STREET. 

MDCCCXXXn. 



AN CLAR-INNSIDH. 



TAOBH-DHUILLEAG. 

An Roimh-eadh,' 5 

EARRANN I. 

Deuchainn mu Chòir shlàinteil ann an Criosd, 

Caib. I. Feudar dearbh-chinntf haotainn mu Chòir duine 
ann an Criosd, agus is cùis anabarrach cudthromach e, agus 
is ann le Sgriobtuir a bhios a' chiiis air a dearbhadh. 6 

Caib. II. Aobhair mu bheil cho beag a' teachd gu eòlas 
soilleir air an còir air Criosd 11 

Caib. III. Mearachdan mu thimchioll còir air Criosd, air 
an toirt air falbh. - 23 

Càib. IV. Na dòighean leis a* bheil cuid-eiginn air an 
tarruing a dh' ionnsuidh Chriosd leis an Uìle-chumhachd- 
ach, gun mhothachadh air ullachadh roimh-laimh le obair an 
lagha. - 25 

Caib. V. Obair an lagha leis a' bheil an Tighearn ag ull- 
achadh a shlighe do anamaibh dhaoine, a tha 'n dara cuid 
ni's neartmhoire agus ni's ealamh, no ni's ciùine agus ni's 
socraiche. __.-_-_ 34. 

Caib. VI. An t-eadar-dhealachadh a tha eadar an lagh- 
obair uUachaidh sin aig a' bheil crìoch ghràsmhor, agus geur- 
mhothachadh chealgairean. _ - - - 49 

Caib. VII. Mu chreidimh 58 

Caie. VIII. An t-eadar-dhealachadh a tha eadar creid- 
ìmh chealgairean, agus an creidimh slàinteil a dh' f hìrean- 
aicheas. -----__ -76 



TAOBH-DHUILLEAG. 

Caie. IX. Mu 'n chreutair iiuadh. - . _ go 

Caib, X. An t-eadar-dhealachadh a tha eadar duine tha 

aìr f hìor ath-nuadhachadh, 's a thaann an Criosd, agus ceal- 

goirean. -----..., 96 

Caib. XI.. Mu cho*-pàirteachadh àraid o Dhia, 's mu 

oibreachadh gràsmhor sònraichte a Spioraid. - 107 

EARRANN IL 

An dòigh chum ruigheachd air còir shlàinteil ann an Criosd* 

Caib. L Nìthe àraidh air an cur sìos chum eòlas agus 

fiosrachadh a thoirt do*n mhuinntir sin a thra aineolach. 130 

Caib. II. A' nochdadh clod è gahhail ri innleachd Dhè 

chum peacaich a shàbhaladh trid Chriosd, agus gur dleasnas 

ro f heumail e. ---,-_ I35 

Caib. IIL A' nochdadh ciod a tha air iarraidh roimh- 
laimh air a' mhuinntir leis an àiU creidsinn ann an losa 
Criosd. U2 

Caib. IV. Na buaidhean agus an tairbhe a tha gu nad- 
urr' a' leantuinn an f hìor chreidimh, - - 152 

Caib. V. Cunnuile air an tarruing o dhroch thoiUteannas 
duine, agus o uamharrachd a pheacaidh, air am freag- 
radh. ...>--.-. 167 

Caib. VL Mu'n pheacadh an aghaidh an Spioraid 
Naoimh. - 173 

Caib. VII. Cunnuile air an tarruing o dhiobhail cumh- 
achd gu creidsinn, agus cion tairbhe, air am freagradh. 185 

Caib. VII I. Mu thimchioU cùmhnant a dheanamh ri 
Dia. 190 



COÌR MHOR 

A CHRIOSDUIDH. 



AN ROIMH-RADH. 

O'n a tha na h-uiread shluaìgh a' caitheamh ani 
beatha fo na h-òrduighibh, a' gabhail os laimh gu 
'bheil còir araid ac' air Criosd, air a dheadh-gheaii 
's air a shlàinte, gun bharantas sam bith ac' air a 
chùis, mar tha e soilleir o Mhat. vii. 22, 23, " Is 
iomadh iad a theìr riumsa, san là ud, A Thighearn' 
a Thighearna, nach d'rinn sinn fàidheadaireachd 
a' t' ainm-sa? agus a' t' ainm-sa nach do thilg sinn 
a mach deamhain ? Agus a' t' ainm-sa nach d'rinn 
sinn iomadh miorbhuile ? Agus an sin aidichidh 
mise gu foilaiseach dhoibh, Cha b' aithne dhomh 
riamh sibh ; imichibh uam, a luchd deanamh na h- 
eucorach." Mata xxv. 11, 12, " 'Na dhèigh sin 
thainig mar an ceudna na h-òighean eile, ag ràdh, 
A Thighearn', a Thighearna, fosgail dhuinne. Ach 
fhreagair esan agus thubhairt e, Gu deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, nach aithne dhomh sibh." Luc. 
xiii. 24, " Deanaibh spàirn chruaidh gu dol a stigh 
air a gheata chumhann ; oir a ta mi ag ràdh ribh, 
gu 'n iarr mòran dol a stigh, agus nach urrainn 
iad." Agus do bhrìgh gu' bheil deagh stèigh aig 
mòran air còir a thagradh air Criosd, nach 'eil air 

A 



6 Deuchainn mu Chòir 

ari daingneacliadh ann an dòchas r' a dheadh-ghean, 
ach a tha fantuinn aineolach air a chùìs, gim cho'- 
f hurtachd, gun sòlas, ann an iom-chomhairle mu 
thimchioll an diadhachd fèin, 's a' lahhairt ro 
bheagan chum diadhachd a chlìuthachadh do 
dhaoin' eile, gu sònruicht' ann an àm an teinn 
agus an cruaidh-chais : Labhraidh rai càileigìnn 
mu thimchioll an dà nì a's ro fheuraala. 'Se 
a cheud ni dhiubh an dòigh air am mothaich 
duin' a' bheil còir fhìor shònruicht' aige air 
Criosd, agus co dhiubh tha no nach 'eil e a' tag- 
radh còir cheart air fàbhar agus air slàìnte Dhe ? 
'Se an ni eile mu 'bheil rai ri labhairt, ma's e 's 
gu 'm bi duine goirid air a rùn anns an deuch- 
ainn roi'-ainmichte, ciod an dòigh a ghabhas e 
chura cairdeas agus slàinte Dhe a dheanamh 
cìnnteach dha fein. 



EARRANN I. 

Deuchainn mu chòir shlàinteil ann an Criosd. 

Cionnas a thuigeas duine ma tha còir fhìor àraid 
aig air Criosd? 's co dhiùhh tha no dK fheudas 
e còir cheart e thagradh air deadh-ghean agus 
slàinte Dhè ? 

CAIB. I. 

Feudar dearhh'chinnt fhaotainn mu chòir duine ann 
an Criosd^ agus is cùis anahharra cudthromach e, 
agus 's ann le Sgriohtuir a hhios a chùis air a 
dearhhadh. 

MuN labhair sìnn mu thirachioll na ceiste, cuiridh 



Shlàinteil ann an Criosd. 7 

slnn sìos nithe àraid gu sliglie ullachadh fa ehomh- 
air an fhreagraidh. 

Air tùs. Gu m feudar còir dnine air Crìosd, 
no a staid ghràsmhor a thuigsinn, agus sin le 
barrachd cinnte na tha mòran am barail; seadh 
agus tha e ni 's usa ruigheachd air eòlas mu 
thimchioll, na tha mòran daoin* a' meas : oir cha 
'n e amhàin gu 'n d' àithn Dìa na tròcair do 
dhaoinibh fios fhaotainn air an còir ann-san, mar 
ni air am feudar ruigheachd. 2 Cor. xiii. 5. 
" Ceasnaichibh sibh fein am bheil sibh sa' chreid- 
imh ; dearbhaibh sibh fein, &c." 2 Pead. i. 10, 
" Deanaibh tuiUeadh dìchill chum bhur gairm 
agus bhur taghadh a dheanamh cinnteach, &c." 
Ach ràinig mòran do na naoimh air dearbhadh 
soilleir mu 'n còir air Criosd, agus air Dia mar 
an Dia fein. Cia minig a tha iad a'g ràdh an 
Dia 's an cuibhrionn ris ! 's cia làn-dearbhta bha 
Pòl, " nach feudadh ni air bith eadar-sgarachduinn 
o ghràdh Dhe." Air an aobhar sin feudar ruigh- 
eachd air dearbh-chinnte mu staid ghràsmhor 
duine. 

Agus cha smuainte faoin na barail gun bhun- 
achar an dearbh-chinnte so air am feudar ruigh^ 
eachd, ach tha e ro chinnteach ; " Gu deimhin is 
tusa ar n-Athair," ars' am fàidh ann an ainm na 
h-eaglaise, Isa. Ixiii. 16. Tha e dearbh-shoilleir 
air a mhodh so, 1. Cha 'n fheud gur barail fhaoin, 
ach èolas ro chinnteach an ni sin a bheir mòr cho'- 
fhurtachd do dhuine reusanta anns na cruaidh- 
chais a's mò : ach 's amhuil an ni so, 1 Sam. xxx. 
6, " Ach ghabh Daibhidh misneach dha fèin anns 
an Tighearn' a Dhia." Salm iii. 6 Tha e 'g 
ràdh ann an sin, nach bi eagal air roimh dheich 
a2 



8 Deuchainn mu Chòir 

mìle a dh' èireas 'na aghaidh. Coimeas na briathra 
sin ri rann 3, do 'n t-salm sin. " Ach ata thusa 
a Thighearn a' d' sgèith dhòmhsa ; mo ghlòir agus 
fear-togalach mo chinn." Salm xxvii. 1, 3. '* Is 
e an Tighearna mo sholus agus mo shlàinte ; co 
chuireas eagal orm ? Is e an Tighearna neart mo 
bheatha : co chuireas geilt orm ?" Ge do cham- 
puicheadh feachd a' m' aghaidh cha bhiodh eagal 
air mo chridhe : ge d' èireadh cogadh a' m' 
aghaidh, as so ni mi mo bhun. 2. 'Se eòlas 
cinnteach air ni^ a bheir air ceannaiche glic gach 
ni blìios aige reic, chum 's gu'n gleidheadh e 
sàbhailt' e ; a bheir air duine a bheatha, a chlann, 
'fhearann a threlgsinn, agus milleadh a mhaoin 
fhulang le luath-ghair: ach 's amhuil an ni so. 
Mat. xiii. 44 ; Marc. x. 28, 29 ; Eabh. x. 34 ; Eom. 
V. 3; Gniomh y. 41. 3. 'S èiginn gur èolas ro 
chinnteach, 's nach faoin bharail air an coir duine 
gu deònach agus gu saor 'anam ann an cunnart, 
'nuair tha e toirt ceum a stigh do shiorruidheachd 
leis an fhocal so 'na bheul, " Se so m' uile 
mhiann ;" ach 's amhuil an t-eòlas a tha 'n so, 2 
Sam. xxiii. 5. 

Agus a rithist, cha 'n e amhàin gu 'm feud 
duine diadhaidh tighinn a dh' ionnsuidh eòlas 
cinnteach mu staid ghràsmhor, ach tha e ni 's 
usa f haotainn na tha mòran a' breithneachadh : oir 
abair, ni a dhearbhar an dèigh so, gu'm feud duin' 
eòlas fhaghail air obair ghràsmhor spiorad Dhe 
ann fèin ; ma riasanaicheas e gu soilleir uaithe sin, 
's èiginn da a chòir air Criosd aideachadh, mur 
àicheidh e fìrinn shoilleir an sgriobtuir. Cha 
laimlhsich mi ach a h-aon ann an so, do bhrìgh gu 
'bhei sinn ri labhairt ni's mionaidiche air a chùis 



Shlàinteil ann an Criosd. 9 

so an dèigh làimhe. Feudaidh duine diadhaidh 
reusanachadh air a mhodh so, ge b' e ghabhas ri 
Criosd tha iad gu ceart-bhreitheach air am meas 
'nan cloinn do Dhia. Eoin i, 2, ^* Ach a mheud 
as a ghabh ris thug e dhoibh cumhachd a bhi 'nan 
cloinn do Dhia." Ach ghabh mìse ri Criosd air 
gach aon dòigh a tha 'm focal ann an sin a' cial- 
lachadh; oir tha mi làn toilichte le innleachd na 
slàinte trid losa Criosd an Slanuighear ; tha mi 'g 
aontachadh leis na cùmhnantan, 'se beatha tairgse 
Chriosd agam 'na uile dhreuchdaibh, mar righ 
chum riaghladh os mo cheann, mar shagart a 
thairgse ìobairt 's a dh' eadar-ghuidhe as mo leìth, 
mar f hàidh chum mo theagasg ; tha mi taosgadh 
a mach mo chridhe air a shon agus d' a ionnsuidh, 
'gam' shocruchadh fèin air mar a's urrainn mi : 
ciod tuille dh' f heudas a bhi air a chiallachadh leis 
an f hocal, gahhaii ? Uirae sin feudaidh mi 'ràdh 
agus aideachadh le deadh bharantas gu soiUeir, 
neo-mhearachdach. Feudaidh mi gu ceart-bhreith- 
each mi fein a mheas mar aon do chloinn an De 
uile-bheannaichte, a rèir an Sgriobtuir roi'-ainm- 
ichte do nach comas fàilneachadh. 

'Se 'n dara ni tha r' a chur sìos roi' laimh, gur 
cùis ro chudthromach, fheumail, duine bhi air 
mhodh slàinteil ann an cùmhnanta ri Dia, '^ 'Se 
sin a bheatha," Deut. xxxii. 47. 'S gidheadh 's 
ro thearc iadsan aig ara bheil, no idir a tha 'g 
iarraidh, còir shlàinteil anns a chùmhnanta ; agus 
tha mòran gu h-ea-cèillidh amaideach am barail gu 
'bheil a shamhuil sin do chòir aca gun stèigh cheart 
air bith, no idìr gne bharantais air a chùis. Mat. 
vii. 14, " Ach is cumhann an dorus, agus is aimh- 
leathan an t-slìghc ata treòruchadh chum na beatha, 

A 'ò 



10 Deuchainn mu Chòir 

agus is tearc iad a ta 'g- amas oirre." Bu eliòir 
dha so daoin' a mhosgladh à marbli-chodal a 
pheacaidli, gu bhi ro dhùrachdach mu thimchioll 
na cùise ; agus o 'n a tha e 'na ni co ro f heumail 
a bhi air mhodh slàinteil ann an losa Criosd ; agus 
air son nach 'eil iad ach ro thearc a dh' f heudas 
còir cheart a thagradh air: agus gidheadh tha 
mòran am barail amaidich gu 'bheil aca làn chòir 
air, a tha air am mealladh le dòchas cealgach, 
mar bha na h-òìghean amaideach. Mat. xxv. 

'Se 'n treas ni gu bhi air a chur sios roimh- 
laimh, gur h-èigìnn do dhaoìn' a chur rompa gu 
'ri dearbh iad an còir air Criosd leis an Sgriobtuir, 
ni is e focaì neo-mhearachdach an Dè shiorruidh. 
'Se 'n spiorad a' labhairt 'san Sgriobtuir breith- 
eamh nan uile chonnspoid. Isa. viii. 20, " lar- 
radh iad chum an lagha, agus chum na fianuis ; 
mar labhair iad do rèir an f hocail so 's ann a 
chionn nach 'eii solus annta ;" agus air an ni so 
mar an ceudna, co dhiubh tha no nach 'eil duine 
air mhodh slàinteil ann an cùmhnanta ri Dia, 
Uime sin na deanaibh fanoid air Dia 'nuair tha 
sibh mar gu'm b' ann ri mion-rannsuchadh mu 
thimchioìl a shamhuil sin do ni. Ma dhearbhas 
sìnn o Sgriobtur, ni is e an riaghailt neo-mhear- 
achdach, gu 'bheil sìbh ann an staid nan gràs, 
agus gu 'bheil sibh air mhodh slàinteil ann an 
cùmhnanta ri Dia, an sin cuiribh roimhibh an 
uiread so aideachadh, 's a bhi làn-toilichte leis : 
agus ma bhios atharrachadh so soilleir, thigeadh 
crìoch air a chonnspoid, no cha 'n 'eil sibh ach ri 
fanoid air an Uile-chumhachdach, 's mar sin bith- 
idh bhur cuibhrichean air an deanamh làidir. Mat. 
V. 18. Oir *' Cha teid aon lide no aon phunc do 



Shlàinieil ann an Criosd, 1 1 

'n lagli thairis, gus an coimlilioiiar gfach aon ni/' 
Air an aobhar sin iarraibh sàbh-shùl air Crioscl 
chnm nithe a bhreithneachadh a rèir 's mar tha 
focal Dè a' nochdadh a tha iad. 



CAIB. II. 

Aobhair mu 'bheil cho beag a teachd gu eòlas soilleir 
air an còir air Criosd. 

'Se 'n ceathrarah ni gu bhi air a chur sìos, ged a 
tha cùis còir duine air Criosd 'na ni cho ro chud- 
thromach, agus an dòigh chLum eòlas f haotainn air 
a chùis air a cur m' ar coianeamh gu ro shoilleir 
's na Sgriobtuiribh ; gidheadh 's tearc iadsan a 
tha ruigheachd air mion-eolas air a chùis. 'S a 
chum 's nach dthugadh so mi-mhisneach do neach 
air bith gun oidheirp theann a thoirt air, bheir 
mi fainear beagan de dh' aobhair àraid aig a 'bheil 
a choire gu 'bheil cho beag a' teachd chum eòlas 
soilleir air an còir ; ni mar an ceudna dh' ullaich- 
eas an t-slighe fa chomhair an ni tha gu bhi air a 
labhairt an dèigh so. 

'Se cheud ni tha bacadh mòran o eòlas f haghail 
air an còir air Criosd, gu 'bheil iad aineolach air 
cuid-eiginn de chinn àraid a chreidimh. 

1. Ga 'm b' e saor-ghràdh ann an Uchd Dhè, 's 
nacli b' e ni sam bith bha anns an duine^ a bhros- 
nuich E gu Slànuighear a chur a choimhlionadh 
obair na saorsa : Eoin iii. 16, ** Oir is ann mar 
sin a glu'àdhaich Dia an saoghal, gu 'n d' thug e 
'aon-ghin Mhic fein." Tha daoine do ghnàth a'g 
iarraidh stèigh-èiginn annta fein chum a chùis sin 
A 4 



12 Deuchainn mu Chòir 

a tlioirt gu crìch, a tlia 'g an treòruchadh air falbh 
o smuaintibh àrda agus freagarrach a bhi ac' air 
ceud thobar agus toiseach cùmhrianta fàbharrach 
an Dè uile-bheannaichte d' a phobull, aig nach 
'eil riasan, aobhar na toillteannas air bith annta 
fein ; air chor 's nach urrainn iad tighinn a dh' 
ionnsuidh eòlas soilleir air an còir, gus an caoch- 
ail iad gu tur am beachd m' an chùis. 

2. Tha iad aineolach air cionnas a tha 'n gràdh 
sin g a nochdadh fèin air mhodh èifeachdach do 
chridhe duine, air chor *s gu 'm bi stèigh aige 
chum còir a thagradh air. 'S bitheanta leis a 
ghràdh sin gu'n leig e air tùs ris do dhuine a staìd 
bhreòite neo-iomlan ann fein, a thaobh peacaidh 
agus truailleachd, a salchadh an duine gu h-iom- 
lan, 's gach aon ni tha ann ris am feudar fìrean- 
tachd a ghairm, tha iad sin uile 'nan calldach 
agus 'nan aolach. Phil. iii. 6, 7, 8. Tha e foill- 
seachadh Chriosd mar an t-ionmhas iomlan a 
shàsuicheas thar gach ni eile. Tha 'n duine 
faghail ionmhais air son a' bheil e le gàirdeachas 
a' reic gach ni tha aige, &c., Mat. xiii. 44, 46, 
Tha e rùnachadh a chridhe gu h-iomlan, 's a* 
toirt air dlùthachadh ris an Dia bheò anns na h- 
òrdughaibh. Salm Ixv. 4, " Is beannuichte esan 
a thaghas tusa, agus a bheir thu am fagus duit ; 
gheibh e còmhnuidh a' d' chùirtibh." 'S tha e 
toirt air do chridhe feitheamh air^, agus airsan 
amhàin, Salm. Ixii. 5, ^' Amhàin air Dia feith, O 
m' anam ;" Mar so air do shìol Dhè bhi air a chur 
's a chridhe, agus Criosd air a dhealbh ann. Gal. 
iv. 19. Tha 'n cridhe air atharrachadii 's air a 
dheanamh nuadh anns an obair roi'-ainmichte. 
Esec. xxxvi. 26. Agus tha lagh Dhè anns a 



SJdàinteil ann an Criosd. 13 

cliaocliladli sìn air a clilo' biiualadh air a cliridhe 
air chor, ler. xxxi. 33. 's gu 'bheil an t-iomlan do 
chuing Chriosd air a chliùthachadh do 'n duine, 
Rom. vii. 12, 16, ^' Air an aobhar sin tha'n lagh 
naomh, agus a ta 'n àithne naomh, agus coth- 
lomach agus maith." Air so uile tha gniomharra 
do nuadh bheatha a' sruthadh a mach o 'n cheud 
thùs beatha sin. GaL v. 6, " Ann an creidimh a 
dh' oibricheas tre ghràdh ;" Rom. vi. 18, 22. 
Agus tha'n doin' a' fàs 'na sheirbhiseach do dh' 
f hìreantachd agus do Dhia, ni tha gu sònruichte 
soilleir ann an nàdur spioradail aoraidh. Eoin. 
iv. 24; Rom. vii. 6. Ann an sin tha daoin' a' 
deanamh seirbhis ann an nuadhachd spioraid, agus 
cha 'n ann an seanachd na Jitreach ; agus ann an 
caomhalachd anns gach gnè chaithe-beatha : an 
sin tha 'n duine ^' a' saoithreacliadh a ghnàth 
coguis neo-lochdach e bhi aige a thaobh Dhè agus 
a thaobh dhaoine." Gniomh. xxiv. 16. Anistha 
gràdh Dhè aìr a mhodh so 'ga nochdadh fein do 
dhuine 's ag oìbreachadh air, air chor 's gu bheil 
stèigh aige chum càileigin do dheadh chòir a 
thagradh air ; air chor 's gu'm feud e gu ceart- 
bhreitheach a smuainteachadh, gu bheil suim aig 
a ghràdh sin a chuir Slànuighear iochdmhor, 
tròcaireach a dh' ionnsuidh an t-saoghail d' a 
shamhuil sin do dhuine, a mhothaich gu'n deach 
na nithe sin a cho'-chur ris fèin. Gu cinnteach 
tha aineolas anns a chùis so a' cumail mòran air 
an ais o eòlas f haotainn mu'n còir air Criosd ; oir 
mur 'eil iios aig aon cionnas a dh* oibricheas Dia 
air duine, air dhòigh 's gu'm feud e gu f ìor neo- 
mhearachdach còìr a thagradh air a ghràdh a blia 
anii o'n uile bhilh-bhuantachd; theid e cian air 
a5 



14 Deiichainn mii Chòir 

seachraiì 's an dorcliadas, agus clia dtliig e cliuni 
eolai% air a cliòir anns an. 

3. Tha mòran daoine, mar an ceudna, aineolach 
air so, gur e Dia amhàin dòchas a phobuill : 
Theirear dòchas Israeil ris. Jer. xiv. 8. Ged tha 
buaidhean nàdurra 'nan dearbhadh air so, gidheadh 
's e creidimh, socrachadh a chridhe air an Dia 
shiorruidh, mar làn bheannachadh 's mar chuibh- 
rionn a shàsuicheas. 1 Pead. i. 21, ^' Chum gu'm 
biodh bhur creidimh agus bhur muinighinn ann an 
Dia." 'S an t-aon chùmhnanta fior a bheir seach- 
ad còir aìr beannachdaibh slàinteil a cho'-cheang- 
ail. Rora. iv. 5, " Ach do 'n ti nach dean obair, 
ach a ta creidsinn anns an ti a dh' f hìreanaicheas 
an duine mi-dhiadhaidh, measar a chreidimh mar 
ihìreantachd." Gun amharus ma ghabhas aon 
neach do dhànadas 'san àite so, 's ma thionndas e 
gràs gu macnus, 's mealltoireachd ro mhòr so ; 
o'n a tha tròcair maille ris, air chùmhnanta 's gu'n 
oibrich e eagal ann. Salm cxxx. 4. 'Seadh 's 
gann a dh' f heudas neach sam bith a mhothaich 
an dearbhadh so air gràdh air a cho'-chur ris fèin, 
sgàil a dheanamh de'n chùmhnant air son saorsadh 
peacaidh, gun tomhas èiginn de ghleachd spiorad- 
ail ; anns an t-seadh so " cha dean e peacadh ; ge 
b'e air bith a pheacaicheas, cha 'n fhac' e esan, 
agus cha robh eòlas aige air." " Ge b'e neach a 
ghineadh o Dhia cha dean e peacadh." 1 Eoin. 
iii. 6 — 9. Tha mi 'g ràdh gur e Dia muinighinn a 
phobuill 's ni h-e an naomhachd fèin. Ma tha 'n 
rùn gu neo-chealgach, 's ma tha iad gu dùrachd- 
ach a' gabhail fadail gu bhi cosmhuil ris, cha 
chòir do dh' iomadh fàilneadh agus mearachd, an 
dòclias anf hannachadh ; oir tha 'n dòchas ann-san 



Shlàinteil ann an Criosd. 1 5 

iiach caoclmìl, Mal. iii. 6, '^ Air an aobhar sia 
cha 'n 'eil sibhse, O chlann lacoib air 'ur sgrios." 
1 Eoin. iì. 1, " Agiis ma pheacaicheas neach air 
bith, tha fear-tagraidh aige maille rìs an Athair." 
Anis 'nuair tha daoin' a' cur an dòchais ann an ni 
air bith eile a bharrachd air an Tighearna Dia, 
cha 'n iongadach ged robh iad air an cumail ann 
an staid amharusaich, do rèir atharrachadh an ni 
d' a bheil iad a' deanamh stèigh an dòchais, do 
bhrìgh uach 'eil iad a' toirt do Dhia a ghlòir a's 
cubhaidh d' a ainm, 's nach toir e seachad do neach 
eile : coimeas S^ilm ix, 10, " Agus cuiridh iadsan 
d' an aithne t' ainm an dòigh annad," ri Isa. xlii. 
8, *' Is mise lehobhah, is e sin m' ainm; agus ma 
ghlòir cha tabhair mi do neach eile." 

4. Tha mòran airseolach air dòighibh agus 
tomhas eug'-samhuil oibreacha Dhè aìr a phobu]], 
's tlia so gu ro mliòr a' toirt dubhar air an eòlas 
mu 'n còir air Criosd. Tha 'n t-aineoias so gu 
sònruicht' a' co'-sheasamh anns na tri chinn so a 
leanas. 

Air tùs, tha iad aineolacli air dòighìbli 's air 
tomhas eug-sam]iuil na lagh-oibre sin, a tha bun- 
tuinn gu bitheanta ri daoine, 's air na seòlaibh 
eug samhuil air a' bheil an Tighearna Dia an 
toiseach a' toirt gluaigli a dli' ionnsuidli Chriosd 
an Sìànuighear. Cha 'n 'eil iad a' toirt fainear 
uach deachaidh fear-coimhead a phriosuin a clium- 
ail aon uair fo dliaorsa, Gniomh xvi. Chaidh Pòl 
a chumail ann an teagamh tri làithe. Gniomli 
ìx. Clia robh Sacheus air a chumail ann an amh- 
arus aon mhionaid, Luc. xix. 2. Tha iad aineol- 
ach, gu h-àraidh cha 'n 'eil iad a' toirt fainear, 
iiacli ionann tomlias do naomhaclid a t]ia anns na 



16 Deuchainn mu Chòir 

naomliaibh fèin ; oir tha cuid aig a' bheil e follais- 
each an làthair dhaoine, agus tha cuid eile dhiubh 
aig nach 'eil e mar sin. Tha cuid de dhaoin' ann 
e tha ro neo-choireach saor o pheacaibh ro ann- 
trom, a tha fàgail an aidmheil ro sgiamhach 
mhaiseach, mar bha lob, lob i. agus Sacharias 
liuc i. tha e air a ràdh gu'n robh na daoine so 
foirfe agus fìrinneach, air an robh eagal Dè agus 
a seachnadh uilc; firinneach am fiannuis Dè, a' 
gluasad ann an uiF àitheantaibh agus òrduighibh 
an Tighearna, gu neo-lochdach ; bha daoin' eile 
buailteach do pheacaibh ro ghràineil ann-trom, 
mar bha Solamh, Asa, &c. 3. Tha iad aineolach 
air co' chomunn fa leith gnùis Dhè agus air 
dearbhadh a làthaireachd. Tha cuid ag imeachd 
gu bitheant' ann an solus gnìiis an Dè shiorruidh, 
's ann an co'-chomunn mothachail maiile ris, mar 
bha Daibhidh ; tha dream eile rè am beatha air 
an cumail fo dhaorsa trid eagail a bhàis, Eabh ii, 
15. Gu cinnteach tha aineolas air na dòighibh 
eugsamhuil leis a' bheil Tighearna nam feart ag 
oibreachadh air a phobull, a' cur dubhar ro mhòr 
air an eòlas mu 'n còir air Criosd, 'nuair tha iad 
do ghnàth a' cumaii Dhè ri aon dòigh oibreach- 
aidh, ni nach 'eil e idir a' leantuinn, mar a nochd 
sinn 's na h-eisimpleiribh a chaidh ainmeachadh 
cheana. 

'Se 'n dara ni tha cumail dhaoine ann an dorch- 
adas mu thimchioll an còir air Criosd, gu bheil ni 
no nì-eigin eile anns a bheìl an chridhe, 'gan 
diteadh, ann an seadh-eiginn, do bhrigh gu bheil 
iad a' buntuinn gu mealitach cealgach ri Dia. Cha 
'n 'eil e coltach gu 'n dthig a mhuinntir sin gu 
soilleireachd mu thimchioll an còir air a bheatha 



SkìÀinteil ann an Criosd, 17 

mhaìreaniiaich, aig a' bheil an cridhe 'g an dìteadh 
air sonbhi cuniail suas ceannairc àraidh an aghaidh 
an Tighearna Dia le 'm fìos, leis nach leig iad 
falbh, ni mò tha iad a' gnàthachadh nara meadh- 
onan a dh' òrduich Dia chum an saoradh uaithe : 
cha mhò a dh' fheudas a mhuinntir sin tighinn 
chum làn eòlas mu 'n còir, a tha deanamh dearmad 
air dleasnas sònruichte èiginn, a tha air àithneadh 
dhoibh a chur an gniomh ; tha iad sin mar an 
ceudna, ann an seadh-eiginn air an dìteadh le 'n 
cridhe fèin, mar bha a mhuinntir m' an do labh- 
radh roimhe ; agus tha e duilich dhoibh teachd 
chum eòlas soilleir air an staid, am fad 'sa bhuan- 
aicheas iad 's an staid sin. 1 Eoin. iii. 21, " Mur 
dìt ar cridhe sinn, tha dànachd againn a thaobh 
Dhè." Tha e air a ghabhail os làimh ann an sin, 
gu bheil cridhe duine a tha 'ga dhìteadh a* dean- 
amh do rèir sìn a dhòchais a thaobh Dhè gun 
bhladh. 

Cha 'n 'eil mi 'g àicheadh nach feud daoin' air 
deadh stèigh còir a thagradh air Criosd, 'nuair 
tha aingidheachd a' fàotainn buaidh orra. Salm 
Ixv. 3, " Thug eucearta buaidhoirnn, ar n-eusaon- 
tais glànaidh tusa uainn." Rom. vii. 23, 24, 25, 
" Ach tha mi faicinn lagha eile a' ra' bhuiU a' 
cogadh an aghaidh lagha ra' inntinn, 's 'ga m' 
thoirt am bruid do lagh a pheacaidh a ta ann ani 
bhuill, Och is duine truagh mi ! co a shaoras mi 
o chorp a' bhàis so ? Tha mi toirt buidheachais 
do Dhia tre losa Criosd ar Tighearna. Uime sin, 
tha mise fèin leis an inntinn a' deanamh seirbhis 
do lagh Dhè, ach leis an fheòil do lagh a' plieac- 
aidh," Ach tha e ro dheacair f haotainn ma dh' 
fheudar idir ruìgheachd air, soilleireachd mu 'ìi 



18 Deuchainn mu Chòir 

cMis 'nuair tha 'n cridhe a buntuinn gu cealgach 
ri Dia, 's a' toirt caidreamh do cheilg shònruichte 
le fios; air an aobhar sin glanadh daoin' iad fèin 
o'n cheilg shònruichte sin air a' bheil iad tuille 's 
eòlach. *Se sin an nì tha 'ga 'n coinneachadh, a' 
cur stad air ara muinighinn 's air comas teachd am 
fogus do Dhia gach uair bu mhiann leò dlùthach- 
adh ris; faic Breith, x. 10, 13, tha iodholaoraidh 
a phobuill air a mhaoitheadh orra leis an Tigh- 
earna, 's chuir e cùl r'an iarrtus air an son. 'Se 
sin an ni tha tarruing air falbh a chridhe air tùs 's 
a mliaduinn, agus fa dheireadh 's an oidhche, mar 
àmhuinn, air a teasachadh san oi'che, anns a' 
mhaduinn tha i losgadh mar theine lasrach, air a 
labhairt mu na h-aingidh, Hos. vii. 6. Agus a' 
togail an smuaintean gu minic air an leabaidh; 
niar tha e air a ràdh mu chuid-eiginn. Salm xxxvi. 
4, " Dealbhaidh e euceart air a leabaidh," &c. 
an ni sin a tha gu bitheant' a' toirt a chridhe air 
falbh ann an àm dleasnais chràbhach, agus tha 'n 
spioraid air am beothachadh le bhi cuimhneach- 
adh air, ni's mò na le bhi cuimhneachadh air an 
Dia a chruthaich iad, air chor 's gu bheil an cridhe 
an tòir air ni-eiginn ro-ghràineil. Esec. xi. 21. 
an ni sin a tha cur an aghaidh dhaoine 'nuair bu 
mhiann leò greim a dheanamh air a ghealladh, 
mar tha Dia a' maoìtheadh am peacaidh orra-san 
a tha gabhail gnothach r'a chùmhnanta. Salm, 1. 
16, 17, " Ciod e do gnothuchsa mo reachdan a 
chur an cèiU^ no gu'n gabhadh tu mo choimh- 
cheangal ann ad bheul," &c. 'Se sin an ni tha 
bacadh eòlais air staid ghràsmhor ; cuiribh uaibh 
an ni sin, agusbithidhe ni's usa dhuibh ruigheachd 
air làn chinnte mu chòir aìr Criosd. 



Shlàinteil ann an Criosd. 19 

'Se 'n treas ni tha bacadh eòlais mu chòir air 
Criosd, spìorad limndaireachd agus dearmad neo- 
chùramach ann am mòran : tha iad a gearan nach 
'eil fhios ac' a' bheil no nach 'eil iad ann an 
Criosd : ach mar is tearc iadsan a tha 'g oidheir- 
peachadh a bhi ann; 's co beag a chuireas do 
dhragh orra fèin fheuchainn a' bheil iad ann. 'S 
obair agus gnothach so nach urrainn daoin' a 
dheanamh 'nan cadal, 2 Cor. xiii. 5, " Ceasnuich- 
ibh sibh fèin, am bheil sibh sa' chreidimh ; dearbh- 
aibh fèin," &c. Tha na briathran eugsamhuil tha 
air an gnàthaichadh ann an so, sin r'a ràdh, 
" Ceasnuich, dearbh, aithnich," ag ràdh gu bheil 
mòr shaothair anns a chùis. 'S èiginn dìchioll a 
dheanamh chum ar gairm 's ar taghadh a dhean- 
amh cinnteach, 2 Pead. i. 10. 'S cùis i a tha 
os cionn cumhachd fola agus feòla : 's èiginn do 
'n ùngadh naomh a theagaisgeas na h-uile nithe 
1 Eoin. ii. 20, 27, a thoirt òirnn gu 'n aithnich 
sinn na nithe a thugadh dhuinn gu saor o Dhia. 
1 Cor. ii. 12. Am pàirtich an Tigliearna Dia 
gnothach cho cudthromach ri daoine, 's nach dean 
iadsan uiread agus iarraidh airsan a dheanamh air 
an son ? Esec. xxxvi. 37. 

Biodh nàir' oirbhse tha struigheadh na h-uìread 
d' ur n-aimsir ann an leughadh faoin-sgeulachdan 
spleadhach, ann an sgeudachadh bhur cuirp, ann 
an sealg 's ann an aighear, ann an rannsuchadh 
lagh na rìoghachd mu thimchioll bhur gnothaichean 
saoghalta ; agus feudaidh e bith ann an nithe a's 
measa na iad sin ; biodh nàir' oirbh gu bheil sibh 
a' caitheamh clio beag d' ur n-aimsir ann an 
rannsuchadh na cùìse so, co dhiùbh a's oighreachan 
air glòir sibh no nach 'eadh ? co dhiù tha sibh ag 



20 Dcuchainn mu Chòir 

imeaclid aìr an t-sliglie a tha treòrucliadh a dh' 
ionnsuidh rìoghachd na glòire, no air an t-slighe 
sin a chuireas air tìr sibh an dèis duibh an saogh- 
ais' f hàgail, ann an àros na caoidh, a ghearain, a 
bhròin agus an dubhachais, maille ri deamhain 
agus ri diabhoil ann an iomall dorchadais gu 
saoghal nan saoghal. A mhuinntir mo ghràidh! 
smuaintichibh air a chunnart anabarrach anns a* 
bheil sibh, agus teichibh gu luath a dh' ionnsuidh 
bhur caraid a's fearr ; a tha làn chomasach air bhur 
saoradh o thruaighe shiorruidh. Sibhs' a tha 'gar 
meas fèin os cionn mion-rannsuchadh air a chùis 
so, agus nach fiù e bhur saothair, no earrann sam 
bith d' ar n-ùine a bhuileachadh air a chùis ; do 
bhrìgh coltais 'an sùilibh Dhè, tha sibh 'gar meas 
fèin *^ neo-airidh air a bheatha mhaireannaich,'* 
air chor 's nach 'eil crannchur agaibh 's a chùis so 
maille ri luchd muinntir Dhè. 

'Se 'n ceathramli ni tha cur dubhar air dearbh- 
chinnte mu chòir ann an Criosd, nacli 'eil daoin 
aig ceann an comhairle mu thimchioll an ni a 
shàsuicheadh iad ; tha iad a' gearan nach nochd 
Dia dhoibli ciod a tha e dol a dheanamh rìutha ; 
ach cha 'n urrainn iad f hathasd a ràdh gur aithne 
dhoibh ciod a shàsuicheadh mu thimchioU a rùin. 
'S nì ro bhrònach so. An smuaintich sinn gu 
bheil na daoine da rìreadh nacli do shùnraich 
riamb f hathasd air an nì a shàsuicheadh iad, agus 
nach do rannsuich gu dùrachdach mu thimchioll 
an nì sin d' am bu chòir an sàsuchadh ? Na 'm 
fàgadh Dia 's an dorcha sinn mu 'n chùis sin, bu 
mhòid a bhiodh de leithsgeul againn a bhi màirn- 
ealach ann : ach do bhrìgh gu bheil steigh ar 
sàsuchaidh, agus na fìor chomharan air còir ann 



Shlàinteil ann an Criosd, 21 

mi Criosd, co soilleir 's co bitlieanta 's an Sgriob- 
tuir, *s a choi'-lìon nithe sgriobhta, chum 's gu 
'ra biodh ar gairdeachas co'-lionta, 1. Roire i. 4. 
'S a chum 's gu'm bi fios acasan a chreideas gu 
bheil a bheatha mhaireannach aca, 1 Eoin. v. IS. 
'S do bhrìgh gu bheil aige-san a chreideas, fian- 
uis air an nì sin ann fèin. 1 Eoin v. 10. Cha 
'n fheud duin' air bith leithsgenl a ghabhail ann 
an so. Cha'n fhaigh sinn 's an àm so fuireach 
r'a nochdadh ciod a dh' f heudas, agus d' an còir 
ar sàsuchadh mu thimchioll ar còir ann an Criosd, 
do bhrìgh gu bheil sinn ri labhairt gu mionaid- 
each rau dhèighinn an dèìgh so. 

'S e 'n cùigibh ni tha 'na iompaidh air daoin' a 
chumail an dorchadas mu thimchìoll an còir air 
losa Criosd, gu bheil iad a' sùnrachadh air stèigh- 
eiginn chaochlaideach, nach 'eil 'na dhearbhadh 
cho làidir mu chinnt' air còir ann an Criosd, 's a 
tha iad air staid làn de cho'-fhurtachd do dh' 
anam buadhach a tha seòladh roimh 'n ghaoith ; 
agus is comharan iad, tha mi 'g aideachadh, a tha 
prìseil annta fèin, 's a ni còir air Criosd a mach 
gu soilleir far a' bheil iad ; ach gidheadh feudaidh 
còir air Criosd a bhi as an eug'ais, agus feudar 
aithneachadh ann an tomhas maith mar an ceudna : 
labhraidh sinn mu nì no dhà dhiubh. 

1. Tha cuid de dhaoin' a' smuainteachadh gu 
bheil iadsan uil' aig a' bheil còir chinnteach air 
Criosd os cionn cumhachd bhuadhar gach peac- 
aidh. Ach tha so calg-dhìreach an aghaidii Salm 
Ixv. 3, " Thug eucearta buaidh oirnn : ar n-eus- 
aontais glanaidh tusa uainn," far am bheil sinn a' 
faicinn an duine dhiadhaidh so a' tagradh còir 
cheart aìr maitheanas 'nuair bha 'm peacadh a' 



22 Deuchainn mu Chòir 

faghaìl buaidh air : agus Rom. vii. 23, 24, 25, far 
a bheil Pòl a' toirt buidheachas do Dhia trid 
Chriosd, mar neach air a shaoradh o dhìteadh an 
lagha, eadhoin 'nuair tha lagh 'na bhallaibh 'ga 
thoirt am bruid do 'n pheacadh. 

2. Tha daoin' eil' am barail gu bheil aca-san 
uile tha air mhodh slàinteil ann an Criosd saor 
chomas gu dlùthachadh ri Dia gach uair a's àill 
leo ann an ùrnuigh, 's gu bheil mothachadh ac' 
air freagradh d' an ùrnuigh gach aon àm. Ach 
tha so direach an aghaidh gnàthachadh brònach, 
muladach a luchd muinntir, a tha cruaidh-ghearan 
gu minic, nach 'eil an Dia a chruthaich iad 'ga 'n 
cluinntinn, no idir a' gabhail suim dhiubh. Salm 
xiii. 1, " Cia f had a Thighearn' a dhì-chuimh- 
nìcheas tu mi ? an ann gu bràth? Cia fhad a 
dh' f holaicheas tu do ghnùis uam ?" Salm xxii, 
1, 2, ** Mo Dhia, mo Dhia, c' arson a thrèig thu 
mi? fad o 'm ghlaodh, o bhriathraibh mo bhùir- 
idh ? O mo Dhia ! gairmeam 's an là, ach cha 
f hreagair thu ; agus 'san oidhche ach cha 'n 'eil 
fois agam." 

3. Tha cuid de dhaoine tha ann am barail gu 
bheil aig a mhuinntir sin uile aig a' bheil còir 
cheart air Crìosd, Dia a' togail fianuis dhoibh air 
an ni sin fèìn, le àrd-oibreachadh a spioraid mu'n 
do labhair an t-Abstol, Rom. viii. 16, "■ Tha'n 
spioraid fèin a deanamh fianuis maille r' ar spior- 
ad-ne gur sinn clann Dhè;" uime so labhrar an 
dèigh so : ionnas gu bheil na daoine sin a ghnàth 
cur an còir fèin air Criosd an teagamh, air son 
ga bheil so a dh' easbhuidh orra. Ach cha 'n 'eil 
iad a' cuimhneachadh gur èiginn doibh air tùs 
ereideas a thoirt do 'n f hianuis sin a thug Dia 



Shlàinteil ann an Criosd, 23 

mu Mhac, gu bheil beatha na leòir annsan do 
dhaoine 1 Eoin v. 10, 11, agus an sìn sùil a bhi 
aca ri seul agus fianuis an spioraid. Ephes. i. 
13, " Neach an dèigh dhuibh creidsinn ann 
chuireadh seula oirbh le spiorad naomh sin a' 
gheallaidh," &c. Co fad 's a dh' f hanas daoine 
's a bheachd sin, 's gann a s urrainn doibh teachd 
a dh' ionnsuidh eòlas cinnteach mu'n staid ghràs- 
mhoir a dh' orduich Dìa do dhaoine a dhearbh- 
adh agus a shoilleireachadh dhoibh fèìn, air 
dhòigh eile fada o bharail nan daoine sin. 



CAIB. III. 

Mearachdan mu thimchioll còir air Criosd, air 
an toirt airfalbh, 

'Se *n cùigibh nì r' a chur sìos roi'-laimh, cuid de 
mhearachdan anns a' bheil daoine ullamh gu tuit- 
eam, a thoirt air falbh, 'nuair tha sinn gu 'n còir 
air Criosd a dhearbhadh. 

I. 'S mearachd a shaoilsinn ga bheil dearbh-f hios 
aig gach neach a tha ann an Criosd, gu blieil e 
air mhodh slàinteil ann ; oir tha iomadh neach a 
tha ann an staid nan gràs, agus aig a' bheil deadh 
chòir air a bheatha mhaireannaich, aig naeh 'eil 
fios air na h-uiread sin, gus an dearbhar dhoibh e 
an diaigh làimhe. 1 Eoin v. 13, " Na nithe sin 
sgrìobh mi do 'ur n-ionnsuidh, a tha creidsinn ann 
an ainm Mhic Dhè ; chum ^w 'm bi fios agaibh gu 
bheil a' bheatha mhaireannach agaibh." 'Se siu 
gu 'm bi fios aca gur creideich iad, agus mar so 

B 



24 Deuchainn mu Chòir 

tha e air a chiallucliadh nach robh iad fiosrach air 
roimhe. 

II. 'S mearachd a bhi smuainteachadh gu bheil 
iadsan uile tha teachd gu eòlas mu 'n còir air 
Criosd, a' ruìgheachd air an aon tomhas chinnte 
m' a thimchioll : feudaidh aon neach a ràdh, «^ Oìr 
a ta dearbh-bheachd agam nach bi bàs no beatha, 
no aingil no uachdaranachda, no cumhachda, no 
nithe a ta làthair, no nithe a ta rì teachd, no 
àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, 
comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhe, &c. 
Rom. viii. 38. Cha *n 'eil neach eiF acli a' teachd 
an f had so air aghaidh. '< A ta mi creidsinn a 
Thighearna, cuidich thusa le m' mhi-chreidimh." 
Marc ix. 24. 

III. 'S mearachd a bhi ann am barail gu bheil 
gach neach tha teachd chum dearbh-bheachd làidir 
air a chòir, a' fantuinn a ghnàth 's a bheachd sin ; 
oir an ti tha 'g ràdh an diugh mu 'n Tighearna 
Dia gur h-e a thèarmunn agus a dhaingneach, 
Salm xci. 2, agus a chuibhrionn, Salm cxix. 57, 
feudaidh e bith gu n abair e air àm eile. " Ghear- 
radh as mi o fhianuis do shùl." Salm xxxi. 22, 
agus gu 'm feòraich e, 'bheil f ìrinn gealladh Dliè 
a' fàilneachadh gu siorruidh. Salm Ixxvii. 7, 8, 
9. 

IV. 'S mearachd mar an ceudna bhi ann am 
barail, gu bheil gach neach a tha faghail dearbh- 
eòlas air an staid ghràsmhoir, comasach air gach 
cunnuil a nithear an aghaidh sin a fhreagairt gu 
riaghailteach ; ach gidheadh feudaidh iad an 
dearbhadh a ghleidheadh gu daingionn 's a ràdh, 
" Oir a ta fhios agam co ann a chreid mi," 1 Tim. 



Shlàinteil ann an Criosd. 25 

i. 12. 'S beag de bhunacliara chreidimh Chriosd- 
uidh air a' bheil mòran daoine cho làn-dearbhta, 
's gu bheil iad murrach air an cumail suas gu 
mion, an aghaidh gach argumaid a dh' f heudar a 
ghnàthachadh *nan aghaidh ; 's gidheadh tha iad 
comasach agus coimheadaidh iad an co'-dhùnadh 
gu cinnteach bunailteach: 'S amhuil a thachair 
do'n chùis so. 

V. Cha lugha am mearachd a shaoilsinn gur e 
*n dòchas faoìn sin gun bhunachar a tha mòran 
de dliaoine ann-diadhaidh, aineolach, a' cumail 
rompa, an t-eòlas so air còir ann an losa Criosd 
a tha sinn <t' tagradh ; oir tha mòran gu cealgach 
ag aideachadh gurh-esan an Athaìr, Eoin vii. 41, 
's tha fiuthair aig mòran ri nèamh a shealbliach- 
adh, a bhitheas air am meaJladh mar bha na h- 
òighean amaideach, Mat. xxv. i2. Gidheadh cha 
'n f heud sinn a smuainteachadh air a shon so, gur 
mealltoireachd agus faoin-bharail neo-stèigheil 
gach uile eòlas air còir ann an Criosd, ged tha 
na h-amadain sin air am mealladh ; oir an uair a 
tha na mìltean air am mealladh, tha cuid-eile 
murrach air a ràdh aìr deadh stèigh làidir chinn- 
tich, " 'S aithne dhuinn gur h-ann o Dhia a tha 
sinne, 's gu bheil an saoghal uile na luidhe san 
olc," 1 Eoin V. 19. 



CAIB. IV. 

Na dòighean leis a hheil cuid-eiginn air an tarruing 
a dU ionnsuidh Chriosd leis an Uile'chumhachd* 
ach^ gun mhothuchadh air ullachadh roimh-laimh 
le ohair an lagha. 

AiR dhuinn na nithe sìn a chur sios roi'-laimlh 



26 Deuchainn mu Chòir 

tha e nìs a' leantuinn gu 'n noclid sinn comharan 
àraid leis an tuig duin' a' bheil e air mhodh 
slàinteil ann an cùmhnanta ri Dia, *s a bheil còir 
shònruicht* aig' air Criosd an Slànuighear, air 
chor's gu 'm feud e gu neo-mearachdach, le deadh 
bharantas, còir a thagradh air fàbhar agus air 
slàinte Dhè. Cha sùnraich sinn ach air dà chomh- 
ara mhòr àraid, air dhuinn a bhi neo-thoileach 
dragh a chur air daoine le mòran. 

Ach mun tionnsgain sinn air labhairt mu na 
nithe sin, labhraidh sìnn mu thimchioU obair ull- 
achaidh an lagha, a tha 'n Tighearna Dia gu 
bitheant* a' gnàthachadh chum a shlìghe fèin ull- 
achadh ann an anamaibh dhaoine. Feudaidh so 
a bhì 'na chomhara le cuid de dhaoine. Theirear 
obair an lagha, no obair irisleachaidh ris, Tha 
càileiginn de choimeas aige ri spiorad na daorsa 
sin, Rom. vii. 15. Agus a tlia nis fo 'n Tiomnadh- 
Nuadh a' co'-fhreagradh dha, 's is gnàth leis 
daoin' a threòrachadh gu spiorad na h-uchd- 
mhacachd." 

Ach 's feumail amhàin gu'n toir sinn fainear 
ann an so, 1. Nach 'eil sinn gu labhairt mu obair 
uUachaidh so an lagha, mar chomhara neo-mhear- 
achdach air fìor chòir ann an losa Criosd, mar 
nach feudadh neach sara bith còir cheart a thag- 
radh air deagh-ghean Dè, aig nach 'eil an obair 
roi'-ullachaidh so 'na ceumaibh eugsamhuil, mar 
tha sinn air ball ri labhairt ra' a timchioll ; oir 
mar a chluinneas sinn, cha 'n 'eil an Tighearn' a' 
leantuinn an aona cheum sin do ghnàth le daoine. 
2. 'Se 'n t-aobhar sònruichte mu 'bheil sinn a' 
labhairt uime, do bhrìgh gu bheil Triath na 
beatha a' buntuinn ri mòran, a tha e gu h- 



Shlàinteil ann an Criosd. 27 

èifeachdach a' gairm, le shamhuìl so do dh' obair 
ullachaidh : agus feudaidh e bith gu n neartaich e 
iadsan ris 'n do bhuineadh air a mhodh so, *s 
gu n daingnich e iad gu tuiUe earbs' a dheanamh 
as na comharan a leanas. 3. Agus feudaidh e 
misneach a thoirt do dhaoin' eile, a tha fo shamh- 
uil sin do dhaorsa spioraid, mar dheagh chomhar' 
air crìch ghràsmhor. 4. Far a' bheil Dia a' 
gnàthachadh a leithid so do dh' obair ullachaidh, 
cha 'n 'eil e leantuinn aon dòigh no tomhas air 
oibreachadh leis na h-uile dhaoin' anns an obair 
sin mar a chkiinneas sinn. 

Chum an obair ullachaidh so a laimhseachadh 
ni's mionaidiche, ainmichidh sinn gu h-aith-ghear- 
ra na dòighean a's ro ghnàthaichte leis a' bheil an 
t-Uile-chumhachdach a' treòrachadh dhaoin' air 
mhodh slàinteil chum a chùmhnanta, agus leis a' 
bheil e 'gan tarruing a dh' ionnsnidh Chriosd. 

Air tùs, Tha cuid-eiginn air an gairm o'n 
bhroinn, mar bha Eoin Baiste. Luc i. 41, 44; 
no ann am bliadhnaibh an òìge, mun dtheid iad 
fad' air an aghart le 'n gniomharaibh ann an 
slighe Shàtain, mar bha Timoteus. 2 Tim. iii. 
25. Cha 'n urrainn sinn a shaoiisinn gu bheil 
aig a mhuinntir so a shamhuil sin do dh' obair 
ullachaidh mu 'm bheil sinne rì labbairt. Agus 
do bhrìgh gu 'm feud cuid-eiginn a ghabhail os 
làimh gu bheil iad fein gu h-èifeachdach air an 
gairm air a mhodh so, tha sinn a cur fa'r comh- 
air na comharan so a leanas mar dhearbhadh air a 
chùis, leis am feud a mhuinntir a tha mar so air an 
gairm a bhi air an daingneachadh 'n an dòchas. 

I. Tha 'n samhuil so de mhuinntir o aois an 
òige, air an cleachdadh a bhi air an ciimail saor o 
b3 



28 Deuchainn mu Chòir 

thruaill'eachd ghnàthaichte, leis am bitheanta le 
cloinn a bhi air an truailleadh ; mar tha mionnan, 
breugan, fanoid air creidimh, 's air daoine diadh- 
aidh, &c. A mhuinntir ud a tha Dia gairm gu 
h-èifeachdach, tha e *g an naomhachadh o àm na 
gairme èifeachdaich sin. Cha 'n fheud uachd- 
ranachd a bhi aig a pheacadh os an cionn, mar 
bhios aig' air daoin' eile, do bhrìgh gu bheil iad 
fo ghrà^. Rom. vi. 14. 

II. Tha Creidimh, mar gu 'm b' ann, nàdurra 
dhoibh ; 's eadh, cha 'n f heum iad am brosnuch- 
adh chum dleasnais chràbhach a choi'-lionadh, 
'nuair nach 'eil iad ach dìreach 'nan cloinn : tha 
iad a' ruith gu deònach, togarrach air an t-slighe 
sin, air son gu bheil rùn gràidh o 'n leith a stigh 
*g an co'-èigneachadh, 2 Cor. v. 14, air chor *s 
gu bheil iad 'g an toirt fèin suas mar sheirbheisich 
fìreantachd, gun cho'-èigneachadh air bith o'n 
leth a muigh. Rom. vi. 16. 

III. Ge nach *eil fios aig a mhuinntir so c' 
uin a dh' f hàs iad an tùs eòlach air Dia ; gidh- 
eadh tha'n dèigh làimhe aca na h-uiread do 
glmàth-obair spioraid a' tuiteam a mach, mu bheil 
na naoirah 's an Sgriobtuir a' labhairt, air nach 
'eil againn cunntas mu 'n ceud iompachadh. Tha 
iad air an druideadh a mach o Dhia, air son 
aobhair èiginn an tràs' agus a rithìst, agus tha 
comas aca teachd ni's dlùithe dha a rithist le 'm 
fiosrachadh fèin : tha 'n crìdhe, mar an ceudna, 
air fhosgladh ni's mò trid nan òrduighibh, mar 
tha e air a ràdh mu Lidia. Gniomh xvi. 14. 
*S bitheanta leò gu 'n cuimhnich iad, 'nuair bha 
punc àraid do chreidimh agus do dhleasnas, no 
'nuair bha peacadh àraid do nach do mhothaicli 



Shlàinteil ann an Criosd, 29 

iad roimlie, air fhoillseachadh dhoibh. Tha mòr- 
an aig a mhuinntir sin a dh' f hendas na nithe sin 
a cho'-chur riutha fèin, r' a ràdh mu thimchioll an 
gairm èifeachdaich o aois an òige. 

'S an dara h-àite, Tha cuid eiginn air an toirt 
a dh' ionnsuidh Chriosd ann an slighe cumhachd 
an t-soisgeil, *nuair tha 'n Tighearna le beagan 
de bhriathra gràidh a tha slugadh a suas obair an 
lagha, a' deanamh prìosanach do neach gu grad 
's a cheud dol a mach, mar rinn e air Sacheus, 
Luc xix. agus air muinntir eile, a thrèig gach ni 
bha aca 's a lean Criosd, 'nuair a labhair e aon 
fhocal riutha ; 's cha 'n 'eil sinn a' cluinntinn 
iomradh air bith gu 'n do bhuineadh riu le lagh- 
obair mun do ghabh iad ri Criosd. 

Agus do bhrigh gu 'm feud mòran a ràdh gu 
bheil a ghairm èifeachdach so aca fèin, labhraidh' 
sinn càileiginn mu nithe ro chomharaichte ann 
an cùis Shacheus, chum a chùis a shoìlleireacbadh 
dhoibh agus an daingneachadh 'nam barail. 1. 
Bha càileiginn de dhèigh aig' air Criosd f haicinn, 
dèigh a thug air an ni sin a sheachnadh a mheas- 
adli cuid-eiginn gu 'ni bu chrìonnachd agus gliocas 
e, 'nuair a streap e suas ri craoibh chum esan 
f haicinn. 2. Labhair Criosd air mhodh èifeachd- 
ach r' a chridhe, agus dhrùigh am focal sin air co 
mòr 's gu'n do ghabh e gu grad ri tairgse 
Chriosd le gàirdeachas, agus ghabh e ris mar a 
Thighearna, 'nuair nach robh ach ro bheag de 
dhaoine cumhachdach na rìoghaehd 'g a leantuinn. 
S, An sin dh' f hosgail a chridhe do na bochd- 
aibh, ged a bha e do bhrìgh coltais na dhuine 
sanntach roimhe. 4. Bha mothachadh iomchuidh 
aige air a chaithe-beatha 's an àm a chaidh seachad, 

B 4i 



30 Deuchalnn mu Chòir 

a' nochdadh a shuim do lagh Mhaois; agus tha e 
leigeil so f haicinn am fianuis na bha 's an làthair 
uile, gun umhail aige e fèin a mhasluchadh anns 
nanithibh sin a bha maith-dh'-fhaoidtefolaicht' o'n 
t-saoghal. An dèigh so uile, dhaingnich Criosd 
an cùmhnanta le 'fhocal; a' cliùthachadh dha an 
aonachd dàimh sin, a bhuineadh a bhi eadar e 
fèin agus na naoimh, agus smuainte mu a staid 
ehaillte fèin, mur dthigeadh Criosd g'a iarraidh, 
's mur faigheadh se e : Tha gach nì dhiubh so 
soilleir o Luc. xix. 3 — iO. 

Tha sinn ag aideachadh gu bheil an Tighearna 
Dia a* gairm dream-eiginn air a mhodh so, agus 
ma dh' f heudas neach air bith còir a thagradh air 
na nithe àraid mu 'n do labhair sinn, tha dearbh- 
adh làidir aca o'n Sgriobtuir sin, gu'n do bhuin 
Dia air mhodh gràsmhor riu : ni mò tha iad r'a 
ghabhail gu holc nach 'eil aca lagh-obair uUach- 
aidh gu soilleir air a h-oibreachadh annta, raa 
thug an cridhe làn-ghèill do losa Criosd : oir 
eha 'n 'eil lagh-obair r'a miannachadh, ach a chum 
na crìche so. Air an aobhar sin tha Criosd *ga 
thairgse fèin gu dìreach anns an Sgriobtuir, agus 
tha cuireadh aig daoine teachd d' a ionnsuidh: 
agus ge nach dthig mòran d'a ionnsuidh-san, 
neach, a tha 'na Urras, gus an cuir Spiorad na 
daorsa thuige gu teann iad air son an ainmheich ; 
gidheadh na 'n teicheadh neach air bith a dh' 
ionnsuidh Chriosd, agus làn ghèill a thoirt dà, le 
mothachadh air a staid chaillte, cha 'n f heudadh 
aon neach, le barantas, laghobair a sparradh air. 

Mu dhèighinn dhaoin' eile, air 'n do ehuir 
Criosd iompaidh le 'f hocal chum a leantuinn ; ge 
b'e nì a rinn e, no ge b'e dòigh air 'n do labhair 



Shlàinteil ann an Criosd, 31 

e riu 'nuair a choinnicli e'n tùs iad, 's èiginn 
duinn gu reusant* a shaoilsinn gu 'n do nochd e 
na h-uiread d' am feumalachd fèin, agus d'a 
iomlanachd, agus d' a ro-òirdheirceas fèin dhoibh, 
air chor 's gu 'n do rùnaich iad an t-iomlan 
f hàgail, agus ruith le dian»thogradh gu ro dheòn- 
ach as a dhèigh ; agus ma dh' oibricheas e air a 
mhodh so air neach sam bith, cha 'n 'eil sinn ag 
iarraidh tuille, do bhrìgh gu bheil iad leis an 
fhoilìseachadh sin a' faicinn an f heum ro mhòr a 
th' ac' air an lèigh. 

Air chor 's uaithe so uile, mar a dh' fheudas 
cuid-eigìnn a bhi air an daingneachadii 's air an 
neartuchadh, ris 'n do bhuin Dia air an dòigh so ; 
mar an ceudna, cha 'n 'eil stèigh na aobhar aig 
anmaibh meallta chum iad fèin a chur an deagh 
dhòchas mu thimchioll an staid, a tha fantuinn 
aineolach agus neo mothachail air an truaighe 
fein agus air uiF-f hoghaintìchead Chriosd chum an 
saoradh o'n truaighe ma thig iad d' a ionnsuidh. 

'S an treas àite, tha cuid eile air an toirt a dh' 
ionnsuidh Chriosd air dhòigh tha nochdadh ni's 
soilleire a shaor-ghràs; agus 'se so, 'nuair a 
ghairmeas e daoin' air mliodh èifeachdach aig 
uair a bhàis. Tha sinn a' faicinn càileiginn air a 
chur sios mu 'n dòigh so, ann an Jàn-eisimpleir 
sin a mhèìrlich air a' chrois. Luc. xxiii. 39 — ^S. 
Ge nach 'eil buntainn ro mhòr aige so ris an nì 
mu 'bheil sinn a' labhairt ; gidheadh labhraidh sinn 
càileiginn m'a thimchioll, chum 's air an dara 
làimh nach bi daoine ro obann ann an toirt breith 
orra fèìn, no air daoin' eile, roimh 'n deò mu 
dheire. Agus soilleirichidh sinn e air an Taimh 
eile, air dhòigh 's nach bi chridh' aig daoine dàil 
b5 



32 Deicchainn mu Chòir 

a cliur ann an cùis clio cudthromach gus an uair 
mu dheire d' am beatha. 

Tha sinn a' faicinn nan nithe sin ro shònruicht* 
anns a chùis sin eadar Criosd agus an gaduiche. 
1. Tha 'n duin' a' cur amach air a chompanach a 
bh' aige roimhe. 2. Cha 'n 'eil a chridh' aig' 
aon droch fhocal a labhairt mu Dhia, ach 's ann 
a tha e 'ga fhìreanachadh anns gach ni a thachair 
dha fèin. 3. Tha e 'nis a' faicinn losa Criosd air 
a gheur-leanmhuinn gu ro eu-corach le daoine, 
gun chionfàth. 4. Tha e toirt fainear gur Tigh- 
earn' agus gur Rìgh losa Criosd, 'nuair tha 
nainihdean mi-rùnach a' deanamh tàir air. 5. 
Tha e creidsinn co cinnteach gu 'm bi glòir 
shiorruidh ann an dèigh bàis, agus gu bheil e 
gabhail cuibhrionn de mar roghainn air tèaruin- 
teachd a bheatha chorporra 's an àm a tha làthair; 
agus bha dearbh-f hios aige gu 'n robh Criosd làn- 
chomasach air sin a thoirt dà 's an àm sin ; agus 
dh' f heudadh e sin a roighneachadh raaille ris a 
ghaduich' eile. 6. Ged bha barail cho ìosal aig' 
air fèin, 's nach do ghuidh e ach gu'n cuimhnich- 
eadh Criosd air ; gidheadh 's maìth a bha e cho 
dàna 's e fèin a làn-earbsadh r'a Fhear-saoraidh 
beannaichte ; agus bha na h-uiread chreidimh aig' 
ann an uil'-fhoghaintichead Chriosd, 's gu'n do 
mheas e gu 'm bu leòir cuimhneachadh Chriosd, 
ehum a làn-ghnothach a dheanamh. 7. Cho'- 
aontaich e gu blasda leis an fhocal a labhair 
Criosd ris, mar stèigh a cho'-f hurtachd. Tha iad 
so uìle ro shoilleir ann an cùis an duine bhochd 
sin a bha aig uair a bhàis, agus tha iad a' 
dearbhadh gu 'n d' oibrich Dia gu ro èifeachdach 
air a chridhe. 



Shlàinteil ann an Criosd. 33 

Mar a dh' fheudas na nithe roi'-ninmìchte sin 
misneach a thoirt do chuid de dhaoine chum dàil 
a chur ann an aithreachas, agus feitheamh ri 
maith fhaotainn o Dhia, nach fheud fhathasd 
còir shoilleir a thagradh air a bheag sam bith do 
dh' obair ghràsmhor spiorad Dhè ; tha sinn ag 
asluchadh gu deineachdach dùrachdach air gach 
uile neach, mar a's toigh leò an anraaibh fèin, 
gun dàil a chur ann an gnothach cudthromach an 
anraa, ann an dòchas ri leithid so do chòmhnadh 
èifeachdach o Chriosd 'an deireadh an làithean, 
mar tha mòran a' deanamh ; aìr dha so a bhi 'na 
fhìor mhiorbhuil tròcair, leis a ghlòir leis an 
dthug Criosd buaidh-chaithream air sgainnil a 
chroinn-cheusaidh ; agus tha e cruaidh oirnn a 
shamhuil so fhaotainn ann an earrann air bith 
eile de 'n Sgriobtuir. 'Seadh, mar nach 'eil ach 
beag uile air an sàbhaladh. Mat. xx. 16. Tha 
mòran air an gairm, ach beag air an taghadh ; 
agus ro bheag air an sàbhaladh air an dòigh so : 
Mar so bhagair an Tighearna gu ro chinnteach 
gu 'n dean e gàire mu àmhghar, 's nach èisd e 
ri glaodh na muinntir sin, a rinn roimhe so 
fanoid air a smachduchadh, 's a thionndaidh 
cluas bhodhar ris 'nuair a ghlaodh e riutha. 
Gnà. i. 24—26, " A chionn gu 'n do ghairm mi, 
agus gu 'n do dhiùlt sibhse, gu 'n do shìn mi 
mach mo làmh agus nach dthug duine sam bith 
an aire ; ach gu'n do chuir sibh 'an neo-bhrigh m' 
uile chomhairle, agus nach b' àill leibh a bheag do 
m' achmhasan; Ni mise mar an ceudna gàire ri'r 
sgrios-sa; ni mi fanoid 'nuairathig bhur n-eagal." 
Ge nach 'eil an sgriobtuir so a' druideadh dorus 
tròcair air aon neach, a tha gu trèibh dhireach 'ga 



34 Deuchainn mu Chòir 

clieasnuchadli fèin aig uair a bhàis, 's a tlia teich- 
eadh le mothuchadh air a thruaighe fèin a dh' 
ionnsuidh Chriosd, àrd-lèigh an anma, mar rinn an 
gaduiche aithreachail so ; gidheadh 's nì cinnteach 
gu bheil e ciallachadh nach 'eil ach ro bheag a tha 
cur cùl ris an tairgse gus a sin, a tha air an onor- 
achadh le aithreachas iomJan mar bha esan ; agus 
do bhrìgh nach 'eil an glaodh dùrachdach agus 
de 'n t-seòrsa cheart, cha 'n èisdear ris. Gu'n 
iompaicheadh an Dia uile-lèirsinneach daoine chum 
bhi trèibh-dhireach dùrachdach ann an aithreach- 
as tràthail a dheanamh, ani fad 's a mhaireas latha 
tairgse nan gràs, mun dthìg orr' oidhche tinneis 
agus bàis, anns nach bi aca comas aithreachas a 
dheanamh* 



CAIB. V. 

Obair an lagha leis d hheil an Tighearn! ag ulluch' 
adh a shlighe do dK anmaihh dhaoine ; a tha 'n 
daia cuid ni ^s neartmhoire agus ni *s ealamh^ no 
ni ^s ciiiine agus ni's socraiche, 

'Se 'n ceathramh, 's an dòigh a's gnàthaichte leis 
a bheil mòran air an toirt a dk' ionnsuidh 
Chriosd, le obair shoilleir, slio-fhaicsinnich an 
lagha, 's le irisleachadh, ris an abair sinn gu 
minig " Spiorad na daorsa/' mar a thuirt sinn 
roimhe. Cha 'n 'eil sinn a' ciallachadh gu bheil 
gach neach aig a' bheil a choguis air a dùsgadh le 
peacadh 's le eagal feirge, a' gabhail da rìreadh 
ri Criosd air mhodh slàinteil; oir tha cheart 
atharrachadh soiUeir o Chain, Saul, ludas, &c. 



Shlàinteil ann an Criosd. 35 

Acli tha geur mhothuchadh peacaidh, dùsgadh 
coguis, agus obair irisleachaidh ann, a tha, mar a 
shoiUeiricheas sinn iad, ro ainmig a* teachd goirid 
air crìch ghràsmhoir ; ach 's bitheanta leis na nithe 
sin daoin' iompachadh chum spiorad na h-uchd- 
mhacachd, agus chum obair ghràsmhor Spioraid 
Dhè. Agus do bhrìgh gu bheil an Tighearna 
Dia a' buntainn ri mòran pheacach air a mhodh 
so, agus gu bheil e cruaidh air mòran breith neo- 
chlaon a thoirt air an lagh-obair, labhraidh sinn 
mu thimchioU gach earrann do'n obair fa leith. 

Tha 'n obair so an dara cuid air a toirt mii \\ 
cuairt gu neartmhor, grad, no gu socrach fòill, 
air a sìneadh a mach car ùin' a's mò, air chor 's 
gu bheil a h-oibreacha so-mhothachaidh agus ro 
fhollaiseach. Tha mi g ràdh' gu bheil i ni's 
neartmhoire agus ni's dèine ann an cuid-eiginn, 
mar ann am fear-coimheid a phrìosain, Pòl, agus 
ann an cuid eile de chreidich ann an leabhar 
Gniomhara nan Abstol, aìr 'n do bhrùchd Crìosd 
a stigh gu grad, 's air an dthug e buaidh mar le teine 
's le faobhar a chlaidheimh, 's a thug e gu ro dhian 
ara bruid iad; agus do bhrìgh gu bheil cuid de mhòr- 
ghluasad an lagha ro mhealltach a' tionndadh gu 
neo-ni, mur 'eil chum ni's miosa, nochdaidh sinn 
nithe èiginn ro chomharaìchte anns na daoin' 
iompaichte sin air 'n do labhradh roimhe, a 
dhearbh gu'n d' thug obair an lagha a mach 
crìoch agus toradh gràsmhor. 1. Tha focal no 
frithealadh èiginn, a' cur duine gu amharus 
uamhasach le mòr-ghluasad 's an anam : Tha cuid 
air am bioradh 'n an cridhe. Gniomh. ii. 37. 
Tha dream eil' a' criothnachadh, Gniomh. xvi. 29. 
Agus tha *n gluasad so cho èifeachdach, 's gu bheil 



36 Deucìiaìnn mu Chòir 

an duin' air a thoirt gu ceann a chomhairle : 
'« Ciod a's aill leat mise a dheanamh ?" arsa Pòl. 
Gniomh. ix. 6. " Ciod is còir dhomh a dhèan- 
amh chum gu 'n tèarmar mi?'' arsa fear-coimhead 
a phrìosaio. Gniomh xvi. 30. ^. Tha 'n duine 
làn-toileach slàint' agus càirdeas Dhè bhi aige air 
chùmhnant air bith, mar tha cheist a' ciallachadh, 
*< Ciod a nì mi?'* mar gu 'n abradh e, ciod nach 
deanainn? ciod nach trèiginn? ciod nach fuilginn? 
3. Tha 'n duirj' a' gabhail a chùmhnanta tha air a 
thairgse le Criosd 's le luchd-muinntir, mar tha e 
soilleir o na Sgriobtuiribh roi'-ainmichte. 4?. Tha 
'n duin' air baìl a dh' aon inntinn ris na naoimh, 
a' gabhail leis a mhuinntir sin a tha air an dian- 
ruagadh, a' toirt urram do'n dream air an d' 
rinn e roimhe geur-leanmhuinn, ag aontachadh 
leò 's a' buanachadh maille riù ann an aidmheil 
Chriosd, anns gach cunnart agus deuchainn. Tha 
mòran aig a mhuinntir ris 'n do bhuin Dia air an 
dòigh so, r'a ràdh mu thimchioll obair ghràsmhor 
Spiorad Dhè annta fèin ; agus tha e coltach, gu 
'm feud mòran an obair ghràsmhor so a chomh- 
arachadh o shamhuil de dh' àm, de dh' f hocal, no 
de fhrithealadh, 's gu bheil iad murrach air càil- 
eiginn de chunntas a thoirt air na thachair eadar 
Dia agus iad fèin, 's air an atharrachadh mhoth- 
achail a bha air oibreachadh orra 's an àm sin, mar 
tha Pòl a' toirt làn-ehùnntas mu oibreacha Dhè 
ann fein an dèigh làimhe. Gniomh xxii. 

A rithist, tha 'n Tighearna air uairibh a' toirt 
na h-oibre so air a h aghaidh ni's ciùine, shoc- 
raiche, 's ni's tosdaiche, a' tarruing na h-uiread 
ùine 's gu bheil gach earrann fa leith de ghnàth- 
achadh dhaoine ro shoilleir so-fhaicinn. Thàirn- 



Shlàinteil ann an Criosd. 37 

geadli e mòran d'ar n-ùine nam mìnicheamaid 
gach earrann fa leith de'n obair so ; ach cha dthoir 
sinn fainear ach na nithe a's ro shoiUeire anns a 
chùis. 

1. Tha Dia a' cuairteachadh dhaoine a dhiùlt 
gu bitheanta, feudaidh e bith, iad fein a strìochd- 
adh dha, a tha 'ga thairgse fèin 'na orduighibh, 
agus le focal èiginn air a shearmonachadh, air a 
leughadh, no air a sparradh air an inntinn, no le 
freasdal èiginn a' treòrachadh a stigh a chum an 
f hocail, tha e toirt ionnsuidh air an tigh a bha air 
a choimhead gu sìothchail leis an daine làidir, an 
Diabhol; 's mar so tha Criosd, neach a tha 'na 
dhuine ni's làidire, a' teachd air agus 'ga cheanns- 
uchadh, Luc xi. 22, 's le spiorad na fìrinn, a'^ 
ceangaì an f hocail air an duine, anns a' bheil fearg 
Dhè air a bagradh an aghaidh an samhuil so no 
sud de pheacaibh, a tha fios aig an duine gu bheii 
e fèin ciontach dhiu. Tha 'n spiorad a' cur iomp- 
aidh air an duine 's a' cur am fiachaibh air, gur h-e 
fèin an ceart neach an aghaidh bheil focal Dè a* 
labhairt, do bhrìgh gu bheil e ciontach de 'n 
samhuil sin de pheacaibh ; agus o mhothachadh air 
cuid de pheacaibh, tha'n duin' air a threòruchadh 
chum tuille dhiubh f haicinn, gus am bitheanta leis 
sealladh f haotainn air seachrain aois 'òige, peac- 
aidh dearmaid, &c. 'Seadh, tha e air a thoirt air 
aghaidh gus a' bheil e 'ga f haicinn fèin gu inbhe 
bhig, ciontach de bhriseadh an lagha gu h-iomlan : 
tha e faicinn uilc gun àireamh 'ga chuairteachadh, 
mar tha Daibhidh a' labhairt ann an earrann d' a 
ghnàthachadh, Salm xl. 12. Chi duin' air uairibh 
sealladh ro ghràineil air a pheacadh anns an staid 
so, 's tha e furachair, geur-sheallach chum a mheas 



38 Dcuchainn mu Chòir 

gu bheil e fèin ciontach gu inbhe bhig de gach 
peacadh air an cuar e iomradh. Mar so tha 'n 
Spiorad a' toirt dearbh-shoiUeireachd air a pheac- 
adh. Eoin xvi. 8. 

2. Tha 'n t-Uile-Chumhachdach a' cur air chrith 

ionad àraid làidir anns an daighneach, dìdean 

bhreug, d' a' bheil an duin' a' teicheadh, 'nuair 

tha a pheacannan air a mhodh so air am foill- 

seachadh dha. Tha 'n duine truagh a' gabhail os 

làimh gu bheil creidimh aig' ann an Criosd, leis 

a bheil e am barail gu bheil 'uallach air a thoirt 

deth, mar a thuirt na Pharaisich, Eoin viii. 41. 

" Tha aon Athair againn eadhoin Dia." Tha iad 

a' deanamh dheth gu bheil dàimh àraid aca ri 

Dia mar an aon Tighearna. Tha spiorad an Dè 

bheò a cur duin' as a bheachd so le fìrinn an 

Sgriobtuir, a' dearbhadh nach 'eil aige fior 

chreidimh, agus mar sin nach 'eil còir aig' air 

Criosd, no idir fior ghràs slàinteil; a' nochdadh 

eadar-dhealachadh soiiieir eadar fior ghràs agus 

na barailean cealgach a bha aig an duine ann fèin ; 

agus an t-eadar dhealachadh tha eadar e fèin 

agus a mhuinntir a tha 'nam fior chreid'ich, mar 

shaoithrich Criosd a dheanamh dhoibh sin ann an 

Eoin viii. 42, 44, " Nam b'e Dia bhur n-Athair, 

ghràdhaicheadh sibh mise : Tha sibhse o bhur n- 

athair an diabhul, agus is iad ana-mianna bhur n- 

athar a's toil leibh a dheanamh." Air chor 's gu 

bheil eagal a' glacadh a chealgair 'na chridhe. Isa. 

xxxiii. 14, gu h-àraidh 'nuair tha Dia a' foiUseach- 

adh dha cùmhnantan'ann am mòran de na geall- 

aine sin anns am bu mhò an robh e cur d'a dhòchas, 

ro dhuilich fhaotainn; tha e nis a mothachadh 

gur nì-eiginn eile gràs agus creidimh, 's nach iad 



Shlàinteil ann an Criosd. 3 9 

idir na nithe a shaoil leis roimhe so a bha annta, 
Feudaidh sinn ann an seadh-eiginn am focal sin a 
cho'-chur 's an àite so, '' Tha 'n Spiorad a' toirt 
dearbh-shoilleireachd dha mu pheacadh^ do bhrìgh 
nach do chreid e anns a Mhac," tha geur-mhoth- 
achadh air a thoirt dà gu sònruichte mu mhì- 
chreidimh, Eoin xvi. 9. Tha e nìs a' faicinn 
eadar-dhealachadh mòr eadar e fèin 's na daoine 
diadhaidh, a shaoil leis roimhe so nach ro mur- 
rachas sam bith ac' air fèin, ach amhàin ann am 
mion-fhoirm uaibhreach, fhuathach, neo-fheum- 
ail ; tha e nis a' faicinn gu'n robh e air a mheall- 
adh, agus air an t-slighe leathain maille ris an t- 
sluagh a tha dol am mugha ; agus mar so leis an 
t-sealladh so air a thruaighe, tha e cromadh a 
sios fo 'uallaich fèin, a shaoil e roi 'n àm so, gu'n 
robh Criosd 'ga ghiùlan air a shon ; tha e nis a' 
gabhail eagail roi' na geallainean, airson nam 
briathra so 's an leithidean eile, " Ciod do ghnoth- 
uch ri m' chùmhnant' a ghabhail ann ad bheul ?" 
&c. Salm ]. 16. 

3. Tha 'n duin' a' fàs cùramach m'a shlàinte, 's 
a' tòiseachadh air suim a ghabhail de'n chàis mar 
an t-aon nì feumail ; tha e air a thoirt chum na h- 
inbhe so maiile ri fear-coimhead a phrìosain, 
Gniomh xvi. 30, " Ciod is còir dhomh a dhean- 
amh chum gu tèarnar mi ?" 'Se slàint' 'anma an 
ni a's mò tha cur do dh' iomaguin air: se sin an 
nì bu lugha bha 'na aire roimhe so, ach a nis tha 
e faghail buaidh air, 's cha 'n 'eil mòr-shuim aige 
de nithibh eile. Do bhrìgh gu bheil 'anam ullamh 
gu dol am mugha, ciod a bhuannachd a ni e dhà 
ged a chosnadh e 'n saoghal ma chailleas e 'anam ? 
Mat. xvì. 26. Tha cuid ann an so tha air an 



40 Deuchainn mu Chòir 

ciir thuige gu ro mbòr le smuaintibh mu òr- 
dugh neo-chaochlaideacb Dhè chum an cron, 's le 
eagal bàis neo-chinnteach, a dh' fheudas an glac- 
adli mum faigh iad gnothaichean a thoirt gu 
crìch ; agus tha daoin' eil' ann a tha air an cràdh 
le smuaintibh, gu bheil iad ciontach de'n pheac- 
adh an aghaìdh an Spioraid Naoimh anns nach 
faìghear maitheanas, agus a tha air an tarruing 
air an dòìgh so gu staid ro chunnartach, agus 
Satan a' nochdadh dhoibh iomad coimeas truagh, 
mu dhaoin' a chuir gu brònach crìoch air an 
gnàthachadh fèin : ach tha iadsan ann an làmh- 
aibh neach aig a' bheil dearbh-fhios cionnas a ni 
e còmhnadh riùsan a tha air am buaireadh. Eabh. 
ii. 18. 

4. *Nuair tha duine mar so ann an cunnart 
tuiteam, tha 'n Dia tròcaireach a' gnàthachadh 
obair thròcair chum a chumail suas gu sàmhach, 
dìomhair os 'n ìosal : 's a' foillseachadh d'a inn- 
tinn gur comasach dha bhi air a shàbhaladh, 
a' treòrachadh an duine gu cuimhneachadh air 
dearbhadh làidir mu shaor-ghràs saibhir Dhè, a 
tha toirt maitheanas ann am peacaibh ann-trom, 
mar bha Manasses, neach a bha 'na fhear iodhol- 
aoraidh 's 'na dhuine fuilteach, agus aig an robh 
comunn ris an diabhul, agus gidheadh fhuair e 
maitheanas, 2 Chron. xxxiii. 12, 13, agus iomad 
earrann eile de'n Sgriobtuir a tha tairgse gràs 
agus fàbhar Dhè do gach aon neach a bheir gèill 
do Chriosd, ge b' e nì d' an robh iad ciontach 's 
an àm a chaidh seachad; air chor 's gu bheil an 
duin' air a thoirt a rithist chum na h-inbhe so, 
<' Ciod a nì mi chum bhi air mo shàbhaladh ?" nì 
tha ciallachadh, gu bheil e ann am barail gur 



Shlàinteil ann an Criosd, 41 

coinasach dlia blii air a sliàbhaladh, no clia cliuir- 
eadh e a cheist. Tha e co'-chur an f hocail so iio 
leithid eile rìs fèin, " Fendaidh e bith gu'm bi 
sibh air bhiir folacli ann an latha feirg an Tigh- 
earna," Seph. ii. 3. Ni bheil e nis a' faicinn ni 
air bith 'g a bhacadh o thròcair ma tha chridhe 
toileach gabhail ris. Gidheadh feudaidh e bitli 
nach 'eil an duin' a' toirt fainear, gur h-e an 
Tighearna Dia tha 'ga chumail suas 's an àm so, 
ach feudaidli e aithris an dèigh so, " Nuair bha 
chos a' sleamhnachadh, gu 'n do chura tròcair 
Dhè suas e ;" mar a chì sinn, Salm xcìv. 17, 18, 
an Salmadair a' labhairt ann an cùis eiìe. Agus 
their e 'n dèigh sin, Nuair bha e mar bhrùid 's 
mar amadan, air ioma dòigh, gun do clmm Dia 
suas air làimh e, Salm Ixxiii. 22, 23. 

5. An diaigh dha f haotainn amach mar so, gur 
comasach dha bhi air a thèarnadh, tha obair tog- 
raidh air a beothachadh anns an anam ; ni tha làn 
shoiìleir o na briathraibh ceudna, Ciod a nì mi 
ehum bhi air mo shàhhaladh ? Ach air uairibh 
tha 'n togradh so air a stiùradh gu docharach, 
'nuaìr tha e dol a raach air a mhodh so, Ciod a nì 
mi chum 's gun oihrich mi oihre Dhè f Eoin vi. 
28. Anns an staid so, tha'n duin' a bha roimhe 
so ro iomaguineach le geilt-chrith agus cùram 
mu thimchìoll a shlàinte, toileach a nis air obair 
èiginn leis fèin a dheanamh chum a shaoradh o 
thruaighe shiorruidh: agus ann an so tha e gu 
grad a' cur roimhe gu'n dean e gach nì tha air 
àithneadh *s gu 'n trèig e gach droch shliglie, 
(gidheadha' dearmad còmhnadh Chriosd iarraidh) 
's mar sìn tha e tionnsgnadh air càileiginn de 
mhisnich a ghabhail d'a ionnsuidh fein a rithist, 

c 



42 Denchainn mu Chòir 

<£ cur yhìreantachd fèin air chois, gun bhi strìochd- 
adh do dk' fhireantachd Chriosd, Rom. x. 3. Air 
an aobhar sin, tha 'n t-Uile-chumhachdach a' toìrt 
ionnsuidh eil' air, a' cur roimhe a staid chaillte ann 
fèin a nochdadh dha, air chor 's gu m faic e 'm 
feum anabarrach a tha aig air an Urras, eadhoin 
air losa Criosd ; mar rinn losa air a phobull, 
'nuair a chunnaic e gu'n robh iad cho ann-dàna 
'nan oidheirp, losua xxiv. 18, 19, '^ Cha'n urrainn 
duibh seirbheis a dheanamh do'n Tighearna/' ars' 
esan, " oir is Dia ro naomh e, is Dia eudmhor e," 
&c. Tha Dia anns an ionnsuidh so tha e 'toirt 
air an duine, 1. Ag aomadh 'na aghaidh nàdur 
spioradail an lagha; tha 'n àithne teachd le nuadh 
iarrtus 'na seadh spioradail, Rom. vii. 9. Thàinig 
an lagh^ arsa Pòl, 'se sin 'na sheadh spioradail ; 
cha d' f huair Pòl a shamhuil so do shealladh air 
an lagh riamh roimhe. 2. Tha Dia air mhodh ro 
naomh a' fuasgladh nan cuibhreach teann, a leag 
e air truailleachd an duine, 's cha 'n e amhàin gu 
bheil e fulang dha oìbreachadh agus at' 's an leth 
a stigh, ach a' bagradh gu 'm brùchd e amach 
anns na buill uile o'n leth a muigh. Mar so tha 
'm peacadh a' fàs ro dhàna, a' cur an lagha ann 
an neo-shuim, 's a' fàs ro pheacach. Rom. vii. 8, 
9, " Ach air do'n pheacadh fàth a ghlacadh tre 'n 
àithne, dh' oibrich e annam gach uile ghnè ann- 
tograidh. Oir as eugmhais an lagha bha 'm peac- 
adh marbh. Oir bha mise beò uair-eiginn as 
eugmhais an lagha: ach air teachd do'n àithne, 
dh' ath-bheothaich am peacadh, agus fhuair mise 
bàs. rann 13. An d' rinneadh an nì sin a tha raaith, 
'na bhàs dòmhsa? Nar leigeadh Dia. Ach am 
peacadh chum gu 'm faicte gur peacadh e, ag 



Shlàinteil ann an Criosd, 43 

olbreacliadh bàis annam-sa leis an nì sin a ta 
maitli ; chum tre 'n àithne gu'm fàsadh ani peac- 
adh ro pheacach." 3. Tha Dia 's an àm so a' 
nochdadh tuille don duine na nochd e riamh 
roimhe dha, neo-ghloine Tbìreantachd, agus na 
smalain a tha anns na nithibh a's fearr tha aige. 
Tha na nithe sin a' marbhadh an duine, 's tha e 
faghail a bhàis 'na bharail fèin, Rom. vii. 9, 's 
tha e call na fiuthair a bha aige ri còmhnadh ann 
fèin, mur dthig e o ionad eile. 

6. An sin, an dèigh d'a smuaintibh bhi ro iom- 
arcach, 's bitheanta leis an duine chur roimhe dol 
chum ionadeiginn diomhair; tha toil aig' a bhi 
'na aonar, cha'n urrainn e cuideachd agus com- 
panas a ghleidheadh mar b' àbhaist da, coltach 
riùsan tha ann am baile air a chuairteachadh le 
naimhdibh mì-runach, 'nuair tha iad a mothach- 
adh gur h-èiginn doibh strìochdadh, bithidh iad 
ro dheònach air tighinn an ceann-cordaidh ris na 
naimhdean chum cùmhnantan maithe air bith a 
ghabhail uatha, tha iad air ball a' dol chum 
comhairle, chum's gu 'n cuir iad an comhairle 
r'a chèile 's gu'n sùnraich iad air na nì iad. Air 
an amhuil cheudna tha 'n duin' a' triall an uaig- 
neas chum 's gu'm faigh e cothrom air labhairt 
ris fèin mu thimchioll an nì so mu 'bheil e fo 
mhòr iomaguin. Mar so tha Dia a' treòruchadh 
do 'n f hàsach, chum 's gu'n labhair e ris a chridhe, 
Hos. ii. l^. 'Nuair tha'n duine air dol an uaig- 
neas, tha smuaintibh a chridhe a bha sgaoilte 'n 
toiseach na h-oibre, a' dùmhlachadh ni's soilleire 
a stigh ann an so. Agus bheir sinn na smuainte 
sin chum na riaghailt so a Jeanas. 1. Tha 'n 
duin' a' beachd-smuainteachadh air 'amaideachd 
c 2 



44 Deucìiciinn mu Cìiòir 

neo-bhaadhar fèìn, le bhi giùlan aìrm an aghaidh 
Dhè; agiis tha smuainte cudthromach aìge mu 
thimchioll a ghiùlain 's an àm a chaidh seachad, le 
rughadh gruaidhe, 's le fèin f huath. Esec. xxxvi. 
31, " An sin cuimhnichidh sihh air bhur droch 
shlighe fein agus *ur deanadais nach robh maith, 
agus fuathaichidh sibh sibh fèin," &c. coltach ri 
Salm li. 3, " Tha pheacadh do ghnàth 'na f hìan- 
uis." 2. Tha e 'n sin a' cuimhneachadh air a 
chomhlion cothrom prìseil air gèill a thoirt do 
Dhia, a mhì"bhuilich e gu maslach; agus tha a 
spiorad an cunnart fàihieachadh le bhi cuimh- 
neachadh air na nithibh sin, mar tha e air a ràdh 
ann an cùis eile, Salm xliì. 4 — 6. '* Na nithe 
sin ds cuimhne leam agus tha mi dòrtadh amach nfì 
anama leamfein. — C'ar son a tha thu air do leagadh 
sìoSy O ra anam ? agus car son a tha thufo bhuair" 
eas an taobh a stigh dhiom ? Earb thusa d Dia ; 
Leagadh sìos nì anam an taobh a stigh dldom'' 3. 
Tha e nis a' smuainteachadh air ioma Chrìosduìdh, 
air an d'rinn e fanoid agus tàir 'na chridhe, a' 
baralachadh aige fèin gu bheil iadsan sona, air 
dhoibh an roghainn a's fearr a thogail ; tha e 
smuainteachadh air staid na muinntir tha feitb- 
eamh air Criosd, mar bha Ban-righ Shèba ag 
ràdh mu 'sheirbheisich Sholamh. ** Is sona iad 
so do sheirbheisich^' ars* ise, '•' a sheasas d tfhian- 
uis an còmhnuidh^ dg èisdeachd ri d' ghliocas" 1 
Kigh. X. 8. '^' S beannaicM iadsan a tha ndn 
cdmhnuidh dd thigh-sa, <^c." Salm Ixxxiv. 4. Bu 
mhiann leis a bhi 'na aon de'n mhuinntir a's suar- 
aich' a bhuineas do Dhia, mar tha'm mac struidh- 
eil ag ràdh, bu mhiannach leis a bhi mar aon de 
luchd-tuarasdail 'athar, Luc xv. 17, 19, 4. An 



Shlàinteil ann an Criosd. 45 

sìn tha e cuimhneachadh an deagh chliù a chaidh 
amach mu thimchioll Dhè, a rèir na fianuis sin, 
lon. iv. 2, bha fios aig an fhàidh gu'n robh e 'na 
Dhia gràsmhor agus tròcaireach, mall chum feirge, 
agus saibhir, pailt ann an gràs, &c. Tha saor 
gheallainean mòra agus tairgse nan gràs a' teachd 
a stigh ann an so, 's na h-oibribh glòirmhor a 
chaidh chur an gniomh air gach seòrta pheacach, 
a rèir cliù Dhè 'san Sgriobtuir. 5. Tha e a' 
breithneacliadh ris fèin, c' ar son a choigil Dia 
mi cho fada? agus ciod uime fhuair mi a leithid 
so do shealladii air mo pheacadh? 's c' ar son a 
chum e suas mi gu ruig an uair so, gun mi chur 
làimhe annam fèin, ann an slighe-eiginn neo- 
shona a roighneachadh dhomh fèin chum dol as 
an iomaguin fo'n robh mi ? 's c' ar son a rinn en 
caochladh mòr so orm ? Feudaidh e bith gu bheil 
'na rùn, maith a dheanamh dhomh fhathasd: O. 
nam b'e sin toil Dè, b' fhearr leam gu'm biodh a 
chùis mar sin ! Ge nach 'eil na smuainte sin uil' 
ann an obair ullachaidh gach aon neach, gidheadh 
tha iad aig mòran, agus ro-choltach far a' bheil 
iad. 

7. An dèìgh nan smuainte sìn uile, tha'n duine 
cur roinihe ùrnuigh a dheanamh air mhodh a's 
dùrachdaiche na rinn e riamh roimhe, 's gu 'n 
dthoir e oidheirp theann air cùmhnant' a dhean- 
amh ri Dia ; tha e faicinn, nach urrainn e bhi ann 
an staid ni's miosa na anns a' bheil e ; oir ma dh' 
f hanas e mar tha e bàsaichidh e, mar thuirt na 
lobhair, 2. Righ vii. 3, 4. Tha e toirt fainear leis 
a mhac struidheil a bha air a ro theannadh le oc- 
vas., gu bheil aran ni 's leòir agus r' a sheachnadh 
ann an tigh an Athar, ged a tha iadsan a' bàs- 
c 3 



46 Deuchainn mu Chòir 

achadh le gòrta : Mar so tha e dol a dh* ìonns- 
uidh Dhè, oir ni bheil fios aige ciod tuiir a ni e 
r a staid, mar rinn am mac struidheil. Luc xv. 
17, 18. Agus feudaidh e bith gu bheil e meòr- 
aich *na inntinn fèin, ciod a labhras e, mar bha 
m mac struidheil, Luc xv. 18, 19, 21, " Eiridh 
mi, agus theid mi dh' ionnsuidh m' athar, agus 
their mi ris, Athaìr, pheacaich mi an aghaidh 
fhlaitheanais agus a* d' làthair-sa. Agus chan 
airidh mi tuiUeadh gu 'n goirte do mhac-sa dhiom : 
dean mi mar aon do d' luchd-tuarasdail. Agus 
dh' èirich e agus chaidh e dh' ionnsuidh 'athar. 
Agus thubhairt am mac ris, Athair, pheacaich mi 
an aghaidh fhlaitheanais, agns a' d' làthair-sa^ 
agus cha 'n airidh mi tuiUeadh gu'n goirte do 
mhac dhiom." 

Agas a nis, 'nuair tha e teachd an làthair Dhè 
ni's follaiseiche na thainig e riamh roimhe, 1. 
Tha e tòìseachadh mar rinn am Cìs-mhaor fad' 
air astar, Luc xviii. 13, le làn-aidmheil 's le fèin- 
dhìteadh, ni tha e deanamh gu ro phailt, mar a 
chì sinn, Luc xv. 21, ^* Pheacaich mi an aghaidh 
fhìaitheanais, agus a' d' ìàthair-sa. Agus cha'n 
airidh mi tuiileadh, &c." 2. Tha nis a smuainte 
a' tionnsgnadh mu thimchioU èisdeachd ùrnuigh, 
nì nach bu ghnàth leis a chur ach ro bheag an 
teagamh ; tha e tuigsinn ciod tha briathra sin nan 
naomh, mu thimchioll an ùrnuigh èisdeachd, a' 
ciallachadh. 3. Tha e ro chomharaichte anns an 
athchuinge so gu bheil mòran de chainnt neo- 
iomlan ann, coltach ri Salm vi. 3, " Ach thusa, 
O Thighearna, cia fliad?" air a chur an cèiU le 
osnaibh do-kibluiirt, Rom. viii. 26, agus le amharc 
^w ro thogarrach suas ri ionad còmhnuidh un 



Shlàinteil ann an Criosd, Al 

Uile-chumhachdaìcli, 's leis a sin a labhairt toìlle 
na 's comasach a chur an cèill le cainnt. 4. 'S 
bitheanta le càileiginn de stad, agus mar gu m b' 
ann, neo-bhunailteachd, a bhi 's a chùis ; tha'n 
duin' air uairibh a' labhairt ris an nàmhhaid, air 
uairibh r'a chridhe fèin, 's air uairibh eile ri sluagh 
an domhain, mar rinn Daibhidh ann an cùisibh 
eile, Salm ix. 6, " Chaidh crìoch air sgrios an 
nàmhaid am feasd ; leag thu sìos am bailte mòra : 
theid as d' an cuimhne maille riu fèin." Salm 
xlii. 5, '' C arson a tha thu air do leagadh sios, 
O m' anam ? agus c' arson a tha thu fo bhuaireas 
an taobh a stigh dhiom ? earb thusa a Dia ; oir 
fathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise, agus 
mo Dhia." Salm iv. 2, ** A chlann nan daoine, 
cia fhad a thionndaidheas sibh mo ghlòir chum 
nàire?" 5. Tha e soilleir ann an so, gu 'm bi 
*n duiu' air uairibh 'na stad gu tosdach, chuni 
cagraich èiginn neo-shoilleir de dh' fhuaim ait a 
tha deah^adh air an inntinn, a chluinntinn, no 
sgeul èiginn ann am briathraibh neo-iomlan do 'n 
Sgriobtuir, agus a's maith a dh' f haoidte gur gann 
a tha e mothachadh gur h-ann do'n Sgriobtuir a 
tha e, no co dhiùbh thainig e o Dhia no o Shatan 
chum a mhealladh : gidheadh chuir e so roimhe, 
gu'n èisd e amhàin ris an ni a labhras an Tigh- 
earna Dia, mar tha 'n Sahnadoir ag ràdh Salm 
Ixxxv. 8. 6. Tha geallainean a's soilleire a' 
teachd gu cuimhn' an duine, air a' bheil e 'g 
oidheirpeachadh greim a dheanamh, ach tha e 
aìr a churnail air ais le cunnuile, mar tha Daibhidh 
a' labhairt ann an cùis eile, Salm xxii. 3, 6, " Tha 
thusa naomh ; ach is cnuimh mise." Tha e nise 
mu thimchioll briseadh na fàire aig an duine, ro 



48 Deuchainn mu Chdir 

dhlù do bhi làn-sLoilleir, agns mosglaidh creid- 
imh co luath 's a phàirticheas Dia an fhuaim tha 
aoibhneach ait, Salm Ixxxix. 15. 'Se so suim a 
cho'-cheangail, a dh' fheudar a chur sìos gu h- 
aithghearr anns na briathraibh so. " 'Se losa 
Criosd mo mhac gràdhach anns a' bheil mo mhòr- 
thlachd; èisdibh-se ris." — Cha'n 'eil e 'n comas 
duinn ìabhairt ni 's faide mu ghnàthachadh duine, 
niar obair roi'-ullachaidh oir tha tuille 's sin 
anns na nithibh a leanas. Gidheadh chum 's gu 
'm biodh an gnàthachadh iomlan, labhraidh sinn 
ann an so, an dèigh nan nithe sin uile gu 'm feud 
e bith, gu'n iomchair Dia, an dèigh ioma freag- 
radh de sheòrtaibh eugsamhuil, fuaim a choimh- 
cheangail fèin a stigh do'n chridhe, agus gu 'n 
aom e 'n cridhe chum gabhail ris ; agus tha Dia 
mar so a' tarruing duin' a dh' ionnsuidh Chriosd, 
Eoin vi. 44, 's a' dealbh a chridhe a mach fa 
chomhair, air chor 's nach feud e fàihieachadh 
anns a chùis ; oir a nis tha'n cridhe 'am fad 's 'an 
leud, freagarrach fa chomhair Chriosd, air chor 's 
nach urrainn nì a's lugha a shàsuchadh 's nach iarr 
e tuille, mar tha Daibhidh ag ràdh, Salm Ixxiii. 
25, «' Cò th' agam anns na nèamhaibh ach thusa ? 
agus an coimeas riut cha 'n 'eil neach air thalamh 
air am bheil mo dhèigh." Tha 'n t-anam a nis a' 
cur roimhe bàsachadh, ma dh' iarras Dia air e, 
ged nach 'eil e fhathast ach aig a dhorus, agus 
'aghaidh d' a ionnsuidh. 

Tharruing sinn an obair roi'-ullachaidh so gu 
càileiginn de dh' fhad, gun bhi ceangal aon neach 
r a shamhuil so de dh' obair ullachaidh mar chaidh 
a soiJleireachadh ann an so ; ach amhàin tha sinn 
ag ràdh, gu bheil Dia a' buntainn mar so ri cuid 



Shlàinteil ann an Criosd, 49 

èiginn; agus far a' bheil e toirt na h-uiread 
dhearbh-shoilleireachd do dhuine air a pheacadh, 
air a thruaillidheachd, 's cho neo-chomasach 's a 
tha e ann fein air nì maith air bith a dheanamh, 's 
a' toirt air mòr-chùram a ghabhail d' a shlàinte 
shiorruidh, mar an t-aon nì feumail : 's 'ga chur 
gu obair ann an gnàthachadh nam meadhona a dh' 
orduich Dia chum cobhair 'an àm feuma ; tha mi 
'g ràdh, nach bitheant' a gheibhear a mach gu 'n 
cìthig a samhuil so de dh' obair goirid air crich 
rahaith agus ghràsmhor. Gu'm brosnuicheadh 
Dia daoine chum a chùis a rahion-rannsuchadh le 
mòr-dhùrachd, agus neart agus gràs iarraidh air 
Triath na beatha chum an obair a choimhlionadh. 



CAIB. VI. 

An t-eadaT'dJiealachadh a ika eadar an lagh ohair- 
ullachaidh sin aig d hheil crìoch ghràsmhor^ agus 
geur-nihothachadh chealgairean. 

CuNN. Tha glua?ad mòr coguis, agus geur- 
mhothachadh mu thimchioll peacaidh aig cealgair- 
ean 's aig daoine neo-dhearbhta mi-dhiadhaidh, 'g 
an cur gu obair air uairibh ; agus tha rai fo amh- 
arus nach 'eil an aon lagh-obair-ulluchaidh a bha 
riamh agams', ach ion-samhuil na h-oibre tha aig 
a mhuinntir sin, 

Freag. Bhiodh e ro dhuilich an t-eadar-dheal- 
achadh cinnteach tha eadar an obair-ullachaidh tha 
anns a mhuinntir sin anns a' bheil Criosd air a 
dhealbh an deigh hìimhe, agus gluasad an lagha, 
tlia air uairibh anns na daoine an-diadhaidh a 



60 Dmchainn mu Chòir 

nochdadh; mur biodh crìoch èiginn ghràsmhor 
aig geur-mhothachadh 's aig dùsgadh coguis luchd 
muinntir an Dè bheò, agus comharan eile m' an 
labhair sinn an dèigh so, bhiodh e deacair r'a 
chur an cèill aon eadar-dhealachadh soilleir eadar 
an dà chuid ann an gluasad an lagha. Gidheadh 
mar fhreagradh do 'n chunnuil, nochdaidh mi 
nithe èiginn nach bitheant' a gheibhear ann an 
gluasad nan aingidh, 's a tha ro ghnàthaicht' anns 
an lagh-obair sin aig a' bheil crìoch ghràsmhor. 

Cha'n eil geùr-mhothachadh chealgairean agus 
dhaoine neo-dhearbhta, gu bitheant' ach as leith 
beagan de pheacaibh ro ann-trom uamhasach. Wi 
bheil Saul ag aideachadh ach geur-leanmhuinn 
Dhaibhidh, agus tha sinn a' faicinn gu 'n robh e 
ciontach de dh* ioma peacadh os-bàrr air sin, 1 
Sam, xxvi. 21 ; xxviii. 7, 8. Cha 'n 'eil ludas ag 
aideachadh ach amhàin fuil neo-chiontach a bhrath, 
Mat. xxvii. 4. Ach 's bitheanta leis na geur- 
mhothachaibh sin leis a' bheil Dia ag ullachadh a 
shlighe fèin anns an anam, gun iad a stad le cuid- 
eiginn de na peacaibh aideachadh, ged tha iad a' 
tòiseachadh aig peacaibh ro ann-trom ghràineil ; 
ach tha 'n diiin' air a threòrachadh air aghaidh gu 
ioma ceannairc an aghaidh 'n lagha fhaicinn, agus 
** uilc gon àireamh 'g a chuairteachadh," mar thuirt 
Daibhidh, 'n uair a f huair e sealladh air a pheac- 
adh . Salm xl. 12, agus mar an ceudna, cha 'n 'eil 
an iàn gheur mhothachadh sin coitchionn mar a 
chluinneas sinn daoine gun tuigse gu bitheant' ag 
ràdh, ** gM bheil iad a' peacachadh anns na h-uile 
nithe ;" ach tha e sònruìcht' agus iriosal mar labh- 
aìr Fòl uime fèin an deigh làimhe ; cha'n e amhàin 



Shlàinteil ann an Criosd. 5 1 

gu 'm b' esan " am peacach bu mliò," acli bha e 
g"u sònmichte *na " fhear labhairt thoibheum^ 's 
'na fhear geur-leanmhuinn." i Tim. i. 13. 

2. Cha tric a ruìgeas geur-mhothachadh chealg- 
airean an truailleachd, agus corp a bhàis sin, a tha 
tàrmuchadh fuath do'n ni tha maith, agus dian- 
thogradh chum an ni tha olc. *S bitheanta chì 
sinn 'nuair tha cealgairean a' labhairt umpa fèin 's 
an Sgriobtuir, gur h-ann le ard»bharail, agus le 
càileiginn de dh' fhèin-spèis mu 'n timchioll fèin 
a tha iad a' labhairt, araon a thaobh an saorsa o 
thruaìllidheachd, Eoin ix. 34< ; tha na Pharaisich 
ag ràdh ris an duine bhochd, " Rugadh thusa 
uile ann am peacaibh, agus am blieii thu 'gar 
teagasg-ne ?'* mar nach biodh iad fèin cho truaill- 
idh a thaobh nàduir ris-san ; tha iad a' labhairt 
mu pheacanna mòra, mar rinn Hasael, 2 Righ. 
viii. 13, " An cù do sheirbhiseach gu 'n deanadh 
e an ni mòr so?" Agus mar an ceudna 'nan 
gabhail dleasnais os làimh, mar thuirt an Sgriobh- 
uiche, Mat. viii. 19, ^^ A mhaighstir, leanaidh 
mise thu, ge b'e taobh a thèid thu." Faic cionnas a 
tha 'm pobull ag ràdh, ler. xlii. 2—6, tha iad a' 
gabhail os làimh gu 'n dean iad gach ni a dh' 
àithneas an Tighearna Dia dhoibh : air chòr 's gu 
bheil iad f hathasd anns gach cùis, a' cur am fìr - 
eantachd fèin air chois, gun bhi strìochdta do dh' 
fhìreantachd Dhè, Rom. x. 3. Ach feudaidh mi 
a ràdh nach e geur-mhothachadh agus gnàth-obair 
mu thimchioll truaiU'eachd, agus corp a bhàis sin, 
a tha claonadh chum uilc, agus a' fàgail neo- 
thogarrach chum maith, an earrann a's lugha de'n 
obair far a' bheil Dia ag ullachadh a shlighe fcin. 
'S gnàth leo iad fèin a mheas 'nan daoine ro 
c 4 



52 Deucìiainn mu Chòir 

tbruagh a thaobh lìonmborachd a pheacaìdh, 's tha 
e 'na spàirnn ro chruaidh orra fhaotainn a mach 
cionnas a bhitheas iad air an saoradh uaithe, mar 
tha Pòl a* labhairt 'nuair tha e fo ghnàth-obair m' 
an chùis sin an dèigh làimhe. Rom. vii. 24<, ** Och 
is duine truagh mi ! cò a shaoras mi o chorp a bhàis 
so ?" 3. Gheibhear a mach gu bitheanta, nach 'eil 
geur-mhothachadh chealgairean an dara cuid co ro 
dhùrachdach, 's nach cuir ghnothuch èiginn eil* as 
an aire iad mum faigh iad toil^inntinn na suaimh- 
neas d' an taobh ; mar thachair do Chain, a chaidh 's 
a thog baile, 's cha 'n 'eil sinn a' cluinntinn a bheag 
tuìlle mu thimchioll a gheur-mhothachaidh, Gin, 
i\r. Dh' fhalbh Felics gu àm a b' iomchuidh, 's 
cha 'n 'eil sinn a' cluinntinn luaidh air a chrioth- 
nachadh ni's mò, Gniomh. xxiv. 25. No ma tha 
'n obair sin a' fàs ro dhùrachdach, an sin tha e 
dol gu anabharr' air an taobh eile, 's a' tuiteam 
ann an eu-dòchas gun dùil ri tròcair, no ri slighe 
chum dol as o'n chunnart anns am bheil e 'ga 
fhaicinn fèin. Air a mhodh so tha sinn a' faicinn 
gu'n robh ludas ro dhùrachdach 'na gheur-mhoth- 
achadh, gidheadh dh' fhas e eu-dòchasach agus 
chroch se e fèin, Mat. xxvii 4, 5. Ach far a' 
bheil Dia ag ullachadh a shlighe fèin, tha'n obair 
a' fàs cho dùrachdach, 's nach feudar an duine 
chur 'na thàmh gus am faigh e càileìginn de thoil' 
eachadh ; agus gidheadh fo 'n ro dhùrachd so fèin 
tha e feitheamh ri furtachd fhaghail o Dhia trid 
Chriosd : tha so soilleir o chainnt fear-coimheid a 
phrìosain " Ciod is còir dhomh a dheanamh chum 
gu tèarnar mi." Gniomh. xvi. SO. Tha 'n geur- 
rannsuchadh dùrachdach so mu chobhair f haotainn, 
'na nì ro chomharaichte anns an obaìr-ullachaidh a 



Shlàinteil ann an Criosd. 53 

threòraìcheas duin* a dh' ionnsuidh Chriosd, ard- 
lèigh an anama. Gidheadh cha 'n 'eil sinn ag 
iarraidh gu n earbadh neach air bith a staid gu h- 
iomlan ris na nithe sin, do bhrigh gu n do luathas- 
aich Dia eadar-dhealachadh soilleir eadar na 
daoine diadhaidh *s na daoine mi-dhiadhaidh. 

Cunn. Tha gnàth-eagal orm nach dthug Dia 
na h-uiread sheallaidh dhomh air mo pheacaibh 's 
air mo thruaighe 's a tha e toirt do mhòran a tha 
e 'gairm gu h-èifeachdach, gu h-àraidh do m' 
leithid-se do pheacach ro mhòr. 

Freag, Tha e ro fhìor gu bheil an Tighearna 
Dia a' nochdadh do chuid de dhaoine seallaine ro 
nihòr d' am peacadh 's d' an truaighe, agus tha 
iad leis a sin air an cur fo mhòr-eagal roi 'n lagh : 
ach do bhrìgh nach 'eil gach uile neach air an toirt 
dlù do Dhia leis an lagh-obair ullachaidh sin air 
mhodh mothachail, mar a nochd sinn roimhe; 
mar sin tha eadhoin a mhuinntir ris am buìnear 
air an dòigh sin leis an lagh-obair, gnàthaichte ri 
oibreacha fa leith, agus eugsamhuil a thaobh 
tomhas an eagail, agus buanachadh na h-oibre sin. 
Tha obair dhian, neo-mhaireannach aig fear- 
coimheid a phrìosain ; tha aig Pòl obair a mhair 
trì làithe; agus tha daoin' eil' air an cumail fo 
dhaorsa rè am beatha, trid eagail a bhàis. Eabh. 
ii. 15. Air chor 's nach feud sinn an Tighearn' a 
chumail ri aon dòigh oibreachaìdh ann an so. 'S 
e 'n nì àraidh ris a' bheil sinn gu amharc anns na 
dùsgaibh agus anns na geur-mhothachaibh sin a 
tha 'n lagh a' toirt duinn mu pheacadh agus mu 
thruaighe, ma tha Dia a' ruigheachd nan crìoch 
sin annainn, air son a bheil na dùsgaidh agus na 
geur-mhothachaidh sin gu bitheant' air an cur a 



64 Deuchainn mu Chòir 

steacli do'n anam ; 's ma ràinig na nithe sìn air an 
rùn, tlia 'n sin ni's leòir, 's cha ruig sinn a leas a 
bhi fo iomaguin mu thimchioli obair-ullachaidh 
sam bith tuille. A nis tha ceithir aobhair aìr son 
a' bheil Dia a' buntuinn gu bitheanta ri peacaich, 
le eagal an lagha, 's leis a mhosgladh coguis sin. 

Air tùs tha 'n Tighearn' a' nochdadh sealJadh 
de pheacadh agus de thruaigbe dhaoine dhoibh, 
chum an cur o bhi deanamh bun no earbs' as am 
f ireantachd fèin, agus as an ard-bharail a th' aca 
m' a thimchioll. Tha daoin' a thaobh nàduir a' 
toirt caidrcamh do smuaintibh àrda mu 'n tim- 
chioll fèin, 's tha mòr thogradh aca a dh' ionns- 
liidh cùmhnanta nan gniomh: Tha Dia air an 
aobhar sin a' nochdadh dhoibh na h uiread de 'm 
peacadh 's de 'n truaillidheachd, eadhoin anns na 
iiithe a's fearr a th' aca, air chor 's gu bheil iad 
a* toirt fuath dhoibh fèin, 's a' call an dòchais mu 
chobhair air bith annta fèin chum furtachd orra 
an àm feuma: ionnas gu bheil iad air an co'- 
èigneachadh chum am iìreantachdfèin agus cùmh- 
nanta nan gniomh a thrèigsinn, agus tèarmunn 
iarraidh ann an ionad èiginn eile, Eabh vi. 18. 
Tha iad a' fàs marbh dhoibh fèin 's do'n lagh a 
thaobh firinneachadh, Kom. vii. 4. An sin cha 
'n 'eil tuille muinighin aca 's an fheòil, Philip. iii. 
3. Tha so air a chiallachadh ann an tairgse 
Chriosd, a' teachd a dh' iarraidh 's a shàbhaladh 
nan daoine bha caillte, Luc xix. 10, agus a chum 
a bhi 'na lèigli dhoibhsan a tha euslan, Mat. ix. 
12. 

'S e 'n dara aobhar mòr, losa Criosd a chliùth- 
achadh do dh' anuiaibh dhaoiiie os cionn gach ni 
eile, chum 's gu 'n tuit iad ann an trom-ghaol 



Shlàinteil ann an Criosd, 55 

air 's gu 'n teich iad gu luath a dh' iconsuidh 
an ionnihais agus na seuda luachmhoire sio, a 
tha amhàin comasach air duine dheanamh làn 
shaibhir, Mat. xiii. 44*, 46, agus le so a dheanamh 
gu 'm bi iad freagarrach do rùn an Tighearna ann 
an deaìbh an t-soisgeil, a tha foillseachadh a shaor 
ghràis trid losa Criosd ann an sìàinte dhaoine. 
'Se sealladh a thoirt do dhuin' aìr a thruaighe fèin 
's air a staid bhrònaich a thaobh nàduir, an aon 
dòigh chum meas àrd urraraach a bhi aige air 
Slànuighear nam buadh, a tha amhàin comasach 
air a shamhuil sin de chreutair truagh a shaoradh 
o chuing a pheacaidh, agus o n staid chunnartaich 
anns a bheil e. Ni h-e amhàin gu bheil e ag 
aoraadh duine gu mòr-raheas a bhi aig' air Criosd, 
ach raar an ceudna air gach nì a bhuineas do 
shlighe na slàinte, raar tha gràs, au nuadh cho'- 
cheangal, creidimh, &c., agus ni e ro chùraraach e 
chura a nithe prìseil no a Sgriobtuiribh òir a 
chruinneachadh r'a chèile chum a chòir air na 
nithibh sin a dheanamh cinnteach. 

'Se 'n treas crìoch àraid, Daoine fhuadach *s 
an cumail o bhi cur peacaidh an gniomh, 's a 
thoirt orra cùl a chur ris gach ann»diadhachd, 
agus aontachadh chum am rauineal a chur fa 
chuing Chriosd gu h-iomlan. Tha Dia le raoth- 
achadh a thoirt do dhaoine air am peacadh a^ 
lasadh ni-eiginn 'n an cridhe a tha 'na sharahladh 
ann an càil air ifrinn, raar raheadhon ullarah gu'n 
cur fa gheilt o sin a raach, le fìos a bhi aca cia 
searbh do-ghiùlan an ni dealachadh ri Dia, ler. ii. 
19. Mar so chì sinn fois agus tàmh le raòr- 
shuairahneas air a thairgse do 'n rahuinntir a tha 
sgìth, fann, air chùmhnant 's gu'n gabh iad orra 



56 Deuchainn mu Chòir 

€uing Cliriosd, Mat. xi. 29. " Gabhaibh ino 
ehuing oirbh, agus fòghlumaibh uam, oir a ta 
mise macanta agus iriosal an cridhe; agus gheibh 
sibh fois do bhur n-anamaibh.'* Agus tha Dia a' 
tairgse gabhail ri daoine, mar an Dia 's mar an 
Athair, air chùmhnant 's nach dthoir iad caid- 
reamh shìothchail do Bhelial, 2 Cor. vi. 14, 15, 17, 
18, " Ciod e caidreamh na fìreantachd ri neo- 
f hìreantachd ? agus ciod e comunn an t-soluis 
ris an dorchadas ? Agus ciod an rèite a ta aig 
Criosd ri Belial ? Uime sin thigibh a mach as am 
meadhon, agus dealaichibh riu, tha an Tighearn 
ag ràdb, agus na beanaibh ris an ni neoghlan ; 
agus gabhaidh mise a m' ionnsuidh sibh, agus 
bithidh mi am' Athair dhuibh, agus bithidh 
sibhse 'n ur mic agus 'nur nigheanaibh dhomh-sa, 
tha an Tighearn uile-chumhachdach ag ràdh." 

'S e 'n ceathramh crìoch mhòr, daoine oibreach- 
adh suas chum ùmhlachd thaingeil fhoighidnich 
do uile thoil a Mhaighstir. 'S earrann shònruichte 
de dh' obair an ni so. Esec. xvi« 63, ^' A chum 
gu 'n cuimhnich tlìu, agus gu'm bi nàir' ort, agus 
nach fhosgail thu do bheul gu bràth ni 's mò, do 
bhrìgh do nàire, 'nuair a bhios mise rèidh riut air 
son gach uile ni a rinn thu, deir an Tighearn 
lehobhah." Fàgaidh sealladh air a thruaillidh- 
eachd 's air a thoillteannas fèin duine 'na thosd, 
agus bheir e air a làmh a chur air a bheul, ge b'e 
nì ni Dia air, Salm xxxix. 9, " Bha mi a' m* 
thosd, cha d' f hosgail mi mo bheul, a chionn gur 
tusa a rinn e." Esra ix. 13, " O nach d' rinn 
thusa ar Dia peanas oirnn a rèir ar droch thoillfc- 
eanais." Mic. vii. 9, " Giùlainidh mi corruich an 
Tighearna, a chionn gun do pheacaich mi na 



Shlàinteii ann an Criosd, 57 

aghaidh." Clia 'n *eil soim aìge cìod tlia Dia n' 
deanarah air, na cia raar bhuineas e ris, raa shaoras 
se e o 'n fheirg a tha chum teachd. Tha tròcair 
aìr bith 'na shochair mhòr leis an duine fhnair a 
leithid sin de shealladh air fèin ; tha e nì's higha 
na 'n tròcair a's lugha. 'Se beatha aon spruidh- 
leach a thuiteas o bhòrd a Mhaighstir, Mat. xv. 
27. Tha e 'ga mheas 'na thròcair mhòr nach 'eil 
e air a sgrios gu tur, Tuir. iii. 22. 'Se so an ni 
a tha gn h-iongantach a' fàgaii pobull bochd triob- 
luideach Dhè co tosdach fo 'n triobluid, agus co 
toilichte le'n crannchur ; 's ann a tha iad a' meas 
gu bheil esan a' toilltinn ifrinn na dòruinu, a tha 
gabhail gu h-olc aon ni tha Dia a' deauamh air, 
o'n a thug e maitheanas da 'na uile pheacaibh. 

Mar sìn mata, chum a chunnuil a shàsucliadh, 
tha mì 'g ràdh ma dh' f hògair an Tighearn' thu o 
earbsa dheanamh à t-fhìreantachd no à d' neart 
fèin, agus ma chliùthaich e Criosd do d' chridhe 
^s cionn gach nì agus neach eile ; 's ma thug e 
( 'na neart fèin ort a chur romhad cogadh a thogail 
an aghaidh gach peacadh air a' bheil thu fiosrach ; 
's gu bheil thu ann an tomhas mar leanabh air dol 
o'n chìch, ran-toilichte leis na rinn e as do leith, 
a' miannachadh do làmh a chur air do bheul air 
mhodh taingeil; an sin 's leòir na tha agad de 
gheur'mhothachadh air peacadh agus air truaighe, 
agus t-obair roi' uUachaidh ciod air bith i, 's cha 
chòir dliuit tuille teagaimh a chur mu thimchioll 
na cùise : ach amhàin gabh comhairle gu dìcliioll 
a dheauarah air nuadh-f hoillseachadh agus barrachd 
raothachaidh fhaotainn gach aon là air do staid 

Ichaillte 's air t-fheura anabarrach air losa Criosd 



58 Deiichaimi mu Chòir 

agus follaiseach, sean agus nuadh, gein agus 
gniomli ; agus mar an ceudna chum nuadli chobhair 
fhaicìnn ann an Criosd, neach a tha 'na Shagart 
g\i siorruidh chum eadar-ghuidhe a dheanamh; 's 
a chum obair na naomhachd agus na foighidinn ]e 
taingealachd athnuadhachadh 's ath-bheothachadh 
gu bitheanta: oir 's èiginn do chàileiginn de'n 
obair sin a tha 'ga d' irisleachadh fèin, 's ag àr- 
duchadh Chriosd, 's a tha co'-fhreagradh d' a thoil, 
do stiùradh rè fad do bheatha 's an t-saoghaL 



CAIB.VII. 

Mu Chreidimh, 

Tha sinn a nis a' teachd chum labhairt mu thim- 
chioU chomharan ni's soilleire agus ni 's cinntiche, 
leis am feud daoine an staid ghràsmhor 's an còir 
air Criosd aithneachadh. 'Se cheud nì leis am 
feud daoine an staid ghràsmhor a thuigsinn, ma 
tha iad a' gahhail ri Criosd mar a tha e air a 
thairgse gu saor anns an t-soisgeul. 'Se so 
creidsinn no creidimh, ni is e cùmhnant' a cho'- 
cheangail Rom. iv. 16, *^ Is ann o chreidimh a ta 
'n oighreachd, hG^ Gniomh. xvi. 31. Creid anns 
an Tighearna losa Criosd, agus tèarnar tha fèin, 
agus do thigh." A nis ged tha ann am briathraibh 
soilleir, còir tre chreidimh duilich a chòmhdachadh, 
ni is e dìreach ar còir fein ann ; gidheadh 'nuair 
tha 'n cridhe a' gabhail ri losa Criosd, tha e cho 
soilleir so-mhothachaidh ann fèin, 's gu'm feud 
sìnn a chur 'an àireamh nan comharan air staid 
ghràsmhor: 's ma dhearbhas duin' a chùis so, 
eadlioin gu bheil e creidsi nn ann an losa Criosd, 



Shlàinteil ann an Criosd. 59 

tha e leis a sin a' dearbliadh gu bheil còir ro 
cliinnteach neo-mhearachdach aig' ann. 

Tha mòran daoine a' gabhail eagail gu bith- 
eanta roi *n cJiomhara so, air son aon de na trì 
nithibh so a leanas. 

l. Tha cuid de dhaoine am barail gu bheil 
creidimh 'na dhìomhaireachd ro mhòr, duilich 
ruigheachd air. Ris a mhuinntir sin tha mi 'g 
ràdh^ na bithibh ann am mearachd, oir cha 'n 'eil 
creidimh co spàìrneil 's a tha mòran a' saoilsinn : 
tha mi 'g aideachadh gur e tiodhlaca Dhe fìor 
chreidimh anns an tomhas a's lugha, agus gu bheil 
e os cionn cumhachd fola agus feòla : oir 's eigina 
do Dhia daoin' a tharruing a dh' ionnsuidh 
Chriosd, Eoin vi. 44, " Cha 'n urrainn neach air 
bith teachd a m' ionnsuidh-sa, mur tarruing an t- 
Athair a chuir uaithe mise e." Philip. i. 29, 
" Thugadh dhuibhse as leith Chriosd, creidsinn 
ann." Gidheadh bu dlmeas air Criosd, 's air 
gach ni a rinn e, a ràdh gu bheil e ea-comasach 
ruigheachd air ; mar a chì sinn, Rom. x. 6, 11. 
Ach mar so a ta an f hìreantachd a ta o chreidimh 
ag ràdh, " Na abair ann do chridhe, Cò theid suas 
air nèamh?" (sin r'a ràdh, a thoirt Chriosd a nuas;) 
No cò theid sios do 'n doimhne ? (sin r'a ràdh, a 
thoirt Chriosd a rìs o na marbhaibh : Ach ciod a 
tha i ag ràdh ? Tha 'm focal am fogus duit, ann 
do bheul, agus ann do chridhe; 'se sin focal a 
i chreidimh 'a tha sinne a' searmonachadh, ma dh' 
aidicheas tu le d' bheul an Tighearn losa, agus 
ma chreideas tu ann do chridhe, gu n do thog Dia 
o na marbhaidh e, gu'n saorar t!iu. Oir is ann 
leis a' chridhe a chreidear chum fìreantachd, agus 
leis a bheul a dii' aidichear chum slàinte. Oir a ta 



II 



60 Dmckainn mu Chòir 

an Sgnobtuir ag ràdli, Ge b'e neach a clireideas 
ann-san, cha nàraichear e.'* Bhiodii na h-uìrcad 
mu'n chùis a rèir an Sgriobtuir sin, 's a' ràdh, cha 
d' thainig Criosd a nuas o nèamh, cha d' èirich e 
o na marbhaibh, *s cha mhò chaidh e suas le 
buaidh-chaithream chum nèamh. Tha mi 'g ràdh 
gu'n d' rinn e'n t-slighe chum rioghachd na glòire 
ro fhurasd' imeachd innte; agus rinn e creidimh, 
ni is e an cùmhnant a tha air iarraidh air ar 
taobh-ne, ni 's usa na tha daoin' am barail. Chum 
's gur feaird' a thuigear a chùis so, thugaibh fain- 
ear nach e'n creidimh a dh' f hìrinnicheas a chreid- 
sinn gu bheil mi air mo thaghadh, no gu bheil 
gràdh aig Dia orm, no gu 'n do bhàsaich Criosd 
air mo shon, no an samhuil sin ; tha gun amharus 
na nithe sin ro chruaidh ruigheachd orra, agus ann 
an tùs tionnsgnaidh cha mhòr nach neo-chomasach 
do'n aitim sin a tha dùrachdach, am buidhinn ; 
'nuair tha ana-creidich a tha ann an staid nàduir, 
agus cealgairean meallta a' mothachadh ro bheag 
spàirn 'na ràdh, gu bheil na nithe sin uil' aca 
fèin : Tha mi 'g ràdh, nach iad aon de na nithe 
chaidh ainmeachadh an creidimh fìor a dh' f hìrin- 
nicheas : ni mò is e amhàin aon bhriathar a chaidh 
a sgrìobhadh, a chreidsinn, no air am feudar 
smuainteachadh. Tha mi 'g aidcachadh gu bheil 
esan a tha creidsinn ann an losa Criosd, a' creid- 
sinn na labhair Dia mu thimchioll staid pheacach 
thruagh duin' a thaobh nàduir, agus tlia e creid- 
sinn gu bheil so fìor, *^ Gu bheil beatha anns a 
Mhac, a bha air a chur gu bàs, agus a dh' èirich a 
rithist o na marbhaibh, &c." Ach cha n 'eil a h- 
aon diu sin, no idir an ioma samhuil do dhearbh 
f iiìrinn a chreidsinn, a' soilleireachadh a mach a 



Shlàinteil ann an Criosd. 61 

chreidimh a dli' fhìreanaicìieas, iio an creidimh 
sin ann am mac Dhè, a tha air a labhairt 's an 
Sgriobtuir ; oir nam b' e sin a chùis, cha bhiodh 
ann aeh gniomh na tuigse amhàin : ach 'se 'n 
creidimh fìor a dh' f hìreanaicheas, a tha sinn 's 
an àm so ag iarraidh, mar dheagh chomhara air 
còir ann an Crìosd, gniomh no obair àraid a 
chridhe agus na toile ; air do nitiie eug-samhuil a 
bhi air an roi'-chiallachadh mu fhirinn anns an 
tuigse, leis a chridhe tha e air a chreidsinn chum 
fìreantachd, Rom. x. 10. Agus ged a tha e colt- 
ach o'n naothamh rann de *n chaibdeìl sin gu n 
sàbhalar duin' air chùmhnanta 's gu'n creid e an 
dearbh-f hìrinn so, " Gu n do thog Dia Criosd o 
na marbhaibh ;" gidheadh *s èiginn duinn nì eil* 
a thuigsinn 's an àite sin, anns an lOth rann, a 
bharrachd air f ìrinn nam briathra sin a chreidsinn : 
oir os-barr gu bheil an creidimh sin aig na 
deamhain uile, leis a' bheil ìad a* creidsinn gu'n 
do thog Dia losa Criosd o na marbhaibh ; air an 
dòigh so tha 'n Sgriobtuir gu soilleir a' nochdadh, 
gur h-e amhàin gabhail ri Criosd an creidimh 
slàinteii a dh' fhìreanaicheas, Eoin i. 12, " Ach a 
mheud as a ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd a 
bhi 'nan cloìnn do Dhia, eadhon dlioibh-san a ta 
creidsinn 'na ainm/* Tha e air a shoilleireachadh 
ann an sin gur e gabhail ri Criosd, creidsinn 'na 
ainm. Theirear do ghnàth ris, socrachadh bunailt- 
eacli air an Tighearna, dòchas a chur ann an Dia, 
Isa. xxvi. 3, a tha gu tric air ainmeachadli ann an 
leabhar nan Salm, agus 'se is ciall do 'n fhocal, 
taic no cudthrom a leigeadh air, " Is i so obair 
Dhè, gu 'n creid sìbh anns an ti a chuir e uaith," 
's a tha gu minic mar so air ainmeachadh anns an 
d2 



.62 Deuchainn mu Chòir 

Tiomna-Nuadli. 'Nuair tlia Dia toirt air daoine 
creidsinn air mliodli slàinteil, tha e air a ràdli gii 
blieil e 'g an tarruing a dli' ionnsuidh Chriosd, 
agos 'nuair tha Dia a' toirt cuireadh dhoibh chum 
creidsinn, tha e 'g an gairm d' aionnsuidh, Eoin vi. 
37, 44^, <* Gach ni a bheir an t- Athair dhomhsa thig 
e a m' ionnsuidh; agus an ti a thig a m' ionnsuidh, 
cha tilg mi air chor sam bith a mach e. Cha'n urrainn 
neach air bith teachd a m' ionnsuidh-sa mur tar- 
ruing an t-Athair a chuir uaithe mìse e." Tha 
rioghachd nèimh coìtach ri duin' a f huair seud ro 
luachmhor, air a' bheil e tuiteam 'an gaol. Mat. 
xiii. 44, 45, 46. Tha mi 'g ràdh, nach 'eìl oib- 
reachadh so a chridhe air losa Crìosd, 'na chùis 
cho spàirneil 's a tha daoin' a breithneachadh. An 
feudar a mheas gu bheil an nì sin ro dhìomhair, 
dhuilich, a tha gu mòr a co'-sheasamh ann an tog- 
radh ? Ma tha mòr dhèigh aig daoin' air, tha e 
aca ; oir is beannuicht' iadsan air a' bheil ocras na 
còrach, Mat. v. 6. Ma 's àill leibh 's e bhur 
beatha, Taisb. xxii. 17. A' bheil amharc gu deòn- 
ach air an t-Slànuighear a tha air àrdachadh 'na ni 
cho triobluideach ea-comasach? Isa. xlv. 22, 
'' Seallaibh riumsa agus bithibh air bhur tèarnadh, 
iiile iomalla na tahiihuinn," agus a chum iii a- 
ghabhail a tha air a thairgse, aìr a nochdadh 's . 
air ìnnse gu 'm buin e dhomh-sa, ma 's e 's gu'n 
gabh mi e, agus mar gu'm b' aim, gu 'm fosgluinn 
mo bheul, 's gu'n deanainn rathad dha? Sahn 
Ixxxi. 10, «« Fosgail do bheul gu farsuìng, agus 
lìonaidh mise e." Air chor 's nach ion do dhaoin' 
a shaoilsinn gu bheil creidimh duilich fhaotainn^ 
do bhrìgh nach 'eil ann ach ion-samhuil nan nithe 
sin a dh' ainmich mi, mur lugha e na iad sin. Och ! 



Shlàinieil ann an Criosd, 63 

nara bu chomasacli dliomli iompaidli a chur air 
daoine, ciod e an creidimh a dh' fhìreanaicheas, a 
tha toirt làn chòir dhomhs* air Criosd ! 'S minic 
a tha sinn a' cumail am foìs agus an suaimhneis 
dligheach o dhaoinibh, le bhi cur an cèill doibh^ 
gu bheil creidimh na nì-eiginn domhain dìomhair, 
agus le'n cur fo iomadh amharus neo-f heumail m'a 
thirachioU, leis a' bheil iad air an cumaij ann an 
dorchadas mu 'n chùis. 

2. Tha daoin' ann nach eil a' deanamb feum aìr 
bitli de'n cliomhara so, 'ga mlieas 'na àrd-pheacadh 
an-dàna iad a ghabhail os làimh gu bheil aon ni 
aca tha cho luachmhor ri fìor-chumhoant' an nuadh 
cho'-cheangail. Ris a mhuinntir so tha mi 'g 
ràdh, Cha ruìg sibh a leas uiread eagail a ghabh- 
ail roimhe, mar gu'm b' àrd-uaill a ghabhail os 
làimh : oir ge b'e nì a th' ann am fior chreidimh, 
's èiginn do dhaoin' a chur rompa fhaotainn, no, 
gun nì air bith f haotainn ; oir as eugais tha gacli 
comhar' eile diorahain; cha dean mìle ni eile 'n 
gnothuch as eugais : mur creid duine tha e fan- 
tuinn ann an staid na dòruinn, Eoin iii. 18, 36, 
<^ Ach an ti nach creid, tha e air a dhìteadh 
cheana, a chionn nach do chreid e an ainm aoin- 
ghin Mhic Dhè. An tì nacli 'eil a' creidsinn anns 
a Mhac, cha 'n fhaic e beatha; ach a ta fearg 
Dhe a' gabhail còmhnuidh air." 

3. Tha daoin' eiF ann nach 'eil a' gabhail gnoth- 
uch ri comhara ro luachmhor so a chreidimh, do 
bhrìgh gu bheil iad a' meas gur obair ro spàirneil 
dhuilich, creidimh fhaotainn a mach far a' bheil. 
e. Ris a mhuinntir so tha mi 'g ràdh, nach 'eil e 
cho duilich fhaotainn a mach, do bhrìgh gu bheil 
aig an ti a chreideas, an fhianuis anu fèin. 1 

D 3 



64" Deuchainn mu Chòir 

Eoin V. 10. 'S ni e a dli* fheudar aitlineachadh 
tre chàileiginn de mhion-rannsuchadh dùrachdach. 
Cha 'n e amhàin gu'm feud sinn mòran a dhean- 
amh chum fhaghail a mach leis an obair roi'-ull- 
achaidh a tha dol air thoiseach air ann am mòran, 
mar tha duin' a bhi a' smuainteachadh 's a' creid- 
sinn a staid chaillte, 's nach 'eil e murrach air a 
ghnothuch fein a dheanamh, 's gu bheil làn-f hogh- 
aintichead ann an Criosd, a tha ro ion-mhiann- 
aichte nam b* urrainn esan g'a f haotainn ; le bhi 
cuimhneachadh gu dùrachdach air so, le cridhe 
fosgailt' a' gnàth-f heitheamh gu cobhaìr f haotainn ; 
agus raar an ceudna, leis na nithe a tha 'na cho'- 
chompanas, no 'na cho'-chuideachd, sin r'a ràdh, 
spèis a thoirt do dh' uachdranachd Chriosd, *s d'a 
oifig mar Righ 's mar Fhàidh, miann no togradh 
chum mi fein a thoirt suas da gu h-iomlan, chum 
a bhi air mo stiùradh leìs ; agus mar an ceudna 
leis na nithe a tha gu nàdurra 'ga leantuinn, sin 
r a ràdh, stiùradh an f hocail, obair a ghlanas an 
cridhe, oibreachadh tre ghràdh, &c. Tha mi 'g 
ràdh, nach e amhàin gu'm feud sinn creidimh 
aithneachadh leis na nithe sin, ach tha e so-mhoth- 
achaidh leis fèin agus le ghnè fèin ; ge nach 'eil 
mi 'g àicheadh nach feum càileiginn de chòmhnadh 
Spioraid Dhè bhi againn, leis an aithnich sinn na 
nithe a thugadh dhuinn gu saor o Dhia, 1 Cor. 
ii. 12. mar an ceudna fòs gu'n do chuir Dia f' ar 
comhair ioma dearbhadh soilleir agus comharan, 
mar chòmhnadh luachmhor, leis am feud daoine 
fhaicìnn gu soilleir a' bheil no nach 'eil, an creid- 
imh slàinteil sin a dh' fhìrinnicheas, aca fein. 1 
Eoin V. 13, " Na nithe so sgrìobh mi do 'ur n- 
ionnsuidh, a tha creidsinn ann an ainm Mhic Dhè ; 



Shlàinteil ann an Criosd. Q>ò 

clium ga'm bi fios agaibh gu bheil a' bheatha 
mhaireannach agaibh." Gidheadh tha mi f hathasd 
ag ràdh, gu bheil creidimh, no creidsinn, ni is e 
càileiginn do dh' oibreachadh a chridhe air Criosd 
anns an t-soisgeul, agus gabhail ris mar tha e air 
a thairgse ann, dearbh-shoilleir so-fhaicinn leis 
fein, do dhuine tuigseach, le còmhnadh gnàth- 
aichte an Spioraid ; mur dean an Tighearna Dia, 
air son reusain a tha amhain aithnichte dha fèin, 
ceò dorchadais a thilgeadh air tuigse shoilleir an 
duine, leis am bu chòir dha an ni tha ann fein a 
thuigsinn agus a mhothuchadh. 

Tha 'n creidimh so a dh' f hìreanaicheas, a tha 
sinn a' dearbliadh a bhi cho soilleir, air a chur f ' ar 
comhair 's an Sgriobtuir air ioma dòigh, ann am 
buan-ghliocas, agus ann an co'-aontachadh gràs- 
mhor Dhè, do rèir 'oibreachaidh eug-samhuil mu 
Dhia, 's a' dol amach as a dhèigh, air chor 's 
gu m feud gach neach aìg a' bheil e, a làn thuig- 
sinn gu bheil e aige. Tha e air uairibh ag oib- 
reachadli le dìan-thogradh chum aonachd maille ri 
Dia ann an Criosd ; 'Se so an dearcadh air Dia 
tha air ainmeachadh ann an Isa. xlv. 22, *' Seall- 
aibh riumsa, agus bithibh air bhur tèarnadh, uile 
iomalla na tahnhainn." 'S coltach nach 'eil ann 
an so ach gniomh anfhann, a tha fada goirid air 
cuid eile de dh' oibreachadh a chreidimh ann an 
àm eile, feudaidh e bith anns a cheart neach sin 
fèin. Seallaidh daoin' air ni ris nach bi chridh' 
aca beantuinn, no ghlacadh 'nan làimh ; feudaidh 
iad amharc air duine ris nach 'eil a chridh' aca 
labhairt : gidheadh thug Dia 'n gealladh do chreid- 
ìmh anns an oibreachadii sin, mar tha'n Sgriobtuir 
roi'-ainiuichte a nochdadh; agus rinn e so gu glic, 
D 4 



66 Deuckainn mu Chòir 

tròcaireach, oìr 'se so an t-aon dòigh air an tuig- 
ear oibreachadh a chreidimli air uairibh air cuid 
de dhaoine. Mar so tha oibreachadh no dol 
aniach a chreidimh air an soilleireachadh 's an 
Sgriobtuir, le ocras agus tart na fìreantachd, 
Mat. V. 6. agus sin air a shoilleireachadh le bhi 
toileach. Taisb. xxii. 17, " Agus ge b'e neach 
leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor." 

A rithist tha 'n creidimh so a' dol a mach le 
taic a leigeil air an t-Slànuighear ghràdhach, 's an 
t-anam a' gabhaìl ri Criosd mar 'ionad stad 's mar 
stèigh a dhòchais, agus tha Dia 'ga nochdadh air 
an dòigh so, ged a tha e 'na chloich-thuislidh do 
dhaoin' eile. Rom. ix. 33. Tha 'n t-oibreachadh 
so dli'e air a chur f'ar comhair gu minic 's an 
Sgriobtuir, anns na briathraibh so, " earbs' a 
dheanamh as, agus fois a ghabhail'* air Dia; agus 
tha geallaine ro luachmhor air an toirt do dh' 
oibreachadh so a chreidimh, mar chi sinn ann an 
Isa. xxvi. 3, 4, ** Gleidhidh tu esan ann an sìth 
iomlain, aig an bheil 'inntinn suidhichte oit, a 
chionn gu n do chuir e a dhòchas annad. Cuiribh- 
se bhur dòchas anns an Tighearn do ghnàth, oir 
anns an Tighearna lehobhah tha neart siorruìdh." 
Mar so tha Salm cxxv. 1, " Bithidh iadsan a dh' 
earbas as an Tighearna mar shliabh Shioin, nach 
caruichear, ach a mhaireas gu siorruidh." Tha 
mi 'g ràdh gu 'n dthug an Tighearna geallaine 
do 'n dòigh so do dh' oibreachadh a chreidimh, air 
dha fios a bhi aige gu 'n oibrich e air a rahodh so 
gu minic le mòran daoine; agus bithidh e ro fholl- 
aiseach dhoibh fèin, 'nuair a bhios creidimh ag 
oibreachadh air an dòigh sin. 

Tha creidimh air uairibh ag aomadh an diaigh 



Shlàinteil ann an Criosd. 67 

Dhè le feitheamli gu bunailteach air, 'nuair tha *n 
t-anam an dùil ri nì eiginn fhaghail o Dhia, 's 
nach d' f huair e a rùn a làn f hoillseachadh a rèir 
a thoile mu thimchioìl an nì sin ris a' bheil e'n 
earbsa; ann an sin tha creidimh a' feitheamh gu 
foighidneach ri toil Dè, agus raar so tha 'n geall- 
adh air a choi' lionadh dha. Isa. xlix. 23, " Cha 
nàraichear iadsan a chuireas an dòchas annamsa." 
Tha 'n creidìmh ag oibreachadh air uairibh air 
mhodh toileil air Dia, 'nuair tha 'n t-anam a' 
breithneachadh gu bheil Dia *ga thilgeadh uaithe, 
's a' bagradh a lèir-sgrios, lob. xiii. 15, " Ge do 
mharbh e mi, gidheadh earbaidh rai as." Chaidh 
creidimh na mnatha bochda sin a bha ann an 
Canaan. Mat. xv. 22, 28. a tha co mòr air a 
cliùthachadh le Criosd, amach air an dòigh so le 
oibreachadh toileil an aghaidh gach triobluid a 
bha 's an rathad ; agus tha 'n Tighearn' a' sàr- 
inholadh mar rinn i, chum misneach a thoirt 
dhoibhsan a bhios 'na shamhuil sin de staid. 
Bhiodh e ro fhadalach gach dòigh eug-samhuil 
air an oibrich creidimh ainmeachadh fa leith. 
Feudaidh mi a ràdh, gu'n do nochd Dia e fein, 
agus 'iomlaineachd ann an Criosd air ioma dòigh, 
fo smuaintibh fa leith, a rèir staid no triobluid an 
anma, chum còmhnadh èifeachdach a dheanamh ri 
daoine 'nam feum. Agus air an aobhar sin tha 
creidimh, ni is e am meadhon a dh* òrduich Dia 
chum iomlaineachd Chriosd iomchar a dh' ionns- 
uidh an duine, 's a chionn aonachd agus co'- 
chomunn a chumail suas ris, ag oibreachadh air 
mhodh eug-samhuil air Dia ann an Criosd ; oir 'se 
creidimh cridhe an duine a dhealbh 's a cho'- 
chumadh a rèir innleachd Dhe chum peacaich a 
d5 



68 DeucUainn mtt Chòir 

sliàblialadh trid losa Criosd, anns am bu taìtneacli 
leis an Athair gu 'n gabhadh an ioralaineachd sin 
còmhnuidh ; air chor 's ge b'e làmh air an tionn- 
daidh Criosd, gu bheil creidimh 'ga dhlùth-lean- 
tuinn, 's ag aomadh d' a ionnsuidh air an dòigh 
sin fèin, Tha Criosd 'g a nochdadh fèin do'n 
chreideach bhochd air gach dòigh air am feud e 
bhi feumail da, agus uime sin tha creidimh ag 
oibreachadh air Criosd chum tarruing o 'iomlain- 
eachd-san a rèir feum agus staid an duine. Mar 
eisimpleir, tha 'n t-anam lomnochdta, gun chomh- 
dach chum a dhìon o fheirg dhoinionnaich an 
Uile-chumhachdaich ; tha Criosd *na thrusgan 
fasgathach dìonach ro mhaiseach, Taisb. iii. 17, 
18. Mar so mata 'se 's obair do chreidimh an 
Tighearn' losa a chur uime ann an so. Gal. iii. 
27. Tha miann agus ciocras mòr air an anam an 
dèigh air nì-eiginn a làn-shàsuicheas gu bith-bhuan 
e ; tha losa Criosd'na bhainne, 'na f hìon, 'na uisge, 
'na aran na beatha agus 'na f hìor mhana. Isa. Iv, 
1,2; Eoin vi. 48, 51 ; 's esan a chuirm de nithe 
reamhar, 's de f hìon air ath-tharruing. Isa. xxv. 
6. ann an sia 'se obair agus gnàthachadh a chreid- 
imh, dol a cheannach, a dh' ithe agus a dh' òl gu 
saibhir pailt. Isa. Iv. 1 ; Eoin vi. 53, 57. Tha 'n 
t-anam air a dhian-ruagadh as leith cionta èiginn 
a bheag no mhòr ; agus 'se losa Criosd am baile- 
dìona, agus an t-Ard-Shagart ann, neach am fad 
's a's beò e, 'se sin gu siorruidh, tha'n duine bochd 
a tha buidhinn a bhaile sin, làn-tèaruinte : ann an 
sin 'se obair agus seirbheis a chreidimh, teiche d'a 
ionnsuidh chum bhi sàbhailte, gu greìm a dhean- 
amh air an dòchas a chuireadh romhainn. Eabh. 
vi. 18. Ann an aon fhocal, ciod air bith an seòl 



Shlàinteil ann an Criosd, 69 

air am bi Criosd feumail do dhuine, tha e labhairt 
air a mhodh sin ra*a thimchioll fèin ; *s mar tha e 
'ga nochdadh fèin 's an Sgriobtuir, 's amhuil a tha 
creidimh a' treòrachadh d'a ionnsuidh. Ma tha 
Criosd 'n a Fhear-nuadh pòsda, theid creidimh a 
mach fo dhàimh pòsaidh ; ma 's Athair e, tha creid- 
imh a' tagradh gur leanabh an duine ; ma 's Aodh- 
air 'e, tha creidimh a' tagradh gu 'm bi an duine 
'na aon d'a chaoraibh ; ma 's Tìghearn' e^, tha 
creidìmh a' gairm sin deth, ni nach comasach do 
neach air bith a dheanamh ach trid Spiorad Dhè. 
J Cor. xii. 3. Ma bha e marbh, agus ma dh* 
èirich e rithist chum ar fìreanachadh, tha creid- 
imh a' làn-chreidsinn gu'n do thog Dia suas e 
chum na crìche sin, Rom. x. 9. Ge b'e aite 'bheil 
esan, bu mhiann le creidimh a bhi 's a cheart 
ionad sin ; agus ge b'e sam bith e, bu toil le creid- 
imh a bhi ann an tomhas èiginn d' a rèir : oir, 's 
ann tre chreìdimh a tha 'n cridhe air a cho'- 
chumadh amach am fad agus an leud fa chomhair 
Chriosd; seadh 'nuair a theid 'ainm 's a chliù 
amach 'na f hìrinn, ge nach 'eil creidimh a' faicinn 
mòran, gidheadh tha e creidsinn 'na ainm, air son 
a chliù mhaith a chraobh-sgaoil e m' a thimchioll 
fèìn. Eoin i. 12. 

Ach a chum mcarachdan a sheachnadh, thugaibh 
fainear, 1. Ged a tha 'n creidimh a dh' fhìrean- 
aicheas ag oibreachadh air dhòighibh co eug- 
samhuil, gidheadh cha 'n 'eil gach uil'-oibreachadh 
agus gnàthachadh dhiubh sin aig gach f ìor chreid- 
each aig a' bheil dearbh-chòir air Criosd; oir ni 
bheil a staid *n am feum : agus mar an ceudna 's 
toil leis a Mhaighstir gun chreidimh cuid de 
dhaoin' a tharruing a mach air uairibh, ann an 



i 



70 Deucìmìnn mu Chòir 

cuid de na dòigbibli sìn, air son aobhair a tha 
amhàin aithnichte dha fèin 'nuair tha 'm feumal- 
achd (a rèir am baralach) ann an càs a shamhuil 
sin de dh' oibreachadh creidimh. Gu cinnteach 
cha 'n 'eil gach neach comasach air a ràdh, '« Ge 
do mharbh e mi, cuiridh mi fhathasd mo dhòchas 
ann." 'S lìonar iadsan nach rachadh leis a mhnaoi 
a mhuinntir Chanaain m'an do labhair mi roimhe, 
Mat. XV, ach a ghlacadh mi-mhisneach, 's a leig- 
eadh dhiùbh an gnothuch m'an robh iad. 'S ann 
air a shon so a tha Criosd a' cliùthachadh creid- 
imh cuid de dhaoine ni's mò na creidimh dhaoin' 
eile, Mat. viii. 10. mar bha 'n Caiptein-cheud : 
Mat. XV. 28. agus a bhean a mhuinntir Chanaain. 
Tha mòran dhaoine diadhaidh fo mhòr-thriobluid, 
agus neo-fhoisneach mu thimchioll an creidimh, 
chionn nach 'eil iad 'gam mothachadh air gach 
dòigh a tha air ainmeachadh 's an Sgriobtuir ; ach 
's gann a gheibhear aon duine a dh' oibrich a 
chreidimh air gach dòigh dhiubh sin. 

2. Tha mòran de dh' oibreachadh so a chreid- 
imh, air uairibh gu laidir, beothail, neartmhor, 
soìlleir, so-mhothachaidh ; agus tha iad air uairibh 
goirid air sin, 's tha mi-chreidimh a' faghail buaidh: 
air chor 's gur neo-chinnteach an rud breith a 
thoirt air staid duine le oibreachadh a chreidimh. 
Tha sinn a' faicinn gu bheil eadar-dhealachadh 
mòr eadar oibreachadh a chreidimh air uairibh, 
anns na naomhaibh fèin, mar a nochd sinn roimhe. 

3. Tha gach aon de dh' oibreacha sin a chreid- 
imh 'na chomhara raaith do 'n neach aig a' bheil 
e, 's tha geallaine air an ceangal ris, mar a thuirt 
sinn roimhe. 

Gidheadh, 4. Ged a tha aig oibreacha sin a 



Skiàinteil ann an Criosd. 71 

chreidimh geallaine oeangaìlte riu, cha 'n iad, air 
a shon sin, cùmhnaut' an nuadh cho'-cheangail : 
oir nam b* ann mar sin a bhiodh a chùis, dh' 
f heumadh a h-aon diubh bhi aig gach neach, ni 
nach 'eil fìor, mar thuirt sinn roimhe Tha geall- 
adh air a thoirt dhà-san a bheir buaidh : ach cha 
'n e buanachadh cùmhnant an nuadh cho'-cheang- 
ail, ach tha e 'ga roimh-chiallachadh. Tha geall- 
ainean air an toirt seachad do ghnàthachadh gach 
uile ghràs, 's an Sgriobtuir; ach 'se creidimh 
amhàin cùmhnant a cho'-cheangail. Tha mi 'g 
ràdh mata, gu bheil na geallainean air an toìrt do 
dh* oibreacha sin a chreidimh, ni h-ann mar sin, 
ach mar tha iad a' roi'-chiallachadh creidimh a dh' 
fhìreanaicheas, ni is e cùmhnant a cho'-cheangail. 
'S oibreacha creidimh gach ni dhiubh sin, ach ni 
h-ann mar tha e a' fìreanachadh. Air an aobhar 
sin. 

5. Tha nì-eiginn ann a tha aìg gach neach a tha 
ann an staid nan gràs, a tha air a chiallachadh le 
uiie oibreacha roi'-ainmichte a chreidimh, anns a* 
bheil nàdur agus bith a chreidimh a dh* fhìrean- 
aicheas a' co'-sheasamh. Agus 's e so an cridhe 
bhi làn-toilichte le innleachd Dhè chum peacaich 
a shàbhaladh trid Chriosd ; 'nuair tha duine toil- 
ichte le innleachd Dhè chum dìoladh a thoirt do 
cheartas trid losa Criosd, anns a' bheil gach uil'- 
iomlaineachd a gabhail còmhnuidh le làn-toil an 
Athar ; 'nuair tha cridhe agus anam duine làn- 
toilichte leis na nithe sin, ann an sin tha e creid- 
sinn chum slàinte. Mar a rinn Dia an tùs duine 
freagarrach do chùmhnanta nan gniomh, le chruth- 
achadh ann an staid iomlan, 's le chur 'na chomas 
a thoil a choimhlionadh anns a chùmhnanta sin.; 



72 Dettchainn mu Chòir 

air an atnbuil cheudna fo 'n nuadh clio'-cheangal, 
Buair tlìa Dia a' toirt a cliridlie nuadh do dhuine, 
tha e cur samhladh agus dealbh uir-innleachd fèìn 
anns an nuadh cho'-cheangal air an duine, air chor 
's gu bheil e freagarrach do thoil Dè: raar so tha 
e giùlan air fèin ìomhaigh agus dreach an dara 
Adhamh, losa Criosd. *S earrann mhòr so de*n 
nuadh chridhe, agus tha e calg-dhireach an agh- 
aidh oibre ; do bhrigh gu bheil an duine a' tuit- 
eam gu tur o oibribh, '^ a' fàs raarbh do n lagb," 
a thaobh fìreanachaidh, " tre chorp Chriosd,'* 
Rom. vii. 4. Air do'n duin a thoirt fainear gu'n 
do dhealbh Dia dòigh air a cheartas fèin a dhìol- 
adh, 's air daoin' a shàbhaladh le losa Criosd a 
theachd 's an fheòil, air leis gu bheil an seòl sa 
cho raaith agus co chinnteach, 's gu bheil e gu 
buileach a' leigeiì deth gach smuain air a bhi air 
a shàbhaladh le obair an lagha, mar a thuirt mi 
roimhe, 's a' gabhail gu toileach ris an innleachd 
so chum peacaich a shàbhaladh : agus 'se so creid- 
sinn, no creidimh, calg-dliìreach an aghaidh oib- 
ribh 's an aghaidh earbs' air bith a dheanamh asda. 
Tha so anns gach neach a tha ann an staid nan 
gràs, anns nach 'eil mòran de dh' oibreachadh a 
chreidimh r'a fhaotainn. Tha so gu soilleir a* 
nochdadh gu bheil mothuchadh aig duin' air a 
thruaighe 's air a thriobluid, gun f liurtachd, gun 
fhuasgladh air bith ann fèin : 's tha so a' roi'- 
chiallachadh, gu bheil e toirt fainear gu bheil 
ioralaineachd ann an Criosd, mar an t-aon fhuas- 
giadh leòir-f hoghainteach : tha so a' ciallachadh gu 
bheil gne bhuntuinn aig an duine ris an fhuasg- 
ladh bheannaichte so : oir air do'n chridhc tlachd 
a ghabbail anns an innleachd sin, tha e 'g aomadh " 



Shlàinieil ann an Criosd, 73 

mar so d' a ionnsmdli. 'S nì so a tìia gu soilleir 
air a chialladiadli anns gacli oibreacliadh de'n 
chreidimh, mu 'n do labhradh roimhe. Tha so 
aige-san air a' bheil cìocras deònach ; agus tha e 
aig an tì a tha 'ga thaiceadh fèin ris, agos tha e 
aig an neach a tha cur losa Criosd uime, &c. 'Se 
so ** Criosd cumhachd agus gliocas Dè a mheas 
chum slàinte ;" 's tha e air a ràdh gu *m bi e mar 
sin dhoibh-san uile a chreideas ann. 1 Cor. i. 24. 
Tha iad a' meas gu bheil innleachd Dhè chum 
peacaich a shàbhaladh, glic agus ro chinnteach, 
agus 'se sin creidsinn no creidimh. Air an aobhar 
so tha Criosd a tha 'na chloich dhiùlta do mhòran, 
ro luachmhor, phrìseil dhoibh-san a tha creidsinn ; 
cloch a tha ro fhreagarrach, lathailteach, chum 
tigh briste 'n duine chaillte ath-nuadhachadh, a 
dhaingneachadh, agus a dheanamh sgiamhach 
maiseach. " A' teachd d'a ionnsuidh-san mar gu 
cloìch bheò, a dhiùltadh gu deimhin le daoinibh, 
ach air a taghadh o Dhia agus luachmhor ; Tha 
sibhse mar an ceudna, mar chlochaibh beò, air 
bhur togail suas 'nur tigh spioradail, 'nur sagart- 
achd naomh, chum ìobairte spioradail a thoirt 
suas, taitneach do Dhia tre losa Criosd. Uime 
sin a ta so mar an ceudna air a chur sìos anns an 
Sgriobtuir, Feuch, cuiridh mi ann an Sion priomh 
chlach-oisne thaghta, luachmhor : agus an ti a 
chreideas ann^ cha chuirear gu nàire e. Dhuibhse 
uime sin a chreideas, tha e luachmhor : ach dhoibh- 
san a tha eas-ùmhal, a' chlach a dhiùlt na clach- 
airean, rinneadh ceann na h-oisne dhith, agus 
clach-thuislidh agus carraig-oilbheim, c^AozM-san a 
thuislicheas air an fhocal, air dhoibh bhi eas- 
umhal, chum mar an ceudna an d' orduicheadli 



74 Deuchainn mu Chòir 

iad." 1 Pead. ii. 4 — 8, «« A rìs, a ta rìoghachd 

nèìmh cosmhuil ri ionmhas air fholach am fearann ; 

ni an dèigh fliaotainn a dh' fholaich diiine, agus 

air sgàth a ghairdeachaìs air a shon, dh' imich e 

agus reic e na bha aige uìle." Mat. xiii. 44. Tha 

na briathra sin a' nochdadh ceart seòl a chreid- 

imh, sin r'a ràdh, gur ann trid losa Criosd a bhios 

daoin' air an sàbhaladh, mar tha e air f hoillseach- 

adh 's an t-soisgeul ; tha 'n cridhe làn-toillchte leis 

an innleachd sin mar ni a tha 'g a làn-shàsuchadh. 

'Se so creidsinn ann am Mac Dhè a tha air a 

thogail suas : a tha air a choimeas ri amharc suas 

air an nathair phrais. Eoin iii. 14. 'S ann do 

bhrigh gu 'n do thaitinn an t-innleachd sin ris an 

duine a rinneadh èifeachdach e chum a leigheas ; 

's amhuil a tha chùis ann an so, " An ti a ghabh 

r a fhianuis-san, chuir e a sheula ris gu bheil Dia 

fior." Eoin iii. 33. Fìor? cia ann ? anns an 

f hianuìs sin a thug e, gu 'n d' fhuair Dia beatha 

do dhaoinibh 's gur ann an Criosd a tha slàint' 

agus sonas siorruidh an anma neo-bhàsmhor a' co'- 

sheasamh, do bhrìgh gur esan a ghabh os làimh 

ar saoradh, trid 'f huil ioc-shlaintich fèin a dhòirt- 

eadh air ar son. l Eoin v. 10, 11, " An ti nach 

creid Dia, rinn e breugaire dheth." Cia ann ? 

j 'Na ràdh gur e losa Criosd an t-sìighe chinnteach 

neo-mhearachdach agus thèaruinte chum nèamh. 

'Se so a bhi làn-toilichte leis an innleachd sin ; 

agus tha e a' co'-fhreagradh do gach ni tha air a 

chur sìos 's an Sgriobtuir mu thimchioli creidimh 

a dh' fhìrinnicheas. 'Se so creidsinn ann an Criosd, 

gabliail ris agus an socrachadh air chum slàinte, 

tha air a chur sìos ann an leabhar nan ceist ; a 

chreidsinn gur e losa an Crìosd, 'se sin, an t-Aon 



Shlàinteil ann an Crìosd, 1 5 

ungta, a sheulaich an t-Athair 's a chuir eair leth, 
's a rinn e iomchuidh fa chomhair na h-oibre sin, 
eadhoin an duine a dheanamh rèìdh ri Dia ; agus 
" Ge b'e neach a chreideas gur e losa an Criosd^ 
ghineadh o Dhia e." 1 Eoin v. 1. 'Se so a 
clireidsinn o 'n chrìdhe, gu'n do thog Dia suas 
Criosd o na marbhaibh, Rom. x. 9. Tha'n duine 
a' creidsinn gu 'n d' f huair Criosd bàs, agus gu 'n 
d' èirich e chum làn-dìoladh a thoirt air son peac- 
aidh a chinne daoine. Feudaidh deamhain an ni 
ceudna a chreidsinn: ni h.eadh, ach than duine 
mu 'bheil mis' a' labhairt 'ga làn»chreidsinn le 'uile 
chridhe, (ni nach 'eil an comas neach a tha ann an 
staid nàduir a dheanamh, gus an dthoìrear aii 
cridhe nuadh dha,) 'se sin tha e gabhail tlachd 
ann, sàsuichte agus làn-toilichte leis an innleachd 
ro luachmhor so. Agus tha 'n creidimh so 'ga 
nochdadh fèin an dràst 's a rithìst 'na oibreachaj 
'na dhol a mach agus 'na ghnàthachadh, a rèir 
gach uile dhàimh a chàmhnainte fo bheil Criosd 
air a nochdadh 's an Sgriobtuir. 

A nis, tha mi 'g ràdh, gu bheil an creidimh so 
follaiseach so-mhothachaidh, ni h-ann amhàin 's 
na h-oibreacha sin iomadh uair ; feudaidh duine 
fios a bhi aige 'bheil cìocras geur air a chridhe an 
dèigh Chriosd, 's a' bheil e a' teicheadh d'a ionn- 
suidh chum a dhìon, nuair bhios e air a dhian- 
ruagadh, 's ma tha e 'ga làn-earbsa fèin ri àrd- 
Uachdaran nèimh agus na talmhuinn, &g, ach mar 
an ceudca 'na cheart nàdur, mar tha e a' f ìrean- 
achadh, tha e soiUeir so-aithneachadli. Feudaidh 
duine làn-chinnt' a bhi aige mu 'n chùis, ma tha 
chridhe le mothachadh air a thruaighe fèin, agus 
ciir iomlaineachd Chriosd, làn-toilichte le innleachd 



i 



76 Deuchainn mu Chòir 

Dhè anns an nuadb cho'-clieangal ; raa tha e dol 
amach an dèigh Chriosd anns an innleachd sin, 
agus ma tha e *ga thoileachadh mar Ughdar agus 
mar Uachdaran beatha dhaoine, a' stad 's a soc- 
rachadh air an Fhear-shaoraidh, 's ni h-ann air ni 
no air neach sam bith eile, a' co'-aontachadh leis 
an dòigh sin chum peacaich a shàbhaladh le tog- 
radh agus le tlachd. 

'S nì so a tha ro shoilleir : uime sin tha mi 'g as- 
luchadh air daoine gu' n ceasnaich agus gu 'm 
mion-rannsuich iad iad fèin gu ceart-bhreitheach 
neo-chlaon ; agus ma mhothaicheas iad gu'n do 
ghabh an cridhe air a mhodh sin ri innleachd sin 
na slàinte trid losa Criosd, 's gu bheil iad 'ga 
mheas ro luachmhor, gu'n gabh iad os làimli, gun 
tuiU' ag a chur 'sa chùis, gu bheii aca fìor chòir 
shònruichte air losa Criosd, agus crùn na beatha, 
chionn '* nach dtheid an ti a chreideas a sgrios am 
feasd, ach gu'm bi a bheatha mhaireannach aige,'* 
Eoin iii. 16, 36. 



CAIB. VIII. 

An t'eadar'dhealacJiadh a tha eadar creidimh chealg- 
oirean^ agus an creidimh fìor slàinteil a dK fhìr- 
eanaicheas, 

CuNN, Tha seorsa creidimh aig cealgoirean 's 
aig daoin' aingidh ain-diadhaidh, 's tha e air a 
ràdh gu bheil iad a' creidsinn, Eoin ii. 23, 24, 
<' Chreid mòran 'na ainm, an uair a chunnaic iad 
na mìorbhuilean a rinn e. Ach cha d' earb losa 
e fein riu, do bhrìgh gu'm b' aithne dha na h-uile 
dhaoine." Gniomh. viii. 13, *« An sin chreid 



Shlàinteil ann an CrioscL 77 

Simon feìn mar an ceudna :" agus tlia iad a' dol 
a macli an dèigh CÌiriosd, 's an dèigh innleachd 
sin na slàinte, 'nuair a chluinneas iad iomradh air: 
's tha iad ag aidmheil gu blieiì iad a deanamh mar 
sin, gidheadh tha iad air am mealladh^ agus feud- 
aidh mise bhi mar sin cuideachd. 

Freag, Gun smid a ràdh mu thimchioll 
smuainte sin do chridhe, (leis a' bheil thu gabhail 
iongantais nach 'eil gach neach làn-toilichte le 
innleachd na slàinte irid losa Criosd, 's a' treòr- 
achadh a mach d' a ionnsuidh,) mar chomhara 
ro mhaith, a tha dearbhadh gu bheil an creidimh 
a dh' f hìrinnicheas agad cheana ; 's gun f hocal a 
labhairt an aghaidh smuainteachadh do chridhe, 
gu 'm feud duine nach 'eil air iompachadh o staid 
nàduir, am fad 's a bhuanaicheas e mar sin, 's 
mum faigh e 'n cridhe nuadh, tlachd a ghabhail 
's an innleachd sin, 's a làn-chreidsinn le 'uile 
chridhe, an ni sin h thilgeas gu buileach cumh- 
nanta nan gniomh bun-os-cionn, 's a dh' ìslicheas 
duine a thaobh fein-fhìreantachd air an d' ràinig 
e cheana, no air an urrainn e ruigheachd, ni nach 
'eil a' co'-fhreagradh do mhòran de dhearbh-fhir- 
inn an Sgriobtuir; tha mi cur fa d' chomhair nan 
eadar-dhealachadh so a leanas eadar creidimh 
chealgairean no luchd-aingidheachd, agus an creid- 
imh f ìor slàinteil sin a dh' fhìrinnicheas, m' an do 
labhair sinn cheana. 

1. Cha'n 'eil iad idir a' gabhail ri losa Criosd 
anns an innleachd sin, agus ris-san 'na aonar mar 
chòmhdachadii leòir-fhoghainteacii d' an sùilibh, 
mar tha e air a ràdh mu Abraham do Shara, Gen. 
XX. 16. Tha iad fhathasd a' deanamh greim air 
nì-eiginn a bliuineas d' am fìreantachd fein, air a 

E 



73 Deuchainn mu Chòir 

cbuid a's lugha cbum còmbTiadli a dbeanamb i iutba 
gu fàbbar agus slàìnte Dbe f haotainn : tba 'n 
cridbe do gbnàth a' labbairt, mar labbair an t- 
òganacb sin, Luc. xviii. 18, " Ciod a ni mi cbum 
gu sealbbaicb mi a' bbeatha mbaireannach ?" Os- 
bàrr air, gu bbeil ìad f hatbasd a' gleidheadb an 
seann leannanan gràidb, 's cba bbris iad an cùmb- 
nanta ri ifrinn agus ris a bbàs, a' saoilsinn gu'm 
feud iad Criosd a bbi aca mailìe ris na nitbe so, 
aig a' bbeil uiread de'n cbridbe 's atha air a bbuil- 
eacbadb air an t Slànuigbear bbeannaichte, calg- 
dhìreacb an agbaidh so. Mat. vi, 24, *' iba 'n 
urraìnn neacb air bitb seirbbis a dbeanamb do dbà 
Tbigbearn ;" An dara cuid 's èiginn Criosd a 
mbeas 'na làn Uachdaran, agus 'na mbaitb-an- 
airidb air an iiachdranachd sin, no gun bhuntuinn 
sam bith bhi aca ris. Agus mar so tha e dearbh- 
sboilleir, nach 'eil an cridbe air a dhealbh fa 
chombair innleacbd sin na slàinte trid losa Criosd, 
neach a rinn Dia amhàin 'na Thigbearna ann an 
so, anns a' bbeil gach iomlaineacbd a' gabhail 
còmbnuidb. Acb far a' bheil creidimb a dh' f hìr- 
ìnnicheas, tba anam agus cridhe duin' a' gabbail 
ri Criosd, agus ris-san amhàio, gun mhoinighinn 
air bith a chor 's an fheòil, Philip. iii. 8. 1 ba e 
'g earbsadh ambàin ann an Dia. Salm Ixii. 5. 
Mar an ceudna fòs, tba 'n duin' ann an so a' cur 
cùl r'a leaenain gbràidh eile, o'n a tba iad a' 
combstrigh ri Criosd, tba e a' cur roimhe nach 
roighnich e neach eile, Hos. iii. 3. tha e 'gairm a 
Tbighearna dheth, nì nach urrainn duin' a dhean- 
amh ach ambàin trid Spiorad Chriosd, 1 Cor. xii. 3, 
2. Mar nach 'eil cealgoirean agus daoine mi- 
dbiadhaidh a' gabhail idir ri Criosd gu h-ioralan 



Shlàinteil ann an Criosd. 79 

'na aonar ; cba'n 'eil iad uair air bith a' gabbail 
ris mar tha e air ùngadh gu bbi 'na Rìgb, chum 
riagbladh os cionn duiu anns na h-uile nithe ; 'na 
Shagart, cbum sìth agus maitheanas fbaotainn do 
dhuin' anns gach cùis i 'na Fhàidh, cbum bhi 'na 
ghliocas, agus 'na fbear-teagaisg agus 'na chomh- 
airleach anns gach cùis do dhuine : mar so cha 'n 
'eil iad a' gabhail ri Criosd, gu h-àraidh anns a 
cheud no anns an treas oifig. Ach far a' bheil am 
fìor chreidimb a db' fbìrinnicbeas, tba duin' a' 
gabbail ri Criosd gu h-iomlan 'na uil' oifigibh, a 
meas gu bheil a tkoil uile maith, naomha, coth- 
romach agus spioradail, Rom. vii. 12, 14. agus 
ceart mu thimchioll nan uile nithe, Salm cxix, 
128. a' deanamh luaidh air 'fhìreantachd-san amb' 
àin. Salm Ixxi. 16. 

Tba 'n duine mar an ceudna 'ga thoirt fein suas 
cbum bhi air a theagasg leis, Mat. xi. 29, " Fògh- 
lumaibh uam." Air chor 's g\\ bbeil ^* Criosd air 
a dheanamh" do'n f hìor cbreideach le làn-toil fein, 
'na ghliocas, 'na fbìreantacbd, agus 'na shaorsa 
iomlan, 1 Cor. i. 30. Agus ge nach 'eil aige na 
nitbe sin uile o'n leith a muigh 'na ghnàthachadb, 
'nuair tba chridbe dol a mach an dèigh Chriosd, 
gidheadb, 'nuair a db' fbeucbar gu ceart, 's a 
gheur-rannsuicbear a' cbùis, gbeibhear gach ni mar 
a thubhaiit mi aige. 

3. Cha 'n 'eil cealgairean agus daoin' aingidh 
idir a' gabbail ri Criosd agus ris na nitbe draghail 
a tba 'ga leantuinn : tha iad a' stad ann an sin 
maille ris an Sgriobhaicbe. Mat. viii. 19, 20. Ach 
far a' bbeil creidinib fìor a db' f hìrinnicbeas, tha 
duin' a' gabbail ris anns gach cunnart ; tba e cur 
roìmhe gu'n trèig e gach aon ni mun trèig e 
e2 



80 Deuchainn mu Chòir 

Criosd, '^ Feiich, tlirèìg sÌTine na h-uile nithe agus 
leau sìnn thusa." Marc x. 28. Tha e meas nan 
uile nithe 'nan caUdach agus 'nan aolach airson ro 
òirdheirceas losa Criosd, mar a Thighearna, agus 
gu'm faighear ann-san e. Philip* iiì, 8, 9. 

Dh' f heudamaid tuille de dh' eadar-dheaiachadh 
a nochdadh dhuibh ; mar tha, gu bheil f ìor chreid- 
imh ag oibreachadh, a' glanadha chridhe, Gniomh, 
XV. 9. ag oibreachadh tre ghràdh, Gal. v. 6. 'nuair 
nach 'eil na cealgairean a' glanadh ach amhàin 
taobh a muigh na mèise. Mat. xxiii. 25. s a' 
deanamh gach ni a chum 's gu'm faicear le daoin' 
iad. Mat. vi. 5. gun bhi 'g iarraidh na glòire a 
tha o Dhia amhàin, agus mar sin cha 'n 'eil e'n 
comas doibh creidsinn. Eoin v. 44. Dh' fheud- 
amaid a nochdadh mar an ceudna, nach 'eìl fìor 
chreidimh 'na aonar ann an duine uair air bith, 
ach tha gràsa slàinteil eìle 'na cho'-chuideachd : 
ach do bhrìgh gu bheil na nithe sin a' co'-ghìneadh 
rìs na nithibh a leanas, tha sinn a' cur dàil annta 
's an àm so : agus air son nach 'eil sinn ann an so 
a' nochdadh gu 'm feud duine a staid ghràsrahor 
aithneachadh le 'chreidimh agus le 'oibreachadh 
air losa Criosd an Slànuighear. 



CAIB. IX. 

Mu 'n chreutaìr nuadh, 

'S E 'n creutair nuadh an dara comhara mòr air 
staid ghràsmhor, 's air còir fhìor-shlàinteil air 
Criosd. 2 Cor. v. 17, '^ Ma tha neach sam bith 
ann an Criosd, is creutair nuadh e." Tha 'n cruth- 
achadh nuadh so, no 'n t-ath-nuadhachadh air an 



Shlàinteil ann an Criosd. 81 

duine, 'na atbarrachadh ro shoiUeir, ged nach 'eil 
e mar sin annta-san a tha gu h-èifeachdach air an 
gairm o'n hhroinn, no ann an aois an òige ; do 
bhrìgh gii bheil an creutair nuadh aig a mhuinntir 
sin o'n àm sin, air chor 's nach 'eil an tatharrach- 
adh so r'a f haicinn annta an dèigh làimhe ; gidh- 
eadh tha e so-fhaicinn anns a mhuinntir sin a bha 
air an ath-ghineamhuin 's air an toirt a dh' ionns- 
uidh Chriosd an dèigh dhoibh teachd gu h-aois, 
agus a bha air dhòigh ni's ro-shoilleire fo chumh- 
achd an dorchadais, mun robh iad air an atharr- 
achadh gu rioghachd Chriosd. Col. i. 13. Ach 's 
èiginn gu'm bi an nuadh-dhuine so anns gach neach 
a tha gabhail os làimh le barantas gu bheil còir ac' 
air Criosd; ge nach 'eil fios aig cuid diubh o'm 
fiosrachadh fein, air na nithe tha'n aghaidh gach 
earrann deth, mar tha fios aig daoin' eile : do 
bhrìgh nach robh iad a thaobh gnàthachaidh, fo 'n 
aon tomhas do chumhachd an dorchadais. 'Se 'n 
" duine nuadh" a theirear ris an nuadh-chreutair, 
so, Col. iii. 10. ni tha nochdadh a mheud. Cha'n 
'e amhàin teanga no làmh nuadh, ach '^ duine 
nuadh." Tha rùn do nuadh-bheatha agus do 
ghluasad air a chur anns an duine, ni is e an 
cridhe nuadh ; agus tha'n nuadh-rùn beatha sin a' 
cur amach gniomharra beatha, no gniomharra tha 
freagarrach do dh' ìomhaigh na tì a ckruthaich e, 
1 Col. iii. 10. air chor's gu bheil iad air an ath- 
1 nuadhachadh ann an tomhas èiginn air gach dòigh, 
Feudar labhairt mu ath-nuadhachadh an duine tha 
air mhodh slàinteil ann an Criosd, fo 'n dà cheann 
mhòr theagaisg so a leanas. 

Air tùsy Tha n duin' ann an tomhas èiginn air 
ath-nuadhachadh 'na anam agus 'na chorp. 
e3 



Ì 



82 Deuchainn mu Chòir 

1. Tfui a tlmigs' air a h-atli-nuadhachadh, air 
chor 's g'u bheiì e 'meas gur h-e Criosd aìr a shear- 
monachadh 'san t-Soisgeul '^ gliocas agus cumh- 
achd Dhe," agus iunleachd ro Juachmhor chum 
peacaìch a shùbhaladh. 1 Cor. i. 23, 24. Tha fìos 
buuailteach aige mu na nifche a bhuineas do Dhia, 
nach 'eil iad 'nan seadh agus 'nan ni h eadh, 's 
'nam baraile neo-cbinnteach ; ach gur seadh agus 
Amen gach aon diu ; gu bheil iad gu daingeann, 
cinnteach, bunailteach ; air dha ionmhas ionmhuin- 
neach a bhi aig' ann an Criosd, 's a' riìnachadh 
mòran ann. 1 Cor. ii. M, 15, '' Ach cha ghabh an 
duine nàdurra ri nithibh Spioraid Dhè: oir is 
amaideachd leis iad ; agus cha'n'eil e 'n comas da 
eòlas a ghabhail orra, do bhrìgh gur ann air mhodh 
spioradail a thuigear iad. Ach bheir an duine 
spioradaiì breith air na h-uile nithibh. 2 Cor. i. 
1 8—20, " Ach mar a ta Dia fìrinneach, cha b'e ar 
còmhradh ribhse seadh, agus cha 'n eadh ? Oir 
Mac Dhe, losa Criosd, a shearmonaicheadh 'nur 
measg sa ieinne, eadhon ieam-sa, agusle Siiuanus, 
agus le Timoteos, cha robh e 'na sheadh agus 'na 
cha 'n eadh, ach ann-san bha seadh : oir geaìianna 
Dhe uile ann-san is seadh iad, agus ann-san is 
Amen iad, chum giòire Dhe do ar taobh-ne/' Ged 
a à\ì f heudas daoine tha 'n staid nàduir, a tha air 
am fòghium fo òrduighean an t-soisgeil, càileiginn 
de bharaii eòiais a bhi aca mu Dhia, mu Chriosd, 
mu na gealiaine, mu giiluasad an Spioraid Naoimh, 
&c. air chor 's gu'm feud iad labhairt, searmonach- 
adh, connsuchadh, agus deasbaireachd a dheanamli 
mu na nithe sin ; gidheadh ni bheii iad acli 'gam 
meas mar theagasg suidhiclite cumanta a chreid- 
imh Chriosduidh, agus gur neònachas agus mas- 



Shlàinieil ann an Criosd. - 83 

ladh gun ghabhail riutha ; ach cha'n 'eil ìad 'gam 
meas, no idir a' gabhail riutha mar dhearbh-f hkinn 
chinntich, dhaingeann, sheasmhaich, air chor 's gu 
'n earbadh iad an anama 's an sonas siorruidh 
riutha. Tha 'n tuigs' air a h-ath-nuadhachadh mar 
an ceudoa, chum càileiginn de ghlòir Dhè a thoirt 
faisìear aims na creutairibh, air dhuibh bhi giùlan 
càileigiiin d'a bhuaidbibh giòirmhor, Salm xix. 1* 
Tha iad a' faicion nan nèamh a' foiìlseaehadh a 
ghlòire ag'os a chumhachd ; agus ni-^eigion de 
ghlòir agus de fhreasdal De anns gach frithealadh 
tha tuiteam amach ; tha 'oibre iongantach a' nochd- 
adh gu bheiì 'ainm am fogus. Saim Ixxv. 1. Tha 
'n tuigse mar an ceudna 'toirt fainear staid an 
anma, air dòigh eile nach bu ghnàth leatha ; mar 
is gnàth leis na naoimh labhairt 's an Sgriobtuir. 
«* Thubhairt mi ri lehobhah, is tu mo Thighearn." 
Salni xvi. 2, " Thubhairt mo chridhe riut, do 
ghnùis a Thighearn, iarraidh mi." Salm xxvii. 8. 
'^ C' arson a tha thu air do ìeagadh sìos, O m' 
anam? Salm xlii. 5. Salm xliii. 5, *• Pill, O m' 
anam, gu d' shoaimlmeas." Salm cxvi. 7. 

2. Tha*n cridhe agus na ceud-faithean air an 
ath-noadhacliadh. Tha 'n cridhe air a dheanamh 
nuadh, 'na chridhe feòla, so-lùbaidh, air do lagh 
Dhe bhi air a chlo'-bhuaìadh air, agus eagai an 
Uile-chumhachdaìch air a chur ann, leis a' blieil 
dìeasnas an duine a' fàs ann an seadh nàdurra agus 
caomhaiì dha, ler. xxxii. 39, 40. Esec, xxxvi. 26. 
Bha e roimhe so 'na chridhe cloiche, gun eagal De 
ann. Tha na ceud-faithean a nis air an ath nuadh- 
achadh. Tha 'n gràdh air ath-nuadhachadh ann 
an tomhas mòr, tha e 'gràdhachadh a reachd. " O 
C>ia h-ionrahuinn leam do lagh-sa." Sahn cxix. 97. 

E 4 



84 Deuchainn mu Chòir 

Tha e *gràdhachadh na h-aitim aig a' bheìl ìomh- 
aigh Dhe annta, Eoin xiii. 35, " Le so aithnichidh 
na h uile dhaoine gur sibh mo dheisciobuil-sa, ma 
bhios gràdh agaibh fein d' a chèile." 1 Eoin iii. 
14, *' Thafhios againn gu'n deachaidh sinn thairis 
o bhàs gu beatha, do bhrìgh gu bheil gràdh againn 
do na braithribh." Tha'n gràdh so do luchd- 
muinntir Dhe air a shocrachadh air stèigh ghloin, 
air son gu bheil iad 'nan cloinn do Dhia, 's a' 
coimhead a reachd. 1 Pead. i. 22, '- à cridhe 
glan gu dùrachdach ;" agus air an aobhar sin tha 
e dol a dh' ionnsuidh na muinntir sin uile, a tha 
'n duine a' breithneachadh a bhi 'nanluchd-muinn- 
tir do Dhìa. Salm cxix. 63, " Is fear-comuinn 
mi dhoibh-san uile air am bi t' eagal, agus dhoibh- 
san a ghleidheas do reachda," anns gach uiie chùis 
agus staid, eadhoin far nach 'eil ni sam bith gu 
'chliùthachadh,, no fhàgail sgiamhach maiseach, 
ach ìomhaigh Dhe. Agus tha 'u gràdh cho dian 
dheineachdach iomadh uair, 1 Pead. i. 22. 's gu 
bheil e 'ga chur fein amach anns gach dàimh, air 
chor 's gu bheil duine 'g iarraidh bean dhiadhaidh, 
agus comhairleach diadhaidh, ma bhios iad aige 
f 'a roghainn. Sahn ci. 6, ** Bithidh mo shùilean 
air fìreanaibh na tìre, chum gu gabh iad còmh- 
nuidh leam : esan a ghiuaiseas ann an sliglie ion- 
raìc, ni e seirbliis dhomli." Agus cha chaisgear 
an gràdh le mòran uìsgeachan, Laoi Shol. viii. 7. 
Cha cliaisgmòran mliearaclid agus anmhuinneachd, 
eadar-dhealachadh baralach, no dochair a glieibh- 
ear, an gràdh gu h-iomlan. Mar an ceudna tha e 
co'-pàirteachadh maith a rèir a thomhais, agus 
mar tha staid na muinntir bhochd dhiadhaidh aig 
iarraidh. Salm xvi. 2, " Is tu mo Thighearn : 



Shlàinteil ann an Criosd, 85 

cba ruig mo mhaitbeas ortsa/' &c. 1 Eoio iii. 17, 
18, 19, " Agus ge b e neacb aig am bbeil maoin 
an t-saogbail so, agus a cbì a bbràtbair ann an 
uireasbbuidb^ agus a dbruideas a cbridbe, 'na agb- 
aidh, cionnus a tba gràdb Dbe a' gabbaìl còmb- 
nuidb ann-san? Mo cblann bbeag, na gràdbaicb- 
eamaid ann am focaJ, no ann an teangaidb; acb 
ann an gniomb agus ann am fìrinn. Agus le so 
is aithne dhuinn gu bbeil sinn do'n f bìrinn, agus 
bheir sinn dearbb bbeacbd d' ar cridbeachaibb 'na 
làthair." Tba fuatb an duin' air ath-nuadhacbadb, 
agus tha e 'claonadb an agbaidh a pheacaidh. Salm 
cxix. 113, ** Is fuath leam smuainte faoìn," 's an 
aghaidh naimbdean Dbe, Salm cxxxix. 21, 22, 
" Nacb 'eil mi tabbairt fuatb, a Thighearna, 
dhoibbsan a tha toirt fuath dhuitse?" &c. Tha 
ceud-fàtb an aoibbneis no an t-subbachais air ath- 
nuadhacbadh, oir tha e 'g àomadb a dh' ionnsuidh 
Dhe, Salm Ixxiii. 25. Cò th' agam anns na 
nèamhaibh ach thusa ? agus an coimhmeas riut cba 
'n 'eil neacb air thalamh air am bheil mo dhèigh." 
Tha e 'g aomadb a dh' ionnsuidh a reachd agus a 
thoile. Sahn i. 2. Tha 'thlachd ann an lagh a 
Thigbearna; agus a chum nan daoine diadhaidh 
agus an eo'-chomunn, Salm xvi. 3, " A thaobh 
nan naomh a ta air talamh, agus nam flath ; tha 
mo tblachd uile annta." Tha 'm bròn air tionn- 
dadh an aghaidh a pbeacaidb rinn doclioir air an 
t-Slànuigbear, Sech. xii. 10. air dhoibb ambarc 
air an ti a lot iad, tba iad ri caoi agus ri bròn. 1 
Cor. vii. 11. Tha 'm bròn an sin diadbaidh ; *s 
anaghaidh ni air bith a tba lugbdachadh glòir Dbe ; 
tha iad brònach air son a cboi'-thionail naomha, 
agus 'se toibheum na muinntir sin an tròm-uallach. 



86 Deuchainn mii Chòir 

Sepb. iii. 18. Tiia càileigìnn de dli' atli-nuadh- 
acliadh anns na ceud-faithean iiile, mar anns gach 
earrann eile de'n anam a tha 'nis ag aomadh a dh*- 
ionnsuidh Dhe« 

3. Tha buill an duine o'n ìeth a muigh air an 
ath-nuadhachadh, mar tha 'n Sgriobtuir ag ràdh, 
an teanga, an t-sùil, a chluas, an làmh, a chos, 
&c. air chor 's gu bheil na buiìl sin a bha aon uair 
air an gnàthachadh mar inneil neo-fhìreantachd 
chum peacaidh, a nis air an gnàthachadh mar 
inneil fìreantachd chom naomhaehd. Rom. vi. 19* 

^ S an dara h-àite^ Tha duine tha ann an Criosd, 
air ath-nuadhachadli ann an tomhas èiginn 'na uile 
shlighibh : " Ma tha neach sam bith ann an Criosd, 
is creutair nuadh e." 2 Cor. v. 17. Tha'n duin' 
a' fàs nuadh. 

1. A thaobh a shonais : Bha e toilichte le ni 
maith air bith roimhe, ge nach robh ann ach maith 
o'n leth a muigh, Salm iv. 6, " Tha mòran ag 
ràdh, Cò nochdas dhuinn ni maith?" x^ch a nis 
's ann tha a shonas agus a mhòr-ghnothuch a' co'- 
sheasamh ann an cionnas a gheibhear ann an 
Criosd e air chionn an là sin, Philip. iii, 9. no 
cionnas a bhios e freagarrach dha 's a ghluaiseas 
e 'nafhianuis an sealìadh nam beò, Sahn Ivi. 13. 
ni a roighnicheadh e thar gach aon tròcair eile 
tha lìonadh an domhain. Salm cxix. 64, " De d' 
thròcair, a Thighearna, tha 'n talamh làn : teag- 
aisg dhomh do reachdan." Tha maith Chriosd a' 
fàs 'na mhaith dhà-san, mar a chì sinn ann an 
Laoidh Hannah. 1 Sam. ii. agus ann an Laoidh 
Mhuire, Luc. i. 'S iongantach an ni bhi faicinn 
daoine nach 'eil ach air an ùr-iompachadh, 's nach 
d' ràinig ach air toiseach eòlais, a' gabhail gnoth- 



Shlàinteil ann an Criosd. 87 

aich ri nìthe follaiseach rioghachd Chriosd, cho 
deònach, thogarrach air esan a bhi marcachd gu 
buadhach àrd, 's a' cur an t-sluaigh f'a làn cheanns- 
al-san. 

2. Tha'n duine tha ann an Criosd air ath- 
nuadhachadh 'na sheòl aoraidh. B' àbhaìst da 
seirblieis a thoirt do Dhia ann an seanachd na 
litreacli : sin r'a ràdh, air sgàth sgèimh a' co'- 
fhreagradh do litir na hàithne an taobh a muigh 
an dìeasnais, ni a tha neach a tha fo làn-cheannsal 
an t-seann duine, comasach air a dheanamh : ach 
a nis tha e toirt aoradh do Dhia ann an nuadhachd 
spioraid, Rom. vii 6. air dòigh nuadh anns am 
bheil spiorad Dhe a' deanamh còmhnadh ris, Rom. 
viii. 26. ni nach eil ann an comas do f huil agus do 
fheòil. Tha e nis a' *■ deanamh seirbhis do'n Dia 
bheò agus fhìor," 1 Tes. i. 9, " an spiorad agus 
am fìrinn." Eoin iv. 24. air dha smuainte spior- 
adail a bhi aige mu Dhia, 's a' gabhail na h-oibre 
sin os làimh gu ro dhùrachdach 'na anara, a' dean- 
amh 's a' labhairt gu fìor neo-chealgach 'nuair ni 
e aoradh ; a' sìor-mhiannachadh dlùthachadh rìs 
mar Dhia beò, a tha 'ga èisdeachd agus 'ga f haic- 
inn, 's a tha comasach air gabhail gu taitueach r'a 
sheirbheis. Salm xlii. 1, 2. Tha mi 'g aideach- 
adh gu 'm bi e goirid air so iomadh uair ; gidheadh 
feudaidh mi ràdh, gur e a shamhuil sin de dh' 
aoradh a bha 'na rùn, 's air a' bheil e air uairibh 
ag amus, agus ni bheil mòr mheas aig' air an 
aoradh sin nach 'eil air a choi' lionadh mar sin do 
Dhia; agus cha'n e aing'eaclid a nithe naomh an 
earrann a's Jugha d'a uallach agus d' a ghnàthach- 
adh. Tha daoine th' ann an staid nàduir 'nan 
coigrich air a shamhuil sin de dh' aoradh 'nuair a 



88 Deuchainn mu Chòir 

tha iad gu neo-thuigseacli a taosgadh araach aii 
glòir dhiomhain, 's a' deanarah uaill as gu h-uaibh- 
reach àrdanach, cosmhaii ris an Pharaiseach. Luc, 
xviii. 11, 12, *' do 'n Dia neo-aithnichte." Gniomh. 
xvii. 23. 

3. Tha 'n duine tha ann an Criosd air ath- 
nuadhachadh 'na ghairm agus 'na ealain o'n leth a 
muigh anns an t-saoghal; tha e nis a' cur roimhe 
cur m'a dhèighinn, o'n a dh' òrduich Dia e, *' gun 
bhi leasg ann an gnothuichibh : dùrachdach 'uur 
spiorad; a' deanarah seirbhis do'n Tighearn." 
Rom. xii. 11, 's a' beachdachadh air Dia ann mar 
a chrìoch dheireannach, 'ga dheanamh chum a 
ghlòire, 1 Cor. x. 31. agus ag oidhirpeachadh 
càileiginn de cho'-chomunn a bhi aige ri Dia ann 
an cur an gniomh oibribh o'n leth a muigh, mar 
rinn lacob 'na thiomna deireannach. Gin. xlix. 18, 
'^ Re d' shlàinte dh' f heith mise, O Thighearna." 
Agus mar rinn Nehemia, Neh. ii, 4, '• Agus 
thubhairt an righ rium, ciod e so a tha thu ag 
iarraidh ? Agus rinn mi ùrnuigh ri Dia nan 
nèamh." Mar sin tha 'n duine a' rùnachadh gluas- 
ad maille ri Dia, 's 'ga chur a ghnàth roimhe anns 
gach càis. Salm xvi. 8. ni tha mi 'g aideachadh 
anns am bi e gu minic goirid air a riìn. 

4. Tha e 'fàs nuadh d'a luchd-dàimh; tha e 'fàs 
'na fhear-pòsda, 'na athair, 'iia bhràthair^ 'na 
mhaighstir, 'na sheirbhiseach, 'na choimhearsnach, 
&c. ni 's dleasnaiche na bha e roimhe : ann an so 
bithidh e ro shaoithreachail air fein, chum coguis 
neo-lochdach a bhi aige a thaobh dhaoine, co 
maith 's a thaobh Dhe, Gniomh, xxiv. 16. a' fàs 
anns na h-uile chruth do na h-uiie. 1 Cor. ix. 22. 

5. Tha e fàs nuadh ann an saorsa lagiiail ; tha 



Shlàinteil ann an Criùsd. 89 

e ga shocrachadii feiii chum biadh, deoch, codal, 
aighear, agus trusgan a ghDàthachadh ìe bhi dearc- 
adh air Dia, a' saoithreachadh chom 's riach 
dthigeadh e fa chumhachd ni mi laghaii sara bith. 
1 Cor. vi. 12, '^ Tha na h-uiie nithe ceaduichte 
dhomh-sa, acli cha 'n 'eil na h-uile nithe iom- 
chuidli; tha na h-uile nithe ceaduichte dhomh, 
ach cha chuirear mi fo chumhachd ni sam bith.'* 
No idir a tlioirt oilblieum do mhuiontir eile ann 
an gnàthachadh nan nithe sin. Rom. xiv. 20, 21, 
** Na sgrios obair Dhe air soo bìdh. Gu deimliin 
tha na h-uiìe nithe glan; acli is olc do^n duine 
sin a dh'itheas le h-oilbheum. Is maitli an ni gun 
f heòil itheadii, na fìon òi, no ni air bith a dhean- 
amh leis am faigii do bhràthair tuisleadh no oiìbh- 
eum, no leis an deanar lag e." Rom. xv. % 
" Toilicheadh gach aon againn a choimhearsoach 
g'a mhaitii chum a thogail suas ; gun bhi gnàth- 
achadh na saorsa 'na cionfàth do'n fheòil." Gai. 
V. 13. Seadli tlia e saoitlireachadh chum na nithe 
sin uile a ghnàthacliadh mar choigrichair thaiamh, 
chum 's gu'm bi a mlieasarrachd air a nochdadh, 
Philip. iv. 5, " Biodh bhur measarrachd foilaiseach 
do na h-uile dhaoinibh." Agus tha e air dhòigh 
èiginn a' dearcadh air Dia mar a chrìoch dheir- 
eannach anus na nithe sin. 1 Cor, x. 31, <^ dean- 
aibh na h~uile nithe chum glòire Dhe ;" air chor 's 
gu 'm feud sinn a ràdh mu'n duine sin, ** Chaidh 
na seann nithe seach, feuch, rinneadh na h-uile 
nithe nuadh." 2 Cor. v. 17. Tha'n ti sin a tha 
mar so 'na chreutair nuadh, gun teagamli air bith 
ann an Criosd. ^ 

'Se 'n t-atii.nuadhachadh so air duin' anns gacìi 
gnè chaithe-beatha, 's a bhi mar so fo'n Ta^h do 



fo 



90 Deuchainn mu Chòir 

Dhia anns gach aon ni, an naomhachd sin ni as 
eug'ais nach fhaic neach sam bith an Tighearna. 
Eabh. xii. 14. Faodaidh daoine nitheannan a 
bharalachadh dhoibh fein ; ach mur dean iad an 
dìchioll air iad fein a dhearbhadh do Bhia, anns 
gach ni ro thaitneach, agus mur ruig iad air càil- 
eiginn de theisteas o'n leth a stigh air an trèibh- 
dhireas anns a chùis, cha dthoir iad dearbh-chinnte 
d' an cridheachaibh 'na lathair-sa. 'Se gàirdeachas 
dhaoine fianuis an coguis. 2 Cor. i. 12, <« Agus 
le so tha fhios againn gur aithne dhuinn e, ma 
choimhideas sinn 'àitheantan." 1 Eoin ii.3, ^' Agus 
le so is aithne dhuinn gu bheil sinn do'n fhìrinn, 
agus bheir sinn dearbh-bheachd do ar cridheach- 
aibh 'na làthair. Oir ma dhìteas ar cridhe sinn, 
is mò Dia na ar cridhe, agus is aithne dha na h- 
nile nithe. A mhuinntir mo ghràidh, mur dìt ar 
cridhe sinn, tha dànachd agaiun a thaobh Dhe." 
1 Eoin iii. 19 — 21. Ni bheil dànachd no muinigh- 
in air bitli aig daoine, ma dhìteas an cridhe iad. 
'Se so an creutair nuadh, air dha rùn do nuadh- 
bheatha spioradail a bhi aige air a thaosgadh le 
Dia anns a chridhe, leis am bheil e fàs nuadh, *s 
a' cur amach gnìomharra do nuadh-bheatha trid 
an duine gu h-iomlan : araon a thaobh nan àith- 
eantaibh sin a tha toirmeasg peacaidh, agus a 
bhuineas do dhleasnas, agus do dh' ath-bheothach- 
adh gràis anns an diiine : gu bheil e mar sin a' cur 
roimhne gu 'n cuir e 'n aghaidh gach peacadh 
dìomhair, gun cheap-tuislidh a chur 'an rathad an 
doill, Lebh. xix. 14. peacanna beaga, tha air a 
mheas le mòran, gur h-iad sin na nithe a's lugha 
de'n lagh. Mat. v. 19, " Ge b'e neach a bhriseas 
aon de na h-àitheantaibh so a's lugha; agus a 



SJdàinieil ann an Criosd. 91 

theagaisgeas daoine mar sin, goirear an duine a*s 
luglia dheth ann an rìoghachd nèimh :" peacaibh 
spioradail, salachar an spioraid. 2 Cor. vii. 1, 
<' A mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geall- 
anna so bhi againn, glanamaid sinn fein o gach 
uile shalachar feòla agus spioraid a' coimhlionadh 
naomhachd ann an eagal De :'* peacadh dearmaid 
co maith ri peacadh dèanadais, o'n is ann leis na 
nithe sin a bheirear breith air daoine. Mat. xxv. 
41 — 45, " An sin their e mar an ceudna riùsan 
air an làìmh chlì, Imichibh uam, a shluagh mall- 
uichte, dh'ionnsuidh an teine shiorruidh, a dh* 
ulluicheadh do'n diabhul agus d'a ainglibh : Oir 
hha mi ocrach agus cha d'thug sibh dhomh biadh ; 
bha mi tartmhor agus cha d'thug sibh dhomh 
deoch, &c." seadh, peacaidh a tha air an cleachd- 
adh 'na chaithe-beatha agus 'na ghiùlan nàdurra, 
agus mar sin tha iad dhà mar shùil no mar làmh 
dheis. Mat. v. 29, '' Ma bheir do shùil dheas 
aobhar tuislidh dhuit, spìon a mach i, agus tilg 
uait z, &c." Bheir an nuadh rùn beatha so, air 
duine, le còmhnadh Dhe, cur an aghaìdh gach aon 
pheacadh air a' bheìl e fiosrach, co fad 's nach 
dthoir e caidreamh foisneach do pheacadh sam bith 
le 'fhios. 2 Cor. vì. 14, *« Ciod e caidreabh na 
f ìreantachd ri neo-f hìreantachd ? agus ciod e com- 
unn an t soluis ris an dorchadas ?" Mar an ceud- 
na tha e 'gèilleachdainn do na hàitheantaibh sin 
a bhuineas do dhleasnas, agus do dh' ath bheoth- 
achadh gràis ann an duine; agus bheir sin air 
duine mòr spèis a bhi aige air uile àitheantaibh 
Dhe, Salm cxix. 6. chum a bheatha a chaitheamh 
gu measarra, gu cothromach agus gu diadhaidh, 
Tit. ii. 12. Seadh, agus oidheirp a thoirt air 



92 Deuchaiim mu Chòir 

liithe a dheanamli air dòigh thrèibhdhirich cheart, 
a' cur roiirJie nach sguir e do bhi 'g* oidheirpeach- 
adh a bhi a rèir toil Dè, an cian 's i§ beò e asr an 
talamh, ach a ghnàth '' a' dian-ruith a dh' ionns- 
oidh a' chomhara, chum duaise ard-ghairme Dhè, 
ann an losa Criosd." Philip. iii. 14. 'Se so fìor 
naomhachd, a tha ro iomchuidh a bhi aig gach 
Beach a tha 'gabhail os làimh gu bheiì iad 'nan 
oighreacban air an àros naomh sin, ann an cuid- 
eachd 'S ann an co'-chomuno neo-mheadhonach an 
De shiorruidh. J Eoin iii. 2, '* A ta fhios againn, 
'nuair a dh' f hoiilsichear esaoj gu'm bi sinn cosmh- 
uiì ris." 

Saoiiidh cuid gur nithe ro ard iad sin, 's gu bheil 
iad ro dhuilich ruigheachd orra. Tha mi 'g aid- 
eachadh gu bheil so fìor. Ach air tùs, thugaibh 
fainear gu bheil luathasachadh ro mhòr anns a 
chùmhnanta, air a ghealltainn d' a phobull, a dh' 
fhàgas so-dheanta na nithe sin a tha daoine a' 
meas ro chruaidh. Ghabii an Tighearn' os làimh 
an cridhe cruaidh clochach a bhuntuinn air falbh, 
agus cridhe feòla thoirt dhoibh, cridhe nuadh, 
cridhe air am bi 'eagal-san gu siorruidh ; ghabh e 
os làimh a reachd a chur an cridhe dhaoine, agus 
'eagal feìn a chur 'nan cridhe, chura 's gu'n coimh- 
eadadh iad an reachd sin ; 's gu'n cuireadh e a 
spiorad annta a thoirt orra a choimhead. Gheall 
e na sagairt a shàsuchadh le nithibh maithe, chum 
's gu'm biodh anama a phobuill air an sàsuchadh 
le maitheas ; 's a chum an coimhead 's an uisg- 
eachadh gach aon àm. Esec. xxxvi. 27 ; ler. xxxii. 
39, 40, xxxi. 33 ; Isa. xxvi, 3. Agus ma 's èiginn 
iarraidh air na nithe sin uile a dheanamh do 
dhaoine, Esec. xxxvi. 37. tha e 'gabhail os làimh 



I 



' Shlàinteil ann an Criosd. 93 

gu' n taosg e amacli orra Spiorad iian gràs agus na 
h-athchuinge, Sech. xii. 10. agns mar sin gu'n 
teagaisg e iad cionnas a dh' iarras iad na nithe sio, 
agus an dòigh air an cuir iad e fein thuige, chum 
gach ni a dheanamh air an son. 

'S an dara h-àite, Chum co'-fhurtachd a thoirt 
do'n mhuinntir a's anf hainne^ tha mi 'g aideachadh 
nach faighear an creutair nuadh so air gach dòigh 
roar a dh' ainmich sinn e, anns gach neach a tìia 
ann an staid ghràsmhor. Ach tha chùis gu maith 
ma bhios, 1. Nuadh-dhuine ann : cha'n 'eil e 'n 
comas duinn deanamh leis ni's lugha na so ; " ma 
tha neach sam bith ann an Criosd, is creutair 
nuadh e." 2 Cor. v. 17. Agus 'se sin an nuadh 
dhuine, a's èiginn do gach neach a tha air mhodh 
slàinteil air an teagasg le Criosd a chur umpa : 
Ephes. ìv. 21 — 24, <' O chuala sibh e, agus o 
theagaisgeadh leis sibh, mar a ta an f hìrinn ann an 
losa : Gu'n cuir sibh dhibh, thaobh a cheud chaithe- 
beatha, an seann duine, a tha truaillidh a rèir nan 
ana-miann cealgach; agus gu'm bi sibh air bhur 
nathnuadhachadh ann an spiorad bhur n-inntinn; 
Agus gu'n cuir sibh umaibh an nuadh-dhuine, a 
tlia air a chruthachadh a rèir Dhe am f ìreantachd 
agus am fìor naomhachd." 'S fheudar gu'm bi 
càileiginn de dh' ath-nuadhachadh a rèir ìomhaigh 
Dhe ann an anam agus ann an corp an duine ; 's 
èiginn gu'm bi an duine ann an càil ag aomadh a 
dh' ionnsuidh Dhe ; gidheadh tha mi 'g aideach- 
adh, nach 'eil gach uile neach murrach air so a 
dhearbhadh gu soilleir do dhaoin' eile, no idir 
aithneachadh annta fcin, do bhrìgh nach aithne do 
mhòran gach earrann fa leth do'n anam, no idir 
an t-ath«leasachadh a tha freagarrach do gach earr- 



94? Deuchainn mit Chòir 

ann de 'n anam agus de 'n cliorp, gidheadh bheir 
iad fainear gu bheil ni àraidh d'a leithid sin annta, 
oir tha fianuis ac' ann an taobh a stigh dhiubh air 
a chùis, ma ni thu nàdur na cùise soilleir so-thuig- 
sinn doibh. 

2. 'S èiginn gu'ra bi na h-uiread mheas aig duine 
air uil' àitheantaibh Dhe mu 'bheil e fiosrach, agus 
nach dthoir e caidreamh foisneach do pheacadli 
sam bith le 'f iiios ; oir, ''- ciod e caidreabh na fìr- 
eantachd ri neo-fhìreantachd? agus ciod e com- 
unn an t-soluis ris an dorchadas ?" 2 Cor. vi. 1 1 — 
16. Cha 'n fheud e spèis a thoirt do dh' aingidh- 
eachd : Salm cxix. 6, ^' An sin cha ghabh mi nàire, 
an uair a bheir mi spèis do t-àitheantaibh gu lèir." 
Salm Ixvi. 18, *•' Ma bheir mi spèis do euceart a* 
m' chridhe, cha'n èisd an Tighearna rìumr Tha 
mi 'g aideachadh gu'm feud daoine bhi aineolach 
air iomadh àithne agus peacadh, agus feudaidh iad 
a bhi ann am baraìl, ann an cuid de chàsaibh, nach 
fuathach le Dia cuid de pheacannan ; ach ma tha 
iad làn-fhiosrach air na nithe sin, cha'n'eil e com- 
asach gu'm bi co'-rèite air bith eadar f ìreantachd 
agus neo-f hìreantachd. 

3. 'S eiginn do dliaoine gluasad a rèir lagh 
Dhe gu h-iomlan 'na rùin thrèibhdhireach, neo- 
chealgach; oir cha'n'eil ni sam bith ann an so, ach 
an cridhe a thoirt suas do Dhia, chum 's gu'n 
cuireadh e a reachd ann gu h-iomlan, ni is e earr- 
ann de'n chùmhnant a tha sinn r'a dheanamh ri 
Dia. Eabh. viii. 10, ^« Oir is e so an coimh- 
cheangal a ni n^i ri tigh Israeil ; — cuiridh mi mo 
reachdan 'nan iimtinn, agus sgrìobhaidh mi iad air 
an cridheachaibh. Tha mi 'g aideachadh gu bheil 
mòran ann aig nach 'eil fhios cionnas a ghluaiseas 



Shlàìnteil ann an Criosd, 95 

iad a rèir lagli Dhe 'iian uile sliligliibli ; acli ma 
shoilleirìcliear dhoibh aii dòigh air aii dèanar sin^ 
gluaisidh iad d' a rèir. Agos tha e fìor, ciiid- 
eachd, gii'in bi iad ioraadh uair goirid air an rùin 
shuidhichte 'nan gnàthachadh ; gidheadh 'nuair 
tbig iad goirid air, 's urrainn iad a ràdh, gur e 
atharrachadh sin a bha nan aire dhèanarah, 's 
gu 'n dthoir iad f hathasd oidheirp gu dùrachdach 
neo-chealgach air a dheanamh air mhodh taitneach, 
agus bithidh e 'na bhrise-cridhe agus 'na chàmpar 
orra gu 'n robh iad goirid air an rùn, 'nuair a 
nochdas an Tighearna dhoibh e, agus ni e sin an 
àm iomchuidh. 

4. 'Nuair a tha sinn gu breith a thoirt air ar 
staid fein leis an nuadh-chreutair, 's feumail duinn 
a dheanamh an àm iomchuidh, 'nuair a bhios sinn 
ann an deagh fhonn, agus ann an suidheachadh 
iorachuidh inntinn ; gu h-àraidh cha chòir dhuinn 
a' chùis sin a rannsuchadh 'nuair bhios sinn 's an 
f honn a's tàire : oir tha'n f heoil agus an spiorad a' 
miannachadh an aghaidh a chèile, Gal. 17. 's air 
uairibh bheir an dara h-aon buaidh air an aon eile, 
an spiorad an dara h-uair, 's an fheòil an uair eile. 
Tha mi 'g ràdh mata, gur còir dhuinn àm iom- 
chuidh a thaghadh, 'nuair tha'n earrann spioradail 
a' buadhachadh air an f heòil : oir anns an àm sin, 
tha 'n creutair nuadh a' pilleadh air ais 'na shruth- 
chlais, agus a chum a chleachdanna fein gu h- 
iomlan, ach ann an cuid de nithibh beaga nach 'eil 
so-mhothachaidh, leis a' bheil e a' cur an aghaidh 
na feòìa, a rèir an Sgriobtuir roi'-ainmichte : oir 
'se sin àm a gheamhraidh anns an anam, 's clia 
ruig sinn a leas dùii a bhi againn ri toradh, seadh, 
no idir ri duiUeach, mar rnn an àm buadhar eile : 

F 



96 t>euckainn mu Chòir 

ach an t-eagal gu'n gabhadh daoin* aingìdh mi- 
naomha, cionfàth o na chaidh a labhairt, their sinn 
an f 3, gu bheìl an Spiorad a' faghail buaidh air an i 
f heoil gu minic ann an duine diadhaidh, agus gu \ 
bheil rùn, miann agus togradh àraidh a shlighe, 
ann an lagh a Thighearna, 'se sin a ghluasad, 
Salm cxix. 1. ach 'se peacadh cùrsa gnàthaichte an 
aingidh, mar tha e gu minig air a ràdh ann an 
leabhar Gnàth-f hocail Sholaimh. Agus ma gheibh 
peacadh sam bith lamh-an-uachdar air an ionracan, 
bithidh e ro chràiteach, duiiich air a shon ; agus 
tha sinn am barail gu bheil e *ga shìor-chumail an 
earbsa ri Dia, chum a mhearachd a leasachadh, 
mar tha Daibhidh a' labhairt. Salm Ivi. 13, " Oir 
shaor thu m' anam o'n bhàs, agus mar an ceudna 
mo chosan o thuisleadh." 



CAIB. X. 

An t'eadar-dhealachadh a tha eadar duine tha air 
Ifhìor ath-nuadhachadhy ^s a tha ann an Criosd^ 
agus cealgoirean* 

CuNN* Feudaìdh daoine mi-dhiadhaidh agus cealg- 
oirean ath-nuadhachadh agus caochlaidhean mòra 
bhi air an oibreachadh orra agus annta, 's tha 
eagal orm gur h-e 'shamhuil sin a ta agamsa. 

jFreag. Tha mi 'g aideachadh gu bheil aig 
daoine mi-dhiadhaidh 's aig luchd an f huar-chràbh- 
aidh ioma ni annta, a tha coltach ris a chreutair 
nuadh. 

1. A thaobh buaidhean an duine, faodaidh iad, 1. 
ruìgheachd air mòr eòlas, mar tha iad air an soiU- 
seachadh. Eabh. vì. 4. 



Shlàinteil ann an Criosd, 97 

2. Feudaidh iad ruigheacM air raòran de ath- 
leasachadh beatha 'san duine o'n leth a muigh, 
araon a thaobh saorsadh o pheacadh, agus ceangal 
chum dleasnas èiginn, mar rinn am Pharaiseach 
sin, Luc. xviii. 11, 12, " A Dhe, tha mi toirt 
buidheachais duit nach'eil mi mar a ta daoine eile, 
'nan luchd foireigin, eucorach, adhaltrannach, no 
eadhon mar an cìs-mhaor so. Tha mi a' trasgadii 
dà uair 's an t-seachduin, tha mi toirt deachaimh 
as na h-uile nithibh a ta mi sealbhachadh." Seadh, 
4. A thaobh an tuigse ghniomhach, feudaidh iad 
nithe èiginn mu thimchioll De a mheas ro luach- 
mhor; thuirt na maoir, nach do labhair duine 
riamh mar a labhair Criosd. Eoin vii. 46. 

3. Feudaidh na ceaìgairean mòran aidmheil a 

bhi aca. 1. Feudaidli iad labhairt mu'n lagh, 

mu' n t-soisgeul, agus mu 'n chùmhnanta, mar a 

tha na h-aingidh a' deanamh. Salm 1. 16, " Ciod 

e do ghnothuchsa mo reachdan a chur an cèiil, no 

gu 'n gabhadli tu mo choimhcheangal ann ad bheul." 

Feudaidh iad peacadh aidmlieil gu follaiseach chum 

an nàire fèin, mar rinn rìgh Saul, 1 Sam. xxvi. 21. 

3. Feudaìdh iad an irisleachadh fèin ann an sac- 

aodach, mar rinn Ahab, 1 Rìgh. xxi. 27, 4. Feud- 

aidh iad rannsuchadh gu dìchiollach mu dhleasnas, 

agus teachd gu suilbhearra chum f haotainn ; Isa. 

Iviii. 2, <* Gidheadh o là gu là tha iad 'g am iarr- 

aidh-sa; agus is toil leo eòlas a ghabhail air mo 

shlighibh ; mar chinneach a ta cur an gniomh f ìr- 

eantachd, agus nach do thrèig reachd an De ; tlia 

iad a' fiosrachadh dhìomsa mu thimchioll reachda 

na f ìreantachd, agus is miann leo bhi teachd dhi 

do Dhia." 5 Feudaidh cealgairean ann an cruaidh- 

chais aontachadh leis an ni a bhuineas do Dhia, 

f2 



98 Deuchainn mu Chòir 

mar rinn Demas, agus cealgairean eile ann an 
leabiiar Gniomhara nan Abstol, muinntir a thuit 
gu tur air falbh an dèìgh làimhe. 6. Feudaidh iad 
mòran d' am maoin a bhuileachadh air Dia 's air 
na naoimh, mar rinn Ananias, Gniomh. v. 1, 2. a 
ehion 's nach dthoir iad dhoibh am maoin uile. 1 
Cor. xiii, 3, " Agus ged chaithinn mo mhaoin uile 
chum na bochdan a bheathachadh, agus ged bheir- 
inn mo chorp chum a ìosgadh, agus gun ghràdh 
agam, cha 'n 'eil tairbhe sam bith dhomh ann.'* 
Seadh, 7. Ni bheil e eu-comasach do chealgairean 
an cuirp a thoirt seachad chum bhi air an losgadb, 
air son aobhair shònraichte àraidh, mar a chì sinn 
anns an earrann a's deireannaiche chaidh ainmeach- 
adh de'n Sgriobtuir. 

3. Feudaidh cealgairean dol fad' air an aghaidh 
ann an ceumaibh coitchionn gnàthaicht' a chreid- 
imh, a leithid 's a tha aig na daoine taghta 'nuair 
a bheir Dia am braighdeannas iad. 1. Feudaidh 
iad a bhi fo gheur-mhothachadh peacaidh mar bha 
ludas. Mat. xxvii. 3—5. 'S amhuil a bha righ 
Saul gu minic. 2. Feudaidh iad crithneachadh 
roi' fhocal De, 's a bhi fo mhòr uamhunn, mar bha 
Felix. Gniomh xxiv. 25. 3. Feudaidh iad gair- 
deachas a dheanamh ann an gabhail ris an fhìrinn, 
mar rinn esan a fhuair an sìol ann an ionadaibh 
clochach. Mat. xiii. 20. 4. Feudaidh càileiginn 
de shìth 's de shuaimhneas a bhi aca, an dùil ri 
slàinte trid losa Criosd, mar bha aig na h-òigheari 
amaideach. Mat. xxv. 5. 5. Feudaidh tomhas 
eiginn de ath*leasachadh a bhi 'n co'-chuideachd 
nan nithe sin uile chaidh ainmeachadh, coltachris 
an Pharaiseach. Luc. xviii. 11, 12. Feudaidh an 
spiorad neo-ghlan dol a mach asda. Mat. xii. 4?3. 



Shlàinteil ann an Criosd. 99 

6. Feudaidli an obair so bhi mar gu'm biodh i air 
a daingneachadli le càileiginn de f hèin-fhiosrach- 
adh agus de bhlasad àraid de dh' f hocal De. Eabh. 
vi. 4, 5. 

4. Feudaidh cealgairean nì-eiginn a bhi aca ro 
choltach ri gràsaibh slàinteil an spioraid; mar, 1. 
Feudaidh seòrsa creidimh a bhi aca, mar bha aig 
Simon Magus. Gniomh viii. 13. 2. Feudaidh 
gnè aithreachais a bhi aca, agus gluasad gu dubh- 
ach. Mal. iii. 14, " Ciod a bhuannachd dhuinn 
gu 'n do choimhid sinn 'òrdugh, agus gu'n do 
ghluais sinn gu brònach an làthair Tighearna nan 
sluagh ?" 3. Feudaidh iad mòr eagal a bhi aca 
roimh Dliia, mar bha aig Balaam, nach rachadh le 
teachdairean Bhalac ged f haigheadh e làn tighe de 
dh' òr, gun chead f heòraich de Dhia, 's gun chom- 
as fhaotainn. Aireamh xxii. 18. 4. Tha seòrsa 
dòchais aca. lob. viii. 13. Bàsaichidh dòchas a 
chealgair. 5. Tha gràdh èìginn aca 's amhuil a 
bh' aig Herod do Eoin. Marc. vi. 26. Cha ruig 
mi leas tuill' ainmeachadh ; oir 's ni e chaidh as an 
teagamli gu bheil aig luchd an fhuar-chràbhaidh 
samhladh cealgach do gach gràs slàinteil. 

,5. Tha ni-eiginn aca coltach ri co'-pàirteachadh 
àraid Dhe, agus fianuis a spioraid, ann an càil 
coltach ri " cumhachdaibh an t-saoghail a tha chum 
teachd," gu ro chumhachdach orra, le càil-eiginn 
de aoibhneas neo-mhaireannach aig èirigh uatha, 
cosmhuil ri, Eabh. vi. 4 — 6, " Oir is eu-comasach 
an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, 
agus a bhlais an tiodhlac nèamhaidh, agus a rinn- 
eadh 'nan luchd-comhpairt do'n Spiorad naomh, 
agus a bhlais deadh fhocal Dè, agus cumhachdan 
an t-saoghail ri teachd, agus a thuit airfalbh, ath- 
f3 



100 Deuchainn mu Chòir 

nuadhachadh chum aithreachaìs :" Gidheadh leìs 
gacli ni dhiubh sin, cha'n'eil iad ach mar bha 
Agrippa, gu inbhe bliig air an iompachadh gu bhi 
'nan Criosduidhean. Gniomh. xxvi. 28. Bhiodh 
e ro fhadalach labhairt ris gach ni dhiubh sìn fa 
leith, 's a shoilieireachadh nach Vil annt' uile ach 
nithe faoin suarrach gun seadh. Ainmichidh mi a 
nis nithe àraìdh, anns a' bheil an duine tha air 
fhìor ath-nuadhachadh, 's a tha ann an Criosd, ag 
eadar-dhealachadh o chealgairibh agus o dhaoinibh 
aingidh. 

] . Ge b'e caochladh bhios ann an cealgairean, 
gidheadh cha 'n 'eil an cridhe air atharrachadh 
's air a dheanamh nuadh: Cha 'n 'eil an cridhe 
nuadh air a thoirt seachadach do na daoioe taght' 
amhàin, 'nuair a dh' iompaichear 's a bheìrear fo 
cheangal a chùmhnaint iad. Jer. xxxii. 39, " Bheir 
mi dhoibh aon chridhe, agus aon slighe, a chum 
as gu'm bi m' eagal sa gu bràth orra." Esec. xxxvi. 
26, <^ Bheir mi fòs dhuibh cridhe nuadh, agus 
cuiridh mi spiorad nuadh an taobh a stigh dhibh^ 
agus buinidh mi air falbh an cridhe cloiche as 
'ur feòii, agus bheir mi dhuibh cridhe feòla." Cha 
do ghabh ceajgairean riamh ri Criosd mar an t- 
aon ni a b' f hearr a shàsuicheadh air an talamh, 
air son an trèigeadh iad le gairdeachas gach ni bha 
iad a' sealbhachadh; oir nan dthigeadh iad chum 
na h-inbhe so, bhiodh rìoghachd Dhe air inndrinn 
a steach annta. Mat. xiii. 44, '^ A ta rìoghachd 
nèimh cosmhuil ri ionmhas air f holach am fearann ; 
ni an dèigh f haotainn, a dh' fholaich duine, agus 
air sgàth a ghairdeachais air a shon, dli' imich e 
agus reic e na blia aige uile, agus cheanr.aich e am 
fearann sin." Feudaidh an duine tha air fhìor 



Shlàinteil ann an Criosd, 101 

atli-nuadliachadli, a ràdh, le deadii bharantas, agus 
tha fianuis air a' chùis o na h-ardaibh, gu n robh 
atharrachadh gràsmhor air a dheanamh air a chridhe 
an lorg dha gabhail ri Crìosd, 's gu'n robh e 'ga 
fhìor-mhiannachadh, raar an t-aon ionmhas a shàs- 
uicheas, agus a dh' fhàgas saibhir e, agus measaidh 
e gach aon ni eile 'nan calldach agus 'nan aolach 
air son gu m faighear annsan e. Phillip. iii. 8, 9. 
2. Ge b'e ath-leasachadh no aidmlieil air a' bheil 
cealgairean a' ruigheachd, mar nach 'eil e sruthadh 
o chrldhe nuadh, 's o rùn fìor-ghlan do theas- 
ghràdh do Dhia, 's ann a tha e do ghnàth air son 
crìoch aingidh èìginn, chum 's gu'm faicear le 
daoiu' e. Mat. vi. 5. no chum teanndach èiginn 
o 'n leth a muigh a sheachnadh, gu bhi saor o 
fheirg Dhè 's o agartas an coguis fèin. Isa. Iviii. 
3, " C'ar son a thraisg sinn, deir iad, agus nach 
'eil thus a' faicinn ? C' ar son a chràidh sinn ar 
n-anam, agus nach 'eil thus a' toirt fainear?" Mal. 
iii. 14, " Ciod a' bhuannachd dhuinn gu'n do 
ghluais sinn gu brònac]i an kìthair Tighearna nan 
sìuagh ?" Mar dhearbhadh air a' chùìs so cha'n'eil 
spèìs ac' uair sam bith do gach àithn' air am fios- 
rach iad, no cha bhiodh nàir' orra a chaoidh, Sahn 
cxix. 6. ni mò bheir iad oidheirp air cur an agh- 
aidh gach peacadh air a' bheil iad làn-fhiosrach, 
gLin cheilg shònruichte 'nan cridhe fein, no, bhiodh 
iad saor o dhìteadh-cridhe, agus mar sin dh' fheud- 
adh iad air deadh stèigh dànachd a bhi ac' an 
làthair Dhe. 1 Eoin ii. 21, 22. Nan aidìcheadh 
iad Crìosd o rùn gràidh, 's le teas-ghràdh dha, 
agus air son crìoch cheart, bhiodh e fiachaicht' air 
Criosd, le 'f hocal fein, iadsan aideachadh am 
fianuis 'Athar. Mat. x. 32, ^P^ '^ 



102 Deuchainn mu Chòir 

3. Ge b'e f had 's a tha na cealgairean a' dol air 
an aghaidh anns an obair sin leis a* bheil sluagh 
air an treòrachadh a dh' ionnsuidh Chriosd, gidh- 
eadh cha'n 'eil iad idir air tùs ag iarraidh Rìogh- 
chd Dhè agus 'fhìreantachd-san. Mat. vi. 33. 
Cha'n e idir an t-aon ni feumail, eadhoin càirdeas 
agus co'-chomunn ri Criosd, roghainn an cridhe 
thar gach aon ni eile, no cha bhiodh a' chuìd 
mhaith sin air a thoirt uatha a chaoidh. Luc. x. 
42. 

4. Ge b'e samhladh cealgach gràis tha ann an 
cealgairean, gidheadh tha iad uil' air an altrum as 
eugais obair shlàinteil Spioraid Chriosd ; agus is 
leòir sin chum an druideadh a mach o shochair a 
chomharaidh so, nach 'eil iad a' pur cùl ris na 
nithibh sin, no idir glan-fhalamh dhiu, ach 's ann 
a tha iad 'gan socrachadh fein orra do ghnàth mar 
an Sìànuighear, air chor 's nach 'eil iad a' strìochd- 
adh do dh' fhìreantachd Dhe. Rom. x. 3. Agus 
is leòir sin gu 'n cumail fada o Chriosd, nach aont- 
aich a chaoidh gu seann trusgan nan cealgairean a 
chàramh ie 'lìon-aodach fìor-mhaìseach fein, no 
idir 'fhìon nuadh a chur 's na seana bhuidealaibh 
sin. Mat. ix. 16, 17. 

5. Feudaidh sinn a ràdh, mu chealgairean agus 
mu dhaoine ain-diadhaidh, mi-naomlia, ged robh 
aca gach ni tha 'nan comas, gu bheil tri nithe ro 
àraid a chreidimh Chriosduidh a dh' uireasbhuidh 
orra. 1. Cha 'n 'eil iad a' toirt fainear am feum 
anabarrach a th' ac' air losa Criosd, no idir a' cur 
cùl r'am f ìreantachd fein, air chor 's gu bbeil iad 
a' gabhaìl gràin diubh fein, a feitheamh chum 
cobhair fhaotainn o Dhia." 'S iad a mhuinntir a 
fhuair a leithid sin do shealladh dhiubh fein, a 



Shlàinteil ann an Criosd, 103 

tliainig Criosd a dli iarraidh agiis a thèarnadh. 
Liìc. xix. 10 2. Cha do ghabh iad uair air bith 
ri losa Criosd mar an t-aon ionmhas a tha amhàin 
comasach air daoine dheanauih saibhir, agus an làn 
sliàsuchadh; agiis cha mhò a dh' aontaich iad 
riamh gu trèibhdhireach dùrachdach le innieachd 
Dhe anns a cho'-cheangal, 's mar sin cha 'n airidh 
iadsan aìr ; cha mhò a dli' inndrinn rìoghachd Diie 
air mhodh sìàinteil 'nan cridhe. Mat. xiii. 44, *« A 
ta rìoghachd nèirah cosmhuil ri ionmhas air fhol- 
ach am fearann ; ni an dèigh f haotainn, a dh' f hol- 
aich duine, agus air sgàth a ghairdeachais air a 
shon, dh' imich e agus reic e na bha aige uile, 
agus cheannaich e am fearann sin." 3. Cha'n 'eil 
iad uair air bith da rìreadh a' gabhail ri cuing 
Chriosd gu h-iomlan, a' meas gu bheil a thoil gu 
lèir cothromach agus maith, naomh agus spiorad- 
ail, mar a chi sìnn, Rom. vii. 12. agus air an 
aobhar sin cha'n 'eil suaimhneas air bith air òrduch- 
adh dhoibh tre Chriosd. Mat. xi. 29. Gabhaibh, 
mo chuing oirbh, agus fòghlumaibh uam, oir a ta 
mise macanta agus iriosal an cridhe : agus gheibh 
sibh fois do bhur n-anamaibh." Uime sin co air 
bith thu, ma dh' f heudas tu còir shoilleir cheart a 
thagradh air na trì nithe sin a chaidh ainmeachadh 
tha thu ni's faide air t-aghaidh ann an obair na 
diadhachd na tha na bheil de chealgairean 's de 
dhaoine ain-diadhaidh, mi-naomha air thalamh, 's 
cha'n ion duit eagal a bhi ort gu bheil thu 'n àir- 
eamh na muinntir sin, air dhuit a bhi freagarrach 
do chrìoch mhòr agus do rùn an lagha agus an t- 
soisgeil. 

Cunn, Ar leam, gu'm feud mi air uairibh, còir 
a thagradh le barantas air comhara sin an nuadh- 

FÒ 



104 Deuchainn mii Chòir 

clireutair ; acli an àm eile tlia peacadh a* faghail 
buaidli orm, air chor 's gu bheil mi gu ro mhòr a' 
cur an teagamh gach obair a tha 'n taobh a stigh 
dhiom. 

Freag, 'S muladach an gnothuch gu bheìl 
daoine tha 'g aidmheil ainm Chriosd, 'nan tràill- 
ean co raòr do'n pheacadh 's a tha mòran diubh. 
Gidheadh, mar f hreagradh do'n chunnuil, chl sìnn 
na naoimh 's an Sgriobtuir a' tagradh còir air Dia 
's air a choimhcheangal gu dligheach ceart, air 
deadh stèigh, 'nuair tha aingidheachd a' faotainn 
lamh-an-uachdar orra. Salm Ixv. 3, " Thug en- 
cearta buaidh oirnn : ar n-eusaontais glanaidii tusa 
uainn." Rom. vii. 23, 25. Tha Pol a' toirt buidh- 
eacliais do Dhia trid Chriosd, 'nuair tha lagh 'na 
bhalìaibh 'ga thoirt am bruid do pheacadh. Ach 
a chum 's gur feaird a thuigear, 's a cho'-chuirear 
an samhuil sin de dhearbh f hìrinii, 's èiginn duinn 
an t eadar-dhealachadh a tha eadar peacanna ro 
ann-tron uamhasach, agus mearachdan gnàtliaichte 
a nochdadh, no peacaidh a thig air duine gun f hios 
da, gun roimh-smuaioteachadh orra, no idir 'gam 
nieòraich 'na inntinn roi'-laimh. Tha e ro chruaìdh 
air duine 'm fad 's a bhuanaicheas e fo cbumhachd 
a cheud seòrsa, a chaochladh gràsmhor a thoirt 
fainear, ged robh e da rìreadh air oibreachadh ann ; 
agus tha e ro dhuilich co'-fhurtachd sam bith a 
tharruing uatha, gus am bi an duin' ann an tomh- 
as èiginn air a shaoradh o churahachd nam peac- 
anna sin, gus am bi e raothachail orra, 's gu 'n 
teann e gu ro-dhùrachdach ri cur 'nan aghaidh le 
làn-rùn. Tha sinn a' faicinn gu'n do ghairm 
Daibhidh òglach Dhè dheth fèin air ball an dèigh 
dha pobull De àireamh ; ach 's ann a bha e 's aii 



Shlàinteil ann an Criosd. 105 

àm sin fo gheur-mhotlmchadh air a pheacadh. 2 
Sam. xxiv. 10. Tha lonas a' tagradh còìr ann an 
Dia mar a mhaìghstir fo a cheannairc ; ach tha e 
*san àm sin a' gabhaiì aithreachais air son 'eusaont- 
ais, agus ann am mòr-fheirg ris fèin air son a 
pheacaidh. lonas i. 9. 10. 12. 'S an àite 's faigse, 
labhraidh sinn càileiginn mu mhearachdan gnàth- 
aichte, no, peacaidh anthainneachd, agus mu olc 
a chridhe, nithe mu bheil Pòl a' deanamh gearain. 
Agus ann an labhairt mu na nithibh sin, ni 
sinn feum de nithe àraid de'n t-seachdamh caibdeil 
chum nan Roimheach, leis a' bheil Pòl a' dearbh- 
adh a chòir fein air Criosd, agus ma tha thusa 
murrach air an co'-chur riut fèin, tha 'chùis gu 
maith eadar Dia agus t-anam neo-bhàsmhor. 1, 
'Nuair tha Pòl a' mothachadh nach 'eil e comasach 
a bhi a rèir lagha Dhè, cha'n'eil e cur coire air an 
lagh, gu bheil e co ro-theann 's nach 'eil daoine 
'nan urrainn a choimhead, mar is gnàth le cealg- 
airean a ràdh ; ach 's ann tha esan a' cur na coire 
as a leith fèin, air dha bhi feòlmhor, ana-miann- 
ach ; agus tha e 'g ràdh mu 'n lagh, gu bheii e 
maith, naomh agus spioradail, Rom, vii. 12, 14. 
2. 'S urrainn e a ràdh, gu'n robh e goirid air a 
mhaith a bha 'na rùn, 's gu'n do chuir se e fein g'a 
dhùlan, 's gur minig a thug e oidheirp dhùrachd- 
ach air cur an aghaidh an uìlc anns an do thuit e. 
Rom. vii. 15, 18, 19. 3. Tha e 'g ràdh gur h-e 
peacadh bhi faghail buaidh air a s gnàth-obair dha, 
air chor's gu bheil e 'ga mheas fèin truagh air son 
a shamhuil sin " do chorp bàis," o bheil e a' gabh- 
ail mòr-fhadal gu bhi air a shaoradh, Rom. 24. 
4. Tha e 'g ràdh, am fad 's a bhios e fo chumhachd 
agus fo lagh a pheacaidh, gu bheil nì-eigìnn ann 



106 Deuchainn mu Chòir 

an grùnnd a chridhe a tha cur an aghaidh a pheac- 
aidh, ged tha chùis a fairtleachadh air, leis 'm bu 
mhiann a bhi air sheòl eile, 's an uair a gheibh an 
ni sin lamh-'n-uachdar air a pheacadh, 's ro shòlas- 
ach an ni e. Rann 22, 25. Agus air son nan 
nithe sin, tha e 'toirt buidheachas do Dhia nach 
'eil dìteadh sam bith ann an Criosd. Rom. vii. 
21. agus viii. 1. A nis mata, feuch an urrainn 
duit còir a thagradh air na nithe sin. 1. Ma tha 
thu fàgail na coir' agad fèin 's a' moladh an rcachd, 
'nuaìr tha thu goirid air. 2. Ma dh' f heudas tu a 
ràdh gu bheil thu gu bitheanta ag oidheirpeachadh 
cur an aghaidh a pheacaidh gu trèibhdhireach dùr- 
achdach, 's a rèir mar a's fiosrach thu, gu neo- 
chealgach ; 's gu bheil thu deònach am maith a 
chur an giiiomh, mum faigh am peacadh buaidh 
ort. 3. Ma dh' fheudas tu a ràdh, gu bheil thu 
co fhiosrach eòlach mu t-fhàilnibh agus mu d' 
mhearachdaibh 's gu bheil thu 'ga d' mheas fèin 
ro thruagh air an son, agus air son corp a bhàis, 
ni is e 'n fhrèumh agus an tobar o bheil an samh- 
uil sin de nithibh a' sruthadh. 4. Ma dh' fheudas 
tu a ràdh, gu bheil earrann an taobh a stigh dììiot 
a tha cathachadh an aghaidh nam peacannan sin, 
leis am b' àiìl bhi gluasad air an t-slighe cheart, 
's a tha, mar gu'm b' ann làDtoiìichte 'nuair a 
bhios iad a' siubhal an slighe Dhè, tha chùis gu 
maith. Ach amhàin gabh comhairie, agus na 
dean tàmh na fois gus am bi thu ann an tomhas 
àraidh cuibhte de stèigh na cunnuil so, no, air a 
chuid a's lugha, gus am feud thu gun teagamh a 
ràdh, gu bheil thu mar do dhìchioll a' dian-strì an 
aghaidh nan nithe sin. Tha e 'na chuideachadh 
ro fheumail chum cur an aghaidh cumhachd a 



Shlàinteil ann an Criosd. 107 

pheacaidh, losa Criosd a dhlù-leantuinn tre chreid- 
imh, mar tha e 'na earrann de naomhachd a tha ro 
ion-mhiannaichte, agus ro fhreagarrach do thoil 
Dè, 's a chum a chrìoch a dh' orduich e 's an t- 
Soisgeul a thoirt mu'n cuairt. Gal. iì. 20, 21, " A 
bheatha a ta mi nis a' caitheadh san fheòil, tha mi 
'ga caitheadh tre chreìdimh Mhic Dhè, a ghràdh- 
aich mi, agus a thug e fèin air mo shon. Cha'n 
'eil mi cur gràis Dè an neò-bhrigh." Agus mar 
sin bu chòir do dhaoin' oidheirp theann a thoirt air 
creidimh a bhi aca, do bhrìgh gur gniomh e a tha 
ro thaitneach le Dia. Eoin vi. 29, '' Is i so obair 
Dhè, gu 'n creid sibh anns an ti a chuir e uaith." 
Air chor 's gur h-e sin an dòigh ullamh chum 
beatha agus brìgh a tharruing o losa Criosd an 
f hrèumh bheannaichte, a bheir toradh agus tairbhe 
anns gach càs, mar a chi sinn, Eoin xv. 4, 5, 
" Fanaibh annam-sa, agus mise annaibh-sa. Mar 
nach urrainn a' gheug toradh a thoirt uaipe fèin, 
mur fan i san fhìonain, cha mhò is urrainn sibhse 
mur fan sibh annam-sa. Is mise an f hìonain, sibh- 
se na geuga: an ti a dh' fhanas annam-sa, agus 
mise annsan, bheir esan mòr thoradh uaith ; oir as 
m' eugmhais-sa cha'n urrainn sibh aon ni a dhean- 
amh." 



CAIB. XI. 

Mu chomh'pàirteachaihJi àraid o Dhia^ 's mu oib- 
reacha gràsmhor sònruichte a spioraid. 

CuNN, Cha'n'eil co'-roinn agamsa do na co'-pairt- 
eachaibh àraid sin o Dhia, agus do dh' oibreach- 
adh 's do dhol amach a Spioraid, a tha air ainm- 



108 Deuchainn mu Chòir 

eacliadh san Sgriobtuir, nitlie mu bheil daoine tha 
ann an staid ghràsmhor gu mìnìg aig ìomradh, 's 
air a' bheil iad a' ruigheachd : 's a chionn gu bheil 
na nithe ceudna a dh' uireasbhuidh ormsa, tha mi 
cur mo staid fein gu ro mhòr an teagamh. 

Freag, Ainmichidh mi gu h-aith-ghearra cuid 
do na co'-pairteachaibh ro luachmhor sin, 's tha 
dòchas agam, 'nuair a shoilleirichear air mhodh 
ceart iad, nach bi ach beag bunachair aìg gearain 
eudmhor ioma neach a th' ann an staid nan gràs, 

Air tùs^ (a bharrachd air na geur-mhothachaibh 
sin do spiorad Dhè leis an gnàth slighe Chriosd a 
thoirt a stigh do dh' anmaibh dhaoine, agus iad sin 
mar an ceudna tha gu bitheanta 'n dèigh laimh 
'nan co'-chuideachd,) Tha seida do spiorad Dhè 
ann air ainmeachadh san Sgriobtuir, agus 'se 'n t- 
aon ni àraid a tha ann, obair naomhachaidh an 
Spioraid Naoimh, a' dealbh ìomhaigh Dhè 's a 
thoil fhoillsicht' air duine, mar dh' fhàgas seul' a 
choltas no a dhealbh fèin air an ni bhios air a 
sheuladh. 'S amhuil a chi sinn, 2 Tim. ii. 19, 
" Gidheadh a ta bunait Dhè a' seasamh daingean, 
aig am bheil an seula so, Is aithne do'n Tighearn 
an dream sin a's leis. Agus, Gach neach a tha 'g 
ainmeachadh ainm Chriosd, trèigeadh e eucoir." 
Agus mar so tha mi smuainteachadh gu'n abrar 
fianuis ris an nasgadh so. 1 Eoin v. 10, *^ An ti 
a chreideas ann am Mac Dhè tha 'n f hianuis aige 
ann fein ;" 'se sin gu bheil na bunachair leis a' bheìl 
còir air Criosd r'a dhearbhadh anns gach creid- 
each ; oìr tha càileìginn de Spiorad Dhè ann, ni 
tha 'na fhianuis chinnteach, ged nach 'eil e gach 
aon àm làn-shoilleir. 

San dara h-àite, Tha co' chomiinn ri Dia ann 



Shlàinieil ann an Criosd. 109 

mii bheil na daoine dìadhaidh gu minig aig iom- 
radh, leis a' bheil iad a' fcoirt fainear làthaireachd 
mhothachaìl Dhè ag ath-bheothachadh an anma 
gu ro mhòr. Ach ma labhras sinn mar bhuineadh 
dhuinn, 'se co'-chomunn ri Dia, aon chòir a bhi 
eadar Dia agus an duine a ghabh ris trid Chriosd. 
'Se sin co'-pairt, no còir choitclìionn a bhi eadar 
Dia agus duine: cha'n e amhàin gu bheil còir aig 
duin' air Dia fèin, ach mar an ceudna air gach aon 
ni a's leis an Tighearna; air an amhuil cheudna 
tha còir àraid aig Dia air an duine, agus air gach 
ni a bhuineas da. Tha co'-chomunn eadar fear- 
pòsda agus a bhean, leis a' bheil còir àraid ac' air 
pearsadh a chèile, 's air gach ni eile a bhuineas 
doibh : 's amhuil a tha 'n so : tha leithid sin de 
cho'-chomunn againn ri Dia, 's esan ar Dia, agus 
tha làn-chòir againn air gach aon ni, air son gur 
leinn Triath na beatha agus ard-Chruithfhear nan 
uile nithe. Tha'n co'-chomunn so ri Dia gach aon 
àm aig na f ìor chreidìch uile, mar a nochdas sinn 
ann dèigh so. Tha mi 'g aideachadh gu bheil 
feum gnàthaichte r'a dheanamh de'n cho'-chomunn 
sin, leis a' bheil daoine gu neo-sgàthach a' gabhail 
gnothach ri Dia, agus ris gach ni a bhuineas da, 
mar an cuid àraid fèin, le mòr-dhànadas agus le 
dlù-dhàimh, gu sònruichte 'n àm bhi toirt aoraidh 
dha, 'nuair a bhios an t-anam an cainnt shòlasaich 
ris an Dia bheo, a' faghail co'^-pairt de'n nàdur 
dhiadhaidh, a' fàs coltach rissan, 's ag imeachd 
gu ro shòlasach trid a bhuaidhean, agus le càil- 
eiginn de mhuinighin, a' beachdachadh air na 
nithe sin mar a chuid àraid fèin : their sinn co'- 
chomunn ri Dia ann an òrduighibh ris an ni so. 
Gun amharus cha'n 'eil so cho bitheanta na cho 



110 Deuchainn mu Chòir 

gnàtliaìclit' air a dheanarali follaiseach do dliaoine, 
's clia 'n ionann tomhas co'-pairt a tha aig" uile 
phobnll Dè dhetli ; agus gun amharus tha e f ìor, 
nacli 'eil duin' a' làn-thuigsinn anns gacli àm air 
an aon dòigli an ni tha 'n rùn Dhè d' a thaobh, 
gidheadh tha gu cinnteach co'-chomunn ri Dìa, 
sin r'a ràdh, a cliòir choitchionn sin a tha eadar 
Dia agus an duine sin a tha air mhodh slàinteil 
ann an cùmhnanta ris, a' seasamh do ghnàth gu 
cinnteach daingeann ; 's tha na k-uiread so de cho'- 
chomunn ri Dia ann an òrduighibh aig gach uile 
chreideach, 's gu bheil co'4uadar aig an cridhe ris 
an Dia bheo ann an sin, an tràs agus a rithist, 's 
a tha ann an tomhas air atharrachadh chum ìomh- 
aigh Dhè ; 's cha raigear a ieas a bhi ni's faide an 
teagamh m' a thimchioll. 

San treas àite^ Tha nì-eiginn ann ris an abrar 
companas ri Dia, a tha mar an ceudna gu bitheant' 
air a ghabhail ann an seadh mearachdacii am measg 
nan creideacli, Ma 's e tha air a chialìachadh ìe 
companas, sinn a ghluasad 'nar dleasnas mar ann 
am fianuis an Dè uiìe-lèirsinnich, a tha 'gar faicinn 
's 'gar cluinntinn, 's a tha fianuiseach d' ar n-uiìe 
ghiùlan ; 's ni e tha coitchionn do gach aon neach 
a tha ann an staid nan gràs ; agus tiia e ac' uile 
'nan cleachdadh 's 'nan rùn. Salra xvi. 8, '' Chuir 
mi 'n Tighearna romham a ghnàth." Seadh, agus 
is rainig a tha iad ^ga chur an gniomh, 'nuair tha 
'n spiorad ann an deadh shuidheachadh ; tha iad a' 
siubhal mar gu'm biodh iad a' faicinn Triatli na 
beatha 'na sheasamh r' an taobh, agus tha smuaint- 
ean àraidh aca mu dheadh-ghean trid Chriosd : 
" Gu fìrinneach tha ar comunn-ne ris an Athair 
agus r'a Mhac losa Criosd." 1 Eoin i. 3. Ma tha 



Shlàinteil ann an Criosd. 111 

sinn le co*-cliomunn a' ciallachadh a bhi ann an 
co'-luadar sòlasach, blasda, mothachail ri Dia, a 
tha 'g athbheothachadh 's a' toirt mòr-shòlas do'n 
anam, osbarr air na tha coguis an dleasnais a' 
deanamh ; is e th'ann an sin a bhi 'g imeachd ann 
an solus dealrach a ghnùise, agus 'na làthaireachd 
mhothachaiì : 's tha e coltach gu'n robh mòran 
de'n cho'-chomunn so aig Enoch, 'nuair tha e air 
a ràdh gu 'n d' imich e maille ri Dia, Gen. v. 24, 
gidheadh cha 'n 'eil e co gnàthaichte ris a cheud 
cho'-chomunn a dh' ainmicheadh, no co coìtchionn 
do gach fìor chreideach ; oir ann an so tha 'n t- 
anam air a lionadh le smior agus le saill^ a' dlù- 
leantuinn r'a fhear-stiùraìdh, 's air a chumail suas 
gu ro shònruichte le dheas laimh. Sahii Ixiii. 5, 8, 
*' Mar le smior agus le saill sàsuichear m' anam, 
agus ìe bilibh aoibhneach molaidh rao bheul thu ; 
Tha m' anam a' dlù-leantuinn riut : cumaidh do 
dheas làmh suas mi." 

Sa cheathramh àite, Tha ni ann ris an abrar 
saor chomas dol a dh'ionnsuidh Dhè ; agus tha mi 
meas gur e so gach ceap-tuislidh a th' anns an t* 
sh'ghe eadar Dia agus duine a thoirt as an rathad, 
air chor 's gu bheil comas aig an duìne teachd am 
fogus da. Theirear gu bheil comas againn dol a 
dh' ionnsuidh duine cumhachdach, 'nuair bhios na 
dorsan air am fosgladh, 's an hichd coimhead air 
an cur uaithe, agus comas againn tighinn dlù dha : 
's amhuil a tha e san àite so. Tha 'n saor chomas 
so san Sgriobtuir, air a ghabhail air uairibh anns 
an t-seadh so, gu bheil Criosd a' rèiteachadh na 
slighe, *s a' toirt air falbh an naimhdeis a bha eadar 
Dia agus peacaich, air chor 's gu bheil a nis slighe 
rèidh aig daoine chum teachd a dh' ionnsuidh Dhè 



112 Deuchainn mu Chòir 

trid Chriosd. Eplies. ii. 18, " Oir trid-san tlia 
araon slighe againn gu dol a steach tre aon Spior- 
ad chum an Athar." Agus air uairibh eìle tha e 
air a ghabhail an riochd feum gnàthaicht' a chom- 
ais a choisinn Criosd, 'nuair a bheir duìne fainear 
gu bheil gach ceap-tuislidh 's gach eadar-dhealach- 
adh a bha eadar e fèin agus Dia air an toirt as an 
t-slighe : cha'n 'eil Dia neo-bhàigheil ris, no raar 
choigreach 'ga chumail fèin uaithe, no idir ag amh- 
arc air le gruaim ; ach tha comas aìge teachd eadh- 
oin gu 'ionad còmhnuidh. lob xxiii. 3. Bha'n 
duine maith so a' deanamh gearan gu'n robh sin 
a dh' easbhuidh air, Rann viii. 9. 'nuair tha e 'g 
ràdh, " Feuch, theid mi air m' aghaìdh, ach cha 
'n 'ei/esan ann; agus air m' ais, ach cha mhothaich 
mi e : Air an làimh chlì, far am bheil e ag oib- 
reachadh, ach cha'n f haic mi e." Tha cheud ghne 
chomais cumanta do na h-uile chreidich; tha iad 
air an toirt am fogus da le fuil a chùmhnanta, 's 
cha 'n 'eil iad ni 's mò fada uaithe, o 'n a chaidh 
an naimhdeas bàsmhor a bha eadar Dia agus iad 
fèìn a thoirt air faìbh. Ach tha 'n comas anns an 
t-seadh eile air a fhrithealadh ni's mò a rèir àrd- 
uachdranachd agus toil an Tighearna, agus tha e 
air f hàgail an cumhachd nan creideach a chumail 
uatha fèin, gus an toil leis an Tighearn a bhuil- 
eachadh gu tròcaireach saor orra a rithist ; 's mar 
sin tha e fodha 's an uachdar, air chor 's nach ion 
staid duine chur an teagarah air a shon. 

Sa chùigeadh àite^ Tha ni ann ris an abrar saors- 
adh am fianuis Dè ; agus 'se so ann an seadh ceart, 
saorsadh, no labhairt shaor ri Dia. Tha mòran a' 
cur an staid fèin an teagamh, air son gu bheil so 
an tràs agus a rithist a dh' easbhuidh orra, o'n a 



Shlàinteil min an Criosd. 113 

tha 'n Sgriobtuìr ag ràdh, " Far am bheil Spiorad 
an Tighearna, tha saorsa an sin." 2 Cor. iii. 17. 
Ach tha iad gu neo-chothromach a' ceangal na 
saorsa air 'n do labhradh san àite sin, ris an labh- 
airt shaor so am fianuis Dè. Tha mi 'g aideach- 
adh far a' bheil Spiorad an Tighearna air mhodh 
slàinteil a' foillseachadh toil Dè anns an Sgriob- 
tuir do dhuine, gu bheil saprsadh ann an sin e 
cheangal air bith do lagh nan deas-ghnàth, 's o 
chumhachd dìtidh lagh nam modhanna, agus o 
mhòran de'n dorchadas agus de'n aineolas sin, a 
tha mar sgàile air na cridheachaibh a th'ann an 
staid nàduir, a' cumail Chriosd anns an t-soisgeul 
am folach uatha. Tha mi 'g aideachadh mar an 
ceudna, gu bheil eadhon an t-saorsa so air uair- 
ibh, ni is e saor cho'-luadar ri Dia, ar cùis a chur 
sìos an ordugh 'na làthair, 's ar beul a lìonadh le 
arguin, lob xxiiì. 4. air aideachadh do na daoine 
diadhaidh, ach cha 'n ann mar tha saorsadh aìr a 
gabhail 's na seadhaibh roi'-ainmichte. Ged a chuir 
an Tighearna mar f hiachaibh air fèin Spiorad na 
h-ùrnuigh a thaosgadh a nuas ann an tomhas èig- 
inn air tigh Dhaibhidh uile, Sech. xii. 10. Gidh- 
eadh tha co'-pàirteachadh so an Spioraid ris an 
abair sinn labhairt shaor ri Dia, air uairibh air 
eadar-sgarachduinn gu raòr o dhànachd làidir an 
àm bhi ri ùrnuigh, air a chuid a's lugha gus am bi 
e dlù air a chrìch ; 'sann a tha e gu mòr a' co'- 
sheasamh ann am beothalachd na tuigse chum an 
ni tha duine r'a labhairt am fianuis Dè a làn-thuig- 
sinn, air chor 's gur h-aithne dha a chùis a chur 
an òrdugh : agus a rithist, tha briatlira snasmhor, 
freagarrach, ro dhrùighteach, no ro chumhachd- 
ach agus neartmhor ann. Tha mar an ceudna 
o 



114 Deuchainn mu Chòir 

dùraclìd Spioraid air a chur ris na ititlie siii aiiii 
an ùrnuigli, air a* bheil an Sgriobtuir a' labhairt ; 
tha n t-anam ag aoraadh le dian-thogradh a dh' 
ionnsuidh Chriosd, agus tha e ro dhùrachdach an 
àm bhi cur suas athchuinge ri Dia. Tha 'n cridhe 
mar an ceudna a' leaghadh air mhodh àraidh, agus 
tha tomhas mòr de Spiorad nan gràs agus na h- 
athchuinge gu minig ann an co'-chuideachd na 
saorsa so, Sech. xii. 10. Air chor 's gu bheil an 
t-anam air a thaosgadh amach an làthair Dhè 'n 
trà tha iad ann am mòran de bhrise'-cridhe, agus 
de dhùrachd Spioraid, tha comas ac' an inntinn 
uile a leige* ri Dia gu ro shaor, mar Dhia beo 
uil'-f hiosrach, a tha (air a chuid a's lugha) a' toirt 
fainear an ùrnuigh. Tha air uairibh dànachd an 
co*-chuideachd na saorsa so, air chor 's nach labh- 
airt shaor e amhàìn, ach mar an ceudna labhairt 
dhàna an làthair Dhè. 'Se sin an dànachd le 
muinghin, Ephes. iii. 12, ** Anns am bheil ag- 
ainn dànachd agus slighe gu dol a steach ann am 
muinghin tre a chreidimh-san " Cha'n 'eil so cho 
bitheant' air a phàirteachadh ri daoine ris an t- 
saorsa eile, gidheadh tha e gnàthaichte : tha anns 
an t-saorsa so a bharrachd air na thuirt sinn roimhe, 
càileiginn de dhrùghadh an Spioraid air creidimh 
*ga bhrosnachadh gu ùrnuigh bheothail thogarrach 
a dheanamh. Tha suidheachadh inntinn ann a tha 
taitneach, tiomhaidh, muladach, leis am bheil 
duin a' taosgadh a mach rùn a chridhe an uchd 
Dhè, 's a' tagradh a chùise 'na làthair mar Dhia 
beo, le càiJeiginn de mhuinghin air 'fhàbhar 's 
aira dheadh-ghean ; agus cha'n eil mòran de na 
naoimh a' ruìgheachd air tuille de làthaireachd 
mhothachail. Cha n'eil teagamh air bith mu thim- 



Shlàinteil ann an Criosd. 115 

cliioll staid diiine, a thaobh saorsa an làthair Dhè, 

i anns an t-seadh so mii dheire, do bhrìgh nach 'eil 

ni air bith an so ro f heumail chum staid ghràs- 

I mhor a dheanamh suas : tha cuid de dhaoin aig a' 

bheil so, agus cuid eil' aig nach 'eii e; tha e air 

I uairibh aig cuid de dhaoine, 's tha e gan di an àm 

i eile, air chor 's gu bheil e fodha *s an uachdar, 

aca agus uapa ; gidheadh feudaidh mi a ràdh, gu m 

feud daoine tha ann an staid ghràsmhor mòran a 

dheanarah, le cumhachd ro ghnàthaichte, a' dean- 

amh còmhnadh riu chum ruigheachd air 's a choimh- 

ead a shamhuil sin de dh' f honn spioraid. 

San Usèaihadh àitey Tha nì àraidh ann ris an 
abrar cumhachd no deachdadh, an Spioraid. Tha 
'n drùghadh no'n curahachd gràsmhor ^o an dara 
cuid gnàthaichte, agus 'se so oibreachadh an Spior- 
aid Naoimh air an anam, agus cleachdadh gràis 
ann, leis am bheil iad an còmhnuidh air an cumail 
beo, 's ann an càileiginn de ghnàthachadh *s de 
oibreachadh, ged nach 'eil iad so-aithneachadh, 
Tha mi breithneachadh gu bheil an drùghadh so 
do ghnàth ann an co'-chuideachd nan creideacli, 
's gur e sin a tha air a ghealltuinn, le bhi 'gan 
uisgeachadh a dh'oidhch' agus a latha agus gach 
aon am. Isa. xxvii. 3. No tha'n cumhachd so 
ni's sonruicht' agus ni's àraid, agus tha e co èif- 
eachdach do dh' anam a th* ann an staid nan gràs, 
's a bha ghaoth agus an anail do na cnàmhan 
tiorma, 'gan cur an deagh ordugh, Esec. xxxvii. 
9, 10. 's mar andrùchdno'n t-uisge do'nfheur, no 
do'n àilean air ùr-ghearradh, 's do'n talamh thior- 
am. Salm Ixxii. 6. 'Se a shamhuil sin de dhrùgli- 
adh a tha air a chìallachadh, Laoidh Sholamh iv. 
16. le sèideadh na gaoithe deas, a thoirt air an 
g2 



116 Deuchainn mu Chòir 

spìosraidh brùchdadh a riiach. 'Nuaìr tha 'n spior- 
ad a* gluasad air a mhodh so, tha gràsa Dhè anns 
an anam ag oibreachadh ni*s beothala. 'Se so 
iheudachadh a chridhe leis a' bheil duine a' ruith 
ann an slighibh Dhè. Salm cxix. 32. Tha 'n 
drùghadh so ni's fhus' fhaireachduinn na cheud 
chuid, 's ni bheil e co bitheant' air a phàirteach- 
adh ri daoine. Tha mar an ceudna, an soirbheas 
a* sèideadh air uairibh ni's mò air aon ghràs, agus 
air uairibh ni 's soilleire air gràs eile ; agus gu 
minig air ioma gràs san aon àm ; agus 's ann a 
rèir an tomhais de'n chumhachd so, beag no mòr, 
a tha 'n t-anam ag oibreachadh ni 's beothala no 
ni 's socraiche a thaobh Dhè: Agus o'n a tha 
creidimh 'na ghràs cruthaichte san anam, tha 
drùghadh so an Spioraid air uairibh ni's lugha, *s 
air uairibh ni's mò, agus 's ann a rèir sin a tha 
dearbh-chinnte mu chreidimh beag no mòr. 

San t'Seachdamh àitet Tha èisdeachd urnuigh ann 
mu 'bheil an Sgriobtuir gu minig a' labhairt ; 's 
tha mòran a' cur campair orra fein m' a thimchioll, 
a' baralachadh nach 'eil eòlas sam bith ac' air o 'm 
fiosrachadh fèin. Tha mi 'g aideachadh gu bheil 
èisdeachd fàbharrach urnuigh ann; ach 's èiginn 
duinn a thoirt fainear gu bheil e dà-fhillte. An 
dara cuid, 1. 'Se a leithid *s a tha duine gu soill- 
eir r'a chreidsinn mar arguin air stèighibh sgriob- 
tuir; mar ata, ma theich mi dh' ionnsuidh Chriosd, 
's ma tha mi dlùthachadh ri Dia ann-san, ma tha 
mi deanamh urnuigh a rèir r 'a thoil, gun bhi toirt 
spèis do dh' aingidheachd am chridhe, a' cur creid- 
imh an gniomh mu thirachioU an ni tha mi 'g iarr- 
aidh, gu cinnteach no air chùmhnant', a rèir gne 
an ni bhios ann, agus geallaine m'a thimchioli ; 's 



Shlàinteil ann an Criosd. 117 

èiginn domh a chreidsinn gu bheil Dia a* cluinnt- 
inn m' urnuigh, 's gu n dthoir e dhomh an ni bhios 
maith air mo shon a rèir nan sgriobtuir sin. Eoin 
xiv. 13, 14, " Ge b'e ni a dh' iarras sibh a' m' 
ainm-sa, ni mise sin." 1 Eoin v. 14, " Is e so an 
dòchas a ta againn annsan, ma dh' iarras sinn ni 
sam bith a rèir a thoile, gu n èisd e ruinn." Marc 
xi. 24, '^ Creidibh gu 'm £^igh sibh, agus gheibh 
sibh." Salm Ixvi. 18. Ma bheir mi spèis do eu- 
ceart a' m' chridhe, cha'n èisd an Tighearna rium, 
Agus mur tabhair mi spèis do 'n olc, feudaidh mi 
a chreidsinn gu bheil e 'g am èisdeachd. No. 2. 
Tha duine gu mothachaii a' toirt fainear gu bheil 
Dia aig èisdeachd r' a urnuigh, 's tha chùis sin air 
a dearbhadh d'a chridhe, as eugais geur cho'- 
dhùnadh a tharruing gu h-èigneach o riasan. 'Se 
a shamhuil sin de dh' èisdeachd urnuigh a fhuair 
Hanna, 1 Sam. i. 18, " Cha robh a gnùis ni b' 
fhaide dubhachJ* Gu cinnteach dh' oibrich an 
Tighearn' air a creidimh, agus làn-chreid i gu'n 
d' f huair i èisdeachd : cha robh e air chomas di a 
chùìs a dhearbhadh le arguin air bith ; oir cha 
robh stèigh aic' air an suidhicheadh i briathra na 
h-arguin a rèir sgriobtuir, anns an ni shònruichte 
sin : dhealbh Dia gu mothuchail air a cridhe e air 
dhòjgh àraidh, air chor 's gu'n do chreid i e. Ni 
bheìl so gu bitheant' air a phàirteachadh ri daoine, 
gu h-àraid ann an cùisibh a dh' f heudar a shoilleir- 
achadh o'n sgriobtuir ; uime sin 'sann le'n creidimh 
a chur an gniomh mu'n cheud ni a bhios daoine 
gu mòr air an toileachadh, 's bu chòir dhoibh a 
leigeil am buil Dè chum a bhuileachadh orra na 
chitheadh e iomchuidh de'n dara ni, Cha chòir staid 
g3 



118 Deuchainn mu Chòir 

ghràsmhor duine chur an ag, alr son a shamhuil 
sin de dh' èisdeachd ùrnuìgh. 

San oclidamh àite, Tha clearhh-bheachd ann air 
deadh-ghean Dè leV spioradaibh fein a togail 
fianuis air a' chùis ; agus tha'n dearbh-bheachd sin 
air a shoiUeireachadh le h-arguin air a mhodh so : 
Ge b'e chreideas ann an Criosd cha dtheid e am 
mugha am feasd : ach tlia mise a' creidsinn ann an 
Criosd ; air an aobhar sin cha dtheid mi am mugha 
gu bràth. Ge b'e aig am bi gràdh do àitheantaibh 
Dhè gu lèir, cha chuirear gu nàir' am feasd' e : 
acli tha spèis agamsa d'a àitheantaibh uile ; uime 
sin cha bhi nàir' orra. Tha mi 'g ràdh, le reus- 
onachadh air a mhodh so, agus le nithe spioradail 
a choimeas ri nithe spioradail, gu'm feud duine 
ruigheachd air dearbh-chinnte m'a staid ghràsmhor. 
Tha e air a chiallachadh, 1 Eoin iii. 18, 19. gràdh- 
achadh ann an gniomh agus ann am fìrinn leis am 
feud sinn dearbh-chinnt' athoirt d'ar cridheachaibh 
an làthair Dhè, 's gu'm feud doine gàirdeachas a 
dheanamh le fianuis deadh choguis. 2 Cor. i. 12, 
feudaidh dànachd a bhi aig duine thaobh Dhè, mur 
dìt a chridhe e, 1 Eoin iii. 21. Feudaidh sinn an 
sin ruigheachd air càileiginn de chinnte m'ar staid, 
le fianuis ar Spioraid fein, gar an ruig sinn air làn- 
chinnte m'a thimchioll. Ni bheìl mi 'g àicheadh 
nach 'eil càileiginn do chòmhnadh Spioraid Dhè, 
anns an fhianuis soa tha ar spiorad-nea' deanamh 
a thaobh dearbh-chinnte : ach tha mi breithneach- 
adh nach 'eil feum ach air còmhnadh ro ghnàth- 
aichte, ni as eugais nach 'eil sinn comasach air ni 
air bith a dheanamh. A nis, feudaidh creidich 
thnigseach, a tha coimhead dcadh choguis 'nan 



Shlàinteil ann an Criosd, 119 

caithe-beatlia, riiigheachd air an dearbh-bheachd 
so. Air an aobhar sin, tha dòchas agarn, nach 
ruig connspoid sam bith a leas a bhi mu thimchioll 
staid ghràsmhor duine; oir ma shaoras duin' e 
fèin o dhìte-cridhe, ruigidh e gun dàil air an 
dearbh-chinnte so. 

San naothamh àite^ ThsL jfianuis Spioraid Dhè 
ann, air ainmeachadh ann an Rom. viii. 16, ^' An 
spiorad fèin a' deanamh fianuis maille r ar spior- 
ad-ne, gur sinn clann Dhè." Tuigear oibreach- 
adh so an spioraid ni 's fearr, ma nochdas sinn 
dearbh-riasan sam bith leis a* bheil ar spiorad a' 
togail fianuis gur clann do Dhia sinn ; mar eisim- 
pleir, ge b'e ghràdhaicheas na bràithre, chaidh e 
thairis o bhàs gu beatha, 's air an aobhar sin tha 
e ann an Criosd : ach tha mise gràdhachadh nam 
bràithre; uime sin, chaidh mi thairis o bhàs gu 
beatha. Ann an so tha tri ghnè oibre an Spior- 
aid, no, tri oibrichean air dòigh a's soilleire : 'se a 
cheud ghnè, dealradh de sholus Dhè air a cheud 
earrann de na briathraibh so, a' dearbhadh an 
ùghdarrais naomha, mar fhocalDè, 'S èiginn do 
spiorad Dhè fianuis a dheanamh air diadhachd an 
sgriobtuir, agus gur e focal neo-mhearachdach 
Dhè e, fada thar gach arguin eile a dh' f heudar a 
ghnàthachadh air a shon. 'Se 'n dara oibreachadh 
dealradh glòirmhor soluis o 'n Spiorad, a' deal- 
radh air an dara earrann de 'n riasan, 's mar sin 
air a ghràsaibh fèin anns an anam, a' nochdadh 
gur gràsa fìor iad, a tha freagarrach do'n chùnntas 
a tha'n Sgriobtuir a' toirt mu'n timchioll. Mar so 
tha e aìr a ràdh, gu'n aithnich sinn tre a Spiorad 
na nithe tha air an toirt duinn gu saor o Dhia. 1 
Cor. ii. 13. Tha 'n treas gnè oibre a rèir an treas 
G 4 



120 Deiichainn mu Chòir 

earrann de rìasan na li arguinj noan co'-dhunadh ; 
agus tha mi breithneachadh nach 'eil ni sam bith 
ann an so ach drùghadh air creidimh, 'ga neart- 
achadh chum làn-dearbhadh a tharruing o nanith- 
ibh roi'-ràite. A nis, (le ùmhlachd do dhaoin' eile, 
a tha ni's soiìleire san Sgriobtuir, 's aig a' bheil 
barrachd iìosrachaidh aìr na co'-pairteachaibh ro 
phrìseil sin,) tha mi baralachadh nach e fianuis an 
spioraid a tha air ainmeachadh ann. Rom. viii. 
16. Tha'n Spiorad fèin a' deanamh fianuis, &c," 
a cheud oibreachadh sin fianuis an Spioraid, leis 
a' bheil e a' deanamh fianuis air diadhachd an 
Sgriobtuir gu h-iomlan, 's a' dearbhadh ùghdarras 
diadhaidh an sgriobtuir do anmaibh dhaoine a th' 
ann an staid nan gràs : agus feudaidh a shamhuil 
sin do dh' oibreachadh a bhi air dearbh-fhìrinn 
sgriobtuir, aig nach 'eil buntuinn air bith ri uchd- 
mhacachd duine, no idir r'a chòir air Criosd. 
Feudaidh an Spiorad deahadh mar sin air fìrinn 
sam bith a bhuineas do dleasnas, no air fìrinn 
chudthromaich sam bith eile, a tha dearbhadh a 
dhiadhaidheachd do'n anam, *s gun ni air bith a 
labhairt mu thimchioll còir duine air Criosd. Cha 
mhò is e treas oibreachadh an Spioraid, leis a' 
bheil e toirt air creidimh an co'-dhunadh a tharr- 
uing gu dàna, fianuis so an Spioraid : oir, cha 'iì 
'eil san oibreacbadh so ni air bith ach drùghadh air 
creidimh 'ga thoirt gu làn-dearbhadh air a' chùis ; 
ach tha an ni air a' bheil an làn-dearbhadh so air 
a tharruing no air a chur amach, ann an càil air a 
dhearbhadh cheana. Uime sin tha mi breithneach- 
adh gur e dara oibreachadh an Spioraid air an 
dara earrann de'n rìasan, an fhianuis sin do Spior- 
ad Dhè, am boiUsge sin de sholus Dè a' dealradh 



Shlàinteil ann an Criosd. 121 

air gràsaibh an duine, leis a' bheil iad air an 
deanamh ro shoilleir do 'n tuigse : 'se sin an f hian- 
uis, *se 'n dealradh mar sin orra Thianuis-san ; oir 
's ann amhàin san earrann so de'n riasan, agus 
anns an oibreachadh so a tha Spiorad an Tigh- 
earn a' còmhdachadh co'-f hianuis le'r spiorad-ne ; 
oir sann san dara earrann de'n riasan a tha an ni 
àraid sin anns a' bheil fianuis ar Spioraid-ne a' 
co'-sheasamh, agus mar sin tha Spiorad Dhè a' 
togail fianuis le'r spiorad-ne anns an earrann sin 
fein de'n riasan mar an ceudna. Air do'n dà 
fhianuis sin an t-aon ni a dhearbhadh, 'se sin 
firinn agus dearbh-chinnte mu'n samliuil sin de 
ghràsan anns an duine, ni tha ar spiorad no ar 
coguis fein a' dearbhadh a rèir an eòlais, agus gu 
cinnteach tha Spiorad Dhè a' dearbhadh 's a' tog- 
ail fianuis gu bheil a' chùis mar sin ; tha breith 
agus co'-dhunadh air a tharruing a mach air uchd- 
mhacachd an duine tre chreidimh an duine, air a 
dheachdadh leis an Spiorad chum na crìche sin : 
agus tha'n co'-dhunadh so a' giùlan làn-cliinnt' air 
uchdmhacachd an duine. 'S ni cinnteach gu bheil 
cuid-èiginn de na fìor naoimh aig naeh 'eil co'- 
pairt dhe so fad uile làithe am beatha, mar tha e 
soiUeir o Eabh. ii. 15, '* Agus gu'n saoradh e iad- 
san a bha tre eagal a' bhàis rè am beatha uile fo 
dhaorsa." 

San deicheamh àiie, Tha mi labhairt a rèir fios- 
rachadh mòran de na naoimh, *s tha dòchas agam 
a rèir Sgriobtuir, ma their mi gu bheil co'-pàirt- 
eachadh do Spiorad Dhè ann, a th' air a bhuileach- 
adh air uairibh air cuid-eiginn d'a phobull, anns 
a' bheil càileiginn a bharrachd air, mar 'eil e ni 's 
fèarr na 'n fhianuis sin a tha dearbhadh gur clann 
g5 



122 Deuchainn mu Chòir 

sinii mu 'ii (io labliradh roimhe* 'S foillseachadli 
glòirmhor diadhaidh air Dia do 'n anam e, a' 
craobli-sgaoileadh gràdh Dhè amach anns achridhe. 
*S ni e 's fearr a dh' fheudar a mhothachadh na 
chur an cèill Cha ghuth labhar àrd a th' ann, 
ach 'se th' ann boillsge glòire a' lìonadh an anma 
le Dia, mar tha e 'na bheatha, 'na sholus, 'na 
ghràdh, agus 'na shaorsa, co'-ionann ris a ghuth 
labhar àrd sin " O dhuine ro ionmhuinn na biodh 
eagal ort, sìth dhuit, bi làidir, seadh bi làidir." 
Dan. X. 19. a' cur duine 'n aiteas ro mhòr leis an 
smuain so 'na chridhe, " Is maith dhuinne bhi an 
so," mar a chì sinn Mat. xvii. 4. 'Se an ni sin a 
chaidh a mach o Chriosd a dh' ionnsuidh Mhuire, 
'nuair nach d' rinn e ach a h-ainm a luaidh. Eoin 
XX. 16, " Thubhairt losa rithe, A Mhuire. Air 
tionndadh dh' ise, thubhairt i ris, Rabboni, 'se 
sin r'a ràdh, A Mhaighstir." Bha esan a' cainnt 
rithe roimhe sin, 's cha do thuig i gu'm b' esan a 
bh' ann ; ach 'nuair a labhair e an t-aon f hocal so, 
A Mhuire, bha foillseachadh diadhaidh, iongantach 
èiginn air iomchar a steach d' a cridhe, leis an 
robh i cho làn shàsuichte, 's nach do chuir i 'n 
teagamh am b'è no nach b'è sin Criosd, no an 
robh còir sam bith aic' air. Rinn am foillseach- 
adh sin Creidimh dha fèin, agus choisinn e creid- 
eas agus meas dha fèin, 's bha e co'-ionann ri 
'' Mar so tha'n Tighearn ag ràdh." Tha so na 
bhoiUsge glòire co mòr, 's gu'm feudar anns an t- 
seadh a's àirde " geall daingneachaidh" no ceud- 
thoradh, " na h-oighreachd" a ràdh ris. Eph. i. 
14. oir is e làn na làimhe do'n Dia naomh e, a' 
deanamh an duine, gu inbhe bhìg, gu h-iomlan a 
rèir cosamhlachd Dhè, 'ga shlugadh suas le gair- 



Shlàinteil ann an Criosd, 1 23 

deachas ro mhòr, agiis le h-anabharr iongantais, 
air chor 's gu bheii e a' leigei] air dì chuimhn' 
gach aon ni eile ach am foiliseachadh glòirmhor a 
tha làthair. O ! cia glòirmhor a ta foillseachadh 
so an Spioraid ! Tha creidimh ann an so aig èir- 
idh suas gu làn-chinnte co mòr, 's gu bheil e 'g 
oidheirpeachadh le 'uile dhìehioll diù-ghabhail ri 
Dia air dòigii miiothaciiaii. 'Se so an nì a's fearr 
an airidh air an '' iàthaireachd mhothachaii" a 
ràdli ris, agus do biirìgh coitais, cha 'n 'eii e air a 
phàirteachadii ris na ii uile ciireidich ; oir tha coid 
air an cumail fa dhaorsa, 's fa eagal fad uiie iàithe 
am beatha. Eabii. ii. 15. Acii an so, " tha gràdh" 
a tha diù air bhi ** foirfe a' tilgeadii a macii eagaiJ. 
1 Eoin iv, 18. Tiia so air a cho'-roinn a rèir toil 
agus rùn suidhichte 'n Dè siiiorruidh, 's ciio neo- 
mhaireannacii 'nuair a thig e, 's nacii còir do dhuine 
sam bith a staid ghràsmhor a chur an teagamh air 
son e bhi dh' uireasbiiuidii air. 

San aon-àite-dheugy Tha ni ann rìs an abair sinn 
sìtk, mu bheii mòran daoine cur anabiiarra dragh* 
orra fèin. Tha'n t-sìth an dara cuid mu tiiimciiioii 
staid duine, gu bheii e rèidh ri Dia tre losa 
Criosd; no, mu thimchioli a staid san àm tha 
làthair, gu bheil e giuasad air dhòigh a tha tait- 
neach ie Dia, air a chuid a 's iugha, co fad 's nacli 
'eii aimhreite no connspoid air bith eadar Dia agus 
e fèin, a' bagradh dìoghaitais a dheanamh air. Tha 
iad sin araon an dara cuid air an dòigii sin ann an 
deuchainn ie sgriobtuir, 's do bhrìgii coitais ann 
an cùnntas Dhè ; no ann an deuchainn ie coguis 
duin' e fèin. Tha sìth mu tiiimchioli staid duine 
ro cliinnteach ann an deuchainn sgriobtuir agus 
nèimhe, 'nuair tlia duine tre ciireidimh a' gabhail 



124 Deuchainn mu Chòir 

ri Criosd agus rìs an nuadh clio*-cheangal. Rom. 
V. 1, " Aìr dhuinne, bhi air ar fìreanachadh tre 
chreidimh, tha sìth againn ri Dia." Air dha bhi 
cinnteach daingeann an deuchainn na coguis aìr | 
dha bhi làn-f hiosrach anns a' chùis : oir anns an 
staid sin tha e do ghnàth a' labhairt a rèir sgriob- 
tuir. Ach do bhrìgh gu bheil a' choguis gu min- 
ig aineolach neo-f hiosrach sa' chùis ; uime sin tha 
sìth gu bitheanta mu thimchioll staid duine a rèir 
focail Dè, 'nuair tha a choguis a' bagradh atharr- 
achadh sin, *ga shìor-dhìteadh, 's a' cur an cèill 
da nach 'eil sìth aige ri Dia trid Chriosd. 'S 
èiginn do'n choguis a bhi làn>fhiosrach anns a* 
chùis so, agus staid ghràsmhor duine bhi air a 
dearbhadh leis na comharan gràis, mar a nochd 
sinn roimhe : 's ma bhios a' chùis mar so, ni fian- 
uis mo spioraid fèin mòr- chìosnachadh air agartas 
neo-stèigheil na coguis ; agus ma chuireas Spiorad j 
Dhè 'fhianuìs 's a theisteas fèin ris, tha choguisan 
sin làn-toilichte a' gealltuinn sìth do'n duine. 

Feudaidh an t-sìth eile mu thimchioll staid duine ì 
san àm tha làthair, 'se sin gu bheil e taitneach le 
Dia ann an seadli an t-soisgeil, a bhi dh' easbh- 
uidh air, ged robh an t-sìth mu thimchioll staid i 
duine ro chinnteach, 's a staid ghràsmhor as an ij 
teagamh. Tha'n t-sìth so mu thimchioll staidl' 
duine, an dara cuid air a mhodh so ann an deuch- f 
ainn sgriobtuir, no an deuchainn le coguis duine, 
agus 'se so 'nuair nach 'eil spèis aig duine do ain- 
gidheaehd, 's a tha e toirt gràdh do uìle àitheant- 
aibh Dhè ; an sin tha'n Sgriobtuir ag ràdh, gu 
bheil e 'na sheasamh air ionad còmhnard, 's nach 
ruig e leas eagal na sgàth bhi air roimh fhearg 
Dhè, chum peanas aimsireil a leagadh air : Agus 



Shlàinieil ann an Criosd. 125 

'iiuaìr tba cMis mar so, bu chòir d' a cboguis 
aontacbadh leis, 's a stìùradb air an t-slìgbe sin 
fèin, agus dbèanadb i so nam biodb i ìàn-fbios- 
racb air a' cbùis ; acb do bbrìgb gu bbeil a cboguis 
gu tric neo-fbiosracb aineolacb uime, feudaidh 
duine bbi fa gheilt le olc ann an deucbainn na 
coguis, mar gu'm biodb e gu dligheacb an dùil ri 
peanas a bbi air a leagadb air le Dia aìr son a 
pbeacaidh, 's as leitb gamblas èiginn a tb* aig Dia 
dba, ged is slàinte bba 'n rim Dhe a bbuileacbadh 
air. 'S leòir so cbura duine cbumail neo-fbois- 
neacb, 's an gàirdeacbas tba air a cheadacbadh 
dha a cbumail uaitbe, 'nuair tba e 'g imeacbd 'na 
ionracas : air an aobhar sin 's èiginn do dbuin' a 
cboguis a dbeanamh làn-fbiosracb an so mar an 
ceudna, 's gun dìteadb no casaid air bitb a ghabh- 
ail uaipe, mur dearbb i a' cbùis gu soilleir le 
sgriobtuir. Seasadh gacb aon duine aig catbair 
a bbreitheanais sio, mu tbimcbioll a staid fèin ; 
agos togadh e a' cbùìs o gacb ionad deuchainn eile 
chum an ionaid sin, 's na gabbadb e casaid air bitb, 
acli a rèir fìrinn Dbe, ìeis a' bbeil a cboguis ri 
bbi air a stiùradb anns gacb aon ni- Agus nan 
racbadb an aire mbaith a thoirt do'n cbùis so, cba 
bbiodh a cboimblion ambarus neo-stèigbeil mu 
thimchioll an staid am measg muinntir Dhè air 
son gach aon smuaìn a db'inndrinneas 'nan cridhe. 
San dara h'aite'deug^ Tha aoibhneas an Spioraid 
Naoirab ann ; agus 'se so 'nuair tba'n Spiorad a' 
deacbdadb air ar n-aoibhneas ann an Dia, (ni tha 
'na gbràs a tba ro bheag an cleacbdadh le mòran,) 
's a tha toirt air fàs gu mothachail beotliail ; 's tba 
e brosnucbadh ceudfatb an aoibhneis agus an t^ 
subbacbais anns an anam, air chor 's gu bheil 



126 Deuchainn mu Chòir 

aoibhneis glòirralior do-labhairt anns ann anam, 
an àm dha bhi smuainteachadh air a chàirdeas 's 
air a dhlù-dhàimh ris an Dia bheò. 1 Pead. i. 8, 
" Air dhuibh bhi creidsinn ann, tha sibh a' dean- 
amh mòr-ghairdeachais le h-aoibhneas air dol thar 
labhairt, agus làn do ghlòir." Tha'n taoibhneas 
so a' leantuinn sìth, agus tha sìth a' leantuinu f ìr- 
eantachd. Rom. xiv. 17. Is fìreantachd agus 
sìth, agus aoibhneas san Spiorad Naomh, rìogh- 
achd Dhè. Cha bhitheanta leis an aoibhneas so 
gun bhi a rèir tomhas dearbh-chinnte mu chreid- 
imh, mar tha e soiUeir o 1 Pead. i. 8. roimh-ain- 
iDÌchte : air chor 's gu n cuir mearachdan a thoirt 
air falbh mu nithe eile, an t-amharus an lughad 
mu thimchioll an nì so. 

Do bhrìgh gu bheil cuid de cho'-pàirteachaibh 
luachmhor sin an Spioraid air an cur an teagamh, 
's air an gabhail an riochd cealgaireachd Shàtain, 
an dèis doibh dol seachad ; mar dhearbhadh orra, 
tha sinn ag ràdh, gur gnàth le oibreachaibh àraid 
Spioraid Dhè ann an tomhas ard, a bhi air am 
pàirteachadh ri daoine 'n dèigh an samhuil sin de 
bhrise-cridhe, 's de mhòr-thriobluid. Salm li. 8, 
" Thoir orm guth subhachais agus aoibhneis a 
chluinntinn ; agus ni na cnàmhan a bhris thu gair- 
deachas." an dèigh na h-uiread shaoithreach ann 
an dleasnas diadhaidh. Dan. ix. 2, " Agus chuir 
mi m' aghaidh ris an Tighearna Dia, d' a iarruidh 
le urnuigh agus le achuinge, le trasg, agus le 
eudach saic, agus le luaithre, &c.'' No ann am 
bhi fulang a leithid so as leith na fìreantachd 2 
Pead. iv. 13, 14, <^ Do bhrìgh gu bheil sibh 'nur 
luchd-comhpairt do fhulangasaìbh Chriosd, dean- 
aibh gairdeachas ; chum mar an ceudna, ann an 



Shlàinteil ann an Criosd. 127 

am follaiseachaidh a ghlòire, gu 'n dean sibh gair- 
deachas le h-aoibhneas ro mhòr, Ma mhaslaich- 
ear sibh air son ainme Chriosd, fs sona sibh ; oir 
a ta Spiorad na glòire agus Dhè a' gabhail còmh- 
nuidh oirbh." No ma bhrùchdas triobluidean asteach 
mar an t-uisge nach feith ri duine, an sin tha iad 
aig irisleachadh an duine cho mòr 's gu'n glaodh 
e leis an f hàidh, Isa. vi. 5, " Mo thruaighe mise ! 
oir chaidh as domh ; oir is duine mi aig am bheil 
bilean neoghlan; — oir chunnaic mo shùilean an 
Righ, Tighearn nan sluagh." Agus tha choimh- 
lìon dearbhadh air fhaotainn mu ghràs anns an 
duine. Rom. viii. 16. " Tha an Spiorad fèin a' 
deanamh fianuis maiUe r'ar spiorad-ne, gur sinn 
clann Dhè." No tha ua nithe sin a* brosnuchadh 
cho mòr chum naomhachd ; 's a chum gach nì bhi 
freagarrach do na foillsichibh sin air Dia. 2 Tim. 
ii. 19, <* Gach neach a tha 'g ainmeachadh ainm 
Chriosd, trèigeadh e eucoir.'* Tha 'n neach aig 
a' bheil iad a' toirt mòr-fhuath do gach aon ni 
ach co'-chomunn agus càirdeas Dhè. Mat. xvii. 
4, " Thubhairt e ri losa, A Thighearn, is maith 
dhuinne bhi an so." Agus tha na foillsichean 
glòirmhor sin a' giùlan na h-uiread de dh' ùghdar- 
ras diadhaidh 'nan co'-chuideachd, am fad 's a tha 
iad san anam, air chor 's gu'm mothaichear gu 
làn-shoilleir an dèìgh làimhe, gur co'-pàirteachadh 
àraid o Dhia, agus oibreachadh gràsmhor sòn- 
ruicht' a Spioraid, 's nach iad sin idir mealtoir- 
eachd Shàtain, 'ga chur fèin an cruth aingeil soill- 
se. 2 Cor. xi. 14. No idir ionsamhuil nam 
boiUsge coitchionn sin do'n Spiorad, a dh' fheud- 
as an dèigh sin, tuiteam gu tur air falbh gun tèar- 
nadh o Dhia. Eabh vi. 4 — 6, *' Oir is eu-comas- 



128 Deuchainn mu Chòir 

acli aii dream sin a cliaidh aon uair a shoillseacli- 
adh, agus a bhìais an tiodhlac nèamhaidh, agus a 
rinneadh 'nan luchdcomhpairtdo'n Spiorad naomh, 
agus a bhlais deadh f hocal Dè, agus cumhachdan 
an t-saoghail ri teachd, agus a tliuit air fulbh, ath- 
nuadhachadh chum aithreachais." 

A nis mata, chum an earrann sin de'n obair a 
bhuineas do dheuchainn a cho'-dhùnadh ; tha mi 
'g ràdh ris gach neacli a tha gearan gu bheil dol 
amach ro phrìseil an Spioraid a dhì orra. 1. 
Thugaibh mòr-chliù do Dhia mur 'eil ni sam bith 
a tha ro fheumail clmm còir shlàinteil ann an 
Criosd a dheanamh amach, a dh' easbhuidh oirbh. 
Thug Dia dhuibh losa Criosd, an tiodhlac bu mhò 
bha aige ; 's o'n a tha bhur cridhe air a dhealbh fa 
chomhair, bheir e, leis-san duibh 'nan àm fèin, 
gach aon ni tha chum bhur niaith. 2. Tha fìuth- 
air agam, le mion-rannsuchadh 's le deuchainn 
cheart, an dèigh dhuibh comhpàirteachaibh an 
Spioraid a làn-thuigsinn, nach 'eil sibli cho ain- 
eolach mu ioma nì 's a shaoil sibh. Ach 3. 
Cuimhnichibh nach 'eil geallaine beatha, agus sìth 
ri Dia, ann an earrann sam bith do'n sgriobtuir air 
an toirt do na nithe àraid sin a tha sibh a' baral- 
achadh a bhi 'g ar dì ; tha na geallaine air an toirt 
do chreidimh, le naomhachd a bhi 'na lorg ; agus 
feudar a bharalachadh, nach 'eil comhpairt aig 
ioma neach a tha nan oighreachan air glòir shiorr- 
uidh do chuid de na nithe sin anns a bheatha so, 
ach a tha trid eagail a bhàis rè àm am beatha uile 
fo dhaorsa. Eabh. ii. 15. Mar sin cha bu chòir 
do mhearachd sam bith a bhi mu na nithe sin ; 
feudaidh sinn an iarraidh, ach tha Dia gu saors- 
adh a thoile fèin, an toirt duinn, no an cumail 



Shlàinteii ann an Criosd. 129 

uainn. 4. Tlia mòran ag iarraidh an samlioil sin 

de dh' f hoillsichean mun dthoir iad tre chreidimh 

creideas do f hocal Dè, Thug e fianuis ^w bheil 

beatha ni 's leòir ann an losa Criosd do dhaoine, 

's nan cuireadh daoine tre chreidimh an seula ris 

; gu bheil Dia f ìor, bhiodh aca comhpairt do thuille 

I de na nithe ro luachmhor sio. 5. Feudaidh mi a 

ràdh, nach 'eii smuainte urramach aig ioma neach 

mu Spiorad Dhè, neach d' an obair shònruichte na 

i h-oibre luachmhor roi'-ainmichte sin a chur a mach. 

Cha'n 'eil iad a' toirt aoraidh dha mar Dia, ach 's 

ann a tha iad a' cur corruich agus càmpar air, 's 

a' cur 'na aghaidh ; agus tha ioma neach a tha 

deanamh gearan gu bheil na nithe sin a dh' easbh- 

uidh orra, nach cuir de dhragh no de shaothair orra 

fèin an Spiorad iarraidh 'na dhol amach; agus is 

tearc a mhuinntir sin a tha 'gan cur fèìn air leth 

fa chomhair gabhail r' an samhuil sin do nithe prìs- 

eil 'nuair a thig iad. Air an aobhar sin bithibh 

ni's ro shaoithreachala an obair ua diadhachd na 

bha sibh san àm a chaidh seachad, thugaibh tuille 

creideis do fhocal Dè, agus biodh tuille meas 

agaibh air a Spiorad, 's leis a sin feudaidh sibh 

tuille de na nithe ro luachmhor sin fhaotainn. 

Gu 'm mosgladh Dia sinn chum sin a dheanamh, 

mum folàichear o'r sùilibh na nithe a bhuineas d' 

ar slàinte shiorruidh, 



EARRANN II. 

An dòigh chum ruigheachd air còir shlàinteil 
ann an Criosd. 

Air dhuinn san earrann a's toisiche de'n leabbar 
so, staid gach duine chur gu deuchainn, bheir sinn 
san earrann so a leanas, seòladh dhoibh-san do 
nach comas, no aig nach 'eil a chridhe còir a thag- 
radh air na comharan roi'-ainmichte. 

Ceist. Ciod a ni an aitim sin aig nach 'eil na 
comìiaran roimh-ainmicM air fìor chòir shlàinteil air 
Criosdy agus do nach comaSy no aig nach 'eil a 
chridhe còir a thagradh orra ì 

Freag. Ma mhothaicheas daoìne gu bheil na 
comharan roi-'ainmicht' air f ìor chòir shlàinteil air 
Criosd a dh' uireasbhuidh orra, 'se 'n dleasnas fèin, 
agus dleasnas gach aon neach a chluinneas an sois- 
geul so, gabhail gu toileach trèihhdhireach le 'n uile 
chridhe ri innleachd Dhè chumpeacaich a shàbhaladh 
trid losa Criosd^ agus ni so an staid tèaruinte agus 
cinnteach. 



CAIB. I. 

Nithe àraid air an cur sìos chum eàlas agusjiosrach- 
adh a thoirt ddn mhuinntir sin a tha aineolach. 

Chum 's gur fèaird a thuigear a' chùis, cuiridh 
sinn sìos nithe àraid chum fiosrachadh a thoirt do'n 
mhuinntir sin a tha aineolach, 's an sin labhraidh 
sinn gu soiUeir mu'n ni a chuir sinn romhainn. 

1. Rinn an Tighearna Dia an toiseach à pailt- 
eas a mhòr mhaitheis, coimhcheangal ris a chinne- 
daoin* ann an Adhamh. Gin. ii. 16, 17. agus 



An dòigh chum ruigheachd air, S^c. 131 

neartaiclì e 'n duine gu buanachadh anns achoimh- 
cheangal sin. Ecles. viì. 29, «^ Rinn Dia an duine 
direach." ach leis mar dh'ith an duine de'n mheas 
thoirmisgte, Gin. iii. 6. bhris e'n coimhcheangal 
sin. Hos. vi. 7, *• Bhris iadsan an coimhcheangal 
mar Adhamh :" agus dh' fhàg iad gun bhladh a 
chaoidh e. Rom. iii. 20, " Cha bhi feòil sam bith 
air a f ìreanachadh 'na f hianuis-san tre oibribh an 
lagha ;" agus leis a sin thug e gach uile thruaighe 
air fèin. Rom. v. 12, '' Mar a thainig peacadh a 
steach do'n t-saoghal tre aon duine, agus bàs tre'n 
pheacadh, mar sin mar an ceudna thainig bàs air 
na h uile dhaoìnibh, do bhrìgh gu'n do pheacaich 
iad uììe/' 

2. Bha e o shiorruidheachd ann an rùn an Tìgh- 
earna, daoine shàbhaladh gu ro shaor air dòigh 
eiìe, 's e sin r'a ràdh, trid losa Criosd, agu3 
coimhcheangal nan gràs, anns an robh mhiann air 
rèit' a dheanamh ris na daoine taghta trid losa 
Criosd, Dia agus duiae, air a bhreith le mnaoìdh 
ann an àm iomchuidh, chum an rèite so eadar Dia 
agus daoine dheanamh ^èifeachdach. Agus dh' 
innis e'n tinnleachd so, a thoirt dìoladh d'a 
cheartas fèin 's a shàbhaladh nan daoine taghta trid 
an t-SIànuìgheir, air tùs d' ar ceud sinnsir ann ani 
phàrras, Gin. iii. 15. far an dubhairt e, gu'm 
bruthadh sliochd na mnatha ceann na nathrach : 
agus rinn an Tighearna so aithnichte d'a eaglais 
anns gach linn. 

3. Dh' aontaich an Tighearn anns gach linn a 
bhi 'na Dhia rèidh riu-san uile a dh' aidicheadh le'n 
ùmhìachd d'a òrduighibh, gu bheil iad làn toilichte 
leis an innleachd so, 's a chuireadh mar f hiachaibh 
orra fèin co'-aontachadh leis an ni sin fèin, agus 

H 



1S2 An clòigh chum ruigheachd air 

sìàint' iarraidh tre losa Criosd, mar tlia Dia 'ga 
thairgse san t-soisgenl ; mar so theirear pobull an 
Tighearna ri sluagh Israeil uile, 's tha e air a ràdh, 
gu n do ghabh iadsan ris mar an Dia, 's tha esan 
ag aideachadh gu'n gabh e riù mar a phobulL 
Exod. xix. 5, 8; Deut. xxvi. 17, 18. Seadh fòs, 
tha'n Tighearn a' curmar fhiachaibh air fèìn gu'm 
bi e 'na Dhia do shliochd agus do ghìneil na h- 
aitim sin a dh' ùmhlaicheas iad fèin mar sin d'a 
òrduighibh. Tha e air aithris gu 'n robh 'n cùmh- 
nant air a dheanamh eadar Dia agus am pobuU 
uile, sean agus òg, ris na bha san làthair, agus as 
an làthair, air an latha sin. Deut. ix. 10 — 15. 
Agus tha e air òrduchadh do gach uile neach 
teachd fo sheul do'n chùmhnanta sin, mar dh' 
àithneadh do Abraham. Gin. xvii. 10. Cha'n e 
amhàin gu'n robh e mar sin fo *n t-seann-Tiom- 
uadh, ach tha e mar sin san Tiomnadh-nuadh mar 
an ceudna. ThaTighearna nan sluagh 'ga thairgse 
fèin chum bhi 'na Dhiadhuinn ann an losa Criosd; 
's ma tha 'n sluagh ag aidmheil gu bheil iad làn- 
toilichte leis an tairgse sin, 's mar fhianuis air a' 
chùis a' toirt làn-ghèill do na h-òrduighibh, tha 
iad air am meas 'nan sJuagh fo chùmhnant, 's air 
an ceangal 'nam mìltibh r'a eaglais, a' faghail seul 
a choìmhcheangail, gun deuchainn shònruicht' air 
bith tuille roi'-laimh. Gniorah. ii 38—41, " An 
sin thubhaìrt Peadar riu, Deanaibh aithreachas, 
agus bithibh air bLur baisteadh gach aon agaibh 
ann an ainm losa Criosd, chura maitheanais pheac- 
anna, agus gheibh sibh tiodhlac an Spioraid naoimh. 
— An sin bhaìsteadh iadsan a ghabh r'a fhocal gu 
toileach : agus an là sin fèin chuireadh riu timchioll 
tri mile anam." 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 1 33 

4. Tha mòran a' buntainn gn ro chealgach ri Dìa 
anns a chùmhnanta so. Salm Ixxviii. 36, 37, 
*' Ach rinn iad miodal ris le'm beul, agus rinn iad 
breug" dha le'n teangaidh, &c." Agus ged tha iad 
ag aidmheil gu bheil mòr mheas ac' air Criosd an 
Slànuighear, 's gu bheil iad làn-toilichte leis an 
innleaclid sin chum peacaich a shàbhaladh trid- 
san, 's gu bheil ìomhaigh Dhè air aiseag annta leis 
an t-Slànuighear; gidheadh cha 'n 'eil an cridhe 
ceart a thaobh Dhè, 's tha iad 'g an toìleachadb 
fèin leis an ainm amhàin, gu bheil iad ann an 
cùmhnanta naisgte ri Dia. Eoìn viii. 39. Tha 
iadsan ag ràdh " Is e Abraham ar n-athair-ne." 
oir ged tha n Tighearn a' cur mar f hiachaibh air 
gach neach a tha 'g aideachadh gu bheil e toilichte 
le losa Criosd, an luach leis an deachaidh ar ceann- 
ach, a bhi gu trèibhdhireach dùrachdach anns a 
chùmhnanta ; agus sann dhoibh-san amhàin a bhios 
mar sin, a choimhlionas e geallaine spioradail a 
chùmhnaint ; 's iadsan amhàin a tha gabhail da 
rìreadh ri Criosd, aig a' bheil còir air bhi 'nan 
cloinn do Dhia. Eoin i. 12. Gidheadh tha 'n 
Tighearn a' ceadachadh do mhòran aideachadh 
gu'n do ghabh iad ris-san ann an Criosd, araon 
san t-seann Tiomnadh, agus anns an Tiomnadh- 
nuadh, 'nuair nach 'eil an cridhe ag aontachadh 
leis ; agus tha e toirt comas doibh a bhi 'nam buiU 
d'a eaglais, a' luathasachadh dhoibh gnàthachadh 
nan òrduighibh, agus ioma tròcair agus sochair eile 
o'n leith a muigh, a tha aìr an diùltadh do na h- 
anacreidich nach 'eil ann an coimhcheangal ris. 

5. Ged tha chuid a's paiìte de'n t-sluagh gu h- 
amaideach am baraìl gu 'n do ghabh iad gu trèibh- 
[ dhireach dùrachdach ris an Dia bheo ann an losa 
h2 



134 An dòigh chum ruigheachd air 

Criosd, no air a chuid a's lugha, tha iad a geallt- 
uinn cridhe nuadh dhoibh fèin mum fkg iad a 
bheatha so, gun stèigh gun bharantas saui bith ac' 
air a' chùis ; gidheadh, cha 'n 'eil iad ach ro thearc, 
a tha da rìreadh le 'n uiìe chridhe a' gabbail ri Dia 
ann an Criosd mar tha e air a thairgse san t-sois- 
geul ; air chor's nach 'eil ach ro bheag air an sàbh- 
aladh, mar tha e soilleir o Mhat. vii. M, *< Is 
cumhann an dorus, agus is aimhleathan an t-siighe 
a ta treòrachadh chum na beatha, agus is tearc iad 
a ta 'g amas oirre." Mat. xx. IG, ''" Oir a ta 
mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh/' 
Nan creideadh daoine so, dh' f heudadh e bhi 'na 
chuideachadh chum caismeachd a thoirt doibh, 
chum an dùsgadh à marbh-chadal an aineolaìs agus 
an neo-churam, gu bhi ro dhùrachdach ann an 
gnothach cudthromach an slàintea 

6. Ge nach 'eil neach air bith a' gabhail gu ro 
dhùrachdach ri Dia ann an losa Criosd, agus ìàn- 
toilichte leis an luach ro mhòr a fhuair Dia, ach 
iadsan amhàin a tha air an taghadh. Rom. xi. 7, 
" Ach rainig an taghadh air, agus chaidh a' chuid 
eile a dhalladh," agus a' mliuinntir sin a tha'n 
Tighearna Dia gu h-àrd-uachdranach a' rùnachadh 
an cridhe chura an roghainn bheannaìchte sin a 
thogail, " Cha'n urrainn neach air bith teachd a'm' 
ionnsuidh"Se, mur tarruing an t-Athair a chuir 
uailhe mise e ;" gidheadh dh' f hàg an Tighearn e 
mar dhleasnas fiachaicht' air gach neach a chluin- 
neas an soisgeul so, iad a ghabhail ri tairgse na 
slàinte trid losa Criosd, mar gu'm biodh e 'nan 
comas fèin a dheanamh : agus tha'n Tighearna Dia 
trid nan iarrtus agus nan earailean sin, (leis a' bheil 
e a' co''èigneachadh dhaoine chum gabhail r'a 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 135 

tliairgse,) ag aiseag beatha agus neart do na 
daoine taghta, 's a' toirt dhoibh a chridhe nuadh, 
a tha co'-aontachadh gu bàigheil leis an nuadh inn- 
leachd so chuni peacaich a shàbhaladh, agus le 
Criosd 'na dhàimh-chùrahnanta; no 'se rùn an 
Tighearna anns na h-ìarrtuis agus anns na cuir- 
eannan sin, daoine chur gu dleasnas èìginn leis an 
gnàth leis còrdadh, chum an obair sin eadar e 
fein agus iadsan a chrìochnachadh : mar sin ma ta 
'se tighinn air ar taobh-ne e, 's gidlieadh 's tarr- 
ruÌTìg air a thaobhs' e, Eoin vi. 44. 's tarruing air 
a thaobhs' e, agus is ruith air ar taobh-ne e, Laoi. 
Shol. i. 4. 'se dluthachadh ris air ar taobh-ne e, 's 
gidheadh *se roighneachadh agus toirt oirnn dliith- 
achadh ris air a thaobhs' e, Salm ixv. 4. 'Se creid- 
sinn no gahhail ris air ar taobh-ne e, Eoin i. 12. 's 
gidheadh thugadh dhuinn e chum creidsinn, Philip. 
i. 29. 



CAIB. II. 

A' nochdadh ciod e gahhail ri innleachd Dhè chum 
peacaich a shàhhaladh trid losa Criosdy agus gur 
dleasnas rofheumail e. 

AiR dhomh na nithe sin a chur sìos, tha mi 'g 
ràdh, ma mhothaicheas daoine gu bheil na comh- 
aran air còir shlàinteil ann an Criosd, mu 'n do 
labhradh san earrann a's toisiche de'n leabhar so, 
g'an dì : ma 's àill leo an staid a bhi tèaruinte, 's 
èiginn doibh leis gach uile dhìchioll gabhail gu 
pearsonta, trèibhdhireach, dùrachdach ri innleachd 
Dhè chum peacaich a shàbhaladh trid Chriosd, a 
tha air a nochdadh san t-soisgeul. 
h3 



136 An dòigh chum ruigheachd air 

Ann an labhairt ni *s faide mu na nithe sin, 
nochdaidh sian \, Ciod è gabhail ris an innleachd 
ro Juachmhor sin, 2. Gur e sin dleasnas feumail 
gach neach leis am bu mhaith a bhi rèidh ri Dia, 
's an anama fèin a thèarnadh. 3. Ciod a tha air 
iarraidh roìmh-laimh air a' mhuinntir a tha coimh- 
lionadh an dleasnais so. 4. Ciod iad buaidhean 
an dleasnais so, ma choimhlionar gxx ceart e. 5. 
Ciod iad na nithe tha gu nàdurr' a' leantuinn, ma 
bhios an dìeasnas air a choimhlionadh air mhodh 
cothromach. 

I. 'Se a cheud ni a chuir sinn romhainn a nochd- 
adh, Ciod è gabhail ri innleachd Dhè chum peacaich 
a shàbhaladh trid losa Criosd an Slànuighear, a 
tha air a nochdadh san t-soisgeul : 's èiginn duinn 
a chuimhoeachadh an so, mar a nochd sinn roimhe, 
gu'n do neartaich Dia an duine an tùs chum buan- 
achadh 'na dheadh-ghean, le cheud ionracas anns 
an do cbruthaicheadh e a chumail gu daingeann ; 
ach leis mar pheacaich an duine chaill e fàbhar agus 
gean-maith Dhè, rinn e cùmhnanta nan gniomh gun 
bhladh, agus dh' fhàg se e fèin eu-comasach air 
càirdeas an Tighearna Dia a chaill e leis a pheac- 
adh, fhaotainn a rithist, 's air e fèin a shaoradh o'n 
mhalluchadh agus o'n f heirg a dhligheadh dha air 
a shon, no dòigh sam bith leis an robh e comasach 
air e fèin a shàbhaladh: Ach dh' fhoilìsich an 
Tighearna gu ro shaor fhiùghantach dòigh eile air 
staid chailltc 'n duine ath-leasachadh, 'se sin r'a 
ràdh, le Mhac losa Criosd a chur a dh' ionnsuidh an 
t-saoghaìl, chum làn-dìoladh a thoirt d'a cheartas 
air son peacaidh nan daoine taghta, chum 'ìomhaigh 
fèin aiseag annta a tha nis air fàs duaichni, 's an 
toirt chum rioghachd na glòire an dèis doibh an 



Còir shlàinteil ann an Criosd. 137 

saoglials' f hàgaìl ; agus thug e gairm f hollaìseach 
san eaglais, co air bith a chuireas o'r cùl gu bnileach 
gach aon smuain air iad fèin a shàbbaladh tre 
chùmhnanta nan oibribh, no le'm fìreantachd fèin, 
's a dh' aontaicheas gu ro dhùrachdach bhi air an 
sàbhaladh trid losa Criosd an t-eadar-mheadh- 
onair, gu'm bi iad air an aiseag gu staid a's fearr 
na anns an robh 'n duine 'n toiseach; agus bithidh 
iad air an sàbhaladh. Air chor 's gur e'n t aon 
dòigh air gabhail ri innleachd Dhè a shàbhaladh 
pheacach trid losa Criosd, sinn a chur cùl ris gach 
smuain air bhi air ar sàbhaladh trid ar f ìreantachd 
fèin, agus aontachadh leis an dòigh so a fhuair 
Dia amach ; 'se sin mòr-mheas a bhi againn air 
losa Criosd mar an t-ionmhas a tha leòir-fhogh- 
ainteach chum duin' aimbeartach bochd f hàgail gu 
sona saibhir, agus làn chreideas a thoirt do'n 
fhianuis so, gu bheil beatha ni's leòir ann do 
dhaoine; 'se sin sinn a bhi làn-toilichte leis an 
innleachd so^ agus aontachadh leis, mar an t-aon 
sìighe tha treòrachadh gu fìor shonas ; 'se sin sinn 
a bhi beachdachadh air an Eadar-mheadhcmair mar 
tha Dia 'ga nochdadh san t-soisgeul, a' mìannach- 
adh cudthrom ar staid gu h-iomlan a leigeadh air. 
'Se so an nì ris an abrar creidimh no *^ creidsinn, 
gabhail ri Criosd," no " creidsinn 'na ainm." Eoin 
i. 12. 'Se so an creidsinn sin anns an Tighearn 
losa Criosd a dh' òrduicheadh do fhear-coimhead 
a phrìosain chum a shàbhaladh. Gniomh. xvi. 31. 
Tha so a' co'-fhreagradh do gach cùnntas a th'- 
againn san Sgriobtuir mu chreidimh a dh' f hìrean- 
aicheas. Tha so a' co'-f hreagradh do'n t-samhladh, 
a bi 'g amharc air an nathair phràìs a bha air a 
H 4 



138 An dòigh chum ruigheachd air 

togail suas san fhàsach. Eoin iil. 14, 15. Agus 
tha so aìr a chiallachadh anns gach oibreachadh 
gnàthaichte do chreidinih, rìs a' bheil geallaine air 
an ceangal san Sgriobtuir; agus gbeibhear na 
nithe sin anns gach neach a f huair an cridhe nuadh 
o Dhia, 's cha'n fhaighear iad ann an neacli air 
bith eile. 

11. 'Se 'n dara ni a chuir sinn romhainn a nochd- 
adh, gur e so dìeasnas feumail gach neach leis 'm 
bu mhiann bhi reidh ri Dia, *s an anamaibh fèiu a 
shàblialadh ; mar tha e soilleir o na nithibh so a 
leanas. 

1. Tha gabhail ri innleachd Dhe, no creidsinn 
ann an Criosd, air àithneadh leis an Tighearna Dia 
air feadh gach earrann de'n Sgriobtuir, mar chùmh- 
nant au nuadh choimhcheangail, a' toirt làn chòir 
dhoibh-san a chreideas ann, air gach uile bheann- 
achadh spioradail a tha air an gealladh anns a 
choimhcheangal sin ; oir 'se sin ann am briatliraibh 
aithghearra, gabhail ri Criosd. Tha so air iarraidh, 
'nuair tha Dia a' toirt cuire do dhaoine, iad a 
thighinn 's a cheannach, 'se sin iad a shealbhachadh 
an iomlain le gabhail ris an innleachd sin, Isa. i\^. 1. 
Tha cuireadh aig an aitim a tha sgìth teachd d'a 
ionnsuidh-sa, chum 's gu'm faigheadh iad fois. 
Mat. xi. 28. 'Si so 'àithne-san, gu'n creideamaid 
an ainm a Mhic losa Criosd. J Eoin iii. 23. 
'S leòir na chaidh ainmeach?.dh cheana chum a 
dhearbhadh gu bheil e 'na dhleasnas fiachaichte. 
Ach os bàrr, 'se a shamhuiì sin de dhleasnas, 
amhàin a bheir làn chòir na h-uchdmhacachd do 
dhuine ; oir 's iadsan arahàin a tha gabhail ris, 
aig a' bheil còir air a bhi 'nan cloinn da. Eoin i. 12. 



Còir shlàlnteil ami an Criosd, 139 

" Ach a mheud as a ghabh ris, thug e dhoibh 
cumhachd a bhi 'nan cloinn do Dhia, eadhon dhoibh- 
san a ta creidsinn 'na ainm." 

2. Mar so, tha e soilleir gur e sin dleasnas feum- 
ail gach uile neach. Oir cha lugha na so a bheir 
còmhdhail chuimseach do'n Dia shiorruidh a tha 
'ga thairgse chum bhi 'na Dhia dhuinn ann an 
Criosd ; 's cha lugha na so a cho^fhreagras d'ar 
n-aidmheil, mar tha sinn ann an cùmhnanta ris, 
mar bhuill d'a eaglaìs fhaicsinnich. Tha Triath 
na beatha a' tairgse bhi 'na Dhia dhuinn ann an 
Criosd : 's mur gabh sinne ris an tairgse sin, a' cur 
cùl ris gach fiuthair chum ruigheachd air fìor 
shonas le dòigh sam bith eile, cha'n 'eii sinn a' 
toirt còmhdhail iomchuidh dha an èiric na rinn e 
air ar son. Tha e 'g ràdh, " Is e so mo Mhac gràdh- 
ach-sa anns am bheil mo mhòr-thlachd, èisdibh ris." 
Mat. xvii. 5. Mur gabh sinn ris an tairgse^, cha'n 
'eil sinn a' toirt freagradh sam bith do'n Dia a 
chruthaich sinn. Osbàrr tha sinn uil* air ar bais- 
teadh an ainm an Tighearn losa Criosd, chum 
maitheanas peacaidh. Gniomh ii. 38. Uime sin mur 
gabh sinn ri Criosd, mar tha e air a thairgse, tha 
sinn a' breugachadh na h-aidraheil sin ; air an 
aobhar sin, o'n is e so an ni tha co'-fhreagradh do 
thairgse Dhè anns an t-soisgeuì agus d'ar n-aid- 
mheil fèin mar bhuill d'a eaglais, tha e 'na dhleas- 
nas ro f liiachaicht' oirnn, 

3. Ge b'e ni eile bhios aig duine, mur 'eil e mar 
so a' gabhail ri losa Criosd, agus ri innleachd Dhè 
chum peacaich a shàbhaladh trid-san, cha'n 'eil 
tairbhe sam bith dha ann, aona chuid an gabliail 
gu taitneach r'a phearsa, na r'a dhèanadas, na idir 
a shàbhaladh 'anma. 'Sann amhàin 'na Mhac gradh- 

Hò 



140 An dòigh chum ruigheachd air 

ach losa Criosd a ghabhas Dia gu taitneach ri 
daoine. Ephes. i. 6. Bha Abel agus 'ìobairt air 
an gabhail gu taitneach tre chreidìmh. Eabh. xi. 6. 
** As eugmhais creidimh cha'n 'eil e'n comas a 
thoileachadh." " An ti chreideas ann, cha dìtear 
e ; ach an ti nach creid, tha e air a dhìteadh cheana/* 
&c. Eoin iii. 18. è6. Oir as engmhais creidimh, 
cha'n 'eil tairbhe ann an còir air bith o'n leth a 
muigh; tha clann na rìoghachd air an druideadh 
a mach ma bhios iad a dhiobhail creidimh. Mat. 
viii. 10, IJ, 12. Tha clann Israeil coltach ris na 
h-Ana-creidich eile, a thaobh staid neo-gràsmhor^ 
buailteach do f heirg an Uile-chumhachdaich. ler. 
ix. 25, 26. '' Feuch, tha na làithean a' teachd, 
deir an Tighearn, anns an smachdaich mise na 
h uile thimchioU-ghearrta, maille ris na neo-thim- 
chioli-ghearrta ; an Eiphit, agus Edom ; oir tha na 
cinnich so uile neo-thimchioU-ghearrta, agus tha 
tigh Israeil uile neo-thimchioll-ghearita nan 
cridhe." Mur creid daoine gur e'n ti sin a chaidh 
a chur gu bàs aig lerusalem d'am b'ainm losa 
Criosd, agus air an d'rinn na fàidhean fianuis, 's a 
dh' f hoiilsicheadh gu'm b'esan Mac Dhè le 'iomadh 
oibre cumhachdach: Tha mi 'g ràdh, mur creid 
daoine gur esan an t-slighe, 's mur gabh iad ris 
raar an aon slighe amhàin, gheibh iad bàs 'nam 
peacaibh. Eoin viii. 24. *^ Uime sin thubhairt mi 
ribh, Gu'm bàsaich sibh ann bhur peacaibh : oir 
mur creid sibh gur mise e^ gheibh sibh bàs ann 
bhur peacaibh." 

Uime sin, tha sinn ag ràdh, gu bheil e 'na 
dhleasnas ro fheumail gabhail ri Criosd air a 
mhodh so, mar am fuasgladh beannaichte chaidh 
òrduchadh chum peacaich a shàbhaladh. Tha e 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 141 

fiachaicht' alr gacli neacli a tliìg chum aoìs iom- 
chuidh, *s achluinneas an soi§geul so, smuainteach- 
adh air a staid chaìllte fèin, agus air tairgse 
ghràsmhor Dhè trid losa Criosd ; agus teicheadh 
gu luath o'u f heirg a tha chum teachd, le gabhail 
gu ro dhùrachdach ris an tairgse so, 's a bìii làn 
toilichte leis mar innleachd ro thaitneach chum 
peacaich a shàbhaladh. 'S a chum an tuille misnich 
a thoirt do gach neach cur mu thimchioll an 
dleasnais so, 'nuair tha iad a' cluinntinn an Dè 
Uile-chumhachdaich a' guidhe 'sa 'g earalachadh 
orra bhi rèidh ris fèin, thugadh iad fainear gu 
bheil sìth agiis slàinte gu coitchionn air an tairgse 
do'n t-sluagh uile gun choigleadh air neach air 
bith. ** Ge b'e neach leis an àill, gabhadh e uisge 
na beatha gu saor." Taisb. xxii. 17- Ma tha 
tart air neach sam bith, ged is ann an dèigh air 
nithe neo-tharbhach, gidheadh 'se am beatha ann 
an so, air a chùmhnanta roi'-ainmichte. Isa. Iv. 
2, 3. tha e air àithneadh do gach uile neach iad a 
chreidsinn. 1 Eoin iii. 23, " Is i so 'àìthne-san, 
gu'n creideamaid ann an ainm a Mhic losa Criosd." 
Tha na gealìainedo gach neach atha air an gairm 
o'n leth a muigh leis an t soisgeul. Cha'n'eil Dia 
a' diuideadh neach sam bith a raach. Gniomh. ii. 
39, '* A ta an gealladh dhuibhse, agus do 'ur 
cloinn, agus do na h-uile a ta fad o làimh, eadhon 
a mheud as a ghairmeas an Tighearna ar Dia." 
Air chor 's ma tha dèigh aig neach sam bith air 
tighinn a dh' ionnsuidh Dhè, feudaidh iad teachd 
air an aghart, 's cha tilg e air chor sam bith a 
mach iad. Eoin vi. 37. air dha bhi comasach air 
a mhuinntir a thig chum Dhè trid-san a shàbh- 
aladh gus a' chuid a s faide. Eabh. vii, 25. Agus 



142 A7i dòigh chum ruigheachd air 

tha'm baiTaclid feum aca-san a cliuir dàil fhada 
sa' chùis so, air cur mu thimchioll a nis leis an 
tuille dùrachd, an t-eagal gu'm folaichear o'n 
sùilibh na nitlie a bhuineas d'an sìth. Ach cha 
drùigh na briathra sin, no aon ni 's urrainu mis' 
a ràdh air an t-sluagh neo-iompaichte, gus an taosg 
Dia a nuas a Spiorad orra o na hàrdaibh, Isa. 
xxxii. 15. a thoirt orra dìiìthachadh ris ann an 
Criosd ; gidheadh 's èiginn duinn an dleasnas a 
shìor-sparradh air daoine, 's a ghuidhe agus 
earalachadh orra air ghaol Chriosd,'smar is f heudar 
dhoibh cùnntas a thoirt Dhà-san 'nan uile ghniomh- 
ara air chionn là a bhreitheanais, gun iad a thoirt 
fois na tàmh do'n Tighearna, gus an cuir e 'mach 
orra eòlas a bhi ac' air na nithe a bhuineas d'an 
sìth, 's a bhrosnaicheas iad chum gach earrann d'an 
dleasnas a chur an gniomh le mòr thogradh ann 
an nuadhachd beatha. 



CAIB. III. 

A* nochdadh ciod a tha air iarraidh roimh-laimh 
air d mhuinntir leis an àill creidsinn ann an losa 
Criosd. 

III. Tha sinn a nis ri labhairt mu'n treas ni a chuir 
sinn romhainn, agus 'se sin, a nochdadh ciod a th' 
air iarraidh roimh-laimh air an aitim a tha gus an 
dleasnas so a choimhlionadh. Cha'n f heud daoine 
tionnsgnadh gu h-obann, gun dearbh bheachdach- 
adh, agus gu h-aineohich neo-f hiosrach air a' chùis 
so, ag ràdh, Gu bheil iad làn-toilichte leis an inn- 
leachd sin chum peacaich a shàbhaladh trid Chriosd, 
's gu'n aontaich iad leis, agus gu'n dean iad bun à 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 143 

tòillteannas an t-Slànuigheir chum an sàbhaladh 
o'n fheirg a tha chum teachd: 's bitheanta tha 
daoine 'gam mealladh fèin sa' chùis so, 'sa tha iad 
an làn bharaìl gu n do ghabh iad cheana ri Criosd 
air mhodh slàinteil, 'nuair tha iad aineolach air 
oibreachadh gràsmhor an Spioraid. Uime sin 
nochdaidh sinn cuid de nithe tha air an iarraidh 
ann an neach a tha ri gabhail ri losa Criosd, ge 
nach'eil sinn 'gan tairgse mar bhuaidhean ro chinnt- 
each, a dh' ullachadh duine fa chomhair Chriosd. 
Isa. Iv. 1. " Thigibh, — gun airgiod agus gun 
luach;" gidheadh 's buaidhean iad a tha co ro 
f heumail, 's nach 'eil e'n comas do neach sam bith 
dleasnas creidsinn an Criosd a choimhlionadh gu 
fiosrach, trèibhdhireach, dùrachdach, as an eug- 
mhais. 

A bharrachd air na ceud thoisichean coitchionn 
a's coltach a bhi aig gach neach a tha caitheamh 
am beatha fo òrduighibh an t-soisgeil, mar a tha 
eòlas a bhi aca gu bheil anama neo-bhàsmhor aig 
a chinne-daonna, gu'm bi 'n t-anam agus an corp 
air an dlù-cheangal r a chèile air chionn latha a 
bhreitheanais ; gu bheil nèamh agus ifrinn ann, 's 
gur h-ann an aon diubh bhios ionad-còmhnuidh 
bhith-bhuan nan uile dhaoine ; gur e 'n Seann- 
Tiomnadh agus an Tiomna-Nuadh focal f ìrinneach 
Dhè, agus riaghailt creidimh agus bheusan ; gu 
bheil gach duine thaobh nàduir as eugmhais gràs 
Dhè, 's 'nan nàimhdibh dha, agus fearg thoiiìtinn- 
each ; gur h-ann amhàin trid losa Criosd an t- 
Eadar-mheadhonair a tha rèite ri Dia; gur h-e 
creidimh a dhlù-cheanglas daoine ris, 's is cùmh- 
nant do'n nuadh choimhcheangal ; gur i naomhaclid 
toradh fìor chreidimh, 's gu'm bu chòir do gach 



144 An dòigh chum ruigheachd air 

Tieach oidheirp theann a thoirt air ruigheachd air 
fìor naomhachd, mar nì, as ewgmhais nach faic 
neach air bith Dia; tha mion-eòlas air na nithe sin 
feumail, ach a hharrachd orra sin, tìia mi 'g ràdh 
gu bheil e air iarraidh roimh-laimh air an duine 
leis am b' àill creidsinn anns an Tighearn losa 
Criosd, air tùs, gu'm beachd-smuainìch e le mòr- 
dhùrachd air an staid sa' bheil e thaobh nàduir. 
Agus an so 's èiginn da eòlas a bhi aige mu 
thimchioll nithe àraid, agus mar an ceudna bhi ro 
dhùrachdach mu'n timchioll : Tha mi 'g ràdh gur 
h-èiginn da eòlas a bhi aige rau nithe àraid, mar 
tha. 

1. Leis mar bba e air a bhreith 'na cheannairc- 
each an aghaidh Dhè, gu'n do chuir e corruich 
agus diomb air an Dia a chruthaich e le ioma 
peacadh-gniomha, 's gu'n do dhaingnich e fearg 
Dhè ris; seadh, 's còir do dhuine fios a bhi aige 
air ioma dearbhadh sònruichte d'a cheannairc an 
aghaidh Dhè, mar tha, gu bheil e 'na bhreugaire, 
'na fhear-brise sàbaide, 'na fhear-labhairt-bhlais- 
bheum, no an samhuil sin, mar tha Pòlfa' labhairt 
gu ro shònruichte uime fèin an dèigh làimhe 1 Tim. 
i. 13. 

2. 'S èiginn do'n duine fios a bhi aige, gu bheil 
fearg Dhè tha air a bhagradh san Sgriobtuir, a' 
buanachadh gu neartmhor an aghaidh nan ceart 
pheacanna sin d'a 'bheil esan ciontach, 's air an 
aobhar sin, 's esan gun teagamh a phàirtidh air a' 
bheil Dia, do nach coraasach breug a dheanarnh, 
a' bagradh cogaidh. 'S èiginn do dhuine fios a bhi 
aige 'nuair tha'n sgriobtuir ag ràdh, ** Malluichte 
gu robh am mealltair— a dh' ìobras ni truaiJlidh 
do'n Tighearn :" Mal. i. 14. gur h-ann 'na aghaidh 



Còir shlàinteil ann an Criosd. 145 

fèin a tha e labhairt air son a sheirbheis neo-dhùr- 
achdach do Dhia leìs an duine o 'n leth a muigh, 
'nuair bha a chridhe fada uaithe, a dian-ruagadh 
iiithfe faoine na beatha so. 'Nuair tha'm focal ag 
ràdh, Ecsod. xx. 7, *^ Cha mheas an Tighearna 
neo-chiontach esan a bheir 'ainm an diomhanas,'* 
's còir do'n duine fios a bhi aige gur h-ann 'na 
aghaidh fein e tha e labhairt, a mhi-naomhaich gu 
bitheant' an t-ainm uamhasach gin d' an còir do 
gach glùn Kibadh 'na f hianuis le mòr urram, Phil. 
ii. 10. 's a tha nàimhdean a' toirt an diomhanas gu 
h-anndàna. Salm cxxxix. 20, " 'Nuair tha'm focal 
ag ràdh, 'S malluicht' an neach a ni obair an Tigh- 
earna gu neo-cliùramach, Jer. xlviii. 10, 's èiginn 
do'n duìn' a thuigsinn gur h-ann 'na aghaidh fèin 
a tha e labhairt, a dh' èisd gu neo-urramach, dear- 
madach, le inntinn luaineach, am focal air a shear- 
monachadh ; 's a rinn ùrnuigh gu minig 'na làthair, 
gun mhothachadh, gun tuigse, agus gun chreid- 
imh. 'Nuair tìia 'm focal ag ràdh, " Is an-aoibh- 
inn da-san a tha toirt aìr a choimhearsnach òl, a 
ta cur ris a' chopain, agus 'ga chur air mhisg mar 
an ceudna, chum gu'n amhairceadh e air a lom- 
nochduiche," Hab. ii. 15, 16. 's èiginn do'n duine 
thoirt fainear gur h-ann 'na aghaidh fèin a tha e 
air a hibhairt, arinn uaiìian cur a choimhearsnaich 
air mhisg, 's gu bheil fearg uamhasach aìr a shoc- 
rachadh leis an Tighearisa Dia 'na aghaidh a rèir 
an sgriobtuir-sin. 'Nuair tha 'm focal ag ràdh, 
" Bheir Dia breilh air luchd neo-ghloine." Eabh. 
xiii. 4. agus, " Bithidh an cuibhrionn anns an k)ch 
a ta dearg-lasadh le teine agus pronnusc," Taisb. 
xxi. 8. 's èiginn do'n duine thoirt fainear, gu bheil 
-an sgriobtuir a labhairt nan ceart bhriathra sin 'na 



146 An dòigh cJium ruigheachd air 

Rgliaidh fèin, air dhà bhi 'na dhuine neòghlan; air 
chor 's gur h-esan an diiine d' a' bheil malluchdan 
an lagha gu neo-mhearachdach a' deanamh an 
cuspair. 

3. 'S èiginn do dhuine fios a bhi aige nach 'eil 
ni air bith aìge leis fèin a tha murrach air a shìth 
a ghleidheadh dha, ^s a chuìreas saor e o'n chunn- 
art 'sa bheil e ; do bhrigh gu bheil 'f hìreantachd 
uile mar ni neoghìan. Isa, Ixiv. 6. Cha leòir 
ùrnuighean, a sheirbheìs eile do Dhia, a dhèir- 
cean, &c. a chosnadh maitheanais da 'na pheacaibh 
am fianuis an Uile-chumhachdaich, do bhrìgh nach 
d' thainig iad o'n rùn cheart 'na chridhe, 's nach 
robh iad air an coimhlionadh air mhodh iomchuidh, 
no air son aobhair cheart, no idir chnm crìoch 
mhaith ; bha 'ìobairtean ro f huathach leis an Tigh- 
earna. Gnàth. xxi. 27. 

4. 'S èiginn da thuigsinn, leis mar tha e as 
eugmhais uile ghràsa slàinteil an Spioraid, mar 
tha fior ghràdh Dhè, fìor eagal 'ainme, bròn 
diadhaidh air son peacaidh, &c. co ro shònruichte, 
gu bheil creìdimh ann an Criosd a dh' easbhuidh 
air, a ghabhas an uallach o gach aon neach a 
chreideas ann. Gus an tuig duine gu bheil na 
nithe sin a dhìth air, fàgaidh e do ghnàth 'ainmh- 
each 's a thròm ualìach an àit' air bith eile, gun 
chùram gun umhail, mun dthoir e dii' ionnsuidh 
an Urrais choitchionn e. 

Cha 'n e amhàin gur èiginn do dhuine bhi fios- 
rach mu na nithe sin, mar thuirt mi roimhe, ach 
*s èiginn da mar an ceudna smuainteachadh orra 
le mòr dhùrachd, sin r'a ràdh, 's èiginn do na nithe 
sin drùghadh air, 's a bhi ro dhùrachdach mu 'n 
timchioll, mar a's gnàth leis a bhi mu ghnothaich- 



Còir shlàinieil ann an Criosd, 147 

ean cudtliromach eìle ; seadh fòs, *s còir dha bhi 
ni's dùrachdaiche sa' chùis so na bhios e an gnoth- 
aichean saoghalta sam bith, do bhrìgh giir cùis ro 
chudthromach so ris a' bheil a shonas siorruidh ari 
earbsa. Agus bheir an ro dhùrachd so toradh 
iomchuidh uaithe. 

1. Barrachd cùram a ghabhail m'a shlàinte 
shiorruidh na ghabhas e mu nì air bith eile. An 
èiginn do dhaoin' air tùs rìoghachd Dhè iarraidh ? 
Mat. vi. 33. A* bheil ann ach aon ni feuraail? 
Luc. X. 42. Am meas Pòl na h-uile nithe 'nan 
calldach agus 'nan aolach air son na cùise so? Phil. 
iii, 8. A' bheil duine 'ri call ged choisinn e' n 
saoghal uile ma chaiileas e 'anam ? Marc viii. 36. 
An e so amhàin a bhios 'na aobhar gliairdeachais, 
gn bheil ainm dhaoine sgrìobht' ann an leabhar na 
beatha? Luc. x. 20. 'S nach gabh daoine tuille 
suim d' an anam agus d' an slàinte shiorruidh na 
ghabhas iad de ni no neach sam bith eile ? 'S 
deimhin leam gu'n gabh, no 's daoin' iad a tha air 
dhiobhail cèille, 's ann am breislich an dàna. Na 
mealladh neach sam bith e fèin sa' chùis so ; oir 
mur deachaidh cunnart anabarrach an anma, agus 
an slàinte shiorruidh, 's cionnas a bhios iad rèidh 
ri Dia, ni 's dìùithe d' an cridlie na chaidh aon ni 
eile san t-saoghal, cha 'n f heudar le aon bharantas 
ceart a bharalachadh, gu'n d' fhuair iad riabh 
mothachadh air am peacadh, no eòlas air Dia, 
no idir buanmhaireannachd 'fheirge air mhodh 
slàinteil. 

2 Bristidh an ro dhùrachd so cridhe an duine, 
agus lagaichidh e a threòir 's a neart, agus tairn- 
gidh e gu bròn e, mar air son ceud-ghein. Sech. 
xii. 10, Tha mi 'g aideachadh gur fearr a fhreag^ 



148 An dòigh cìium ruigkeackd air 

ras am bròn 's an doilgliios do'n earrann sin de 'n 
Sg'riobtuir an dèigìi so, 'n tra blieir iad fainear 
mar bha Criosd air a lotadh le'm peacaibh. 

3. Treòraichidh e 'n duine gu fèin-f huath, 's gu 
gràin a ghabhail de fèin. 'Nuair a mhothaicheas 
duine dha fèin air a mhodh sìii, cha 'n 'eil e com- 
asach dha gun sgreamh a ghabhail rìs fèin air son 
a ghràinealachd, leìs an d thug e sgrìos air fèin. 
Tha càileiginn de'n spiorad dhioghaltais sin ann 
a tha air ainmeachadh mar thoradh an fhìor aith- 
reachais. 2 Cor. vii, 11, " An ni so fèin doilgheas 
diadhaidh bhi oirbh, ciod e meud an dùrachd adh* 
oibrich e annaibh — seadh, ciod an togradh diogh- 
altais ?" 

4. Ni am mòr-dhùrachd so duine ro oidheirp- 
each chum cobhair fhaotainn ; o nach 'eil e ann 
fèin ; cha 'n'eil de dhànadas aige na chuireas dàil 
sa' chùis, mar bu ghnàth leis a dheanamh ; 's gu 
deimhin tha so air iarraidh, gu'm mothaich e bhi 
aìr a dhian ruagadh 's air a chur thuige cho teann 
's gur maith leis teicheadh gu ionad èiginn chum 
a dhìon. Tha mi 'g aideachadh gu bheil tomhas 
a's mò de'n dùrachd so aig cuid àraidh na tha aig 
cuid eile, mara nochdsinn san earrann a's toisiche 
de'n leabhar so ; ach ma labhras sirm mu'n dòigh 
leis an gnàth leis an Tighearna Dia oibreachadh 
air a mhuinntir a tha air teachd gu h-aois, tha sinn 
ag ràdh gur èiginn doibh staid chunnartach an 
anama ghabhail d' an ionnsuidh fèin le mòr-dhùr- 
achd gun fhiuthair a bhi aca ri cobhair sam bith 
annta fèin, o nach 'eil feum aig a mhuinntir a tha 
slàn air an lèigh, ach aca-san a tha euslan. Mat. 
ix. 12. Air son tomhas an dùrachd so, tha sinn 
amhàin ag ràdh an ni tha coltach, gu'm bi duine 



Còir shlàvnteil ann an Criosd, 149 

toileach leis an tomlias sin air cùmhnanta trèibhr 
dhireach dùrachdach a dheanamh ri Criosd, air 
dhòigh sam bith air a' bheil e 'ga thairgse fèin 
chum gabhaìl ris. 

'Se 'n dara ni tha air iarraidh roi'-laimh air an 
duine leis am b' àill creìdsinn ann an losa Criosd, 
gur èiginn da eòlas abhi aìge aìr an t-slighe chum 
dol as o f heirg an Uile-chumhachaich : 's èiginn 
do 'n Spiorad beò-mhothachadh a thoirt dà air an 
f hlreantachd sin. 'S èiginn do dhuine thoirt fain- 
ear gu soilìeir san àm so, gu'n do dhealbh Dia a 
pailteas a mhòr-mhaitheis innleachd chum peacaich 
chaillte a shàbhaladh trid losa Criosd an t-Eadar- 
mheadhonair, neach a thug 'fhìreantachd iomlan 
làn-dìoladh do clieartas Dè a bha gu dligheach air 
èiridh am feirg 'nar n-aghaidh-ne ; agus a ghlèidh 
làn-mhaitheanas agus deadh-ghean siorruidh Dhè 
dhoibh-san uile air an cuir e iompaidh leis an t- 
soisgeul so chum gabhail ri tairgse Triath na 
beatha. Gniomh. xiii. 38, 39, ^' Uime sin biodh 
fios agaibh-se, — gur ann tre'n duine so a ta maith- 
eanas pheacanna air a shearmonachadh dhuibh : 
agus trid-san a ta gach neach a chreìdeas air a 
shaoradh o na h-uile nithibh." Eoin i. 12, *' A 
mheud as a ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd a 
bhi 'nan cloinn do Dhia, eadhon dhoibh-san a ta 
creidsinn 'na ainm. Air chor 's nach 'eil neach 
sam bith air a dhruideadh amach o'n tairgse sin, 
ge b'e inbh no staid anns a' bheil e, ge b'e caithe- 
beatha bha aige san àm a chaidh seachad, mur 'eil 
e ciontach de'n pheacadh an aghaidh an Spioraid 
Naoimh, ni is e f uath mì-runach gamhlasach agus 
diùltadh le tàir an dòigh tha air òrduchadh chum 
peacaich a shàbhaladh, raar a chluinneas sinn an 
1 



\ 



1 50 An dòigh chum ruigheachd air 

ùine ghearr, oir maithear gach seòrsa peacaidh 
dhoibh-san a ghabhas ri tairgse Dhè inar tha e 'g 
iarraidh. Mat. xii. 31, " Tha e mar an ceudna 
comasach air an dream a thig a dh' ionnsuidh Dhè 
trid-san athèarnadh gu h-iomlan." Eabh. vii. 25. 
'Se 'n treas ni tha air iarraidh roi'-laimh, Gur 
èiginn do dhuine fios a bhi aige, mar nach do 
dhruid Dia a mach e o'n f huasgladh tha air òr- 
duchadh chum peacaich a shàbhaladh, gu bheil e 
toileach a bhi rèidh ri daoine trid losa Criosd, 
agus cho'-èignich e daoine chum gabhail ris trid 
an t-Slànuighir uile-bheannaichte, agus mar so 
an t-slàinte sin a chosnadh dhoibh fèin, 's gun dàil 
a chur anns a' chùis. Cha'n e 'rahàin gu bheil e 
toirt cuireadh do gach uile neach teachd d'a ionn- 
suidh, Isa. Iv. 1,2. 's a' gabhaij gu fàilteach riù- 
san a thig, mar a chì sinn san t-soisgeul, 's a' 
cliùthachàdh na h-aitim sin a tha teachd, mar 
an Caiptein-cheud, Mat. viii. 10, 's a bhean o 
Chanaan, Mat. xv. 28. 's tha e toirt achmliasan do 
dhaoin' air son nach 'eil iad a' tighinn 's a' gabhail 
ris, Eoin v. 40, " Gidheadh cha'n àiìl leibh teachd 
a m' ionnsuidh-sa, chum gu'm faigheadh sibh 
beatha." 'S tha e 'gan dìteadh air son nach 'eil 
iad a' gabhail ris air a mhodh sin, Eoin iii. 18, 
*< Ach an ti nach creid, thae air adhiteadh chean- 
a," ach tha e mar an ceudna toirt àithne do gach 
neach iad a chreidsinn ann an Criosd. 1 Eoin iii. 
23, <^ Is i so *àithne-san gu'n creideamaid ann an 
ainm a Mhic losa Criosd," air chor 's nach còir do 
dhuine chur an teagamh nach 'eil an Tighearna 
làn-toileach gabhail ri daoine thig air mhodh 
trèibhdhireach dùrachdach a dh'ionnsuidh Chriosd, 
oir làn-shoilleirich Dia sin san Sgriobtuir. Mur bi 



Còir shlàinteil ann an Criosd. 151 

fios aìg duiiV air na h-uiread so, *s gann a bhios a 
chridh' aige gabhail ris an innleachd ro luachmhor 
sin a shàbhaladh pheacach, no idir a chudthrom 's 
a thaic a leigeadh air guailinibh treun uile-chumh- 
achdach an t-Slànuighir bheannaichte tha làn- 
chomasach air a thròm-uallach a ghiùlan, ma thaic-r 
ear ris e. 

'Se 'n ceathramh ni tha air iarraidh roi'-laimh^ 
gur èiginn do'n duine leis an àill gabhail ri losa 
Criosd, a chur roimhe gu'n cuir e gach cùmhnant 
ri ifrinn agus ris a bhàs fa sgaoil. Isa. xxviii. 15. 
'S èiginn do dhaoine chur rompa gu'n cuir iad cùl 
ris gach olc air am fiosrach iad, a tha 'nan aoradh; 
oir cha'n 'eil rèite sam bith eadar Criosd agus Bel- 
ial. 2 Cor. vii. 14 — 18. Tiia'n Tighearna Dia 'g 
iarraidh air gach neach aig am bi fiuthair ri esan 
f haghail, nach biodh iad air son neach eile. Hos. 
iii. 3. Tha so fada o aithreachas a rèir an t sois- 
geil, ni tha mi 'g aideachadh nach 'eil a' dol air 
thoiseach air gabhail ri Criosd tre chreidimh : oir 
cha 'n 'eil an so ach ro bheagan a bharrachd air 
fuath a thoirt do na nithe sin a bha ro thaitneach 
le duine san àm a chaidh seachad, agus tàir a 
dheanamh air na nithibh sin mu 'n robh e ro 
dhèigheil roimhe so, do bhrìgh gu bheil e 'ga 
fhaicinn fèin caillte d' an taobh, agus fuasgladh 
uapa a nis 'na thairgse* leis a' bheil a chridhe a' 
tionnsgnadh air bhi ni 's ro chùramaiche na bu 
chleachdadh leis. An dèìgh so, 'nuair a bheachd- 
aicbear air losa Criosd 'na aonar, bidh a ro oir- 
dheirceas agus a mhaise, follaiseach, air chor 's 
nach 'eil a choimeas am measg nan uile dhèe, *s 
tha e 'g amharc mar chòmhdachadh leòir-fhogh- 
ainteach do shùilibh na muinntir a gheibh e : Ìeis 
i2 



162 An dòigh chum ruigheachd air 

a' bheil an crìdhe toirt mòr-spèis do innleachd 
Dhè anns an nuadh choimhcheangal, 's a' miann- 
achadh a chudthrom a leigeadh air Criosd a rogh- 
ainn air gach ni eile, 'ga aomadh fèin d'a ionn- 
suidh ; 's mar sin tha 'n duine fàs 'na f hìor chreid- 
each. 

Cha'n abaìr mi gu'm faighear gach aon de na 
nithe sin mu'n do labhair sinn gu riaghailteach 
soilleir anns gach neach mun gabh e ri Dia ann 
an Criosd ; oìr feudar dòigh a chridhe ri Criosd a 
chur ris na ceithir nithe iongantach. Gnàth* xxx. 
18, 19. 'S cùis ro chruaidh an cridhe alorgachadh 
'na atharrachadh o dhorchadas gu solus ; gidheadh 
tha sinn a' nochdadh na dòigh a's riaghailtiche 
agus a's cokaiche, do'n ti tha 'g iarraidh eòlais air 
a' chùis ; agus leis a sin a' fògradh na muinntir a 
tha aineolach aindiadhaidh neo-mothachail o bhun- 
tainn ris, 's a' toirt sparradh dhoibh gun iad a 
ghabhail os-làimh gu bheil còir sam bith ac' air losa 
Criosd am fad 'sa bhuanaicheas iad san staid sin, 
gus ani fosgail an t-Uilechumhachdach sùilean an 
inntinn, 's gu 'm faic iad an staid chaillte a tbaobh 
nàduìr, agus am feum anabarrach a tha ac' air 
losa Criosd an Slànuighear. 



CAIB. IV. 

Na buaidhean agus an tairhhe tha gu nàdurr a 
leantuinn an Jhìor chreidimh, 

'Se 'n ceathramh ni a chuir sinn romhainn ris an 
labhramaid, Buaidhean an dleasnais so, 'nuair a 
choimhlionar aìr mhodh iomchuidh e. Cha 'n 
ainmich mi ach beagan dìu. 



Còir shlàinteil ann an Criosd» 153 

1. 'S eiginn do clireidimh ann an Criosd a bhi 
pearsaìita ; 's èiginn do dhuine gabhail ris an t- 

Slànuighear 'na phearsa fèin. " Mairidh am fìr- 
ean beo le a chreidimh/' Hab. ii. 4. Tha so a' 
ciallachadh, nach leòir chum duin' a shaoradh o 
thruaighe, gu bheil e'n coimhcheangal ri Dia, 
gu 'n d' rugadh e 'na bhall de'n eaglais f haicsinn- 
ich tre ùmhiachd a phàranta do dh' orduighibh 
Dhè : ni mò a dh' f hòghnas e gu'n d' f huair e 
seul' inndrinn a bhaistidh, 's gu'n do ghabh e san 
àm sin os làimh slàint' iarraidh trid fuil ìoc-shlaint- 
ich an t-Slànuighir, mar tha gach naoidhean a' 
deanamh : ni mò a dh' f hògbnas e gu 'n d' thainìg 
daoine o phàrantaibh diadhaidh ; oir cha dthoir an 
creidirah-san còir d' an cloinn air beannachdaibh 
spioradail a chùmhnanta : cha mhò a dh' f hòghnas 
e, gu 'n d' thainig pàrantan fa chàileiginn de 
cheangal as leith an cloinne an àm am baistidh, 's 
gu'n d' thug iad sua^ do'n Tighearn iad : cha 'n 
f hoghainn gach ni dhiubh sin uile : oir tha clann 
na rìoghachd agus clann dhaoine diadhaidh air an 
druideadh amach ; mur bi aig duin' e fèin, creid- 
imh ann an losa Criosd, 's mur bi a chridhe làn- 
toilichte leis an innleachd luachmhor sin chum 
peacaich a shàbhaladh, cha chomasach gu 'm bi e 
air a shàbhaladh. Tha mi 'g aideachadh gur e 
Criosd a bheir an creidimh so dhà, ach 's ni cinn- 
teach gur h-èiginn do'n chreidimh so bhi pears- 
anta. 

2. 'S èìginn do 'n dleasnas so bhi trèihhdhireach 
dùrachdach. " Is ann leis a' chridhe a chreidear 
chum fìreantachd," Rom. x. 10. 'S èiginn do 
dhuine bhi dùrachdach neo-chealgach an gabhail 
ri Criosd, 'ga mhiannachadh thair gach ni air an 

i3 



154 An dòigh chum ruigheachd air 

cuar e riamh iomradli, g\m bhi san iom'chomh- 
airle rau'n chùis. Cha 'n e amhàin gur èiginn 
do'n chùis a bhi sa' cheann no san tuigse, ach 's 
èiginn gu'm bi i anns a chridhe ; cha 'n e amhàin 
gur èiginn do dhuine dearbh-bheachd a bhi aige 
gur e Criosd an t-slighe, ach 's eiginn da làn 
dearbhadh a bhi aig' air, 'ga ghràdhachadh 's a' 
gabhail mòr-thlachd ann, air chor 's gur e uile 
mhiann duin' e^ mar tha Daibhidh mu'n chùmh- 
nant. 2 Sam. xxiii. 5. Ma bhios duine dùrachd- 
ach mu ni air bith, gu cinnteach 's èiginn gu'm bi 
e mar sin san aon ni so a tha co feumail. Cha 
dean barail fhaoin sa' cheann an gnothach so, 's 
èiginn gur h-obair ro dhùrachdach a chridhe agus 
an anama bhios ann ; seadh, cha 'n obair e anns an 
leth a's iomallaiche de'n aigne, ach anns an ionad 
a's ro phrìseala de'n aigne agus de'n anam, far a' 
bheil Criosd air a dhealbh. Nach dùrachdach is 
ion do dhuine bhi sa' chùis so ris a' bheil a mhòr 
shonas siorruidh a' co'-sheasamh ? An dean an 
Tighearna gairdeachas os cionn duine, mar ni fear- 
na-bainnse gairdeachas air son a chèilidh ? Isa. 
Ixii. 5. 's gu'n gabh e còmhnuidh 'na ghràdh le h- 
aiteas? Seph. iii. 17, 's am bi cridhe duine cho 
neo-mothachail air maitheas Dè, 's cho mhi-reus- 
onta 's nach dtheid e amach an còmhdhail àrd 
Chruith-f hir mòr an t-saoghail, 'nuair tha Triath 
na beatha a' nochdadh gu bheil e co deònach air 
teachd 'na chòmhdhail-sa, 's a' gabhail na h-uiread 
shuim de shonas siorruidh a chinne-daoine ? A 
mhuinntir ionmhuinn, mun dtheid sibh ni 's faide 
air bhur n-aghaidh, cuiribh bhur làmh air bhur 
cridhe, agus smuaintichibh air caoimhneas neo- 
chrìochnach an Uile-chumhachdaich d'ar taobh; 



Còir shìàinteil ann an Criosd, 155 

agus faicìbh na tlia e 'g iarraidh oirbh an èiric a 
mhòr chaoimhneis duibh ; cha 'n 'eil e 'g iarraidh 
ni air bith oirbh^ ach amhàin bhur cridhe, agus 
shaoilinn nach bu chòir dhuibh diùltadh a thoirt 
da, do bhrìgh gur e bhur maith fèin a th' aig Dia 
san amharc ; uime sin ìocaibh do Dhia an ni tha e 
*g iarraidh oirbh, eadhon bhur cridhe, no, na 
dthugaibh ni air bith dha. Gnath. xxiii. 26, " A 
mhic, thoir dhomhsa do chridhe.'* 1 Cor. xiii. 2. 
3, " Agus ged chaithinn mo mhaoin uile chum na 
bochdan a bheathachadh, agus ged bheirinn mo 
chorp chum a losgadh, agus gun ghradh agam, 
cha'n'eil taìrbhe sam bith dhomh ann." Air au 
aobhar sin a bhraithribh, gràdhaichibh an Tigh- 
earna Dia, a ghràdhaich sinne co mòr ; thugaibh 
gràdh pòsaidh dha, no na dthugaibh gràdh idir 
dha. Gidheadh cha 'n abair mi gu bheil gràdh 
cumhachdach mothachail aig gach neach, a bheir 
orra fàs gu tinn, cho luath 's a chreideas iad ; ach 
's èiginn do ghràdh reusanta caomhail, air a shoc- 
rachadh air deadh stèigh, agus cho ro bhunailteach 
a bhi ann an co'-chuideachda creidimh 's nach 'eil 
mòran uisgeachan comasach air a mhùchadh. Tha 
e làidir mar am bàs^ agus loisgidh eud ann mar 
theine. Laoidh viii. 9, 7. 

3. 'S èiginn do threas buaidh a chreidimh bhi 
reusanta, leis mar tha e dol amach as dèigh an t- 
Slànuigheir. Leis an ni so tha mi ciallachadh gur 
còir do'n duine dlùthachadh ri Dia ann an Criosd 
ann an eòlas agus ann an tuigse, a' )àn-thuigsinn 
innleachd Dhè chum peacaich a shàbhaladh trid 
losa Mac an Dè bheò, mar tha'n sgriobtuir 'ga 
nochdadh, gun bhi ann am barail gu bheil Criosd 
aige fèin aìr dhòigh air bith eile ach mar tha 'n 
i4 



156 An dòigh chum rnigheachd air 

soisgeul 'ga cliur au cèill, no idir dòigh eile chum 
fuasgladh fhaotainn trid-san ach mar tha focal 
neo-mhearachdach Dhè a' nochdadh. Air an 
aobhar sin tha sinn a' toirt fainear gu bheil eòlas 
air a chur rìs a choimhcheangal eadar Dia agus 
duine mar ni ro fheumail. ler. xxiv. 7, " Agus 
bheir mi dhoibh cridhe gu m' aideachadh gur mi 
an Tighearn ; agus bidh iad dhomhsa nan sluagh, 
agus bidh mise dhoibhsan a' m' Dhia ;" ler. xxxi. 
34, ** Agus cha teagaisg iad ni's mò, gach aon a 
choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag 
ràdh, Gabhaibh eòlas air an Tighearn, oir bithidh 
eòlas aca ormsa uile, o'n neach a's lugha, gus an 
neach a's mò dhiubh, deir an Tighearn," Tha mi 
cialiachadh ann an %o mar an ceudna, gur còir do 
dhuine bhi ann an suidheachadh ceart inntinn, agus 
an ciùineas spioraid gu h-iimhal, macanta, iriosal 
an àm dha bhi gabhail ri losa Criosd ; ni h-ann an 
togradh neo-bhunaiìteach, nach mair ach ùine 
ghearr. Mat. xiii. 20, " Esan a fhuair siol ann 
an àitibh creagach, is e so an tì a chluinneas am 
focal, agus a ghabhas e air ball le gairdeachas :" 
no an triobluid trid cruaidh-chas èiginn o'n leith 
a muigh, mar a bha 'm pobuli, Salm Ixxviii. 54. 
*Nuair a mharbh e iad, an sin dh' iarr iad e, 's 
dhearbh iad a bhi neo-sheasmhach anns a chùmh- 
nanta;" no idir fo bhuaireadh chum buannachd 
èiginn aimsireil o'n leth a muigh, mar bha Simon 
Magus, 'nuair a chreid e, Gaiomh. viii. 'S èiginu 
do dhuin' e fein a ghiùlan gu reusanta sa' chùis 
so, air dha bhi 'na mhaighstir air fèin, agos com- 
asach ann an tomhas èiginn air breith a thoirt air 
maith no olc na cùise raar tha e 'na f hianuis. 
4. 'Se 'n ceathramh buaidh, creidimh, mar tha 



Còir shlàintdl ann an Criosd, 157 

e dol amacli le reusaii, tlia e mar an ceudna dol 
amach le rùn suidbichte. Thiìg an sluagh àmh- 
gharach bochd anns an t-soisgeul iad fèin le'n làn- 
rùn air losa Criosd. Tha 'n rùn suidhichte spior- 
aid so, chum catbachadh an aghaidh gach buairidh 
a dh' f heudas teachd 'nan rathad ; tha fòirneart air 
a nochdadh do na nithe sin. Cba'n f heud an 
duine sin aig a' bheil a chridhe 'ga dhealbh fèin 
fa chomhair Chriosd, a* ràdh, Gu bheil leòmhann 
air an t-sràid, Gnàth. xxvi. 13. Mar faigh e 
comas dol a stigh air an dorus, bristidh e tre 
mhullach an tighe, coltach ris an duine sin. Luc. 
V. 19. 'S minig nach bi suim aige do'n ni sin ris 
an abair an saoghal gìiocas agus eagnadh, coitach 
ri Saccheus a streap suas ri craoibh chum 's gu 'm 
faiceadh e Criosd, 'nuair bha creidimh a' tàrmach- 
adh 'na chridhe. Luc. xix. Tha'n rùn suidhichte 
spìoraid so a' gabhail beachd air gach triobluid a 
dh* fheudas leantuinn an lorg a chreidimh, agus 
tha e cur roimhe ann an neart an Uile-chumhachd- 
aich gu'n dthoir e buaidh air gach buaireadh 's air 
gach triobluid a dh' f heudas tighinn 'na rathad, 
cosmhuil ri fear-togaìl glic a chunntas an costas 
roi'-laimh. Luc. xiv. 28. Tha 'n rùn suidhìchte 
80 mar an ceudna chum cathachadh an aghaidh 
iodholaibh duine air fad, 's an aghaidh nithe a 
bheireadh gu rèidh-bheirteach buaidh air, 's a 
thilgeadh bun-os-cionn e, mur deanadh e thaice 
fèin ri Criosd chum neart f haotainn a thoirt buaidh 
air an iomlan, coltach ris an duine dhall sin a thilg 
'aodach uaithe 'nuair a ghairm Criosd e. Marc. 
X. 50. Tha'n làn-rùn suidhichte so san anam a' 
sruthadh o fhèin-f heum anabarrach anns an duine, 
mar thachair do dh' fhear coimhead a phriosaiii, 
lò 



158 An dòigh chum ruigheaclìd air 

Gniomli. xvi. 30. agus o iarrtiis àrd-uachdranach 
an Uile-chumhachdaich a' co'-èigneachadh an duine 
gu gluasad a dh' ionnsuidh Chriosd. 1 Eoin iii. 
23j " Is i so 'àithne-san, gu'n creideamaid ann an 
ainm a Mhic losa Criosd," agus o'n deadh chliù 
tha air dol araach mu Dhia, nach cuir e cùl ri 
neach air hith a thig d'a ionnsuidh trid losa Criosd, 
Eoin vi. 37. ach 's ann tha e moladh na h-aitim 
sin a tha gahhail misnich teachd d'a ionnsuidh, 's 
a chuireas na cruaidh-chais agus na triobluidean 
a's mò an neo-shuim, raar hha bhean a mhuinntir 
Chanaain. Mat. xv. 28. Ach os-barr air so uile, 
tha'n làn-rùn suidhichte so a' teachd amach o 
ghàirdein treun uile-chumhachdach lehobhah, gu 
dìomhair agus gu neartmhor a' tarruing a pheac- 
aich a dh' ionnsuidh Chriosd, Eoin vi. 44, " Cha 
^n urrainn neach air bith teachd a m' ionnsuidh-sa, 
mur tarruing an t-Athair a chuir uaith mise e." 

Cha 'n abair mi gu bheil na chaidli ainmeach- 
adh de smuaintibh, gu riaghailteach 'na inntinn 
aig gach neach a ghabh rì Criosd, mar tha e air 
a thairgse san t-soisgeul : gideadh ma rannsuich- 
ear a' chùis, agus ma chuirear thuige gu teann e, 
no idir ma chuirear na nìthe sin 'na chuimhne, 
gheibhear amach g\x bheil iad san àm sin gu h-ard 
san anam. 

O na chaidh labhairt, tha e làn shoilleir, gu 
bheil mòr f heum aig ioma neach anns an eaglais 
f haicsinnich air tuilleadh a dheanamh chum an an- 
ama a shàbhaladh, 'nuair thig iad gu aois iom- 
chuidh, na rinn iad san àm a chaidh seachad, anns 
a chùmhnant tha eadar Dia agus an eaglais, air a 
nasgadh dhoibh ann am baisteadh. 

Mar an ceudna o na chaìdh labhairt, tha e soill- 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 159 

eir, gu bheil faicill iomcliuidh air saor-gliràs Dhè 
anns aii t-soisgeul, air a nochdadh trid losa Criosd 
an Sìànnìghear ; air chor 's nach 'eil e'n comas 
dhaoine aineolach, neo-mothachail, mi-naomh, a 
ghabhail os laimh gu bheil còir ac' air, ma ranns- 
uicheas iad a' chùis, agus ma bheir iad breith neo- 
chlaon air an staid. Tha e fìor gun amharus, gu 
bheil creidsinn ann an Criosd, agus gabhail ris 
mar Shlànuighear uil'-fhoghainteach 'na ni so- 
dheanta, agus tha gach neach mi-dhiadhaidh ag 
ràdh, gu bheil efèin a' creidsinn ann : ach tha iad 
'g am mealladh fein, o nach do ghabh an anam 
riabh gu trèìbhdhireach dùrachdach le làn-rùn 
suidhìchte, ri losa Criosd, mar a thuirt sinn 
roimhe. Feudaidh e bith gu'n robh cuid de 
dhaoin' aingidh air an soillseachadh, Eabh. vi. 4. 
's gu n do mhothaich iad càileiginn de ghluasad 
'nan eagal : Chriothnaich Felics, Gniomh. xxiv. 
25. no 'nan aoibhneas. " Esan a f huair siol ann 
an àitibh creagach, is e so an ti a chluinneas am 
focal, agus' a ghabhas e air ball le gairdeachas ;" 
Mat. xiii. 20. agus dh' èisd Herod ri Eoin gu 
toileach, Marc. vi. 20. ach cha robli 'n cridhe 
trèibhdhireach ann a' dlùthachadh ris an Diabheo. 
ler. XX. 21. 'S ann a shuidh iad sìos an dara cuid 
san obair chumanta sin mar an t-ionad dìdein, gus 
an d' thainig an deuchainn, Mat. xiii. 21, '* An 
uair a thig triobluid no geur-leanmhuinn air son 
an fhocail, air ball gheibh e oilbheum ;" no pillidh 
iad air an ais leis a mhada chum an sgeith, o'n 
robh iad ann an tomhas èiginn air an saoradh trid 
eòlas an Tighearna agus an t-Slànuigheir losa 
Criosd, 2 Pead. ii. 20. no tuitidh iad gu tur air 
falbh gu fuath a ghabhail air, 's gu tailceas mì- 



160 A7Ì dòigh chum ruigheachd air 

runach gamlilasach agus geur-leanmhuinn a dhean- 
amh air losa Criosd, 's air gach ni a bhuineas da ; 
o'n gann a dh' fheudas iad a bhi aìr an teasraig- 
inn, Eabh. vi. 4 — 6. agus x. 26, 29. Bu chòir do 
na nithe sin daoin' a bhrosnuchadh chum bhi dùr- 
achdach san obair chudthromaich so, raun dthig 
orra oidhche tinneis agus bàis, mun taisgear iad 
an leabaidh shàmhaich thosdaich na h-uaighe. 

5. Thainig sinn a nis gu labhairt mu'n chùigihh 
ni a chuir sinn romhainn, agus 'se sin, Ciod a tha 
gu nàdurra a' leantuinn f ior chreidimh ? Bheir 
mi ua labhras mi mu na nithe sin, chum an dà ni 
so, eadhon, Aonachd agus Co'-chomunn ri Dia. 

Air tùs mata^ Tha mi 'g ràdh, 'nuair a ghabhas 
peacach ri Criosd, raar tlia e air a ràdh, tha aon- 
achd iongantach air ball eadar Dia Jigus an duine. 
Mar nach 'eil am fear-pòsda 's a bhean, an ceann 
's an corp, an freumh 's na meanglain ri bhi air 
am meas mar dhithìs, ach 'nan aon ; air a mhodh 
cheudna tha Criosd, no Dia ann an Criosd, agus 
am peacacli tha gabhaii ris tre chreidimh, 'nan 
aon. '' Is buill sinn d*a chorp, d'a f heòil, agus 
d'a chnàmhaibh-san, &c." Eph. v. 30 — 32. An 
ti tha mar sin air a cheangal ris an Tighearna, is 
aon spiorad ris e. I Cor. vi. 17, " Mar tha 'n t- 
Athair anns a Mhac, agus Criosd anns an Athair ; 
mar sin tha creidich 'nan aon anns an Athair agus 
anns a Mhac: tha iadsan 'nan aon, raar tha 'n t- 
Athair ann an Criosd, agus Criosd anns na creid- 
ich, chum 's gu'n deanar coimhlionta 'nan aon 
iad." Eoin xvii. 21, 22, 23, 26. O cia iongant- 
ach an coimeasgadh, 's an t-snuim nach fheudar 
f huasgladh tha'n sin ! 

A thaobh na h-aonachd so tha eadar Dia 's na 



Còir shlàinteil ann an Cno%d, 161 

creidich, 1. Cba 'n 'eil e 'ii comas doibh fuath 
thoirt d'a chèile» Uaithe so amach cha dthoir 
Dia fuath do'ii chreideach a chaoìdh : <^ Mar iiach 
d' thug duin' air bith riamh fuath d* a fheòil fèin, 
ach altrumaidh agus eiridnidh e i, 's amhuil a ni 
Criosd d' a phobull." Bph. v. 29. Feudaidh de 
chorruich a bhi air, gu'n smachdaich 's gu'n cron- 
aich e 'n duine sin a tha 'na f hior chreideach ; ach 
gidheadh 's ann air a leas a tha e ris, agus thig a' 
chùis mu'n cuairt, air chor 's gu'm mothaich e gur 
ann chum a mhaitli 's a bhuannachd a tha *n Tigh- 
earn a' buntaìnn ris air a mhodh sin : " 'S èiginn 
gur tròcair agus fìrinn dhà-san uile shlighean an 
Tighearna." Salm xxv. 10, " 'S èiginn gu'n co'- 
oibrich ^ach ni chum a mhaith." Rom. viii. 28, 
Air an làimli eile cha 'n 'eil e 'n comas a chreid- 
ich fuath mì-runach gamhlasach a thoirt do Dhia, 
oir, " An neach a ghinear o Dhia, cha dean e 
peacadh," I Eoin iii. 9. Oir rùnaich agus dh' 
òrduich an Tighearna Dia nithe bhi air a mhodh 
so, gu'm buin esan ris na creidich anns gaeh càs, 
chum am maith, 's cha cheadaich e dhoibh fuath 
thoirt dà uair air bith, no idir a bhi air an spìon- 
adh as a làimh. 

A thaobh na h-aonachd so, tha co'-mhothachadh 
iongantach eadar Dia 's an creideach. Tha'n 
Tighearna fo thriobluid air son àmhghar an duine. 
Isa. Ixiii. 6. Tha e cathachadh 'na aghaidh gu 
caomhail, cùramach agus gu tìmeil, mar gu'm 
biodh e fèin fo thriobluid leìs. " An ti a bheanas 
ris a chreideach, tha e beantuinn ri cloìch na sùla 
aig Dia." Sech. ii. 8, " Tha co'-fhulangas aige 
X an anmhuinneachdaibh," Eabh. iv. 15. agus " Is 
prìseil ani fuil 'na fhianuis," Salm cxvi. 15. Au 



162 An dòigh cJmm ruigheachd air 

aon fliocal ge b'e ni tha air a dheananih dhoibh- 
san, tha e air a dheanamh dhà-san, Mat. x. 40, 
<* An ti ghabhas ruibhse, gabhaidh e riumsa." 
Mat. XXV. 40, 45, •< A mheud 's gu 'n do rinn 
sibh e do aon do na bràithribh> a s lugha agam- 
sa, rinn sibh dhorah-sa e. A mheud 's nach d' 
rinn sibh e do'n neach a's lugha dhiubh so, cha, d' 
rinn sibh dhomh-sa e." Air an ]àimh eile, tha eud 
a thighe gabhail còmhnuidh an cridhe a chreidich, 
Salm Ixix. 9. Tha'n tàir a gheibh Dia a' drùgh- 
adh air an duine dhiadhaidh ; ma tha chùis-san a' 
dol gu maith, 'se so gnothuch a phobuilh Air 
chor 's gu bheil co'-mhothachadh iongantach eadar 
Dia 's na creidich, tre chumhachd an aonachd a 
tha eatorra ; air an aebhar sin 's còir do dhaoine 
mòr-fhuath thoirt do gach ni bhios a' comh-stri 
ris-san 'nan gràdh no 'nan aigne, agus cùl a chur 
ri bhi 'nan tràillean do na creutairibh, do bhrìgh 
gur iad sin seirbheisich an Dè, 's an Fhir-phòsda, 
agus an seirbheisich fèin trld-san, Nach mi-chiat- 
ach gràineil a thig e do bhann-righ bhi ciontach 
de striopachas ri seirbheisich a fir ? Tha e mar 
an ceudna na ni maslach do ohreideach a bhi fo 
eagal à droch sgeul, o'n a tha 'n Tighearna Dia 
ris a' bheil esan 'na aon, amhàin a' riaghladh nan 
nile nithe, 's a tha deanamh gach ni a rèir a thoile 
air nèamh agus air thalamh. 1 Cor. iii. 21, 2S. 
2. '^ Is leibhse na h-uile nithe ; agus is le Criosd 
sibhse ; agus is le Dia Criosd." Salm cxii. 6, 7, 
*' Oir gu bràth cha ghluaisear e; roimh dhroch 
sgeul cha bi eagal air ; tha a chridhe suidhichte 
aig earbsadh as an Tighearna, &c." Salm cxv. 3, 
" Ach a ta ar Dia-ne anns na nèamhaibh, agus 
rinn e^gach ni a b' àill leis." 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 163 

Sandara h-àite^ 'S cd-chomunn iongantach gun 
choìmeas, a bhuaidh mhòr eile tha'n lorg fìor 
chreidimh : trid cumhachd a cbo'-chomuinn so, 1. 
Buinidh Dia 's a luchd-muinntir d' a chèile. 'Se 
Tighearna nan sluagh Dia a phobuill : 'se fèin an 
t-Athair am Mac 's an Spiorad Naomh, an Dia- 
san 'na uile bhuaidhibh glòrmhor, a cheartas co 
maith r'a thròcair, a ghliocas, a chumhachd, a 
naomhachd, &c. oir 's esan Dia a phobuill, mar tha 
e gu bitheant' ag ràdh sa' choimhcheangal. Air 
an làimh eile, 's iad na f ìor chreidich a phobull- 
sa. 'S leis gach aon ni a bhuineas doibh : cha 'n 
'eil uiread a bhuill a's suaraiche d' an cuirp nach 
leis an Tighearna, 's air nach 'eil làn chòir aige. 

2. Trid cumhachd a cho'-chomuinn so, tha co'- 
chòir ac' air saibhreas a chèile, co fad 's a bhios e 
feumail. Buinidh uile bhriathraibh an Tighearna 
do na creidich, a bhagraibh co maith r'a gheall- 
aine chum am maith, mar riaghailt stiùraidh 
dhoibh ; buinidh 'uile shlighean doibh, 'uile ghnè 
oibribh, a chomhpairteachadh sònruichte, bàs, 
deamhaìn, eadhon gach aon ni, co fad's a bhios e 
feumail doibh. 1 Cor. iii. 21 — 23, «Ms leibhse 
na h-uile nithe: Ma 'se Pòl, no Appollos, no 
Cephas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no 
nithe a ta làthair, no nithe a ta ri teachd ; is 
leibhse iad uile ; Agus is le Criosd sibhse; agus 
is le Dia Criosd." Air an laimh eile, 's leis an 
Tighearna gachaon ni a bhuineas do'n chreideach: 
tha 'oighreachd, a chlann, a bheatha, a bhean- 
phòsda, a mheas, &c. gu h-iomlan fa stiùradh an 
Tighearn' aig a' bheil stiùir an domhain 'na làimh : 
ma bhios ni no neach de na bheil aig a chreideach 
feumail do Dhia, 's còir dha dealachadh riù gu 



164 An dòigh chum ruigheachd air 

suilbhearra, no tlia e briseadh a cho'-chomuinn 
sin, 's a' dearbhadh nach 'eil e fèin iomchuidh air 
son, no idir airidh air losa Criosd. Luc. xiv. 26. 
" Ma thig neach air bith a m' ionnsuidh-sa, agus 
nach fuathaich e 'athair,— -seadh, agus a bheatha 
mar an ceudna, cha'n'eil e'n comas da bhi 'na 
dheisciobul dhomh-sa." 

3. Trid cumhachd a cho'-chomuinn so, bu chòir 
do dhlù-dhàimh 's do cho'-chaidreabh ro mhòr a 
bhi eadar Dia 's an creideach. Feudaidh Dia 
buntuinn ris gach aon ni a bhuineas do'nchreideach, 
's a dheanamh ris gach ni a's taitneach leis ; agus 
cha'n'eil an duine r a ghabhail gu h-olc no idir gu 
ràdh ris an Uile-chumhachdach, '' Ciod a tha thu 
deanamh?'* *S ann a's còir dha a ràdh anns gach 
cùis, ^' Is maith focal agus toil an Tighearna." 
Isa. xxxix 8. 2 Righ. iv. 23, 26. Air an laimh 
eile, feudaidh an creideach air mhodh iriosal, a bhi 
dàna ri Dia ann an Criosd; feudaidh e teachd le 
dànachd chum Righ-chathaìr nan gràs, agus cha 
ruig e leas mòran bhriathra snasmhor no de 
dheas-chainnt a ghnàthachadh 'na athchuingibh ri 
Dia, Eabh iv. 16, oir cha'n'eil e ni's mò 'na choig- 
reach dha; Bph. ii. 19. air chor's nach ruig e ieas 
labhairt ri Dia mar neach aig a' bheil eòlas r'a 
dheanamh suas ris gach aon àm, mar a's gnàth le 
mòran de luchd-aidmheil a dheanamh, agus tha so 
'na aobhar eas-aonachd 'nan creidimh. 

Feudaidh an creideach mar an ceudna, làn-rùn 
a chridhe nochdadh do Dhia, 1 Sam. i. 15. 
" Dhòirt mi mach m'anam an làthair an Tighear- 
na." Feudaidh creideach mar an ceudna, ranns- 
uchadh ciod tha Dia a' deanamh, co fad 's a bhios 
e feuraail chum soilieireachd f haotainn mu mhear- 



An ddigh chum ruigheachd air, Sfc. 165 

aclid èigìnn anns a' bheil e mu shliglie an Tigliear- 
na; mar so bha lob xiii. 15. " Ge do mharbh e 
mi, gidheadh earbaidh mi as: — tagraidh mi mo 
shlighean 'na fhianais." Faic Gin. xviiì. 23, &c. 
ler. xii. 1. Isa. Ixiii. 17. 

Feudaidh an creideach mar an ceudna bhi dàna 
ri Dia, gu dol d'a ionnsuidh gu lathail le mhear- 
achdan agus le chionta, agus aithreachas, maithea- 
nas agus sìth iarraidh trid tagradh Chriosd. 
Gniomh. v. 31. " Rsan dh' ardaich Dia le a dheas 
làimh 'na Cheannard agus 'na Shlànuighear, a 
thoirt aithreachais agus maitheanais pheacanna do 
Israel." 1 Eoin ii. 1. *' Ma pheacaicheas neach 
air bith, tha fear-tagraidh againn raaille ris an 
Athair, losa Criosd am fìrean." O ! cia minic a 
dh' fheudas an creideach ann an aon latha maith- 
eanas a thagradh 'na pheacaibh, mur 'eil e 'na rùn 
fanoid a dheanamh air Dia, no gràs a thionndadh 
gu macnus ! Dh' orduich Triath na beatha do 
dhaoine maitheanas a thoirt seachad deich agus tri 
fichead seachd uairean san aoii latha, agus thug e 
comhara seachad mu sin ann an cosarahlachd righ 
àraid a ghabh cùnntas d'a luchd rauinntìr, cia raòr 
a's mò na sin a bheir a mhaighstir fein maitheanas 
seachad. Mat. xviii. 22—28. 

Feudaidh an creideach raar an ceudna, gach ni 
a bhuineas da o'n leth a muìgh earbsa ri Dia, oir 
tha suim aige do na nithe sin. Mat. vì. 30 — 32. 
" Ma tha Dia mar sin a' sgeadachadh feòir na 
machrach — nach mò na sin a sgeadaicheas e sibhse, 
a dhaoine air bheag creidimh ? Uime sin na bithibh 
làn do chùram, ag ràdh, Ciod a dh'itheas sinn ? no 
ciod a chuireas sinn umainn ? — oir a ta fios aig 
bhur n-Athair nèamhaidh gu bheil feum agaibh-se 



166 An dòigh chiim ritigkeachd air 

air na nithibli so uile." 1 Pead. /. 0. " A* tilgeadh 
bhur n-uile chùraim air-san ; oir a ta cùram aige 
dhibh." 

Seadh fòs, feudaidh an creideach, air mhodh 
iriosal, Dia chur thuige chum a dheanamh freag- 
arrach iomchuidh fa chomhair a sheirbheis, chum 
còmhnadh a dheanamh ris gu toradh iomchuidh a 
thoirt a mach anns gach àm, eadhou gràs an àm 
feuma, Eabh. iv. 1 6. Seadh, cia mòr na nithe dh' 
f heudas na creidich iarraidh air losa Criosd, araon 
air an son fèin agus as leith dhaoin' eile ! 1 Eoin 
V. 14, 15. '• Ma dh' iarras sinn nì sam bith a rèir 
a thoile, gun èisd e ruinn." Eoin xiv. 13. " Ge 
b'e nì a dh' iarras sibh a' m' ainm-sa, ni mise sin." 
Isa. xlv. 11 *-Feòraichibh dhiom nithe ri teachd, 
mu thimchioll mo chloinne ; agus iarraibh orm 
do thaobh oibre mo làmh." Tha e 'na nàire 's 'na 
dhoclioir ro nahòr do phobull Dè, nach 'eil iad a' 
deanamh barrachd feum do'n cho'-chomunn sin 
r'an Cruith-f hear ua tha iad a' dèanamh : Feud- 
aidh Criosd geur-achmhasan dligheach a thoirt 
doibh, air son nach 'eil iad ag iarraidh ni air bith 
'na ainm-san. Eoin xvi. 24. 

O na chaidh labhairt, tha e soilleir gur cùis 
anabharra cudthromach dleasnas so a chreìdimh, 
leis a' bheil duine gabhail ri losa Criosd, neach a 
sheulaich an t-Athair, 's a thug e mar chùmhnant 
do'n phobull. Tha e co luachmhor do Dhia, a' co'- 
f hreagradh d'a cheart rùn, 'ga làn riarachadh, an 
dealbh 's am foillseachadh an tsoisgeil; agus tha 
e cho tarbhach fheumail do dhaoine, 's gu bheil 
Satan le innleachdan seòlta, agus cridhe aingidh 
mi-chreideach gu ro chumhachdach dian a' cur 'na 
aghaidh, le bhi brosnuchadh gach cunnuil 's gach 



Còir shlàinieil ann an Criosd, 167 

ceap-tuislidh a tlia 'na cliomas, an rathad na 
muinntìr leis am b aill gabhail ris, Ainmichidh mi 
cuid de na cunuuilean a's ro ghnàthaìchte. 



CAIB. V. 

Cunnuile air an tarruing o dhrock thoilUeannas 
dui?ie, agus o %mmharrachd a pheacaidh^ air am 
freagradh* 

CuNN. Tha mì co sgreataìdh, ghràineil, mhi- 
naomha neo4uachmhor dhiom fein, 's gur air leam 
gum b' ann-dànadas ro mhòr dhomh gnothach 
sam bith a ghabhail ri losa Criosd, no ris an 
t-slàint' a choisinn e gu ro dhaor le 'fhuil phrìseil 
fèin. 

Freag. 'S ni cinnteach gu bheil sliochd Adhamh 
uile ro ghràineil neo-luachmhor am fianuis Dè, a 
tha cur amaideachd as leth nan aingeal. lob. iv. 18. 
" As leith 'aingle cuiridh e amaideachd.'* " Tha 
na cinnich uile mar neo-ni *na làthair-san, — mar 
f hìor neo-ni agus diomhanas. Isa. xl. 17. Tha Dia 
co an-ard os cionn dhaoine, *s mur dealbhadh e o 
shaor thoil fèin innleachd luachmhor chum peacaich 
a sbàbhaladh, gu'm b' ann-dànadas ro mhor do 
dlìaoine no dh' ainglibh a smuainteachadh gu'n 
irioslaicheadh an Dia bha ann o shiorruidheachd e 
fèin co mòr 's gu'n gabhadh e riochd seirbheisich 
air fèin, 's gu'n gabliadh e ar nàdur-ne, 's gu'n dhi- 
cheangladh e ris an Diadhachd bheannaicht' e le 
aonachd phearsonta: agus gu'n ùmhlaìcheadh se 
e fèin do bhàs maslach a chroinn-cheusaidh ; agus 
so uile chum 's gu'm biodh daoine bha 'nan luchd- 
ceannairc air an deanamh rèidh ri Dia, 's gu'm 

K 



168 An dòigh chum ruigheachd air 

biodh iad air an deanamh làn-shona, le chuideachda 
bheannaìchte-^an a mhealtuinn gu saoghal nan 
saoghah 

Ach tha mi *g ràdh, gu'm b'e 'n t-iomlan de sin 
'ìnnleachd 's a shaor thoil fèin ; seadh, os-barr, 
mur iarradh an Tighearna Dia gu hàrd-uachdran- 
ach air daoine iad a ghabhail ris fèin ann agus trid 
Chriosd, Isa. ìv. 1—3. Mat. xi. 28. 1 Eoin iìi. 23. 
2 Cor. V. 20. cha bhiodh dànadas aig duin' air bith 
na dheanadh feum do dh' innleachd Dhè chum 
peacaich a shàbhaladh. Air an aobhar sin, ma ta, 
ged their mi mar thuirt Abigail, " Bitheadh do 
bhanoglach na h-innilt a nigheadh chos sheirbh- 
eiseach mo thighearna." 1 Sam. xxv. 41. gidh- 
eadh do brìgh gu'n do dhealbh esan 'na naomh 
ghliocas neo-mhearachdach fèin an dòìgh sin chum 
peacaich a shàbhaladh, 's gu bheil dearbh-fhios 
aige cionnas a bhios e air a ghlòrachadh ann. 
Eph. i. 18. " Sùilean 'ur n-inntinn bhi air an 
soillseachadh, chum fios a bhi agaibh ciod e dòchas 
a ghairme-san, agus ciod e saibhreas glòire 'oigh- 
reachd-san anns na naomhaibh ;' agus dh' àithn e 
dhomh, mar bhios mi freagarrach dhàsan air chionn 
latha a mhòr-chùnntais, gabhail ris fèin ann an 
Criosd, mar tha e air a ràdh ; 's cha n'eil a chridh' 
agam a dhiùltadh, no idir aobhair 'innleachd agus 
'iarrtais a rannsuchadh no f heòraich ; ach 's èiginn 
domh cuid mo chunnairt a ghabhail de'n chùis, mar 
nach b'àill leam bhi air m' fhaotainn a cur " an 
* aghaidh gràs Dhè,'* Gal. ii. 21. agus ann an seadh 
a' mealladh an t-soisgeil 'na dhòchas, agus, a' 
breugachadh na fianaìs a thug Dia air a Mhac, gu 
bheil beatha na leòir ann do dhaoine, 1 Eoin 
V. 10, 11. 's mar sin Dia a dheanamh 'na bbreug- 



Còir shlàinteil ann an Criosd. 169 

aire, *s a clieannairc sin a chur a dh* ann-tromach- 
adh gach peacadh d an robh mi ciontach san àm a 
chaidh seachad. 

Cunn. Tha mise 'm pheacach ro shònruicht' os 
cionn gach aon neach eile 's aithne dhomh ; uime 
sin cha'n'eil a chridh' agam bagradh air dlùthach- 
adh ri Criosd, no idir dearcadh air an t-slàinte sin 
a tha trid 'f hìreantachd-san. 

Freag, Am bheil do pheacadh ni's mò na misg 
agus col Lot ; adhaltrus Dhaibhidh air f holach le 
mort ; iodhol-aoradh agus tuiteam gu h-uamhasach 
o'n chreidimh mar rinn Solamh ; iodhol-aoradh, 
mort, agus buidseachas Mhanasses ; fearg an agh- 
aidh Dhè agus a shlighe ann an lonas ; àicheadh 
Chriosd ann am Peadar, an dèis da rabhadh f haot- 
ainn roi'-laimh, 's a mhionnachadh nach deanadh 
se e ; geur-leanmhuinn f huilteach Phòil, a' co'- 
èigneachadh nan naomh gu blaisbheum a labhairt, 
&c. Ach 's an-aoibhinn dhà-san d'an dthoir na 
nithe sin a tha air an cur sìos san sgriobtuir 
misneach chum peacadh a chur an gniomh, agus 
's ann a tha iad air an ainmeachadh san ìonad so, 
a mholadh saor-ghràs an Uile-chumhachdaich, 's a 
thoirt misnich do pheacaich aithreachail thruagha 
gu teicheadh 'ionnsuidh Chriosd. Tha mi 'g ràdh, 
a* bheil do pheacadh-sa ni's ann-truime na iad sin 
a chaidh ainmeachadh? Gidheadli fhuair iad sin 
uile maitheanas trid fuil ìocshlaintich an t-Slànuigh- 
€Ìr, mar tha'n sgriobtuir a' nochdadh. 

Uime sin biodh fios agad, gu bheil gach peacadh 
co'-ionann an iàthair saor-ghràs Dhè, a tha gràdh- 
achadh gu saor, Hos. xiv. 4, 's nach 'eil a' gabhail 
suim de pheacadh sam bith. Ma tha duine toileach 
tighinn d'a ionnsuidh-san trid Chriosd, an sin tha 
K 2 



170 An dòigh chum ruigheachd air 

esan làn-chomasach air a shaoradh gu ruìg a chuid 
a's faide, Eabh. viìi. 25. Seadh, 's mò an campar 
le Dia, mur gahh duine ri Criosd 'nuair theid a 
thairgse dha, na gach peacadh riamh roimhe d'an 
robh e ciontach ; oir, ^' An ti nach creid Dia, rinn 
e breugaire dheth, do bhrìgh nach do chreid e an 
f hianuis a rinn Dia mu thimchioll a Mhic." 1 Eoin 
V. 10, 11. *^ An ti a chreideas ann, cha dìtear e: 
ach an ti nach creid, tha e air a dhlteadh cheana," 
&c. Eoin iii. 18. *se sin an t-aon ni àraid mu'm bi 
e air a dhìteadh, eadhon nach 'eil e creidsinn an 
ainm Mhic Dhè. Air chor 's nach gabh meud a 
pheacaidh leisgeul duine^ ma chuireas e cùl ri 
Criosd, 's mur gabh e r a thairgse, o n a nochd 
Dia gu ro f hollaiseach, gur *' f ìor an ràdh so, agus 
is airidh e air gach aon chor gabhail ris, gun d' 
thainig losa Criosd ddn t-saoghal a thearnadh 
pheacach; d'am mise an ceud-fhear." 1 Tim. i. 15. 
Tha e fiachaicht' air an tì sin a tha eadhon ni's 
ciontaiche 'na bharail fèin na tha aon neach eile, 
an ràdh so a chreidsinn agus gabhail ris. 

Cunn. Tha nithe èiginn ro ann-trom ann am 
pheacadh fèin a bharrachd air na tha 's na ceart 
pheacanna ceudna ann an daoin' eile, a tha cur 
mòran uamhainn orm. 

Freag. Ciod na nithe ann-trom a dh' fheudas a 
bhi ann ad pheacanna fèin. nach 'eil an co anntrom 
namharr' air an cur sìos anns na h-eisimpleiribh 
roi'-ainmichte ? A' bheil do pheacadh an aghaidh 
mòr-sholuis? 'S coltach gur h-arahuil a bha mòran 
de na dh' ainmìch sinn roimhe. An robh do 
pheacadhsa 'n aghaidh tròcairean agus teasraiginn 
sliònruichte ? 'S amhuil a bha misg Lot agus Noe. 
Au robh do pheacadhs' air a chur an gniomh le 



Còir sklàinteil ann an Criosd. 171 

mòr-mheòraicli air a' chùis roi'-làimh ? 'S amhuil 
a bha peacadh Dhaibhidh 'nuair bha e sgrìobhadh 
na litreach an aghaidh Uriah. An robh e 'n dèis 
duit foillseachadh sònruicht' fhaotainn air Dia? 
'S amhuil a bha peacadh Sholamh. An robh e air 
a chur an gniomh tre bhuaireadh faoin, suarrach? 
*S amhuil a bha peacadh lonais agus Pheadair, ma 
bheir sinn fainear uamharrachd an cionta. 'N do 
chuir thu m peacadh an gniomh a rithist agus a 
rithist? 'S amhuil a rinn Lot, 's amhuil a rinn 
Peadar, 's amhuil a rinn lehosaphat, 'nuair a 
chaidh e maille ri Ahab agus ri lehoram. 1 Righ. 
xxii. 2 Righ, iii. A' bheil ioma peacadh gràineil 
ann-trom a' co'-aontachadh le chèiF annad ? 'S 
amhuil a bha Manasses. 'N do sheas thu fad' amach 
ann an ceannairc ? 'S amhuil a rinn an gaduich' 
air a' chrois: sheas e mach gu h-ann-dàna gun 
airm cheannairc a leagadh gus an deo mu dheireadh. 
Luc. xxiii. 42, 43. Ma tha f hathasd cluas agad 
chum èisdeachd, tha ordugh agad èisdeachd. Mat. 
xiii. 9. Ged chosd thu rè ùin' f hada t-airgiod air 
son an ni sin nach aran. Isa. Iv. 1, 2. tha'n tuille 
feum agad a nis air cabhag a dheanamh agus teich- 
eadh chum tèarmuìnn ; agus ma ni thu mar sin, 
gabhaidh e riut gu cridheil fàilteach, 's cha tilg e 
air chor sam bith a mach thu, Eoin vi. 37. gu 
h-àraid o nach do shùnraich e air àm suidhichte 
san Sgriobtuir, ionnas nach gabh uamharrachd do 
pheacaidh do leisgeul gun ghabhail ri tairgse 
ghràsmhor an Tighearna agus an t-Slànuigheir 
losa Criosd. 

Cunn. Cha d' ainmich thu na nithe sònruichte 
d' a' bheil mise ciontach, anns gach eisimpleir a 
dh' ainmich thu : 's cha'n fhiosrach mi gu'n d' 
k3 



172 An dòigh chum ruigheachd air 

fhnair aon neach riamh tròcair an làthair Dhè, a 
bha ciontach de shamhuil nan nithe d* a' bheil 
mise ciontach. 

Freag, Tha e cruaidh amas air gach peacadh 
sònruicht' a dh' f heudas triobluid a chur air a 
choguis ; seadh, feudaidh peacaidh a's lugha na 
cuid de na dh' ainmich mi, mòran mi-shuaimhneis 
a thoirt do dhuine, ma dh' fhadas an Tighearna 
Dia an teine 's ma lasas e suas coinneal na coguis. 
Ach a chum misneach a thoirt duitse, aiiimichidh 
mi cuid dc dhearbh-f hìrinn an Scriobtuir, a dh' 
f heudas mòr mhisneach a thoirt duit, 's leis am 
faic thu gu soilleir gu bheil maitheanas a d' 
thairgse : chum na crìche sin thoir aire dhùrachd- 
ach do na nithe so a leanas, Exod. xxxiv. 7. Tha 
Dia " A mathadh aingidheachd agus eusaontais, 
agus peacaidh," 'se sin gach seòrsa peacaidh, 
Esec. xviii. 21, 22, 30, " Ma philieas an t-aingidh 
o 'uile aingidheachd, — cha bhi iad air an cuimh- 
neachadh dha, &c." Eoin vii. 37. An ti a thig, 
cha tilg e air chor sam bith amach e : 'se sin cia 
ann-trom air bith a bha a pheacanna, Eoin iii. 16, 
" Ge b'e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, 
ach gu'm bi a' bheatha shiorruidh aige." 'Se sin 
gun choigleadh air peacadh sam bith. Eabh. vii. 
25, " Tha e mar au ceudna comasach air an dream 
a thig a dh' ionnsuidh Dhè trid-san a thèarnadh 
gu h-iomlan.'* 

Cha 'n 'eil e *n comas duin' air bith, a làn- 
fhoillseachadh ciod e cumhachd Dhè, Mat- xii. 
31, " Maithear gach peacadb agus gach toibh- 
eum :" 'se sin nach 'eil seòrs' air bith nach maith- 
ear do dh' aon neach no neach eile, ach '^ An 
toibheum an aghaidh an Spìoraid Naoimh," Tha 



Còir shlàinteil ann an Criosd. 173 

na h-earratinan sìn de'n Sgriobtuir agus an ion- 
samhuil a gabhail a stigh gach seòrsa peacaidh ; 
air chor 's ciod air bith do pheacanna, gu'm feud 
iad a bhi air an dubhadh amach ann an aon de na 
Scriobtuire roi'-ainmichte, ionnas nach fheud do 
pheacadh a bhi 'na leisgeul agad gun ghabhail gu 
grad ri tairgse na sìth agus na slàinte trid losa 
Criosd an t-Eadar-mheadhonair, o 'n a tha làn 
chomas aig gach neach leis an àill, iad a thighinn 
's a ghabhail ris. Taisb. xxii. 17. 

Cha labhair sinn mòran cainnt : oir dh' àìthn an 
Diamòr, àrd-Chruithf hear nèimh agus na talmhainn, 
gu h-àrd-uachdranach do gach neach a tha faicinn 
Theum air furtachd, iad a dhol gu luath a dh' 
ionnsuidh losa Criosd, agus gabhail gu cridheil, 
trèibhdhireach dùrachdach ri innleachd Dhè chum 
peacaich a shàbhaladh trid-san, a' cur gach cunnuil 
agus leisgeul os cùl, mar a's èiginn doibh bhi 
freagarrach dhàsan san là anns an dthoir e breith 
neo-chlaon air bheothaibh 's air mharbhaibh, 's 
am fuadaich e iadsan uil' as a làthair aig a' bheil 
de dhànadas a ràdh, gu'n robh 'm peacadh 's an 
staid air dhòigh, 's nach robh chridh' aca earbs' a 
dheanamh à fìreantachd iomlan Chriosd chum 
furtachd a thoirt doibh, ged a dh' iarr an Tigh- 
earna gu minigagus gu ro dhùrachdach orragabh- 
ail ris agus earbs' a dheanamh as, ged a bha 'f hìr- 
eantachd ann an seadh, air a ceangal d' antaobh. 



CAIB. VI. 

Mu'n pheacadh an aghaidh an Spioraid Naoimh, 

CuNN. Tha mi fo amharus gu bheil mi ciontach 
de n pheacadh an aghaidh an Spioraid Naoimh, 



K 4* 



174 An dòigh chum ruigheachd aìr 

agas leis a sin gu blieil e eu-conìasach dhomh 
maitheanas fhaotainn; agus air an aobhar sìn cha 
ruig mi leas smuainteachadh air creidsinn an losa 
Criosd chum m' anam a shàbhaladh. 

JFreag. Ge nach còir do neach air bith am 
peacadh so a chur as an leth fèin, no idir as leth 
dhaoin' eile, ni's lugha na tha iad làn mhurrach 
air a' chùìs a dhearbhadh gu soilleìr a rèir eisim- 
pleir Chriosd, Mat. xii. 25, 26, 32. gidheadh chum 
daoine chur as an teagamh, nochdaidh mi, 1. Ciod 
e nach 'eil 'na pheacadh an aghaidh an Spioraìd 
Naoimh, do bhrìgh gu bheil cuid de pheacanna ro 
ghràineil ann-trom ann a tha 'n sluagh gun bhar- 
antas air bith a* gabhail an riochd a pheacaidh so 
anns nach faighear maitheanas. 2. Nochdaidh 
mi ciod è 'm peacadh an aghaidh an Spioraid 
Naoimh' 3. Co*-dhùinidh mi 'n t-iomlan le fògh- 
nadh iomchuidh a dheanamh mar f hreagradh do'n 
chunnuil, 

*Se cheud ni a chuir sinn romhainn a nochdadh, 
Gu bheil ioraa peacadh ro ann-trom ann, ged tha 
iad mar tha gach peacadh eile, an aghaidh an 
Spioraid Naoimh, a tha 'na Dhia co'-ionann ris an 
Athair agus ris a Mhac, agus air an cur an gniomh 
an aghaidh cuid d'a oibreacha 's d'a ghhiasad; 
gidheadh cha'n iad sin " am peacadh an aghaidh 
an Spioraid Naoimh," ni is e 'm peaeadh anns nach 
faighear maitheanas. 

1. Cha 'n e bhi labhairt blaisbheum an aghaidh 
Dhè fo dhòruinn chorporra, 'm peacadh so ; oir 
bha cuid de na naoimh ciontach dhe so. Gniomh. 
xxvi. 11, " A' deanamh peanais orra gu minic 
anns gach sionagog, cho-èignich mi iad gu toibh- 
eum a labhairt." Cha ro lugha na sìn a bhi labh- 



Còh' shlàinteil ann an Criosd. 175 

airt toibheum an aghaidh Dhè ann an lasan cuth- 
aich no air mhi-chèill, oir cha 'n 'eil duine 'na 
shaor-mhaighstir air fèin saa àm sin ; agus an ti 
a chaomhnas a phobull, mar chaomhnas athair am 
mac a làn riaruìcheas e, Mal. iii. 17. 's a ghabhas 
mòr-thruas dhiùbhsan air am bi eagal, mar ghabh- 
as athair truas d'a chloinn, Sahn ciii. 13. 's amhuil 
a tha e caomhnadh 's a' gabhail truais de dhaoine 
's na breislichibh sin, oir 's amhuil a dheanamh ar 
n-aithrichean a rèir na feòla nan labhramaid blais- 
bheum 'nan aghaidh ann an lasan feirge. Cha 
mhò is iad blaisbheum uamhasachan aghaidhDhè, 
a bhios a' tagradh air an anara, 's nach faigh caid- 
reamh san àite sin, am peacadh so anns nach faigh- 
ear maitheanas ; oir bha 'n leithidean sin air an 
tairgse do Chi iosd, Mat. iv. agus tha iad gu minìc 
a' tagradh air na daoine diadhaidh. 

2- Cha'n e bhi toirt fuath do'n mhaith ann an 
càch, 'nuaìr nach 'eil mothachadh agam gu bheil e 
maith, ach am bharail fèin 'ga mheas olc ; seadh, 
cha 'n e bhi labhairt 'na aghaidh, no 'ga gheur- 
leanmhuinn 'sa chàs sin, am peacadh an aghaidh 
an Spioraid Naoimh ; oir bha gach ni dhiu sin ann 
am Pòl mun robh e air iompachadh, agus fhuair 
e maitheanas, a chionn gu 'n d' rinn e na nithe sin 
gu h-aineolach. 

3. Cha'n e gluasad cridhe ri soirbheachadh 
dhaoin' eile an obair 's an slighe Dhè, 'nuair tha 
mi toirt spèis da annam fèin ; seadh, cha'n e gluas- 
ad-cridhe an aghaidh freasdail Dhè, a tha gu 
minic 'ga nochdadh fèin an aghaidh nan creutair- 
ean a's faigse dhuinn, (ged thaiad'n an nithe ann- 
trom uamhasach a' treòrachadh 'ionnsuidh a pheac- 
aidh sin anns nach faighear maitheanas) am peac- 
k5 



176 An dòigh chum ruigheachd air 

adh an aghaidh an Spioraid Naoimh ; oir feudaidh 
na naoimh a bhi ciontach de na nithe sin, a' sruth- 
adh o fhèin-spèis, nach fuiling gu 'm buadhaich 
neach eiF orra, agus o chàmpar èiginn nan iodhol 
ann an teas buairidh. Bha chuid bu phailte dhe 
so aon an lonas. lonas iv. 

4. Cha mhò is e daine bhi dol air ais o'n staid 
anns an robh e aon uair a thaobh diadhachd, agus 
tuiteam ann am peacaibh ro ann-trom uamharra 'n 
aghaidh soluis, an dèis da gabhail ris an f hìrinn 
am peacadh so anns nach faighear maitheanas ; oir 
bha Solamh, agus eaglais Chorinth, agus Ghalatia 
ciontach dhe sin. Cha mhò is e àicheadh, no idir 
mionnachadh an aghaidh dearbh-fhìrinn fo mhòr 
bhuaireadh, oir nam b' è bha Peadar caillte. 

5. Cha mhò is e cur an aghaidh, no càmpar a 
chur air Spiorad Dhè le ioma dòigh pheacach, am 
peacadh sin; oir tha so air a chur as leth na 
muinntir sin a tha air an gairm chum aithreachas 
san Sgriobtuir, 's cha 'n 'eil iad air an druideadh 
amach mar gu'm biodh iad ciontach de'n pheacadh 
an aghaidh an Spioraid Naoimh: cha mhò is e 
bhi cur peacaidh an gniomh a rithist agus a rith- 
ist an aghaidh soluis, am peacadh so, ged tha e 
treòrachadh d'a ionnsuidh ; oir 's amhuil a bha 
cionta Pheadair le Criosd àicheadh ; 's amhuil a 
bha peacadh lehosaphat 'nuair a chaidh e le Ahab 
agus le lehoram. 

6. Cha mhò is e rùn agus oidheirpean chum 
fèin-mhilleadh, 's a chum daoine diadhaidh a 
mhilleadh, am peacadh so, air dhoibh a bhi ann 
an teas anabarrach buairidh ; no idir fèin-mhill- 
eadh, (ged tha e gu bitheanta do bhrìgh coltais an 
co'-chuideachd a pheacaidh so anns nach faighear 



Còir shlàinteil ann an Criosd. 177 

maitheanas, ni bu cliòir a thoirt air gach anam 
amharc le fuath agus le sgreamh air gach ni a 
bhios a' brosnuchadh d'a ionnsuidh) am peacadh 
an aghaidh an Spioraid Naoimh. Bha e'n rùn 
fear-coimhead a phriosain e fèin a mhilleadh, air 
son aobhar bu mhiosa na tha ioma duine bochd a* 
deanamh, le mothachadh a bhi ac' air fearg an 
Tighearna Dia, 's air am peacadh 's air an ro 
thruailleachd fèin ; gidheadh, f huair fear-coimh- 
ead a phrìosain maitheanas *na pheacadh agus 'na 
oidheirp, Gniomh. xvi. 27, SÌ. agus bha Pòl, 
roimh a ghairm èifeachdaich, 'na iompaidh air 
mòran de na naoimh a chur gu bàs, agus bha e 
'na rùn an dioladh ceudna thoirt air tuille dhiubh, 
mar tha e fèin ag aideachadh, Gniomh. xxvi. 9 
—12. 

Ged tha iad sìn 'nam peacanna anntrom uamh- 
asach, gach aon diu a' toilltinn fearg bhithbhuan 
an Uile-chumhachdaich, 's mur gabhar aithreachas 
dùrachdadh dhiubh, bheir iad dioghaltas neo- 
chrìochnach air an duine bhios ciontach dhiubh, 
gu h-àraidh tha fèin-mhort a* toirt air falbh gach 
dòchas ri fuasgladh f haotainn, a thaobh aon ni ris 
an ion fiuthair a bhi air dòìgh ghnàthaichte ; 
gidheadh, cha 'n iad a h-aon diu sin am peacadh 
an aghaidh an Spioraid Naoimh anns nach faigh- 
ear maitheanas : ionnas gu bheil dòchas dhàsan a 
tha ciontach de dh' aon air bìth dhiu sin, ma tha 
aige cluas chum fuaim aoibhneach a chùmhnaint a 
chluinntinn. Feudar maitheanas fhaghail 'nan 
samhuil sin uile de pheacanna 's de bhlaisbheuma, 
mar tha e soiUeir san Sgriobtuir, far a' bheil na 
nithe sin air an aìnmeachadh. 

San dara h-àite faiceamaid, Ciod è am peacadh 



178 A?i dòigh chura ruigheachd air 

an agbaidh an Spioraid Naoimli. Cha*n e aon 
ghniomh peacaidh e, ach ni tha air a dheanarah 
suas de ioma droch-bheairt, a tha gu bitheant' a' 
cuibhreachadh an anama 's a chuirp ann an cionta, 
Tha sinn 'ga chur sìos air a mhodh so : " 'Se sin 
a bhi cur cùl agus cur an aghaidh fìrinn an t- 
soisgeil, agus slighe na slàinte, tha aìr an dearbh- 
adh gu ro shònruichte do dhuine le Spiorad Dhè, 
ann am fìrinn agus maith na slighe sin; agus sin 
a dheanamh gu folluiseach, saor, toileach, togarr- 
ach, mì-runach, agus ga tarcuiseach, a tàrmach- 
adh eagal eu dòchasach, an-earbsach." 

Tha trì earrannan de'n Sgriobtuir a tha labh- 
airt gu ro shoiUeir mu'n pheacadh so ; agus uatha 
sin dearbhaidh sinn gach earrann de'n chùnntas so 
m'a thimchioU, co fad 's a bhios e feumail do'n 
ehùis tha againn san àm so mu làimh ; leis am bi 
e soilleir nach ruig aon neach aig a' bheil dèigh 
air Criosd, a leas mi-mhisneach a ghabhail o na 
bheil air a labhairt mu'n pheacadh so san Sgriob- 
tuir. Faic Mat. xi. 23—32; Eabh. vi. 4^6; 
Caib. X. 25—29. 

Air tùs, mata, Thugamaid fainear an cuspair 
mu thimchioll a' bheil am peacadh so *ga chur an 
gniomh, agus 'se sin fìrinn àraid an t-soisgeil, 
agus slighe na slàinte ; a tha araon a' ciallachadh 
an aon ni. 'Se sin an dòigh a dhealbh Dia chum 
peacaich a shàbhaladh trid losa Criosd am Messias 
agus an Slànuighear a bha air a ghealltuinn, leis 
am bheil daoine ri bhi aìr an sàbhaladh trid a 
bhàis agus 'f hìreantachdsan, mar a nochd e anns 
na h-orduighibh. a' daingneachadh an ni sin fèin 
le 'iomadh oibribh cumhachdach, a tha air an cur 
sìos san Sgriobtuir. 'Se slighe so na slàint* an 



Càir shlàinteil ann an Crio%d, 179 

cuspair. Chuir na Pharaisich an aghaidh so, gn'm 
b e Criosd am Messias, Mat, xii. 23, 24?, <« Agus 
thubhairt am pobulì uile, An e so Mac Dhaibhidh ? 
Ach an uair a chuala na Pharaisich so, thubhairt 
iad, Cha'n'eil am fear so a' tilgeadh a mach 
dheamhan, ach troimh Bheelsebub prionnsa nan 
deamhan. Bha'n dochoir so air a dheanamh an 
aghaidh Mhic Dhè, Eabh. vi. 4-» 6, " Is eu- 
comasach an dream sin a thuit air falbh, ath- 
nuadhachadh chum aithreachais : do bhrìgh ga 
bheil iad a' ceusadh Mhic Dhè a rìs dhoibh fèin, 
agus 'ga chur gu nàire f hollaisich." 's an aghaidh 
fuil a chùmhnaint, agus an aghaidh an Spioraid a 
tha air mhodh gràsmhor a' tairgse na nithe sin a 
cho'-chur ri daoine, Eabh. x. 29, " Cia mòr is mò 
na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar 
esan toillteannach, a shaltair fo 'chosaibh Mac Dhè, 
agus a mheas mar ni mi-naomha fuil a' choimh- 
cheangail, leis an do nacmhaicheadh e, agus a rinn 
tarcuis air Spiorad nan gràs ?" 

2. Anns a chunntas so, thugaibh fainear buaidh 
a chuspair so. Tha e gu soilleir air a dhearbhadh 
dhoibh le Spiorad Dhè, araon a thaobh f ìrinn agus 
maith na slighe sin. Tha so a' ciallachadh, l.Gurh- 
èiginn bhi eòlach mu'n f hìrinn agus mu shlighe na 
slàinte. Bha dearbh-fhios aig na Pharaisich gu'm 
b'e Criosd an t-oighre. Mat. xxi. 38, " Ach an 
uair a chunnaic an tuath am mac, thubhairt iad 
eatorra fèin, 'Se so an t-Oighre, thigibh, marbh- 
amaid e." Tha làn eòlas aca, Eabh. x. 26, ** Oir 
ma pheacaicheas sinn do ar toil fèin an dèigh 
dhuinn eòlas na fìrinn fhaotainn, cha 'n f hàgar 
tuilleadh dhuinn iobairt air son peacaidh.*' 

2. Cha'n f hoghainn an t*eòlas sin air a' chùis a 



180 An dòigh chum ruigheachd air 

bhì sa' cheann amhàìn, ach 's èiginn^do chàileiginn 
de chinnt uime bhi anns a chridhe. B' aithne do 
Chriosd smuainte nam Pharaìseach, Mat. xii. 25. 
's mar sin thug e breith orra, 's bha ceart atharr- 
achadh an ni bha iad a' labhairt air a dhearbhadh, 
gu'n robh iad 'ga smuainteachadh 'nan cridhe. 
Tha blasad ann a tha os cionn foillseachadh gnàth- 
aichte, Eabh. vi. 4, 5. Seadh, 's bitheanta leis 
uiread dhearbhaidh bhi air a' chùis 's a threòraich- 
eas gu mòran naomhachaidh o'n leth a muigh, 
Eabh X. 29, <* A mheas mar ni mi-naomha fuil a 
choimhcheangail, leis an do naomhaicheadh e." 
3, 'S èiginn do'n làn-dearbhadh so a bhi, cha'n e 
amhàin air firinn na cùise, ach mar an ceudna air 
a mhaitheas. Tha mhuinntir a' blasad deadh 
fhocal Dè, agus cumhachdan an t-saoghail tha 
chum teachd, Eabh. vi. 4, agus tha iad a' meas 
gur airidh e bhi air a thaghadh 's air a roigh- 
neachadh. 4). Cha 'n ann amhàin le neart arguin 
a tha 'n làn-chinnte so air a dhearbhadh, ach mar 
an ceudna le obair soillseachaidh Spìoraid Dhè a' 
dealradh air an f hìrinn 's 'ga deanamh soilleir ; 's 
ann air son an aobhair sìn a theirear peacadh an 
aghaidh an Spioraid Naoimh ris a pheacadh so, 
Mat. xii. 31 ; Marc. iii. 29. Tha e air a ràdh gu n 
d' rinneadh an aitim sin 'n an luchd-co'-pairt do'n 
Spiorad Naomh, Eabh, vi. 4. 's gu'n d' rinn iad 
tailceis air Spiorad nan gràs, Eabh x. 29. a bha 
ro dhlù do dh' obair ghràsmhor oibreachadh 
annta. 

3. Anns a chunntas so, thugaibh fainear oib- 
reachadh dà phàirtidh an aghaidh a chuspair a tha 
mar sin air ullachadh. 'Se sin cùl a chur ris agus 
cur 'na aghaidh^ ni tha ciallachadh. I. Gu'n robh 



Còir shlàinteil ann an Criosd. 181 

e aon uaìr air dhòìgli èig'ìnn aca, no air a' chuid 
a's luglia, gu'n robh e 'nan tairgse, mar tha e f ìor 
inu na Pharaìsich. 2. Gu bheil iad a' cur cùl, 
eadhon le tàir, ris na bha aca dhe, no ris na bha 
'nan tairgse. Tha na Pharaisich 'ga àicheadh, 's 
a' labhairt gu tàrail mu Chriosd. Mat. xii. 24, 
•< Cha 'n 'eil amjear so a' tilgeadh amach dheamh- 
an ach troimh Bheelsebub prionnsa nan dcamhan." 
Tha iad a' tuiteam air falbh chum Criosd a chur 
gu nàire fhollaisich. Eabh. vi. 6. 3. Tha na 
daoine 'g an cur fèin 'na aghaidh le spiorad na 
geur-leanmhuinn, mar rinn na Pharaisich a ghnàth. 
Tha iad a' labhairt cainnt thàraìl 'na aghaidh; 
uime sin theirear blaisbheum an aghaidh an Spior- 
aid Naoimhris. Mat. xii. 24, 31. Cheusadh iad 
losa Criosd a rìs nara biodh e air chomas doibh, 
Eabh. vi. 6. 'S eas-cairdean iad. Eabh. x. 27. 

4. Thugaibh fainear buaidhean an oibreachaidh 
so. 1. Tha e follaiseach, 'se sin, gun bhi 'g iarr- 
uidh a chleith. Tha na Pharaisicli a' labhairt gu fol- 
]aiseach an aghaidh Chriosd. Mat. xii. 24. Bu 
mhiann leò Criosd a chur gu nàire fhollaiseach. 
Eabh. vi. 6. Tha iad a' trèigsinn nan òrduighean 
a tha air a thaobh, Eabh. x. 25. 's a' cur a chunn- 
airt an neo-shuim ; oir, an dùil ri feirg an Uile- 
chumhachdaich, tha iad a ghnàth a' deanamh di- 
meas air an fhuil sin, Eabh. x. 27, 29. 2. Tha 
'n aitim ag oibreachadh le'n saov thoil fèin, Cha'n 
ann o chion toirt fainear a tha iad ris, no idir gu 
bheil iad air an co'-èigneachadh d' a ionnsuidh, 
ach 's ann a tha iad 'ga chur an gniomh le 'n saor 
thoil fèin : cha do bhrosnuich ni air bith na Phar- 
aisich gu labhairt an aghaidh Chriosd agus a 
gheur-leantuinn. Tha iad " 'ga cheusadh dhoibh 



182 An dòigh chum ruigheachd air 

fèin,'* tha iad ag ath-cliur an gniomh a mhurtadh 
fèin-thoileil, gun neach air bith g an co'-èigneach- 
adh d' a ionnsuidh, Eabh. vi. 6. Tha iad a' peac- 
achadh le 'n sàor thoil, Eabh. x. 26. 3. Tha e 
air a chur an gniomh le 'n làn-toil. Tha iad cho 
suidhicht' air a dheanamh, 's nach gabh iad os 
làimh le tairgse sam bith gun a chur an gniomh, 
mar tha e soilleir o na h-earrannan roi'-ainmichte 
de'n Sgriobtuir. 4. Tha e air a chur an gniomh 
gu gamhlasach mì-runach^ air chor 's nach 'eil ach 
a' chuid a's lugha dhe a' sruthadh o bhuaircadh 
chum toil-inntinn, buannachd no onoir. Cha mhò 
a's ann o eagal, o neart, no idir o chrich mhaith 
air bith a tha e sruthadh ; ach o ghamhlas-cridhe 
an aghaidh Dhè 's a Mhic ghràdhaich losa Criosd, 
agus an aghaidh arduchadh a ghlòire agus a rìogh- 
achd : air chor 's gur h-ann de cheart ghnè peac- 
aidh Shatain a tha e, aig a' bheil fuath mì-runach 
neo-chrìochnach do Dhia, agus do dh' iocshlaint a 
pheacaidh, do bhrìgh gu bheìl glòir Dhè air a h- 
arduchadh d'a thaobh. Tha so 'na ni ro àraid 
anns a pheacadh so. Tha na Pharaisich ciontach 
de mhiosguinn-cridhe 'n aghaidh Chriosd, a chionn 
gu *n do labhair iad air an dòigh sin 'na aghaidh, 
's cha 'n ann an aghaidh an cloinne fèin a bha 
tilgeadh a mach dheamhan ; agus 'se so neart ar- 
guin Chriosd ; Ma tha mise troimh Bheelsebub a' 
tilgeadh a mach dheamhan, troimh cò am bheil 
bhur clann-sa 'g an tilgeadh a mach ?" Mate xii. 
27. Tha iad a' dol g'an dùlan chum Criosd a 
cheusadh as ùr, 's g'a thoirt chum nàire f hollais- |j p 
each, Eabh. vi. 6. Tha iad 'nan eas-cairdibh colt- ^ 
ach ris an diabhul. Eabh. x. 27. 5. Tha e air a 
chur an gniomh gu tarcuiseach. 'S èiginn do 'n 



A?i dòigh cJmm riiigheachd air, Sfc. 183 

gliamhlas e fèin a noclidadli. B' eiglnn do na 
Pharaisich fhoillseachadh gu 'n robh comunn aig 
Criosd ri deamhain, Mat. xii. 24. B' èiginn a 
chur gu nàire f hollaiseach, 's a cheusadh a rithist, 
Eabh vi. 6. B' èiginn doibh an fhuil sin a shal- 
tairt fo 'n cosaibh, agus tailceìs a dheanamh air an 
Spiorad, Eabh. x. 29. Air chor 's gu'm b' fhearr 
leis a' mhuinntir sin dol am mugha mile uair, na 
dol an eìsimeil Chriosd air son slàinte. 

'Se 'n ni mu dheireadh anns a chùnntas mu 
thimchioll a pheacaidh so, an ni a's bitheanta bhios 
'na cho'-chuideachd ; tha e tàrmachadh eagal an- 
earbsach eu-dòchasach. Tha eagal aca roimhe-san 
a's fuathach leò, le eagal tràìlleil eu-dòchasach, 
mar tha aig na deamhain. Eabh. x. 27, " Dùil eag- 
alach ri breitheanas, agus fearg theinnteach, a 
sgriosas na h-eascairdean." Tha dearbh-f hios aca 
gu'n cuir Dia a chumhachd an gniomh 'nan agh- 
aidh ; 's tha iad air bhall-chrith an àm cuimhneach- 
adh air, 's nam bu chomas doibh lamh'n-uachdar 
f haotainn air, agus a sgrios gu tur, 's e tha iad a' 
miannachadh ; 's o nach urrainn iad ruigheachd air 
sin a dheanamh, tha iad a' toirt fuath dha le mòr- 
mhiosguinn cridhe, 's a' deanamh geurleanmhuinn 
le tailceis air Triath nam feart 's air gach ni bhuin- 
eas da. 

'Se 'n treas ni a chuir sinn romhainn, an co'- 
dhunadh a b' iomchuidh a tharruing o na chaidh 
labhairt, leis an labhair sina air ball ris a' chunn- 
uil. 1. Mar a nochd mi roimhe, o 'n a tha 'm 
peacadh an aghaidh an Spioraid Naoimh cho 
suaicheanta 's gu'm feudar aithneachadh gu soill- 
eir far a' bheil e, cha chòir do neach air bith 
a chur as an leith fèin, mur 'eil iad làn-mhurrach air 



184j An dòigh chum ruigheachd air 

a' chùìs a dhearbhadh gu soilleir; oir 's dochoir 
mhòr do Dhia, ihu bhi cur am fiachaibh do t-anam 
nach toir esan am feasd maitheanas duit ; 's e sin 
an aon dòigh gu thoirt ort tuiteam an eu-dòchas, 
agus do threòrachadh a dh' ionnsuidh a pheacaidh 
anns nach faighear maitheanas; uime sin mur 'eil 
thu làn-chomasach air a ràdh gur fuathach leat an 
dòigh a dhealbh Dia chum peacaich a shàbhaladh, 
's gu bheil thu rùnachadh cur an aghaidh soirbh- 
eachadh a rìoghachd, araon annad fèin agus ann 
an daoin' eile, o mhì-run agus tailceis an aghaidh 
Dhè, cha chòir dhuit a chur an teagamh gu bheil 
thu ciontach de'n pheacadh so. 2. Ciod aìr bith 
peacadh d' an robh thu ciontach san am a chaidh 
seachad, ma tha thu gabhail aithreachais, agus raa 
b' f hearr leat gu*m biodh e gun dèanamh f hathasd, 
's eu-comasach dhuit a bhi ciontach de'n pheacadh 
so ; oir anns a pheacadh so tha mì-run cridhe agus 
gamhlas do Dhia a' sìor-bhuadhachadh. 3. Ma 
tha thu toileach a bhi 'na bhuil mhaith air son 
maitheanais, agus gu m biodh tu gu ro mhòr 'na 
chomain air a shon, an sin cha 'n 'eil e comasach 
dhuit a bhi ciontach de'n plieacadh an aghaidh an 
Spioraìd Naoimh ; oir, mar a nochd sinn roimhe, 
tha mhuinntir sin a tha ciontach dhe air cruadh- 
achadh an aghaidh Dhè co mòr le fuath mì-runach 
dha, 's nach biodh iad fo f hiachaibh sam bith dha 
air son an slànuchadh agusan saoradh o thruaighe 
shiorruidh. 4. Ge b'e ni a rinn thu, ma tha tog- 
radh agad an dèìgh Chriosd, ag amharc 'na dhèigh 
le cridhe goirt, 's nach dùraìg thu dealachadh r'a 
chuideachd bheannaicht' a chaoidh, no ma 's 
èiginn duit a bhi air do sgaradh uaithe, ma 's 
miann leat gu maith e, 's ma tha thu'n rùn maith 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 185 

dha fèin, 's do gach nì a bhuineas da, cha *n ion 
duit a bhi fo amharus gn bheil thu ciontach de'ii 
pheacadh sin anns nach faighear maitheanas ; oìr, 
uha n urrainn duit na h-uiread f huath a thoirt da 
*s a tha air iarraidh chum am peacadh sin a dhean- 
amh suas. 5. Ma's miann leat a bhi os cionn 
cumhachd a pheacaidh sin, 's a bhi tèaruint' uaithe 
gu bràth, imich mata agus cuir do chridhe ann an 
suidheachadh iomchuidh chum bhi toillchte le 
slàinte trid losa Criosd, 's a chum gabhail ri Dia 
ann-san, 's a bhi làn-toilichte leis mar an èirìc 
agus an suaimhneas uile-dhiongmhalta, mar bha 
sinn ag asluehadh roimhe, agus strìochdadh dhà-^ 
san chum bhi air do shàbhaladh trid-san, Dean 
so da rìreadh le d' uile dhìchioU, agus bidh tu gu 
siorruidh air do chur os cionn cumhachd a pheac- 
aidh sin a tha ro ghràineil dhuaichni, leis a' bheil 
an droch-spiorad a' cur geilt-chrith agus oillt air 
ioma neach a tha gu dichiollach aig iarraidh Dhè. 



CAIB. VII. 

Cunmiile, air an tarruing o dhiobhail cumhachd gu 
creidsinn, agus cion tairhhey air amfreagradk. 

CuNN. Ge nach 'eil mi air mo dhruideadh a mach 

shochair an nuadh choimhcheangail, gidheadh 
cha'n 'eil e'n comas domh creidsinn an Criosd ; oii? 
's e creidimh tìodhlaca Dhè, agus tha e os-cionnì 
cumhachd fola agus feòla. 

Freag, Tha e f ìor gun amharus gu bheil creid- 
imh slàinteil, leis a' bheil duin' amhàin comasach 
air gabhail gu trèibhdhireach dùrachdach ri Dia 
ann an Criosd, os-cionn ar cumhachd-ne, agusgur 

1 L 



186 An dòigh chum ruigheachd air 

tiodhlac o Dhia e, mar a thuirt sìnn roimhe: 
gidheadh thoir fainear, 1. Gu 'n d' fhàg an Tigh- 
earna Dia e *na dhleasnas fiachaicht' air gach neach 
a chluinneas an soisgeul so, iad a ghabhail gu 
dùrachdach tre chreidimh ri tairgse na slàinte trid 
Chriosd, mar tha e soilleir san Sgriobtuir. Agus 
's èiginn duit fios a bhi agad, ged nach 'eil e 
'nar cumhachd-ne an dleasnas sin a choimhlionadh 
dh'inn fèin; gidheadh feudaidh Dia gu ceart- 
bhreitheach ar dìteadh do bhrìgh nach 'eil sinn 'ga 
choimhlionadh, agus tha sinn gun leisgeul againn, 
do bhrìgh gu'n d' rinn e aìr tùs an duine làn 
chomasach air gach ni a dh' àithneadh e dha a 
choimhlionadh. 2. Leis mar dh' àithn an Tigh- 
earn an ni so, a tha os cionn ar cumhachd-ne, tha 
e 'gar deanamh mothachail air cho neo-chomasach 
's a tha sinn air a dheanamh, agus bu ghean-maith 
leis gu'n earbamaid ris fèin a' chùis oibreachadh 
annainn. Gheall e gu'n dthugadh e 'n cridhe 
nuadh seachad, 's cha do dhruid e neach air bith 
a mach o shochair a gheallaidh sin. 3. 'S gnàth 
le Dia trid nan iarrtus agus nan cuireachan 
sin, agus trid breithneachadh agus athchuinge 
dhaoine mu thimchioll na cùise, cumhachd agus 
neart chum an dleasnas a choi'-lionadh, iomchar a 
stigh do 'n anam. Air an aobhar sin mar fhreag- 
radh do'n chunnuil, tha mi 'g ashichadh ort an 
ainm an Tighearna Dia, gu'n gabh thu mòr shuim 
agus cùram d'a àitheantaibh agus d'a gheallaine, 's 
gu'm beachd-smuaintich thu aìr na nithibh sin, 's 
air gnothachbeannaicht'an nuadhchoimhcheangail, 
's gu'n deanadh tu ùrnuigh dhùrachdach ri Diaair 1 
an son mar is aithne dhuit; oir ni esan na nithe | 
sin ma dh' iarrar air e ; Esec, xxxvi. 37. agus do j 



Càir shlàinteil ann an Criosd, 187 

chridhe fuar reòta chur ri innleachd Dhè tha air 
ainmeachadh anns an Sgriobtuir, agus ri losa 
Criosd a tha aìr a thoirt mar chùmhnant do'n pho- 
bull, agus geur-bheachdaich air an t-Slànuighear 
bheannaichte chum beatha f haotainn, agus t-ath- 
bheothachadh. Imich romhad ma ta, agus oidh- 
eirpich a bhi làn toilichte le slighe sin na slàinte, 
air a mhodh air a' bheil Dia 'ga thairgse, agu-s 
gabh ri Criosd, agus socraich thu fèin air Ceann- 
ard do shlàinte chum sin a dheanamh, mar gu m 
biodh an t-iomlan a d' chomas fèin ; gidheadh a' 
dearcadh air Criosd air son an iomlain, air dhuit 
làn fhios a bhi agad gur ann uaithe-san a's èiginn 
da teachd : agus ma ni thu mar so, cha bhi an ti 
sin a tha " Teachd an còmhdhail an ti a ta gabh- 
ail tlachd ann an ceartas," Isa. Ixiv. 5. fàilneach air 
a thaobh fèin ; 's cha bhi aobhar agad a ràdh, gu n 
deach thu air t-aghaidh sa' chùis cho fada *s a bh' 
ann a d' chomas gus nach robh tuille neart agad, 's 
gu n d' fhàg thu a* chùis an luib Dhè. Cha'n ann 
idir air a thaobhsa bhios an f hàillinn, ma tha toil 
agadsa do'n chùis. Seadh fòs, ma tha do chridhe 
toirt mòr spèis do gach ni air an cual' thu riamh 
iomradh mu 'n chùis, agus ma tha thu a' miann- 
achadh còir a bhi agad air, feudaidh mi a ràdh gu 
bheil e agad cheana air a choimhlionadh annad ; 
air chor 's gu bheil an cruaidh-chas sin thairis gun 
f hios duit. 

Cunn, Tha ioma neach a ghabh ri Criosd, 
mar tha e air a ràdh, a tha deanamh gnàth-ghear- 
an nach 'eil toradh iomchuidh aca, ni a's coireach 
ri m' chridhe gun tuill' earbsa dheanamh à dleas- 
nas sin a chreidimh. 

l2 



188 An dòigh chum ruigheachd air 

Freag, Ma tha mothachadh agad gu bheil 
creidsinn ann an Criosd 'na dhleasnas fiachaichte 
mar tha e air a ràdh, cha 'n f heud thu a shiachadh 
air son leisgeul sam bith. Air son gearan cuid de 
'n mhuinntir a dhlùthaich ann an càil ris, (gun a 
shaoilsinn gu bheil gach aon neach comasach air 
breith neo-chlaon a thoirt m'an toradh agus m' an 
staid) tha mi 'g ràdh, 

1. Gu bheil ioma neach le'n eud mu ghràdh 
Dhè, agus trid am mi-chreidirah, an dèis doibh 
gabhail ri Dia, a tha cur bacadh air ioma co'-pàirt- 
eachadh ro phrìseil, a gheibheadh iad mur bhith 
iia nithe sin, Mat. xiii. 58, '« Agus cha d' rìnn e 
mòran do oibribh cumhachdach an sin, air son am 
mi-chreidimh.'' 

2. Cha'n fheud e bhith, gu n d' fhuair aon 
neach aig an robh cridhe an ro-dhèigh air Criosd, 
'na f hàsach e. ler. ii. 31. Gu cinnteach tha iad 
a* faireachduinn nì-eiginn 'nan cridhe a tha 'g an 
aomadh 'ionnsuidh Dhè anns an dà ni mhòr so, 
'se sin, Cionnas a gheibhear annsan iad air chionn 
an là sin, Phil. iii. 8, 9. " Seadh gun araharus, 
agus tba mi a' meas nan uile nithe 'nan cal], air 
son ro-òirdheirceis eòlais losa Criosd mo Thigh- 
earna: air son an d' f huiling mi call nan uile 
nithe, agus tha mi a' meas gur aolach iad chum 
gu'n cosnainn Criosd, agus gu faighear ann-san mi, 
gun m' f hìreantachd fèin agam, a ta o 'n lagh, ach 
an fhìreantachd sin a ta tre chreidimh Chriosd, an 
f hìreantachd a ta o Dhia tre chreidinih :" agus fòs 
cionnas a bhios iad freagarrach d'a chliù ann an tìr 
nam beo, Salm cxix. 17, ^' Buin gu fial ri t' òg- 
lach, chum gu bi mi beo, agus gu coimhid mi do 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 189 

bhrìathra." Salm Ivì, 13, *< Oir shaor thu mo 
chosan o thuisleadh, chum gu gluaisinn ann ad 
fhianuis, a Dhè ann an solus nam beo." Tha iad 
a' mothachadh an dà ni sin gu h-ard anns an an- 
am, agus is mòr sin. Osbarr, an dèigh dhoibh a' 
chùis a rannsuchadh, ma bheir iad breith neo- 
chlaon, tuigidh iad ionad folanih annta fèin, nach 
'eil nithe saoghalta comasach air a lìonadh suas : 
Is diomhanas leò gach aon ni, 's e Dia amhàin a 
tha comasach air an ionad fholamh a tha 'nan 
cridhe a lìonadh ; 's 'nuair a ni esan càileiginn de 
dhrùghadh air, cha bhi feum tuille air co'-fhur- 
tachd f haghail o nithibh saoghalta. Tha so ag ràdh 
gu'n do thog Dia uile smuaintean an duine, 's gu n 
do shuidhich e'n rùn slàinteil sin anns a chridhe 
agus anns an tuigse. Cia 's Dia ann ach an Tigh- 
earna? " Sleuchdaibh dha a dhèe uile." Salm 
xcvii. 7. Seadh, osbarr, cha'n àicheidh a' mhuinn- 
tir a ghabh le 'n uile chridhe ri Dia ann an Criosd, 
nach robh bacadh agus beothachadh tìmeil tràthail 
an dràst agus a rithist ann, 'nuair bha'n anam ann 
an cunnart fàilneachadh, Salm xxi. 3, ^' Oirghabh 
thu roimhe le beannachadh do mhaitheis." Salm. 
xciv. 18, 16, " 'Nuair a thubhairt mi, Tha mo 
chos air sleamhnachadh uam, chum do thròcair, a 
Thighearna, suas mi. Ann an lìonmhoireachd 
mo smuainte — thug do chomhfhurtachd-sa sòlas 
do m' anam." Uime sin na h-abradh aon neach, 
nach 'eil toradh sam bith ann an co'-chuideachd 
nan nithe sin ; 's na cuireadh neach air bith dàil 
'nan dleasnas air son claon-ghearan neo-stèigheil 
dhaoin' eile. 



L 3 



1 90 An dòigh chum ruigheachd air 

CAIB. VIII. 

Mu thimchioll cùmhnant a dheanamh ri Dia, 

CuNN. Ged tha rai meas gur e mo dhleasnas 
gabhail ri innleachd Dhè anns a choimhcheangal, 
tha mi aineolach cionnas a's còir dhomh an dleas- 
nas sin a chur an gniomh : oir tha Dia air uairibh 
a' tairgse bhi 'na Dia dhuinn gun luaidh air Criosd, 
*s air uairibh eile tha e 'g ràdh, gu'n ceangail e ris 
fèin sinn ; agus tha sinn ann an ionadaibh de'n 
Sgriobtuir air ar gairm chum teachd a dh' ionns- 
uidh Chriosd, 's gur esan am Fear-nuadh pòsda. 
A rìs, tha Dia air uairibh a' labhairt uime fèin 
mar Athair do dhaoine, 's air uairibh mar Fhear- 
pòsda; air uairibh theirear am Fear-pòsda ri 
Criosd, 's air uairibh eile Bràthair; 's air leam 
nach 'eil gach dàimh dhiu sin ro-f hreagarrach d' a 
chèile, agus tha na nithe sin 'gam chumail an dor- 
chadas cionnas a ni mi greim air Dia, 'nuair bu 
mhiann le m' chridhe gabhail ris. 

Freag. Feudar a ràdh le barantas, gu bheil 
daoine teachd a dh' ionnsuidh Dhè, 's a' gabhail 
ris, agus tha iad cuideachd a' tighinn a dh' ionns- 
uidh Chriosd 's a' gabhail ris. Feudar a ràdh gu'n 
tig iad fo dhàimh-pòsaidh ri Dia, agus ri Criosd 
mar an ceudna, neach a tha 'na Fhear-pòsda, 'na 
Athair, 'na Bhràthair &c. dhoibh ; 's cha 'n 'eil na 
h-uiread dhìomhaireachd an so 's a tha mòran 
dhaoin' a' breithneachadh. 

Chum *s gur feaird a thuigear a' chùis, thoir 
fainear na nithe so a leanas. 1. Gu 'n d' rinn Dia 
an duine foirfe an toiseach, 's ged thug e dha càil- 
eiginn de chomas air cùmhnant a dheanamh ris air 



Coir sìdàinteil ann an Criosd. 191 

ball, Eccles. vii. 29; Gin. ii, 16, 17. gidheadh 
chuir an duine trid an leagaidh, e fèin fada o Dhia, 
agus eucomasach air cùnihnanta tuiUe dheanamh 
ris gu grad. 

2. Dh' f hoillsich Dìa an dèigh tuiteam Adhamh, 
an nuadh choimhcheangal, leis 'n do nochd e gu n 
robh e toileach cùmhnant a dheanamh ris an duine 
a rithist ann agus trid 'Eadar-mheadhonair, 's mar 
sin dh' orduich e do dhaoine teachd d'a ionnsuidh 
trid losa Criosd an t-Eadar-mheadhonair, Eabh. 
vii. 25. Tha e uile chomasach air an dream sin a 
thig a dh' ionnsuidh Dhè trid-san, a shàbhaladh 
gu h-iomlan, agus dùil a bhi aca ri taitneachd 
amhàin ann- san, Ephes. i. 6, " Chum cliù glòire a 
ghràis, tre an d' rinn e sinne taitneach ann a 
Mhac gràdhaeh." ag orduchadh do dhaoin' èisd- 
eachd ri Criosd, do bhrìgh gu'm b' esan amhàin an 
t-aon neach anns an robh làn toil Dhè. Mat. xvii. 
5, " Is e so mo Mhac gràdhach-sa, &c. 

3. Tha chùis so cho soilleir aithnichte san 
I Sgriobtuir, agus tha e air a chiallachadh gu bheil 

e mar sin do gach neach a tha fo shileadh an t- 
I Soisgeil, air chor 's gu bheil Dia gu bitheant' a' 

labhairt mu chàmhnant a dheanamii ris fèin, gun 
I luaidh air an Eadar-mheadhonair, do bhrìgh gu 
I bheil e air a bharalachadh, gu bheil dearbh-f hios 
i aig gach neach a tha anns an eaglais nach 'eil dòigh 

sam bith air teachd a dli' ionnsuidh Dhè, ach trid 

losa Criosd an t-Eadar-mheadhonair. 

4. Thoir fainear nach e amhàin gu bheil losa 
Criosd, neach a tha 'na Dliia agus 'na dhuine, 'na 

jionad iomchuidh còmhalach eadar Dia agus daoine, 

chum a chèile choinneachadh, 's 'na f hear-labhairt 

freagarrach chum sìth a dheanamh eadar an dà 

l4 



192 An dòigh chum ruigheachd air 

phàirtidh nach *eil san àm so aon-sgeulach, 2 Cor. 
V. 19. bha " Dia ann an Criosd, a' deanamh an t- 
saoghail rèidh ris fèin ;" ach feudaidh sinn a ràdh 
mar an ceudna, gur esan am Fear-nuadh pòsda 
neo-raheadhonach ; air chor 's gu 'm feudar '* Ban- 
ais Mhic an Rìgh" a ràdh r ar gabhail-ne ri Dia, 
agus feudar ^' Bean phòsd' an Uaìn" a ràdh ris na 
daoine taghf a : 's e losa Criosd mar gu 'm b' ann, 
an làmh a tha Dia a' sìneadh a mach do dhaoine, 
's air a' bheil iadsan a' deanamh greim 'nuair tha 
iad a' gabhail ri Dia trid Chriosd, mar an Dia 
fèin, air a' bheil an anam a' stad 's a' socrachadh 
air a cheann fa dheireadh trid losa Criosd, 2 Pead. 
i. 21, ^* Muinntir trid-san a ta creidsinn ann an 
Dia a thog esan o na marbhaibh, agus a thug glòir 
dha, chum gu'm biodh bhur creidimh agus bhur 
muinghin ann an Dia." 

5. Thoir fainear gu bheil na dàimh eug-samhuil 
sin a tha air an ainmeachadh san Sgriobtuir, air 
an cur sìos chum a chiallachadh an aonachd 's an 
Go'-chomunn seasmhach daingean nach feudar a 
chur fa sgaoil a tha eadar Dia agus a phobull : ge 
b'e dlù-dhàimh agus co'-chaidreamh a tha eadar 
ceann agus buill, freumh agus geugan, rìgh agus 
ìochdarain, buachaili' agus treud, athair agus clann, 
bràthair agus bràtliair, fear-pòsd' agus a bhean, 
&c. tha gach ni dhiu sin ann an so ; Eoin xvii. 21, 
23, 23, 26, " Chum gu'm bi iad uile 'nan aon ; 
chum m.ar a ta thusa, Athair, annamsa, agus mise 
annad-sa, gu' m bi iadsan mar an ceudna 'nan aon 
annainne; chum gu'n creid an saoghai gu'n do 
cliuir thusa uait mi. Agus thug mise dhoibh-san 
a' ghlòir a thug thusa dhomhsa, chum gu'm bi iad 
'nan aon, mar a ta sinne 'nar n-aon ; mise aiinta- 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 193 

saii, agus thusa annam-sa, chum gu'n deanar 
coimhlionta iad ann an aon ; agus a chum gu'm bi 
fìos aig an t-saoghal gu n do chuir thusa uait mì, 
agus gu'n do ghràdhaich thu iadsan, mar a ghràdh- 
aich thu mise. Agus dh' fhoillsich mise t' ainm 
dhoibh, agus foillsichidh mi e, chum gu m bi an 
gràdh leis an do ghràdhaich thu mise, annta-san, 
agus mise annta." Air chor 's ge b'e ni tha air a 
labhaìrt san Sgriobtuir, feudaidh daoine thuigsinn, 
gu bheil Dia 'g an gairm chum bhi rèidh ris fèin 
trid Chriosd, agus tha e 'ga thairgse fèin chum a 
bhì 'na Dhia 's 'na Fhear-pòsda dhoibh amhàin 
ann-san: agus tha daoine gu gabhail ri Dia gu 
bhi 'na Dhia aca ann an Criosd, 's a bhi làn-toil- 
ichte leis an f huasgladh a tha air a sholar trid-san 
do pheacaich bhochda chaiUte, chum an teasraiginn 
o thruaighe shiorruidh ; 's iad fèin a thoirt suas do 
Dhia ann an Criosd, anns an gabhar amhàin gu 
taitneach riutha. Agus a' mhuinntir sin a tha 
gabhail ri Criosd, tha iad a' gabhail ri Dia ann- 
san, a tha ann an Criosd, a' rèiteachadh an t- 
saoghaiì ris fèin, 2 Cor. v. 19; Eoin xiv. 8, 10, 
11. 'S cha 'n 'eil sinn ri tuille rannsuchaidh 
a dheanamh mu thimchioll nan dàimh eug-samhail 
tha air an ainmeachadh san Sgriobtuir, eadar Dia, 
no Criosd, agus daoine, ni's faide na nochdas iad 
aonachd agus co'-chomunn, no dlù-dhàimh ri Dia 
trid losa Criosd, agus ar buannachd d' an taobh. 

Air do na nithe sin a bhi làn-shoiUeir, cha labh- 
air sinn ach beag mu 'n timchioU ; ach do bhrìgh 
gur e creidsinn ann an Criosd an dleasnas àraid a 
tha air iarraidh air gach neach a chluinneas an 
soisgeul so, gu 'n smuaintich iad gun dail air an 
staid chaillte annta fèin, 's air an fhuasgladh a 
l5 



194 An dòigh cìium ruigìieachd air 

f huair Dia trid losa Criosd, d'an d'thng e tairgse 
shaor do gach uile neach a bhios làn-toilichte leis, 
's a bhios toileach a bhi air an sàbhaladh air an 
dòigh sin ; 's gu 'n dthugadh iad fainear nach 'eil 
slighe sam bith eil' ann chura dol as o'n fheirg a 
tha chum teachd, air son am biodh daoine toileach 
ruidh a stigh am meadhon loch de luaidh leaghta, 
air chionn là a bhreitheanais, chum bhi air am 
folach o ghnùis an Uain, air a' bheil iad san àm 
so a' deanamh dìmeas agus tàir : tha sinn ag ràdh 
gu bheil sinn a' guidhe 's ag asluchadh air gach 
uile neach iad a smuainteachadh le mòr-dhùrachd 
air a chunnart anns a' bheil iad, 's an cridhe oib- 
reachadh suas cbum na cùise so, 's iad fèin earbsadh 
ri Dia, agus gabhail ris trid losa Criosd, ann an 
tairgse an t-soisgeil, 's a bhi làn-toilichte leis, mar 
an t-aon ni maith a tha amhàin ion-mhiannaicht' 
agus a shàsaicheas gach neach aig am bi e, chum 
*s gu 'n dean iad an staid fèin tèaruinte. Imichibh 
gu luath agus deanaibh geur-rannsuchadh dùrachd- 
ach air son tairgse sìth agus slàinte trid Chriosd 
tha air a chur sìos san Sgriobtuir, agus cuiribh 
bhur cridhe agus bhur n-anam ann am fonn agus 
ann an suidheachadh iomchuidh chum gabhail ri 
Criosd mar tha e air a thairgse san t-soisgeul, agus 
ri Dia ann an Criosd ; agus deanaibh e air chor 's 
gu 'm feud sibh a ràdh, gu 'n robh sibh cho dùr- 
achdach thrèibhdhireach anns a' chùis so 's a bha 
sibh riamh ann an gnothach sam bith eile, 's a 
rèir aon ni a's fiosrach sibh, gur e Criosd an Slàn- 
uighear bhur roghainn thar gach ni agus neach 
eile, r'a bheag sam bith, nach aithne dhuibh 's 
nach toir sibh caidreamh do dh' aon ni bhios an 
aghaidh sin ; 's gu n do leig bhur cridhe a' chùis 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 195 

gu breìth Dhè chum a rannsuchadh agus f heuch- 
ainn a' bheil a bheag air bith ann nach 'eil a rèir 
r'a thoil, 's ma tha, gu n leasaicheadh esan am 
mearachd, 's gu'n treòraicheadh e sibh air an t- 
slighe cheart. 

A nis, 'se dlù-leantuinn so a chridhe ri Criosd, 
'ga thilgeadh fèin air a chùram, chum bhi air a 
shàbhaladh leis, creidsinn, no creidimh, a tha gun 
amharus a' tèarnadh duine o 'n f heirg a tha chum 
teachd, chionn gu 'n do ghabh e 'nis air mhodh 
slàinteil ri losa Criosd, 's gu bheil e creidsinn 'na 
ainm, 's air an aobhar sin cha bhi e air a dhìteadh, 
mar tha 'n Sgriobtuir ag ràdh. 

Cunn, 'Nuair tha mi ciuinntinn ciod e bhi 
creidsinn ann an losa Criosd, saoilidh mi air uair- 
ibh gu bheil creidimh agam; oir feudaidh mi a 
ràdh, a rèir aon ni air am fiosrach mi, gu bheil mi 
làn-toilichte leis an innleachd sin a shàbhaladh 
pheacach trid losa Criosd an Slànuighear ; gu bheil 
mo cliridhe an tòir air, 's 'ga shocrachadh fèin air 
mar ionmhas ion-mhiannaicht' a làn-shàsuicheas ; 
agus tha mi làn-toileach gabhail ri Dia raar mo 
Dhia ann-san. Ach 's minig a tha mi cur an teag- 
amh, an do ghabh mi riamh ris air a mhodh so ; 
ionnas gu bheil mi air mo chumail ann an iom- 
chomhairle agus fo amharus a' bheil mi a' creid- 
sinn, no idir a' bheil mi air mhodh slàinteil ann an 
cùmhnanta ri Dia. 

Freag, 'S bitheanta le ioma neach a ghabh air 
mhodh slàinteil ri losa Criosd, a cheart nì sin fèiii 
a chur an teagamh a rithist: air an aobhar sin 
nochdaidh mi aon ni àraidh a dh' f heudas a bhi 
'na chuideachadh ro fheumail chum an t-anam a 
dheanamh làn-chinnteach araon a thaobh a chreid- 



196 An dòigh chum ruigheachd air 

imh agus a chòir air Dia; agus 'se sin, daoine 
ghabhail, cha 'ii e 'mhàin gu dùrachdach ri Dia 
ann an Criosd, ach mar an ceudna " gu'n gabh iad 
ri losa Criosd gu soilleir, follaiseach, riaghailteach 
le cainnt beòil, 's gu n gabh iad ri tairgse Dhè 
trid-san, *s mar sìn gu'n dean iad coimhcheangal 
ri Dia." Agus feudaidh so, trid beannachadh 
Dhè, bhi ro f heumail dhoibh chum an daingneach- 
adh 's an cur as an teagamh mu thimchioll an còir 
shlàinteil air Criosd. 

Mun labhair mi mu thimchioll a chùmhnanta 
shoilleìr so dheanamh ri Dia, cuiridh mi sìos roi'- 
làimh, na nithe so a leanas. 1. Cha'n 'eil amhiann 
orm san àite so gu'm bi eadar-dhealachadh mòr 
eadar an cùrahnanta so agus an cùmhnanta tha 
eadar Dia agus an eaglais fhaicsinneach, mar tha 
e 'ga nochdadh na thoil f hoillsichte ; ni mò tha 
mhiann orm gu m bi ach beag eadar-dhealachaidh 
eadar an cùmhnanta so agus cùmhnant a chridhe 
ri Dia ann an Criosd mu'n do labhradh roimhe so ; 
oir 'se *n cùmhnanta ceudna tha ann, gun mhùth- 
adh air bith ; ach amhàin gu bheil an ni bu 
chleachdadh leis a chridhe a chur an gniomh 
roimhe, r'a l^bhairt a mach san àm so gu soilleir 
follaiseach le cainnt beòil. 

2. Tha mi 'g aideachadh nach 'eil cùmhnant a 
dheanamh ri Dia air mhodh soilleir air an dòigh 
so, anabarrach feumail chum slàinte ; oir ma 
ghabhas neach air bith ri Dia ann an Criosd, gu 
trèibhdhireach dùrachdach, mar tha e air a thairg- 
se san t-soisgeul, bithidh 'anam 's a staid làn- 
tèaruinte leis a sin, a rèir an Sgriobtuir, ged nach 
labhair e mach na nithe sin le bheul : ach air a 
shon sin, tha cùmhnanta follaiseach air a mhodh 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 197 

so ro fheumaìl, chum 's gur feaird a thuigeas 
duin' a staid fèin, 's gan coimhead e le barrachd 
co'-f hurtachd a chòir air losa Criosd, 

3. Tha 'n cùmhnanta foUaiseach so dheanamh ri 
Dia le cainnt beòil, neo-èifeachdach mur bi 'n 
cridhe air mhodh trèibhdhireach dùrachdach a* 
gabhail ri Dia ann an Criosd 'na cho'-chuideachd ; 
oir as eugmhais sin chaVeil ann ach a bhi mi- 
naomhachadh ainm naomh ionmholta 'n Tighearna 
Dia, 's a' deanamh fanoid f holJaiseach air, agus 
mar sin a' dlùthachadh ris leis a bheul, *nuair tha 
'n cridhe fad* air asdar uaithe. 

4. Tha rai 'g aideachadh nach dean araon cùmh- 
nanta dùrachdach agus cainnt beòil ri Dia, duine 
co chinnteach mu staid ghràsmhor, 's nach bi e 
a,nn an teagamh mu'n chùis, as eugmhais co'- 
f hianuis an Spioraid, leis an tuìg sinn na nithe tha 
air an toirt duinn gu saor o Dhia ; gidheadh tha'n 
dòigh fhollaiseach so air cùmhnant a dheanamh ri 
Dia, ann an co'-chuideaehda gabhail ris ann an 
Criosd leis a chridhe, 'na mhòr-chuideachadh chum 
a chur an cuimhne duine, gu bheil co'-cheangal 
teann daingeann eadar Dia agus e fèin, agus bidh 
e 'na impidh air ioma cunnuil neo-stèigheil a bhios 
aig eiridh suas ann an cridhe agus an inntinn neo- 
bhunailteach f hògradh air falbh, a tha gnàthaichte 
r'a àicheadh gu beag-narach san àm so, an ni a 
choimhlion 's a chuir iad an gniomh tamull beag 
roimhe so. Tha 'n cùmhnanta follaiseach so mar 
fhianuis aìr na rinneadh eadar Dia agus an t- 
anam, agus mar sin tha e feumail chum creidimh 
a neartachadh. 

An labhairt ni's faide mu thimchioll a chùmh- 
nainte so, nochdaidh sinn, I. Gur gnàthachadh ro 



198 An dòigh chum ruigheachd air 

bharantaicht' e. II. Nochdaidh sinn gu h-aith- 
ghearr an t-ullachadh tha air iarraidh roi'-laimh 
air a mhuinntir a ni cùmhnant air a mhodh so ri 
Dia. III. An dòigh air an dtheid daoine mu 
thimchioll an dleasnais sin. IV. Ciod bu chòir 
leantuinn an dèigh a chùmhnanta shoilleir so. 

I. 'Se cheud ni chuir sinn romhainn a nochdadh, 
gur gnàthachadh barantaichte, agus dleasnas fiach- 
aichte cùmhnant a dheanamh ri Dia gu soilleir 
riaghailteach ie cainnt beòìl ; mar a chì sinn o na 
nithibh so a leanas. 

1. Ann an iomadh earrann de*n Sgriobtuir, ma 
dh' amhairceas sìnn air na tha iad a' ciallachadh, a 
rèir an rùin, agus tomhas a chreidimh, dh* àithn 
Dia e, agus dh* f hàg se e mar dhleasnas fiachaicht' 
air daoine, Isa. xliv. 5, " Their am fear so, Is 
leis an Tighearna mise," caib. xlv. 24, " Gu cinn- 
teach, deir neachy anns an Tighearn ta agam fìr- 
eantachd agus neart." ler. iii. 4, " Nach gairm 
thu ormsa o'n uair so ag ràdh^ M' athair, bu tusa 
fear stiùraidh m' òige." Sech. xiii. 9, ^^ Their 
iadsan, Is e 'n Tighearn mo Dhia," agus ann an 
iomadh ionad eile. A nis ma ta o'n a dh' earal- 
aich Dia co soilleir air daoine ann an litir an f hoc- 
ail cùmhnanta soiUeir a dheanamh ris, feudaidh iad 
a bhì cinnteach gur gnàthachadh barantaicht' e, 
air a cheadachadh le Dia, agus ro thaitneach leis. 

2. B'e gnàthachadh taitneach nan daoine diadh- 
aidh san sgriobtuir, cùmhnanta soilleir a dhean- 
amh ri Dia air an dòigh so, agus f huair iad mòr- 
cho'-fhurtachd agus sìth coguis o'n dleasnas so an 
dèigh dhoibh a dheanamh. 'S minig a thuirt 
Daibhidh gu soilleir follaiseach ri Dia, gu'm b' 
esan a Dhia 's a chuibhrionn, agus gn 'ra b' e fèin 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 199 

a sheirbheiseach. Cuiridh Tòmas a chòir as an 
teagamh leis, Eoin xx. 28, " Agus f hreagair Tom- 
as, agus thubhairt e ris, Mo Thighearn agus mo 
Dhìa," Seadh fòs, tha mi 'g ràdh, gu bheil mòr- 
shuaimhneas aig na naoimh le bhi cuimhneachadh 
air na thachair eadar Dia agus iad fèin sa* chùis 
sin, Salm Ixxiii. 25. Cò tN agam anns na nèamh- 
aibh ach thusa f agus an coimeas riut cha 'n 'eil 
neach air thalamh air am bheil mo dhèigh/' Salm 
cxlii. 5, " Ghlaodh mi riut, a Thighearna ; thubh- 
airt mi, Is tu mo thearmunn, mo chuibhrionn ann 
an tìr nam beo," 'S bitheanta chì sinn e ann an 
Leabhar Laoidh Sholaimh. An robh na daoine 
sin a bha ro ionmhuinneach le Dia co dùrachdach 
ann an dleasnas a bha tàrmachadh uiread shuaimh- 
neis agus thoil-inntinn doibh ann an iomadh càs, 
's am bi sinne, fo n Tiomna-Nuadh, d' a' bheil 
comas teachd am fogus do Dhia air a fhrithealadh 
gu ro phailt, 's aig a' bheil comhpairt do bhrìgh a 
chroinn-ola; am bi sinne, tha mi 'g ràdh, goirid 
anns an dànachd thaitneach so ri Dia ? O'n a tha 
sinn ag oidheirpeachadh an neul sin de f hianuìsibh 
a leantuinn ann an nithibh eiìe, mar tha creidimh, 
teas-ghràdh, foighidinn, &c. leaoamaid iad mar an 
ceudna anns an nì so a tha co ro fheumaìl. 

S- 'Se an ni mu bheil sinn a' labhairt san àm so 
a' chùis a's ro f hemnala th' anns an domhan uile. 
'S e beatha ar n-anama e, Deut. xxxii. 47. Och 
mo thruaighe ! am bi daoine co oidheirpeach air 
bhi fiosrach, soilleir, dùrachdach 'nan gnothaich- 
ibh cudthromach eiJe, *air son gu bheil iad mar 
sin ; agus nach bi iad ni's ro oidheirpiche chum 
bhi soilleir dùrachdach anns a' chùis so, ris a' bheil 
an sonas siorruidh an earbsadh? 'S iongantach 



200 An dòigh cìmm ruigheachd air 

leam nach 'eil mòran, clia'n e arahàin 'ga labhairt 
le'm beul, ach 'ga mhionnachadh agus a' cur an 
ainme ris le'n làimh, 's nach deanadh iad gach ni 
bhiodh 'nan comas chum Dia ann an Criosd a 
dheanamh cinnteach dhoibh fèin. agus iad fein do 
Dhia, ni tha'n sgriobtuir a' barantachadh, Isa. 
xliv. 5. 

Feudaidh so mar an ceudna bhi ro f heumail, 
mar arguin a dh' earalachadh na dòigh so air 
cùmhnant a dheanamh ri Dia, gu bheil còir ann 
an Criosd, agus cùrahnanta trèibhdhireach neo- 
chealgacii a dheanamh ri Dia, 'na ni a tha gu 
minig air a chur an teagamh leis na naoimh fèin ; 
air an aohhar sin tha mòr-f heum aig daoine air 
gach aon dòigh a tha 'nan comas a ghnàthachadh, 
eadhon le smuaintibh, focal agus gniomh, chum a' 
chùis a chur as an teagamh. 

4. Tha an ni so mar an ceudna freagarach san àite 
so chum so earalachadh mar dhleasnas, gu bheil 
Dia co riaghailteach, shoilleir, agus a rèir an 
lagha, anns gach gnothach a bhuineas do shlàinte 
duine, 'se sin r'a ràdh, 'S èiginn gu'm bi Criosd 
'na charaid dìleas dhà-san d' am buin còir air an 
t-saorsa; 's èiginn da bhi air a thaghadh, air a 
ghairm, ùghdarras a bhi air a thoirt dha, 's air a 
chur uaithe ; 's èiginn do chùmhnantan riaghailt- 
each a bhi eadar an t-Athair agus esan, an t-Ath- 
air a' gabhail pàigheadh agus dìoladh, 's a' dubh- 
adh a mach an ainmheich, 's gach aon ni bhi air a 
dheanamh gu làn-shoilleir. Am bi 'n Tighearna 
co ro shoilleir dhùrachdach anns gach earrann de'n 
chùis, agus an gabh ar cuid-ne dhe gu tàmh ann 
an smuainte mi-riaghailteach do-thuigsinn, agus 
sinn a bhi mar bhrùide balbha 'na làthair ? Nam 



Còìr shlàinteil ann an Criosd. 201 

b e pòsadh eadar fear agiis bean a bhiodh ann, cha 
mheasadh daoine gu m bu leòir e, ged bheireadh 
a' bhean aideachadh seachad 'na cridhe, *s an duine 
bhi fiosrach air a sin ; mur d' aidich i riamh na h- 
uiread sin le cainnt beòil, air dhi bhi comasach air 
sin a dheanamh. A nis, tha'n cùmhnanta so eadar 
Dia agus duine air a nochdadh san Sgriobtuir, mar 
phòsadh eadar fear agus bean. Hos. ii. 19, 20 ; 2 
Cor. xi, 2. Tha Laoidh Sholamh gu h-iomlan a' 
labhairt uime air an dòigh sin. Tha 'n Tighearn' 
a' gnàthachadh cosamhlachdan, chum a chiallach- 
adh dhuinne ciod a tha 'na rùn a dheanamh ; agus 
gu cinnteach 's ni ro àraidh so ann ara pòsadh, 
gu'n co''aontaich a' bhean gu saor soilleir chum na 
cùise : their an duine, Mar so tha mi *ga d' ghabh- 
ail chum bhi a d' mhnaoi phòsd' agam, 's tha mi 
Gur mar f hiachaibh orm fèin gu'ra bi mi a m' f hear- 
pòsda dìleas duit : 's èìginn do'n mhnaoi air an 
laimh eile, ainmeachadh gu bheil i toileach, agus 
a ràdh, Eadhon mar sin tha mi 'ga d' ghabhail 
chum a bhi a d' f hear-pòsd' agam, agus tha mi 
gealltuinn a bhi gu dleasnach ùmhal duit. 'S 
amhuil a tha 'n so ; tha 'n Tighearn ag ràdii, Tha 
mi 'ga d' cheangal rium fèin ann an ionracas, agus 
goiridh tu Isi dhiom," 'se sin m' f hear-pòsda, Hos. 
ii. 16, 20. Bithidh mi dhuitse mar cheann 's mar 
fhear pòsda, mur bi thu air son neach eile, Hos. 
iii. 3. Bu chòir do'n duine freagairt, agus a ràdh, 
Amen, mar sin bitheadh e, bidh tusa a d' Dhia, a 
d' cheann 's a d' Thighearna dhomh-sa 's bidh 
mise leatsa, 's cha'n ann le neach eile, Laoidh 
Shol. vi. 3. 'S le m' ghràdh mise, agus is leamsa 
mo ghràdh." Agus mar sin theirear ris a chùmh- 
nant a nithear air an dòigh so ri Dia, an làmh a 



202 An dòigh chum ruigheachd air 

thoirt dha, mar tha'ra focal ag ràdh, 2 Chron. xxx. 
8. a tha 'g ainmeachadh cùmhnanta follaiseach, 
soilleir, riaghailteach ri Dia. Mar sin ma ta, tha 
sinn a' breithneachadh gur dleasnas fiachaicht' e, 
agus gnàthachadh ro thaitneach, a tha ro f heumail 
a thoirt suaimhneis do inntinn duine, agus tuiUe 
co'-fhurtachd a thoirt dha le bhi 'n eùmhnanta ri 
Dìa, 's a tha co'-fhreagradh ni's fearr do aontach- 
adh agus do thairgse Dhè anns a ghealladh mhòr 
sin, *' Bidh mise a' m' Dhia dhuibhse, agus bidh 
sibhse 'n ur pobull domh-sa." 

Cha 'n e 'mhàin gum bu chòir do dhaoine gabh- 
ail gu follaiseach ri Dia ann an Criosd air an dòigh 
so chum an cridhe a shocrachadh ; ach feudaidh iad 
mar an ceudna, an cùmhnanta so ath-nuadhachadh 
ri Dia an àmaibh sònruichte, gu h-àraid 'nuair a 
bhios iad trid buairidh a' cur an teagamh an do 
naisg iad cumhnanta trèibhdhireach, dùrachdacb, 
neo-chealgach air a mhodh so riamh ri Dìa. Mar 
tha iad an sin ri nuadh-ghniomharra do chreidimh 
a chur amach, a' dlù-ghabhail ri Criosd mar 
chuibhrionn 's mar ionmhas ion-mhiannaichte, agus 
mar an ceudna, an tràthaibh eile, air chor 's gu'm 
b' fheumail, gu sònruichte ma tha ag sam bith sa' 
chùis, gu 'n rachadh a' chonnspoid a rèiteachadh le 
cainnt beòil, 's gu'n abradh iad mu'n Tigheara' 
agus ris, gur h-esan an tèarmunn agus an cuibh- 
rionn, Salm xci. 2 ; cxlii. 5. Tha sinn a' faicinn 
gu n robh na naoimh 'ga dheanamh ; agus feudaidh 
sinn an eisimpleir a leantuinn. Guh-àraidh, 

1. Ann an àm cùl-sleamhnachadh ro mhòr, bu 
ghnàth leis a phobull an cùmhnant ath-nuadhach- 
adh ri Dia, 's bu chòir dhuinne dheanamh mar an 
ceudna. Bu chòir d' ar cridhe dol amach air dèigh 



Càir shlàinteil ann an Criosd. 203 

Chriosd ann an geallaine na rèite ri Dia : oir 's 
esan ar sìth anns gach cùis, agus ar Fear-tagraidh ; 
agus tha e fiachaicht' oirnne greim a dheanamh air 
mar sin, 'nuair a pheacaicheas sinn. 1 Eoin ii. 1, 
*^ Ma pheacaìcheas neach air bith, tha fear-tagraidh 
againn maìlle ris an Athair, losa Criosd an fìr- 
ean ;" agus an uiread sin ainmeachadh gu soilleir 
le cainnt beòil, mar bu ghnàth leis na naoimh a 
dheanamh an àm dhoibh an cùmhnant ath-nuadh- 
achadh o 'n leth a muigh ri Dia. 

2. 'Nuair tha daoine 'n cunnart sam bith, bu 
mhaith gu 'n cuireadh iad an cridhe amach 'na 
dhèigh, 's gu 'n ainmicheadh iad an cùmhnanta ris, 
chum an cridhe fèin a dheanamh cinnteach. Tha 
sinn a' faicinn gu 'n d'rinn losua sin, 'nuair bha e 
gu tàmh a ghabhail an talamh Chanaan, ann an 
meadhon lìon. los. xxiv. 'S amhuil a rinn Daibh- 
idh 'nuair bha e 'na èiginn. Salm Ivii, 1, "Fuidh 
sgàile do sgiathan gabhaidh mi mo thearmunn, gus 
an dthèid na h-uilc so uile thairis." 

3. 'Nuair tha daoine fo amharus gu bheil Dia 
fada uatha, 's gu bheil an anam a' seachdadh *s a* 
dol air ais, an sin 's tèaruinte dhoibh iad a ghabh- 
ail gu dùrachdach trèibhdhireach ri Criosd, tre 
chreidimh chum an anama a shàbhaladh ; agus bu 
mhaith a' chùis a chur as an teagamh, le ainmeach- 
adh gu soilleir. 'Se so an dòigh air brìgh a tharr- 
uing o Chriosd an fhreumh, chum an t-anam a 
bheothachadh, 's a chum an cridhe a dhaingneach- 
adh 'na làthair. Tha Bhana-chèilidh an Laoidh 
Sholaimh a' deanamh mar sin, 's air a mhodh so 
a' tagradh còir air, 'nuair a bha i 'na leithid a staid, 
ag aidmheil 's a' nochdadh gu 'm b' esan a gràdh. 

4. Ann am frithealadh suipeir anTighearna, biì 



204t An dòigh chum ruigheachd air 

chòir do dhaoine gabhail gu ro dhùrachdach ri Dia 
ann an Criosd air a mhodh so, 's an uiread sin a 
labhairt 's a chur an cèill gu soilleir : oir 's cuirm 
gràidh sin ; agus 's ann an sin a tha sinn a' gabh- 
ail ri Dia ann an Criosd, le aidmheil f hollaiseach, 
's a' faghail seuhi na rinn sinn : uime sin tha e iom- 
chuidh, san àm sin, araon an cridhe 's an teanga 
thoirt suas chum ar n-aidmheil a fhreagradh, a' 
gabhail ri Dia chum bhi 'na Dhia dhuinne, 's 'g ar 
toirt fèin thairis dhà-san chum bhi leis, agus air ar 
stiùradh a rèir a thoile. 

Cha suidhich sinn pobuU an Tighearna gu tim 
shònruicht' air son an dleasnais so : feudaidh an 
Tighearn a shònrachadh dhoibh 'nuair a's àill leis ; 
ach tha e ro chunnartach ma bhios daoine tuiìle 's 
bitheanta deanamh cùmhnanta follaiseach ri Dia, 
gu n cinn iad neo-umhailleach mi-chùramach mu 'n 
chùis. Air an aobhar sin cha 'n 'eil e co iom- 
chuidh gu'n ath-nuadhaicheadh daoine 'n cùmh- 
nanta follaiseach sin ri Dia gu bitheanta 'na uile 
bhriathraibh, ach gu ma fearr leò f hoillseachadh 
do Dhia gu bheil iad a' seasamh ris a chùmhnant a 
rinn iad ris, agus gu bheil iad 'ga choimhead, 's 
nach dtheid iad gu siorruidh air an ais uaithe : agus 
feudaidh iad suim a chùmhnaint ainmeachadh an 
tagradh an còir air Dia ann an Criosd, mar an Dia 
fèin ; agus feudaidh iad so a dheanamh gu minig, 
eadhon 'nan uile athchuìngibh ri Dia. Agus do 
bhrìgh coltais 'se so an ni a bha'n rùn nan naomh 
'nan cleachdadh cho gnàthaichte san Sgriobtuir, 
'nuair tha iad a' tagradh an còir air Dia, mar an 
Dia 's an cuibhrionn ; agus tha e iomchuidh gu n 
cum daoine 'nan uile-ghluasad, an cridhe aig a* 
chùis, le bhi dlù-leantuinn ri Dia ann an Criosd. 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 205 

Bu cliòir do'n bheatha tha sinn a' caitheamh san 
fheòil a bhi tre chreidimh ann am Mac Dhè Gal. 
ii. 20. 

11. 'Se 'n dara ni chuir sinn romhainn a nochd- 
adh, Ciod an t-ullachadh tha aìr iarraidh roi'-laimh 
air an duine sin a tha gu cùmhnanta follaiseach a 
dheanamh ri Dia: a bharrachd air na labhair sinn 
roimhe, tha sinn a' nochdadh, 1. Gur h-èiginn dha- 
san leis an àill cumhnanta follaiseach a dheanamh 
ri Dia, fios a bhi aige, gn bheil an gnàthachadh 
sin barantaicht' agus ceadaichte le Dia, mar a 
nochd sinn roimhe : mur bi fios aìg duine air so, 
cha'n 'eil e 'na chomas a dheanamh tre chreidimh, 
agus mar sin bidh e 'na pheacadh dha, Rom. xiv. 
23. Ge b'e ni nach'eil o chreidimh 's peacadh e. 
2. Gur h-èiginn da a chridhe oibreachadh suas 
chum bhi toileach d' a ionnsuidh, chum 's nacK 
breugaich e an teanga ; oir bidh e 'na f hanoid mhòr 
air Dia, dlùthachadh mar sin ris leis na bilibh 
'nuair tha'n cridhe fad' air astar uaithe : Isa. xxix, 
13. 

"^ III. 'Se 'n treas ni r'a thoìrt fainear mu'n churah- 
nanta shoilleir so dheanamh ri Dia, an dòigh anns 
an còir a dheanamh ; 's a bharr air na chaidh labh- 
airt roimhe mu ghabhail ri Criosd leis a chridhe, 
nochdaidh mi san àite so. 

1. Gum bu chòir do dhuine dheanamh gu 
muinghineach, cha 'n e amhàin a' creidsinn gu 
bheil e mu thimchioU a dhleasnais 'nuair tha e 'ga 
dheanamh ; ach mar an ceudna gu 'n gabh Dia ann 
an Criosd ris an dòigh bhochd neo-iomlan anns a' 
bheil e 'ga dheanamh : tha e gabhail ri duine a 
rèir 's mar tha aige, ma tha 'inntinn toileach, 2 
Cor. viii. 12. Tha peighinn air a gabhail, o nach 
M 2 



^06 An dòigh cìmm ruigìieachd air 

robh tuille aig a' rahnaoi bhochd. Marc. xii, 44. 
Seadh, nam bu chomasach ruigheachd air, bu chòir 
do'n duine a chreidsinn gu'n sruth co'-fhurtachd ro 
mhòr o'n ghniomh so, agus bithidh gach ni gu 
maith ; agus gu'n dean Dia, a tha 'ga cheangal fèin 
air son gach neach a th' anns a chumhnanta, (o'n 
a stiùr e an duine dh' ionnsuidh na roghainn shona 
shòlasaich so) ann an tomhas èiginn esan freagarr- 
ach, 's gu'n crìochnaich e gach ni a bhuineas da: 
Is fìrinneach an ti tha 'g ar gairm, neach mar an 
ceudna a ni e, 1 Tessal. v. 24. Ma bhios a 
mhuinghin so a dhìth air, bidh an gnothach so air 
a dheanamh le eagal agus ie eud ro mhòr, mur bi 
Jeis ni 's miosa ; 's cha bhi fois no suaimhneas aig 
an duine d'a thaobh. 

2, Bu chòir dha bhi air a dheanamh gu naomh, 
'Se 'n cùmhnanta naomh a theirear ris, Luc. i. 72. 
nithenaomha Dhaibhidh. Gniomh. xiii. 34. Bhiodh 
e iomchuidh nach biodh an cùmhnanta soilleir so 
ri Dia, air a dheanamh air dhòigh fhaoin gun 
seadh, ach ann an athchuinge shònruichte ri Dia ; 
bu chòir a labhairt gu saor soiìleir ris an Tigh- 
earna, Salm cxlii. 5, '^ Ghlaodh mi riut, a Thigh- 
«arna; thubhairt mi, Is tu mo thearmunn, mo 
ehuibhrionn." Tha e 'na ni ro iomchuidh ann an 
gnothach co cudthromach, gu'n rachadh càileiginn 
de ùine a shònruchadh air leith air son aideachadh 
agus athchuinge an làthair Dhè ; seadh fòs, bu 
chòir do 'n neach a tha deanamh cùmhnant air an 
dòigh so ri Dia, oidheirp a thoirt air smuainteau 
ard-urramach a bhi aige mu mhòrachd agus mu 
ard-uachdranachd Dhè. 2 Sam. vii. 22, " A ta 
thu mòr a Thighearna Dhè ; oir cha'n'eil neach ann 
cosmhuil riut, agus cha'n'eil Dia ann ach thusa.*' 



Càir shlàinteil ann an Criosd, 207 

ged tha e mar so 'ga irisleachadh fèin a dh' f halc- 
inn nithe air nèamh agus air thalamh; agus bu 
chòir do smuaintean iriosal truaillidh bhi aig an 
duine air fèin, ann an co'-chuideachd nan smuainte 
naomh ard-urramach sin mu Dhia, ged tha e air 
a ghabhail a stigh chum na h-ard inbhe so, 2 Sam. 
vii. 18, *' An sin chaidh righ Daibhidh a stigh, 
agus shuìdh e ara fianuis an Tighearna, agus thubh- 
airt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e 
mo thigh, gun d' thug thu mi gu ruige so?" 
Cha chùis bheag a bhi 'n dlù-dhaimh ris an Dia 
mhòr, ard-Ciiruith-f hear Nèimh agus na Talmh- 
uinn, agus r a Mhac losa Criosd ; mar thuirt 
Daibhidh 'nuair thairg righ Saul a nighean da. 1 
Sam. xviii. 22. Seadh os-barr, bu chòir do dh' 
fhaicill shònruichte bhi aig duin' air a chridhe, 
gu'm buanaicheadh e ann an suidheachadh spiorad- 
ail an àm an cùmhnant a dheanamh ri Dìa. 

Tha mòr-reusan air an dleasnas a choimhlion- 
adh air an dòigh naomh so ; oir tha daoine ro ull- 
amh air bhi aineolach umpa fèin, 's gus an Tigh- 
earn a dhealbh a rèir am baraile fèin, agus gu fàs 
feòlmhor saoghalt' anns a' chùis, o'n a tha e air a 
nochdadh mar chùmhnanta pòsaidh anns gach 
cainnt ghnàthaichte mu ghràdh, mar ann an Laoidh 
Sholamh; Isa. Ixii. 5; Seph. iii. 17. 

IV. 'Se 'n ceathramh ni chuir sinn romhainn a 
nochdadh, ciod bu chòir leantuinn an dèigh a 
chùmhnanta shoilleir so ri Dia. Tha mi 'g ràdh, 
a bharrachd air an aonaclid 's air a clio'-chomunn 
sin ri Dia ann an Criosd, a tha 'n lorg creidimh, 
ma ni duine cumhnanta follaiseach le cainnt beòil 
ri Dia. 

1. 'S còir dha blii ro chùramach chum fuireach 
M 3 



208 An dòigh chum ruigheachd air 

dlù do Dhia anns gach gnè chaithe-beatha ; oir ma 
ni duine o'n àm sin ni sam bith gu neo-iomchuidh, 
tha e breugachadh 'fhocail am iìanuis Dè, 's tha 
choguis 'ga bioradh 's 'ga cràdh leis, agus bidh e 
*na riobadh 's 'na lìon da. Ma chuireas duine o 
sin a mach cùl ri Dia, 's gu'n gabh e os-làimh e 
fèin a stiùradh, o nach 'eil e leis fèin, chionn gu'n 
d f hosgail e a bheul 's gu'n d'thug e a bhòid do 'n 
Tighearna gu'm biodh e leis, tha e deanamh geur- 
rannsuchadh an dèigh mhionn, 's a' slogadh suas 
an ni sin a tha naomh, Gnàth. xx. 25. 

2. 'S còir dhàsan a tha air a mhodh so a' dean- 
amh cùmhnanta ri Dia, buanachadh gu seasmhach 
daingeann anns an ni sin a chuir e roimhe ; oir 's 
nàr mi-chiatach do dhuine a ghabh a chridhe ri 
Dia, 's a dhaingnich e le bheul gu follaiseach 'na 
làthair, breugair' a dheanamh dhe fèin a rithist, 
agus caidreamh a thoirt do ni sam bith a bhios an 
aghaidh 'aidmheil ; 's ann bu choir dha a' chùis a 
choimhead gu dàna misneachail an aghaidh gach ni 
bhios a' tathaich air. 

A nis, ma ta, ceadaichibh dhomh bhur n-earal- 
achadh, sibhse leis 'm bu mhiann a bhi air bhur 
daingneachadh ann an cùis bhur còir air Dia, gu'n 
cuir sibh air leith gun dàil sam bith càileiginn de 
thìm chum urnuigh a diieanamh an làthair Dhè, a' 
saoithreachadh chum bhur cridhe oibreachadh gu 
dùrachd, gràdh, agus gu creidimh an dleasnais, 
chum co'-cheangal, agus cùmhnant a dheanamh ri 
Dia ann am briathraibh soilleir air a mhodh so. 

" O Thighearna 's creutair bochd cadlte rai a 
thaobh nàduir, 's a thaobh cùnntas gun àireamh de 
pheacaibh-gniomha, a tha mi 'g aideacliadh fa leith 
ann ad làthair, air an latha 'n diugh : agus ^^à 



Còir shlàinteil ann cm CriuscL 209 

rugadh mi san eaglais fliaicsinnicb, 's ged bha mi 
o 'n bhroinn ann an cùnihnanta riutsa, 's ged bha 
an ni ceudna air a nasgadh dhomh ann am bais- 
teadh; gidheadh chaith mi mo bheatha, rè ùine 
fhada as eugmhais Dhè anns an t saoghal, gu h- 
aineolacli neo-mothachail air a cheangal fo 'n d'- 
thàinig mi leis a chùmhnanta sin. Fa-dheòidh, 
dh' fhoilìsìch thusa dhomh mo staid chaiUte 
thruagh annam fèin, agus nochd thu do m' chridhe 
am fuasgladh leòir-f hoghainteach sin a f huair thu 
trid losa Criosd, 'ga thairgse gu saor dhomh-sa air 
chùmhnant gu'n gabhainn ris, agus gu'n gabhainn 
riutsa mar mo Dhia ann an Criosd, a' sparradh 
agus aig earalachadh orm gabhail ris an tairgse so, 
agus teicheadh a dh' ionnsuidh losa Criosd, air 
dhuit mo chunnart anabarrach a leige ris dhomh : 
Seadh, a rèir aon ni 's fiosrach mi, làn-rùnaich 
thu mo chridhe san àm so, agus dhealbh thu e air 
son gabhail ri losa Criosd, 'ga threòrachadh a 
mach as a dhèigh ann an tairgse 'n t-soisgeil, a' 
toirt orm dlùthachadh ris an Dia bheo, chum 
gabhail ris air an dòigh sin, 's a bhi gu neo-chealg- 
ach làn-toiiichte le thairgse. Agus a chum gu'n 
feudainn teachd chum an t-socrachadh spioraid sin 
anns a' chùis so d' ara bu chòir co'-fhurtachd a 
thoirt domh, 's a chum cliù do ghràsa glòirmhor- 
sa, tha mi ann an so air an latha'n diugh chum a' 
chùis sin a chur as an teagamh le briathra soilleir 
follaiseach a d' làthair, a rèir do thoile Agus a 
nis, tha mise, neo-airidh mar tha mi, a' foillseach- 
adh gu bheil mi creidsinn gu'm b'e losa Criosd a 
chaidh a chur gu bàs aig lerusalem, Mac Dhè, 
agus Slànuighear an t-saoghail, tha mi cieidsinn 
an teisteis sin, Gu bheil beatha bhith-bhuan aun- 
M 4» 



210 An dòigh chum ruigheachd air 

san do dhaoine, agus ann-san anìliàin ; tha mo 
chridhe air an latha 'n diugh làn-toilichte leis an 
innleachd sin chum peacaich thruagha a shàbhal- 
adh trid-san, agus tha mi 'g earbsadh m' anama 
ris; tha mi gabhail ri rèite ri Dia trìd-san, 's a' 
gabhail riutsa mar mo Dhia ann-san ; tha mi 'ga 
roighneachadh air gach dòigh air a' bheii e, 's 
gach ni a dli' fheudas a leantuinn ; agus tha mi 'g 
am' thoirt fèin 's gach ni tha agam thairis duit : a' 
miannachadh bhi air m' eadar-dhealachadh o gach 
aon ni a's fuathach leatsa, co fad 's a's iìosrach mi. 
A nisj tha mi toirt mo làimhe dhuit, 's a' gabhail 
gach. ni tha mu m' thimchioll mar fhianuis, ge 
b'e seòl air 'n do chaith mi mo bheatha san àm 
a chaidh seachad, gu bheil mi san àm so a gabh- 
ail ri tairgse Dhè trid Chriosd; agus gu bbeil 
mi air an latha 'n diugh a' deanamh cùnihnanta 
cinnteach riut, ris an seasamh mi a chaoidh, ann 
an dòchas gu'n dean thu gach ni freagarrach araon 
air do thaobh fèin agus air mo thaobh-sa, 's ag 
asluchadh gu ro dhùrachdach, mar a's miann leam 
a bhi air mo shàbhaladh, gu 'm bi mo thruailìidh- 
eachd agus m' eu-cearta air an ceannsuchadh, 's 
mo mhuineal air a thoirt fo d' chuing shòlasaich-sa 
anns na h-uile nithibh, 's mo chridhe air aomadh 
clium aontachadh gu cridheil suilbhearra leis gach 
m a's toileach leatsa dheanamh rium chum na 
crìche sin. A nis, glòir gu'n robh dhuitse, O 
Athair, a dhealbh a leithid sin de shlàinte, 's a 
thug do Mhac chum a choimlionadh : mòr-chhù 
gu'n robh do losa Criosd, a choisinn le luach co 
mhòr dol amach a ghràidh sin o uchd an Athar, 
agus 's ann amhàin trid-san a tha 'n comas so air 
a thoirt do dhaoine; agus 's ann ann-san a tba 



Còir shlàinteil ann an Ciiosd. 21 1 

mis' aìr mo dheanamii rèidh ri Dia, agus gu h« 
urramach air mo cheangal ris, agus cha'n'eil mi 
ni 's mò am' nàmhuid no am' choìgreach dha: mòr- 
mholadh do'n Spiorad Naomh, a thug caismeachd 
dhomh 'nuair bha mi 'ga m' mhiUeadh fèin, cha'n 
e amhàin gu 'n d'thug e mothuchadh dhomh air 
mo chunnart, ach mar an ceudna dh' fhosgail e 
mo shùilean chum 's gu'm faicinn am fuasgladh 
tha air a dhealbh ann an losa Criosd ; seadh, agus 
rinn e mo chridhe fiadhaich borb deònach air 
tuiteara ann an gaol air Criosd, mar an t-ionmhas 
a làn-shàsuicheas agus a ni duine saibhir; 's tha e 
'ga m' sheòladh air an latha'n diugh cionnas a ni 
mi cùmhnanta ri Dia, agus an dòigh air an daing- 
nichmi dhomh fèin uile-thròcair chinnteachDhaibh- 
idh, agus beannachadh Abraham, 's a chum deadh- 
ghean agus càirdeas Dhè a dheanamh cinnteach 
dhomh fèin gu suthainn siorruìdh. A nis, tha mi 
le m' anam 's le m' chridhe, agus leis gach ball de 
m' bhallaibh, co fad 's a tha m' chomas, làn-toil- 
ichte leis an roghainn a thog mi 'n diugh, a' cur 
romham as a so suas, gun bhi leam fèin achleatsa; 
agus gu 'm bi gach ni a bhuineas domh air do 
chùram, mar mo Cheannard agus mo Thighearna: 
a' cur romham gu h-irìosal, nach dean fàilnean air 
mo thaobh-sa, (ni tha fios agadsa gu bheil mi 'g 
oidheirpeachadh cur 'nan aghaidh le m' uile dhich- 
ioll) an cùmhnanta so neo-èifeachdach ; oir mar 
sin thubhairt thu, 's cha 'n 'eil a mhiann ormsa a 
mhi-ghnàthachadh, ach dlùthachadh riut ni's ro 
thinne ; agus 's èiginn domh comas a bhi agam an 
cùmhnant so ath-nuadhachadh co bitheanta 's a 
thuigeas mi sin feuraail. Tha dearbh-f hios agam 
a nis gu bheil do thoil-sa mu 'n chùmhnant so air 
Bi 5 



212 An dòigh chum ruigheachd air 

a chur sìos san Sgriobtuìr, jùr clior 's nacli ion 
domh nuadh-fhiosrachadh sam bith iarraidh air, 
agus air dhomh-sa gabhail ri d* thairgse air do 
chùmhnantan fèin, feithidh mi o so suas ris an 
ni tha raaith, agus ri d* shlàinte-sa air a cheann 
mu dheireadh. Mar tha thusa fìrinneach agus 
dìleas, thoir maitheanas domh anns na chaidh mi 
am mearachd sa' chùis so, agus gabh rium gu 
cairdeil air sgàth mo Thighearna gràdhach losa 
Crìosd, trid a' bheil mi amhàin aig iarraidh maith- 
eanais. Agus mar fhianuis air na rinn mi, tha 
mi cur mo sheula ris, gu bheil Dìa fior, ann am 
foillseachadh gu bheil e 'na Shlànuighear làn- 
f hoghainteach chum peacaich a shàbhaladh." 

Deanadh daoine cùmhnanta ri Dia a rèir mar 
theagaisgeas an Tighearna dhoibh, co aca 's ann 
am briathraibh a's gainne no a's lìonmhoire na tha 
'n so ; oir cha 'n 'eii a mhiann oirnn riaghailt 
shuidhichte chur roimh neach sam bith; ach amh- 
àin gu bheil e iomchuidh gu 'n aidìcheadh daoine 
ann an làthair an Tighearn' an staid chaillte annta 
fèin, 's am fuasgladh tha tre losa Criosd, agus 
gu 'n aidich iad ^n bheil iad 'ga ghabhail mar tha 
e air a thairgse san t-soisgeul, 's gu bheil iad gu 
taingeil làn-toilichte leis, 'g an earbsadh fèin gu 
h-iomlan ri Dia, chum bhi air an sàbhaladh leis 'na 
sheòl fèin, ris a' bheii iad a' feitheamh a rèir r'a 
fhìreantachd. 

Nan deanadh daoìne so gu cridheil trèibh- 
dhireach dùrachach, dh' fheudadh e trid beann- 
achadh Dhè, an cuideachadh chum an creidimh a 
dhaingneachadh an aghaidh iomadh eagal agus an- 
amharus ; agus dh* f heudadh iad ni maith àraid a 
chomharrachadh amach o 'n latha agus o'n uair so. 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 213 

lìi a dh' fheudadh mòr-cho'-fhurtachd a thoirt 
doibh aiin an iomadh triobluid anns am feudadh 
iad tuiteam an dèigh laimhe, maith-a-dh' fhaoidte 
aig uair agus àm am bàis, 2 Sam. xxiii. 5. 'S iad 
sin na briathra mu dheireadh a labhair Daibhidh. 
" Ge nach 'eil mo thigh mar sin aìg Dia, gidheadh 
rinn e coimhcheangal siorruidh riumsa, air a 
shuidheachadh anns gach ni, agus a choimhidear ; 
oir is e so mo shlàinte uile, agus mo mhiann uile." 
Tha e 'na ni mòr ma dh' fheudas duine ràdh ri 
Dia, Tha dearbh-fhios agad gu 'n robh latha agus 
uair ann, anns an do ghabh mi ri sìth trid losa 
Criosd, 'na leithid sin do dh' àite, 's gu'n d'thug 
mi mo chridhe thairis duit, chum do lagh gu h- 
iomlan a sgrìobhadh air : tha nèamh agus talamh 
'nam fianuisean air a' chùis sin. Cuimhnich do d' 
òglach am focal, ris an d'thug thu orm dòchas a 
bhi agam. Salm cxix. 49. 

Cimn, Cha 'n'eil do dhànadas agam a shamh- 
uil sin do chainnt a labhairt ri Dia, do bhrìgh 
nach 'eil mi a' faireachduinn mo chridhe a' tighinn 
air aghaidh co fad 's bu mhaith leam ann an gràdh 
agus ann an dùrachd ; air chor 's nach deanainn 
ach breug do Dhia, ged dheanainn cùmhnant air 
a mhodh sin ris. 

Freag, Tha e 'na f hìor aobhar-mulaid nach 'eil 
cridhe dhaoine, le mòr-thogradh agus le gràdh 
iaiste, a' dlù-ghabhail gu cridheil ris an tairgse 
agus ris a chuibhrionn bheannaichte sin : gidheadh 
inar fhreagradh do 'n chunnuil, cuimhnich, 1. 
Nach 'eil an cridhe gu h-iomlan air ath-nuadhach- 
adh aig a' mhuinntir d'a' bheil an Tighearn a' toirt 
a chridhe nuadh, a dealbh Chriosd annta; thafeòil 
agus spiorad a* miannachadh an aghaidh a chèilo, 



21 ìt An clùigh cìium ruiyheachd air 

air clicr 's nacli 'eil e 'n comas duìne am maitli no 
'n t olc bu mliiann leìs a dheanamh, a chur an 
gniomh mar ba mhaith leis. Gal. v. 17. Thachùis 
gu maith ma tha'n earrann a's pailte de'n chridhe 
a' dol a mach an dèigh air Criosd, a' miannachadh 
gabhail ris air a thairgse fèln, 

2. Tha gràdh reusonta do dh' losa Criosd gu 
minig anns a chridhe, 'ga nuchdadh fèin le spèis 
a bhi aige d' a àitheantaibh, 1 Eoin v. 3, *' Oir is 
e so gràdh Dhè, sinn a choimhead 'àitheantan : 
agus cha'n'eil 'àitheanta-san trom,'' 'nuair nach 'eil 
gràdh buadhail mothachail ann a ni'n t-anamtinn, 
Laoidh Shol. ii. 5. Tha mi tinn le gràdh :" cha'n 
ion do dhaoine dùil a bhi aca ris a ghràdh so gach 
aon àm. Tha mi 'g ràdh, ged robh nì-eiginn ann 
ad chridhe a bhios a' tarruing air ais ; gidheadh 
ma 's urrainn thu a ràdh, gu bheil mothachadh 
agad air do staid chaiilte as eugmhais Chriosd, 's 
gu bheil fìreantachd a dh' uireasbhuidh ort chum 
do chionta fholach, 's gu bheil neart a dhìth ort 
chum cathachadh an aghaidh a pheacaidh, no chum 
an nì sin a 's taitneach le Dia a dheanamh, agus gu 
bheil thu faicinn iomlaineachd ann-san; anns an 
dà nì sin ma tha thu comasach air a ràdh, gu bheil 
nì-eiginn ann ad chridhe a tha deònach togarrach 
air gabhail ri Dia air a thairgse fèin, agus leis 'm 
bu mhiann araon f ìreantachd f haghaii cham fìr- 
eanachadh, agus neart chum naomhachadh ; agus 
gur e an ni tha 'n taobh a stigh dhiot tha cur an 
aghaidh so, ann an tomhas èiginn, do throm uall- 
ach agus do dhaorsa : ma tha chùis mar so, tha do 
chridhe air a thoirt air aghaidh mar nach olc anns 
a' chùis, gluais air t-aghart a dh' ionnsuidh na h- 
oibre, agus socraich a' chùis le cùmlinant adhean- 



Còir shlàinteil ann an Criosd. 215 

amli ri Dìa, agus abair, gu bheil araon f ìreant- 
achd agus neart agad anns an Tighearna, mar a 
mhionnaich e b' èìginn duit a dheanamh, Isa. xlv. 
2S, 24. Tha e 'na ni ro thaitneach a ràdh ri Dia, 
tha mi a' creidsinn, 'nuair tha mòran de mhi-" 
chreidimh a' gabhail còmhnuidh annam, 's a tha 'n 
cridhe air a roinn anns a' chùis, Marc. ix. 24, " A 
ta mi creidsinn, a Thighearn ; cuidich thusa le mo 
mhi-chreidimh." Nochd do Dhia a cheart dòigh 
air a' bheil do cliridhe, air cbor 's gu'm feud thu 
bhi neo-chealgach 'na làthair, gun ni sam bìth a 
chleith air ; agus cuir do chridhe ceart mar tha e, 
'na làimh, chum a lagh a sgrìobhadh air, a rèir a 
chùmhnanta: oir 'se sin an ni tha e 'g iarraidh air 
daoine, gu 'n dthoir iad an cridhe seachad dha, 
chum 's gu'n suidhich e a làn-toil air ; agus ma 's 
urrainn duit aontachadh gu cridheil a dh' ionns- 
uidh sin, a' meas gu bheil fuil Chriosd leòir-f hogh- 
ainteach chum làn-dioladh a thoirt air son ciont' 
an duine, feudaidh tu dol gu neo-sgàthach agus 
cùmhnanta follaiseach a dheanamh ri Dia, oir rinn 
do chridhe agus t-aìgne cheana e. 

Cunn, Cha'n'eil do dhànadas agam cùmhnant 
a dheanamh ri Dia air a mhodh so 'n t-eagal gu'ni 
bris mi e ; seadh, tha mi làn-chinnteach nan tig- 
eadh a leithid so a bhuaireadh am' charamh, air a 
chur mu m' chomhair air an dòigh so no air an 
dòigh ud eile, gu n lùbadh 's gu'n gèiUinn da : air 
an aobhar sin ]e cùmhnant a dheanamh air an 
dòigh so ri Dia, 'nuair tha roi'-shealladh agam air 
an ni sin, cha deanadh e ach rao chionta ann-trom- 
achadh. 

- Freag, 1. Dh' inndrinn thu cheana ann an cùmh- 
nanta ri Dia, mar a's ball thu d'a eaglais fliaicsinn- 



216 An dòigh chum ruigheachd air 

ich; 's cha'n'eil anns an ni tha nis 'ga earail ort, 
ach gu'n dean thu 'n cùmhnanta ris air mhodh ni *s 
dùrachdaiche agus ni's trèibhdhiriche na rinn thu 
roimhe : tha mar fhiachaibh ort cheana gabhail gu 
ro dhùrachdach ri Dia ann an Criosd ; agus ma 
ni thu e a d' chridhe, tha dòchas agam nach eil an 
cunnart ni 's mò le a ràdh gu bheilthu 'gadheanamh, 
no gu'n d'rinn thu chean' e. 

2. Ciod a nì thu ma chuireas tu cùl ri coimh- 
cheangal dùrachdach a dheanamh ri Dia ann an 
Criosd, agus mur gabh thu r'a shìth mar tha i air 
a tairgse san t-soisgeul ? Cha'n'eil dòigh sam bìth 
eil' ann leis am bi thu air do shàbhaladh ; 's èiginn 
duit an dara cuid so a dheanamh, no dol am mugha 
gu siorruidh; agus ma ni thu e le d'chridhe, feud- 
aidh tu mar an ceudna a ràdh le d'bheul. 

3. Ma chuireas daoine cùl ri coimhcheangal a 
dheanamh ri Dia, air son gu'm bi iad ciontach do 
dh' ar-amach an dèigh laimhe, cha bu chòir do 
dhuin' air-bith cùmhnant a dheanamh ris ; oir gu 
cinnteach bidh gach aon neach ciontach de phea- 
cadh an dèigh laimhe, ma mhaireas iad beo ach 
ùine ro bheag an dèis doibh an cùmhnant a dhean- 
amh : agus cha'n aithne dhuinn seòl sam bith 
ijoltach ris a so chum daoine a choimhead o chùl- 
shleamhnachadh : oir ma ni thu cùmhnanta fìrinn- 
each neo-chealgach ris, tha esan a' cur mar f hiach- 
aibh air fèin, a bharr air a chridhe nuadh, chum 
'eagal 's a reachd a chur ann, gu'n dthoir e a Spiorad 
duit, a thoirt ort gluasad 'na shlighe. Agus an 
uair a ni thu'n cùmhnanta ri Dia, tha thu 'ga 
d'ìiuthairt fèin da, chum bhi air do naomhachadh 
's air do dheanamh a rèir a thoile. 'Se sin thu fèin 
a thoirt lauas dà-san chum bhi air do tlireòrachadh 



Còìr shlàinteil ami an Criosd. 217 

'na shlighe aims gach aon ni, agus air do choimhead 
o'n droch shlighe, 's cha'n e aon cheangal o'n leth 
a muigh air do thaobh fèin chum a shlighe a 
choimhead, agus fuireach o'n olc : air chor 's nach 
ruig thu leas eagal no sgàth ghabliail roi'n chùmh- 
nanta : 'se is briathran da, Nach àill leat a bhi air 
do dheanamh glan ? ler. xiii. 27. agus tha gach 
neach a tha seachnadh cùmhnant a dheanamh ri 
Dia, a' uochdadh nach 'eil toil aca bhi air an dean- 
amh glan. 

4. Mar tha e cruaidh do neach sam bith a ràdh 
gu cinnteach, gu'm peacaich iad, nan dthigeadh a 
leithid sin de bhuaireadh 'nan caramh, air a chur 
fa'n comhair air an dòigh so no air an dòigh ud 
eile, do bhrìgh gu'm feud daoin' a shaoilsinn an 
dara cuid gu'n cum Dia buaireadh as an caraibh, 
no nach fuiling e gu'm bi iad air am buaireadh 
thar na bheil iad murrach air a ghiùlan, no gu'n 
dthoir e dhoibh seòl air dol as. Salm xlvi. 1. *Ms 
e Dia ar tearmunn agus ar neart ; ar cobhair ro 
dheas ann an teanntachdaibh-" 1 Cor. x. 13. " Cha 
do thachair deuchainn air bith ribh, ach ni a ta 
coitchionn do dhaoinibh : ach tha Dia dìleas, nach 
leig dhuibh bhi air bhur feuchainn thar bhur comas; 
ach a ni maille ris an deuchainn slighe dol as mar 
an ceudna, chum gu'm bi sibh comasach aìr a giùlan." 
Air chor 's nach i a cheist, ciod a ni mi an dèigh 
laimhe ; ach ciod tha 'm rùn a dheanamh san àm 
so? Ma chuireas mo chridhe cealgaireachd sam 
bith, no rùn suidhichte chum peacachadh as mo 
leith, 's èiginn domh cùl a chur ri sin mun dean 
mi cùmhnanta ri Dia : ach mur cuir mo chridhe a 
shamhuil sin do rùn no do thogradh as mo leith ; 
seadh, ma dh' f heudas mi a ràdh, gu bheil mi 'g 



218 An dòigh cìium ruigkeachd air 

oidheirpeachadh cur an aghaidh gach peacaìdh; 

agus ged tha mi breithneachadh gu'n strìochd mi 

do leithid sud no a leìthid so do bhuaireadh, gidh- 

eadh cha'n atin o rùn suidhichte no togradh sam 

bith gu sin a dheanamh a tha'n smuain sin a' 

sruthadh, ach o eòlas air mo thruailleachd fèin, 

agus air na rinn mi cheana gu Dia a bhrosnuchadh 

chum mo thrèigsinn : ach tha fios aig an Tighearna 

nach e mo rùn gu'm peacaich mi, 's nach *eil tlachd 

agam do thogradh dìomhair sam bith ann am 

chridhe a tha los am peacadh a chur an gniomh, 

ach b"e mo roghaìnn gu'm bithinn air mo chumail 

air m' ais o pheacachadh 'na leithid sin de chàs ; 

agus tha mi 'ga ra' mheas fèin a'm' dhuine truagh, 

air son a shamhuil sin do chorp bàis a tha'n taobh 

a stigh dhiom, ni tha bagradh gu'n dthoir e orm 

peacachadh 'na aghaidh, Anns a' chàs sin tha mi 

*g ràdh, " cha'n'eil mo chridhe 'ga m' dhìteadh ; 

uime sin tha dànachd agam am fìanuis Dè." Ma 's 

ann mar so tha chùis, tha mi 'g ràdh riut, ged 

pheacaich thu air ioma dòigh an dèigh laimhe, agus 

leis a sin, maith a dh' f haoidte, ioma pian ro mhòr 

aimsireil a tharruing ort fèin, 's gu'n caill thu car 

tamuill ioma dearbhadh air a ghràdh ; gidheadh 

<< tha fear-tagraidh maille ris an Athair chum 

maitheanas a thagradh dhuit," 1 Eoin ii. 1. a thug 

làn-dìoladh air son ar peacaidh-ne, Isa. liii. 5. 6. 

" Ach lotadh e air son ar peacaidh-ne, bhruthadh 

e air son ar n-aingidheachdan ; leagadh air son 

smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdaibh-san 

shlànuicheadh sinne : Chaidh sinn uile, mar chaor- 

aich air seacharan ; thionndaidh sirm gach aon g'a 

shlighe fèin ; agus leag an Tighearn air-san 

aingidheachd gach aoin dinn.'* Agus air a shon-sa 



Còir shlàinteil ann an Criosd. 2 1 9 

tlia Dia cur roimhe gu'n cùm e gu daiiigeann au 
cLunlinanta ri daoine an dèìs doibh peacachadh, 
Sahn Ixxxix. 30 — 37. '* Ma thrèigeas a chlann mo 
lagh, agus nach gluais iad ann am bhreitheanasaibh ; 
ma mhi-naombaicheas iad mo reachdan, agus nach 
glèidh iad m' àitiieantan ; an sin fiosraichidh mi 
le slait an eusaontas, agus le buillibh an eu-ceart. 
Gidheadh, cha bhuin mi gu tur mo chaoirahneas- 
gràidh uaith, agus cha bhreugaich rai mo gheall- 
adh." &c. no cionnas a cheangladh e ris fèin sinn 
gu suthainn siorruidh? Hos. ii. 19, 20. agus cion- 
nas a bhiodh an cùmhnant air a ghairm " 'na 
choimhcheangal bithbhuan air a riaghladh anns 
gach aon ni agus cinnteach," raur biodh stèigh 
chum co'-fhurtachd ann, eadhon 'nuair nach 'eil ar 
tìgh raar sin li Dia? 2 Sam. xxiii. 5. 

Seadh, cha b' fhearr e na cùmhnanta nam 
gniomh, nam bu chomasach do'n aitim a dh' inn- 
drinn ann maille ri Dia, dealachadh ris mar sin a 
rithist, air chor 's gu'n deanadh iad neo-èifeachd- 
ach dhoibh fèin e, 's iad fèin a chur an staid bu 
nihiosa na anns an robh iad mun d' rinn iad idire. 
ler. xxxii. 40, '* Agus ni mi riu coimhcheangal 
sìorruidh, nach pill mi air falbh uatha, ' air a 
choimeas ri Eabh. viii. 6, *' Ach a nis fhuair e 
ministreileachd a's ro-fhearr, a mheud gu bheil e 
mar an ceudna 'na eadar-mheadhonair air coirah- 
cheangal a's fearr, a chaidh dhaingneachadh air 
geallaibh a s fearr." Mal. ii. 16, " Oir is fuath 
leam-sa esan a chuireas air falbh, deir an Tigh- 
earn." Cha ghabh cridhe trèibhdhireach sara bith 
mi-mliisneach dhe so, ach 's dòcha gu'ni bi e air a 
neartachadh leis ann an dleasnas, Hos. xiv. 4, 9, 
" Leighisidh mise an cùl-sleamhnachadh, gràdh- 



220 A?i dòigh chum riiigheachd air 

aìchìdh mi iad gu saor : oir phill mo chorruicli air 
falbh uaith. Cò a ta gìic, agus tuigidh esan na 
nithe so ? crionna, agus aithnichidh se iad ; oir 
tha sligheanna an Tighearna ceart, agus gìuaisidh 
na fìreana annta." Oir tha ceanglaichean eileair 
mnaoi dhìleas phòsda, a bharr air eagal dealach- 
adh agus peanas le bàs, a tha 'ga co'-èigneachadh 
chum a dleasnas a choimhlionadh ; air an amhuil 
cheudna sa' chùis so, bidh eagal an Tighearn agus 
a mhaitheas air daoine. Hos. iii. 5. 

Cnnn. Rinn mi an àm frithealadh Suipeir an 
Tìghearna, agus air uairibh eile, cùmhnanta soìll- 
eir foliaiseach ri Dia ; ach tha cion tairbhe 'na 
shlighibh, agus m' an-earbsa ath-nuadhaichte mu 
m' staid ghràsmhor, a' toirt orm a chur an teag- 
amh an d'rinn mi cùmhnanta trèibhdhireach, dùr- 
achdach, neo-chealgach riamh ri Dia, 's air-leam 
nach 'eil e 'n comas domh a dheanamh air mhodh 
a's dùrachdaiche na rinn mi cheana. 

Freag, L Cha 'n ion do dhaoine dùil a bhi aca 
ri toradh a rèir am miann, no dearbh-chinnte air 
deadh-ghean Dè air ball an dèis doibh teicheadh a 
dh' ionnsuidh Chriosd, agus cùmhnanta follaiseach 
a dheanamh ri Dia ann-san ; cumaidh na nithe sin 
duine ri gnàth-obair fad uile-làithe a bheatha. Bha 
am fàilnean 's am mearachdan fèin anns na naoimh, 
seadh, agus cùl-shleamhnachadh maille ri ioma 
teum de mhi-chreidimh ro-chunnartach, an dèigh 
dhoibh gabhaii gu trèibhdhireach, follaiseach, dùr- 
achdach, ri Dia, mar an Dia ann an Criosd. 

2. Tha fiuthair aig mòran ri toradh 'nan gluas- 
ad, agus daingneachadh creidimh, o'n dùrachd 
fèin leis an d' rinn iad cùmhnanta ri Dia, a rogh- 
ainn airfhaotainn o Spiorad an Tighearna. Tha'n 



Coir sklàinteil ann an Criosd* 221 

cridhe a' deanamh bun as an ionracas agus as an 
oidheirpean fèin, 's cha'n ann à losa Criosd an 
Slànuighear, neach as eugmhais nach 'eìl e'n comas 
duinn ni air bith a dheanamh, 's nach 'eil annainn 
ach diomhanas anns an staid a's fearr anns a' 
bheil sinn. Bu chòir do dhaoine thoirt faìnear 
nach oibrich aon earrann de ghràs tomhas air bith 
de ghràs ; os-barr air sin, cha'n'eiì ni air bith 
comasach air gràs oibreachadh ach gàirdein treun, 
uile-chumhachdach lehobhah : 's nan leigeadh 
daoine 'n taic ri Criosd, agus cùmhnant a dheanamh 
ris mar an làn-dleasnas, ge b'e ni a leanadh, air 
a' chuid bu lugha, a' dearcadh air-san amhàin air 
son toradh iomchuidh, b^fheaird a shoirbhicheadh 
an gnothach leò. Cha'n'eil Dia toileach gu'n gabh 
daoine ri Criosd, 's gu'n dean iad cùmhnanta ris 
car tamuìll, gus am faic iad am bi a leithid de 
thoradh agus de dhaingneachadh 'na cho'-chuid- 
eachd, a' cur rompa gu'n cuir iad cùl r'an còir air, 
agus ris a chùmhnanta, mur bi a shamhuil sud no 
so a thoradh r'a fhaicinn air chionn na h-uiread 
so de dh'ùine. 'Se so slighean Dhè a chur gu 
deuchainn, agus tha e ro mhi-thaitneach leis. 'S 
èiginn do dhuine gabhail da rìreadh ri Criosd, 
agus cùmhnant a dheanamh ris, a'cur rompa na 
nithe sin a choimhead mar an dleasnas, agus mar 
dhòigh ullamh gu ruigheachd air toradh, ge b'e 
air bith ni a leanas 'nan lorg ; air dhoibh fìanuis a 
bhi aca annta fèin, gu bheil iad gn dùrachdach ag 
oidheirpeachadh a bhi a rèir a thoil fhoìllsichte 
anns gach aon ni ; 's gu'n do naisg iad cùmhnanta 
i ris air son an aobhair sin, co maith 's gu bhi air an 
sàbhaladh leis. 

3. Cha bu chòir do dhaoine bhi ro obunn gus an 

N 



222 An dòigh chum ruigheachd air 

dùrachd leis an d'rinn iad cùmhnanta ri Dia a chur 
an teagamh, mur 'eil iad murrach air a dhearbh- 
adh gu soiìleir, no deadh bharantas aca chum sin 
a dheanamh. Ma tha thu comasach air ceilg sam 
bith anns a chùmhnant a rinn thu ris a dhearbadh, 
tha mar fhiachadh ort cùl a chur ris agus a leas- 
achadh, agus cùmhnanta dùrachdach a dheanamh 
ri Dia gu neo-chealgach : ach mur robh fios agad 
air do chealgaireachd 'nuair a rinn thu'n cùmh- 
nanta ris ; seadh, ma tha thu comasach air a ràdh, 
gu'n do leig thu chùis gu breith Dhè san àm sin, 
gu'n robh thu 'ga dheanamh gu neo-chealgach, *s 
nach gnothach mealltach a bh' ann ad rùn a 
dheanamh; agus gu'n do ghrìos thu air a rèir 
'fhìreantachd, gu'n ceasnuicheadh agus gu n rann- 
suicheadh e'n robh ni sam bith neo-iomchuidh 
annad, 's ma bha, esan g'a fhoillseachadh dhuit, 
's g'a ieasachadh. ** Rannsuich mi, a Dhè, agus 
aithnich mo chridhe: dearbh mi agus tuig mo 
smuainte. Agus amhairc am bheil slighe olc air 
bith annam, agus treòruich mi anns an t-slighe 
shìorruìdh/' Salm cxxxix. 23, 24, agus gu'n 
d'thainig thu 'n dèigh sin a dh' ionnsuidh an t- 
soluis, chum 's gu'm biodh do ghniomhara air an 
deanamh follaiseach, Eoin iii. 20, 21, agus ma tha 
thu murrach air a ràdh, gu'n robh freagradh Dhè 
dhuitse o 'f hocal, co fad 's a b'urrainn duit an 
tuigsinn, 'n an comharadh air sith, 's 'nan dearbh- 
adh air do dhùrachd 's air do thrèibhdhireas. 
Seadh os-barr, ma tha thu saor gu ràdh, ged a 
bhiodh tu a rls gu cùrahnant a dheanamh ris aig 
uair a bhàis, nach b' urrainn duit a dheanamh air « 
dhòigh sam bith eile, no le barrachd dùrachd na 
rinn thu cheana, feudaidh mise mata a ràdh riut 



Còw shlàinteil ann an Criosd, 223 

an ainm an Tigliearna Dia, nacli còir dhuit aii 
cùmhnant a rinn thu rìs a chur an teagamh, iio 
idir an dùrachd leis an d' rinn thu e, ach " dàn- 
achd a bhi agad an làthair Dhè, o nach'eiì do 
chridhe 'ga d' dhìteadh." 1 Eoin iii. 21. agus tha 
mar fhiachaibh ort a chreidsinn, gu bheil *' Dia 
a' buntainn gu cothromach ris an doine ionraic, 
&c.'' Salm xviii. 25, 26. Ma tha duine cur 
roimhe bhi gu neo-chealgach, cha'n f hoiling Dia 
dha bhi air a mhealladh ; seadh, cha leig an Tigh- 
earna do dhuine sam bith bhi air a mheaiiadh, mur 
bi an duine air thì araon Dia agus daoine mheall- 
adh. 

4. Uime sin cuir do chion tairbhe as leith do 
mhi-fhaicill agus do mhi-chreidimh, agus cuir 
easbhuidh do dhearbh-chinnte as leith do chridhe 
aingidh rai-chreideach, air a chuideachadh ie Sa- 
tan chum cur an aghaidh saor-ghràs glòirmhor 
Dhè ; agus na cuir na nithe sin as leith cion dùr- 
achd ann an gabhail ri Criosd. Agus oidheirpich 
o so amach buanachadh dìù do'n f hreumh, agus 
bheir thu 'mach tuille toraidh ; agus tre shamhuil 
sin de thoradh tha thu 'ga d' leigeadh fèin sgaoilte 
ri fianuis Spiorad Dhè, a bheir fianuis le d' spior- 
ad fèin, gu n do ghabh thu gu trèibhdhireach dùr- 
achdach ri Dia, 's gu bheil a' chuid eile de t-oibre 
air an oibreachadh ann an Dia, agus taitneach 
leis; agus mar so tha fianuis an Spioraid agus an 
uisge a' co'-aontachadh leis an fliuil, air a' bheil 
thu ri cudthrom t-anama agus do choguis a leig- 
eadh, agus amhàin far a' bheil thu ri malluchdan 
an lagha a dhlighear dhuit air son t-uile pheacadh 
a chur fa chois. Tha 'n triùir sin a' co'-f hreag- 
radh ann an aon, sin r'a ràdh, gur i so slighe na 



224' An dòigh chum ruigheachd air 

beatha agus na sith^ 's gu bheil còir agad air, agus 
mar so thig thu gu mòr-f hois agus a chum làn- 
chinnte mu d' staid. Eoin xv. 4, 5, " Fanaibh 
annnm-sa, agus mise annaibh-sa. Mar nach urr- 
ainn a gheug toradh a thoirt uaipe fèin, mur fan 
i san fhìonaìn, cha mhò is nrrain sibhse, mur fan 
sibh annam-sa. Is mise an fhìonain, sibhse na 
geuga: an ti a dh' fhanas annam-sa, agus mise 
annsan, bheir esan mòr-thoradh uaith ; oir as m' 
eugmhais-sa cha'n urrainn sibh aon ni a dhean- 
amh." Eoin xiv. 21, 23, '^ An ti aig am bheil m' 
àitheanta-sa, agus a ta 'gan coimhead, is esan aig 
am bheil gràdh dhomh-sa : agus an ti aig am bheii 
gràdh dhomh sa, gràdhaichear le m' Athair e, 
agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi 
fèin da. Ma gràdhaicheas neach mise, coimhididh 
e m' fhocal: agus gràdhaichidh m' Athair esan, 
agus thig sinn d'a ionnsuidh, agus ni sìnn còmh- 
nuidh maille ris." Rom. viii. 16, " Tha an Spior- 
ad fèin a' deanamh fianuis maille r' ar spiorad-ne, 
gur sinn clann Dhè," 1 Eoin v. 8, *^ Agus tha 
triùir a tha deanamh fianuis air an talamh, an 
Spiorad, agus an t-uisge, agus an f huil : agus 
thig an triùir sin r'a chèile ann an aon." 

O ! chùmhnainte bheannaichte an nuadh choimh- 
cheangail, agus Eadar-mheadhonair uile-bheann- 
uichte a choimhcheangail sin ! Marcaicheadh esan 
gu h-ard buadhach, agus ceannsuicheadh e Cinnich 
agus cànainean, agus cruinnicheadh e 'àilleagain 
r' a chèile, a' chuideachd urramach sin de'n cheud- 
ghìn, a' chuideachd mhaiseach sin de righrean agus 
de shagartan, leis am meas ro-mhòr gu'n d' ionn- 
ail iad an trusgain ann am fuil an Uain a tha gun 
smal gun lochd, agus aig am bi an sonas a' sìor 



Còir shlàinteil ann an Criosd, 225 

mheudachadh ie bhi 'ga leantuinn-san ge b'e taobh 
a thèid e, 's a bhi ann an cuideachda neo-raheadh- 
onach an Dè shìorruidh, neach a bheir aon seall- 
adh d'a ghnùis orra gu'n dì-chuimhnich iad ann an 
seadh, gu'n robh iad riamh air an talamh. Och ! 
nam b' urrainn mi a chur am fiachaibh air daoine 
nach 'eil na nithe sin 'nan seadh agus 'nan ni h- 
eadhy 's gu'n deanadh iad cabhag chum doì d a 
ionnsuidh-san, a tha le dian-chabhaig a' tighinn a 
thoirt breith air an t-saoghal, agus chum daoine a 
ghairm gu cùnntas, gu h-àraidh mu thimchioll an 
f heum a rinn iad de'n t-soisgeul so. ^* Seadh, 
thig-sa, A Thighearn losa." 



CRIOCH. 



John Young-, Printer, Glasefow. 



,-^^ 



c^'